Gluasad teactonaig

Part ofCuspairean SòisealtaCruthan-tìre

Tha uachdar na Talmhainn air a dhèanamh suas de dhiofar phìosan ris an canar pleataichean teactonaig. Faodaidh gluasad nam pleataichean seo cruthan-tìre atharrachadh.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann am pleataichean teactonaig 's ann an loidhnichean-sgàinidh
  • Mar a tha lùb-bheinn air a cruthachadh far am bi pleataichean teactonaig a' coinneachadh
  • Mar a bhios gluasad teactonaig ag adhbharachadh chrithean-talmhainn
  • Fiadh-bheatha ann an Gleann Mòr na h-Alba

Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan Cruthan-tìre ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' coimhead air feartan gluasad teactonaig air Slighe a' Ghlinne Mhòir.

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu ghluasad teactonaig.

Pleataichean teactonaig

  • Tha diofar fhillidhean anns an Talamh, a' phlanaid againn. Canar an rùsg ris an fhilleadh chruaidh air an taobh a-muigh.
  • Tha rùsg na Talmhainn air a dhèanamh de leacan mòra ris an canar pleataichean teactonaig.
  • Bidh na pleataichean seo a' fiotadh còmhla ri chèile mar mìrean-measgte.
  • Bidh pleataichean teactonaig gu math, math slaodach ann a bhith a' gluasad mun cuairt, agus bidh an gluasad seo ag atharrachadh a' chruth-tìre mun cuairt oirnn.
Map dhe na pleataichean teactonaig a tha a' dèanamh suas rùsg na Talmhainn

Mòr-thìrean agus Pangaea

  • Tha am fearann air an Talamh air a dhèanamh suas de phìosan ris an canar mòr-thìrean. Tha na pìosan mòra fearainn seo air an cuairteachadh le muir agus tha mòran dhùthchannan annta.
  • 'S e na seachd mòr-thìrean Àisia, Afraga, Ameireaga a Tuath, Ameireaga a Deas, Antartaga, an Roinn Eòrpa agus Astràilia.
  • Aig aon àm bha na mòr-thìrean gu lèir ceangailte ri chèile nan aon mhòr-thìr ana-mhòr ris an canar Pangaea.
  • Thar ùine, dh'adhbharaich gluasad gun do bhris Pangaea na phìosan, a' cruthachadh nam mòr-thìrean a th' againn an-diugh.
  • Tha briseadh nan diofar mhòr-thìrean a' ciallachadh gu bheil cuid dhe na h-aon fheartan-tìre, mar sreathan bheanntan, rim faighinn air diofar mhòr-thìrean.
  • Mar eisimpleir, bha na cnuic agus na beanntan air Slighe a' Ghlinne Mhòir ann an Alba nam pàirt dhe na Beanntan Appalachianach ann an Canada bho thùs.
Map de mhòr-thìr ana-mhòr Pangaea
Back to top

Lùb-bheanntan

  • Tha lùb-bheanntan (beanntan filltichte) air an cruthachadh far a bheil a dhà, no barrachd, de na Talmhainn air am putadh còmhla.
  • Far a bheil na pleataichean a' coinneachadh, tha creagan agus sprùilleach air an dlùthadh 's air an lùbadh gu bhith nan cnuic, beanntan agus .
  • Tha an gluasad uabhasach mall agus tha e a' toirt nam mìltean bhliