Geò-tasgadh agus gnìomhachas ann an Dùn Dè
'S e Dùn Dè an ceathramh mòr-bhaile as motha ann an Alba. Tha na gnìomhachasan agus obraichean ann an Dùn Dè air atharrachadh iomadh turas thar nam bliadhnaichean.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- dè th' ann an geò-tasgadh
- mu dhiofar ghnìomhachasan ann an Dùn Dè
- mar a thug Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais buaidh air Dùn Dè
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd sa bhun-sgoil.
Bhidio - Geò-tasgadh agus gnìomhachas ann an Dùn Dè
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air Dùn Dè tro gheò-tasgadh. Tha iad ag ionnsachadh mu dhiofar ghnìomhachasan agus mar a thug Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais buaidh air Dùn Dè.
CONNOR: Halò Dùn Dè!
Tha geò-tasgadh math fhèin airson sùil a thoirt mun cuairt.
Le bhith a' cleachdadh GPS, sanasan agus map, thèid againn air leabhraichean-clàraidh a lorg a tha am falach am broinn chointèanaran, an soidhnigeadh agus an cur air ais airson an ath duine a lorgas iad.
Bidh co-chomharran GPS ag innse gu mionaideach càit a bheil àite.
Tha iad stèidhichte air domhan-leud an àite. Sin dè cho fada tuath no deas 's a tha e bhon chrios-meadhain, agus air an domhan-fhad, dè cho fada an ear no an iar 's a tha e bhon Phrìomh Mheadhan-loidhne a tha a' ruith tro Ghreenwich ann an Lunnainn.
ISLA: Bhiodh sin math! Ach bu chòir dhuinn an-còmhnaidh a bhith faiceallach gu bheil sinn a' lorg ann an dòigh shàbhailte, chunntasach.
Siuthad ma-thà. Dè a' chiad sanas a th' ann?
CONNOR: Aig uisge nach eil na mhuir, ach fhathast le soitheach air, sin far an lorg thu mi.
ISLA: Seall!
Discovery Point air Abhainn Tatha.
Chan eil e na mhuir ach tha soitheach ann.
Tha e dìreach a seo. Thugainn!
CONNOR: Wow! B' e an soitheach seo, an Discovery, a' chiad bhàta rannsachaidh a bha ann an Antartaga.
B' ann shìos aig an uisge a thòisich eachdraidh Dhùn Dè.
Fad cheudan bhliadhnaichean bha e na phort agus na àite-iasgaich.
San 18mh linn, bha iasgach agus sealg nam mucan-mara a' toirt obair do mhòran dhaoine.
ISLA: Chleachd daoine a bhith a' glacadh mhucan-mara?
CONNOR: Chleachd. Tha e neònach a-nis, ach san àm a dh'fhalbh, bha sealg nam mucan-mara na bhun-ghnìomhachas mòr.
Ann am bun-ghnìomhachas, feumar stuthan amh fhaighinn.
Tha sealg mhucan-mara, iasgach, tuathanachas agus cladhach airson clach uile nam bun-ghnìomhachasan.
ISLA: Thàinig togail shoithichean mar an Discovery cuideachd gu bhith na ghnìomhachas cudromach ann an Dùn Dè.
CONNOR: 'S e iar-ghnìomhachas a th' ann an togail shoithichean.
Bidh e a' cleachdadh bun-stuth, fiodh, airson bàtaichean a dhèanamh. Mar sin bha bun-ghnìomhachas agus iar-ghnìomhachas a' cumail taic ri chèile.
Bha obair nam mucan-mara agus an iasgaich a' cur feum air bàtaichean, agus bha obair nam mucan-mara agus an iasgaich a' pàigheadh airson togail shoithichean.
ISLA: Dè an ath shanas, Connor?
CONNOR: Tha an seann mhuileann seo a' sealltainn eachdraidh gnìomhachas nan teacstaidhlean ann an Dùn Dè san àm a dh'fhalbh.
ISLA: Tha an GPS ag ràdh gu bheil Verdant Works, seann mhuileann theacstaidhlean, nas lugha na mìle chun an iar-thuath.
Lorg mi e!
Tha Dùn Dè ainmeil airson Diut, Silidh agus Naidheachdas agus seo pàirt an diut.
'S e teacstaidhl a th' ann an diut a tha air a dhèanamh bho lusan a tha a' fàs anns na h-Innseachan.
Bhiodh lusan diut air an dèanamh bog le ola mhucan-mara mus deigheadh an dèanamh na stuth.
Bha ola mhucan-mara gu leòr ann agus thàinig am baile gu bhith mar am baile a bu mhotha a bha a' dèanamh de diut air an t-saoghal.
B' e muilnean nan teacstaidhlean a bu mhotha a bha a' fastadh dhaoine ann an Dùn Dè.
Seo seòrsa eile de dh'iar-ghnìomhachas, a' giullachd stuthan amh, diut agus ola mhucan-mara, gu bhith nan teacstaidhlean.
CONNOR: Ghluais mòran dhaoine a seo bhon dùthaich airson obair.
Canar mòr-chaochladh a' ghnìomhachais ris an àm seo.
ISLA: 'S dòcha gun inns an ath shanas rudeigin dhuinn mu ghnìomhachasan an latha an-diugh ann an Dùn Dè.
CONNOR: Oilthigh, air leth cudromach do gheamannan, a chùm taic ri gnìomhachas ùr.
Hmm…
Tha co-chomharran an GPS gar toirt gu Oilthigh Obar Tatha.
Thugainn!
ISLA: Dè ma-thà an seòrsa gnìomhachais a tha san oilthigh seo?
CONNOR: 'S e leas-ghnìomhachasan a th' ann an oilthighean.
Bidh leas-ghnìomhachasan a' toirt seirbheis dhuinn.
'S dòcha gur e gruagaireachd a bhios ann, ospadail, no sgoiltean agus oilthighean a bhios a' teagasg dhaoine.
ISLA: Glè mhath.
Agus dè bha an sanas a' ciallachadh le seo a bhith na oilthigh air leth cudromach do gheamannan?
CONNOR: Tha an t-uabhas gheamannan bhidio air an dèanamh ann an Dùn Dè. Agus b' e Oilthigh Obar Thatha a' chiad oilthigh air an t-saoghal anns am faigheadh tu oideachadh ann an geamannan coimpiutair agus bhidio a dhealbh agus a leasachadh.
Thòisich am baile ma-thà le sealg nam mucan-mara. Air sgàth nam mucan-mara, ghabhadh diut a dhèanamh na theacstaidhl a seo.
'S e bun-ghnìomhachas a th' ann an sealg nam mucan-mara agus 's e iar-ghnìomhachas a th' ann an dèanamh theacstaidhlean.
ISLA: Agus an-diugh tha stèisean ùr nan trèanaichean, agus ionadan-tàlaidh mar Taigh-tasgaidh V&A, nan leas-ghnìomhachasan a tha a' toirt seirbheisean siubhail agus dibhearsain do luchd-turais.
Agus tha gnìomhachasan ann aig ìre eile cuideachd, an ceathramh ìre, agus sin gnìomhachasan a tha a' toirt fiosrachadh dhuinn mar leasachadh geamannan bhidio, coimpiutaireachd no rannsachadh.
Tha eachdraidh air leth inntinneach aig Dùn Dè.
Saoil dè an ath rud a thèid a dhèanamh ann?
Dè th' ann an geò-tasgadh?
Image source, YAY MEDIA AS / ALAMY STOCK PHOTO'S e seòrsa de lorg ionmhas a th' ann an geò-tasgadh.
Bidh e a' cleachdadh co-chomharran GPS, sanasan agus mapaichean airson leabhraichean-clàraidh falaichte a lorg. Faodaidh tu d' ainm a chur annta sin agus an cur air ais airson gun lorg rannsaichearan eile iad.
Image source, YAY MEDIA AS / ALAMY STOCK PHOTODè th' ann an GPS?
Tha GPS a' ciallachadh Siostam Suidheachadh Cruinneil (Global Positioning System). 'S e saidealan a bhios e a' cleachdadh airson innse dhut càit a bheil thu no far a bheil thu airson a dhol.
Bidh saidealan GPS a' cur a-mach shiognalan a' sealltainn far a bheil iad os cionn na Talmhainn.
Bidh fònaichean agus uidheaman eile a' tragadh nan siognalan sin. Ma tha an t-uidheam agad a' faighinn shiognalan bho cheithir no barrachd shaidealan, obraichidh e a-mach far a bheil thu a rèir 's càit a bheil na saidealan agus an ùine a bheir na diofar shiognalan mus ruig iad thu.
Dè na sanasan a th' ann an geò-tasgadh?
Tha leantainn shanasan na phàirt cudromach de gheò-tasgadh. Bidh sanasan a' toirt dhut rud beag fiosrachaidh a stiùireas tu gu do cheann-uidhe.
Mar eisimpleir, b' e a' chiad shanas a fhuair Isla agus Connor, "Aig uisge nach eil na mhuir, ach fhathast le soitheach air, sin far an lorg thu mi".
Bhon a seo dh'obraich iad a-mach gum b' e RSS Discovery, bàta a chaidh a thogail ann an Dùn Dè, an ceann-uidhe. Faodaidh tu tadhal air Discovery Point, a tha ri taobh Abhainn Tatha.
Dè a th' ann am mapaichean?
Dh'fheumadh Isla agus Connor map a leantainn nuair a bha iad air chuairt ann an Dùn Dè.
'S e ìomhaigh dhà-thaobhach de sgìre a th' ann am map. Seallaidh GPS dhut far a bheil thu agus far a bheil thu ag iarraidh a dhol, ach cuidichidh map le bhith a' sealltainn rathaidean, togalaichean, aibhnichean agus feartan eile air am feumadh tu 's dòcha siubhal no a dhol timcheall.
Gnìomhachas ann an Dùn Dè
Tha iomadh seòrsa gnìomhachais air a bhith ann an Dùn Dè.
Mar a h-uile gnìomhachas, gabhaidh iad sin a roinn ann an seòrsaichean no seactoran gnìomhachais.
Bun-ghnìomhachas
Bidh bun-ghnìomhachasan a' lorg no a' fàs stuthan amh.
Mar eisimpleir, bidh gnìomhachas na coilltearachd a' fàs chraobhan agus gan leagail airson fiodh, bidh tuathanachas a' fàs bharran no ag àrach bheathaichean, bidh mèinneadh a' cladhach gual, meatailtean no stuthan eile às an talamh.
Anns an àm a dh'fhalbh bha sealg na muic-mhara agus iasgach le chèile nam bun-ghnìomhachasan cudromach ann an Dùn Dè.
Iar-ghnìomhachas
Bidh iar-ghnìomhachasan a' dèanamh bathar bho nithean bho na bun-ghnìomhachasan.
Mar a bha Dùn Dè a' fàs, bha dèanamh aodach clòimhe bho chlòimh agus anart bho lìon nan eisimpleirean tràth de dh'iar-ghnìomhachasan. Ann an linn Bhictòria, b' e dèanamh aodach diut an gnìomhachas a bu mhotha ann an Dùn Dè.
Am measg nan gnìomhachasan cudromach eile ann an Dùn Dè bha togail-bhàtaichean agus dèanamh marmailèid agus silidh.
Faigh a-mach mu shuidheachadh obrach ann am factaraidh diut ann an Dùn Dè ann an linn Bhictòria: Ag obair ann an Alba ann an Linn Bhictòria
Leas-ghnìomhachas
Bidh leas-ghnìomhachasan a' lìbhrigeadh sheirbheisean. Mar eisimpleir, 's e leas-ghnìomhachasan a th' ann an gruagaireachd, an rèile, sgoiltean, taighean-dhealbh, bùithtean agus ospadail.
Dh'fhàs Dùn Dè mar phort malairt, le gluasad-bathair a-mach 's a-steach às a' chaladh, agus bha ceannach agus reic a' bhathair sin nan leas-ghnìomhachasan cudromach.
Tha obair naidheachdan agus dèanamh phàipearan-naidheachd agus chomaigean cuideachd air a bhith nan leas-ghnìomhachasan cudromach anns a' bhaile. Tha Taigh-tasgaidh V&A na eisimpleir nas ùire de dh'iomadh leas-ghnìomhachas ann an Dùn Dè.
Gnìomhachas na ceathramh ìre
Bidh gnìomhachasan na ceathramh ìre a' dèanamh rannsachadh no ag obair le, no a' sgaoileadh, fiosrachadh.
Mar eisimpleir, 's e seirbheisean na ceathramh ìre a th' ann an coimpiutaireachd, ICT (teicneòlasan fiosrachaidh is conaltraidh), dealbhadh làraich-lìn agus rannsachadh saidheansail.
'S e leasachadh gheamannan bhidio fear de ghnìomhachasan na ceathramh ìre ann an Dùn Dè.
Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais ann an Dùn Dè
Canar Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais ris an àm anns an tàinig atharrachadh mòr ann an gnìomhachas, teicneòlas agus saidheans. Thòisich e mu 1760 agus thachair mòran dhe na h-atharraichidhean a bu mhotha ann an linn Bhictòria.
Ro Mhòr-chaochladh a' Ghnìomhachais, bha mòran dhaoine ann an Alba a' fuireach ann an sgìrean dùthchail. Bha mòran ag obair air croitean no tuathanasan. Bha cuid de dhaoine a' dèanamh bathar aig an taigh, mar eisimpleir a' fighe aodach clòimhe no anart.
Cliog tron taisbeanadh gu h-ìosal agus faic mar a dh'atharraich Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais Dùn Dè agus Alba.

Image caption, Teicneòlas
Ro Mhòr-chaochladh a' Ghnìomhachais, bhiodh luchd-ciùird a' dèanamh rudan nan dachaighean no ann am bùithean-obrach beaga. Bhiodh figheadairean a' cleachdadh bheairtean-làimhe airson aodach a dhèanamh. Chaidh innealan ùra innleachadh a dhèanadh an obair na bu luaithe agus air sgèile na bu mhotha na dhèanadh làmhan. Dh'fhàs gnìomhachasan theacstaidhlean air sgàth na beairt-shnìomh (spinning jenny) agus beairtean le cumhachd. Ann an Dùn Dè, chaidh innealan-snìomh a bha ag obrachadh le cumhachd uisge a thoirt a-steach. Thòisich muilnean an uair sin a' dèanamh barrachd is barrachd anairt na dhèanadh figheadairean aig an taigh. (The Granger Collection / Alamy Stock Photo)

Image caption, Lùth
An àite a bhith air an obrachadh le làimh, b' urrainn innealan ùra mar a' bheairt chumhachd bunan-lùth eile a chleachdadh. Thàinig gual, ola agus gas gu bhith nam bunan-lùth cudromach do thaighean dhaoine agus do ghnìomhachas. Nuair a chaidh an t-einnsean-smùide innleachadh le cumhachd bho ghual à mèinnean Albannach, thàinig na muilnean gu bhith nam factaraidhean gu math nas motha le iomadh inneal. B' e Obraichean Champerdown ann an Dùn Dè an gnìomhachas diut a bu mhotha air an t-saoghal. Bha e a' còmhdach 30 acaire fearainn (mu mheud 17 raointean ball-coise) le còrr is 5,000 neach-obrach. (The Print Collector / Alamy Stock Photo)

Image caption, Obair
Bha factaraidhean a' faighinn cumhachd bho ghual agus smùid, ach bha feum fhathast air daoine airson na h-innealan a chumail ag obair. Ghluais daoine bhon dùthaich, agus à dùthchannan eile mar Èirinn, a bhailtean Alba a' coimhead airson obair. Bha am pàigheadh glè thric ìosal, bha na sioftaichean fada, agus glè thric, bha suidheachadh na h-obrach salach, fuaimeil agus cunnartach. Bha muilnean Dhùn Dè a' toirt barrachd obraichean do bhoireannaich agus do chlann oir bha am pàigheadh aca nas lugha. Aig a' cheann thall nochd laghan gus piseach a thoirt air suidheachadh an luchd-obrach. Tha an dealbh seo a' sealltainn neach-obrach a' sgrùdadh frèam snìomh ann am muileann diut ann an Dùn Dè ann an 1938. (SuperStock / Alamy Stock Photo)

Image caption, Còmhdhail
Chaidh rathaidean a leasachadh, gu h-àraidh nuair a thòisich macadam, a bha na bu làidire agus na bu mhìne, ga chur air uachdair nan rathaidean. Rinn teachd nan trèanaichean smùide agus an rèile siubhal agus còmhdhail na bu luaithe, na b' earbsaiche agus na bu chomasaiche air luchdan trom a ghiùlan. Air sgàth leasaichidhean ann an dealbhadh agus togail-bhàtaichean, bha e na b' fhasa agus na b' earbsaiche bathar a ghiùlan air feadh an t-saoghail. Bha bàtaichean a chaidh a thogail ann an Dùn Dè a' toirt phlanntaichean diut às na h-Innseachan dhan bhaile, agus bha bathar dèante, mar aodach siùil, ròpannan agus pocannan a' dol air feadh an t-saoghail. Tha na dealbhan seo a' sealltainn RSS Discovery ga togail ann an Dùn Dè ann an 1901. (The Print Collector / Alamy Stock Photo)
1 of 4
Ionnsaich tuilleadh mu Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais ann an linn Bhictòria: Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais

co-chomharran – Seat àireamhan a dh'innseas dhut suidheachadh cuideigin no rudeigin.
GPS – Siostam Suidheachaidh Cruinneil (GPS Global Positioning System). Siostam a tha a' cleachdadh shaidealan airson obrachadh a-mach càit a bheil rudeigin air uachdar na Talmhainn.
domhan-leud – Cho fada tuath no deas 's a tha àite bhon Chrios-meadhain.
domhan-fhad – Cho fada an ear no an iar 's a tha àite bhon Phrìomh Mheadhan-loidhne, a tha a' ruith tuath agus deas tro Ghreenwich ann an Lunnainn.
bun-ghnìomhachas – Gnìomhachas a bhios a' cladhach no a' fàs stuthan amh, mar eisimpleir mèinneadh no tuathanachas.
iar-ghnìomhachas – Gnìomhachas a bhios ag atharrachadh stuthan amh gu bathar ùr, mar eisimpleir ag atharrachadh fiodh gu bhith na àirneis no cruithneachd na aran.
leas-ghnìomhachas – Gnìomhachas a bhios a' lìbhrigeadh seirbheis, mar eisimpleir gruagaire no mòr-bhùth a' reic biadh.
gnìomhachas na ceathramh ìre – Gnìomhachas a bhios ag obrachadh le fiosrachadh agus teicneòlas, mar eisimpleir rannsachadh meidigeach no dealbhadh gheamannan coimpiutair.
anart – Aodach air a dhèanamh bho lus an lìn.
diut – Aodach làidir, garbh air a dhèanamh de shnàithleach lus an diut.
Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais – Àm anns an 18mh agus anns an 19mh linn nuair a dh'innlich an RA agus dùthchannan eile teicneòlas agus còmhdhail ùr, agus a dh'fhàs mòr-bhailtean mun cuairt air factaraidhean agus gnìomhachasan ùra.
Ceistean
Dùbhlan

Thoir sùil air gnìomhachasan ionadail
An lorg thu eisimpleirean de bhun, iar, leas agus gnìomhachasan aig a' cheathramh ìre anns an sgìre ionadail agad?
Dèan liost de bhathar no de sheirbheisean a bhios tu a' cleachdadh tron latha. An tèid agad air iad sin a chur ann am buidhnean a rèir nan seòrsaichean ghnìomhachasan a bhios gan toirt dhuinn?
Tuilleadh ri ionnsachadh
Ionnsaich tuilleadh mu chruthan-tìre agus gnìomhachas ann a Dùn Dè le na h-artaigilean BBC Bitesize seo airson sgoilearan sa bhun-sgoil.
Abhainn Tatha: an cùrsa ìochdrach. revision-guideAbhainn Tatha: an cùrsa ìochdrach
Siubhal sìos cùrsa ìochdrach Abhainn Tatha gu Dùn Dè agus a' Chuan a Tuath.

Obair ann an Dùn Dè ann an linn Bhictòria. revision-guideObair ann an Dùn Dè ann an linn Bhictòria
Faigh a-mach mu shuidheachadh obrach ann an factaraidh diut ann an Dùn Dè ann an linn Bhictòria.

More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count10 of 24

- count11 of 24

- count12 of 24

- count13 of 24
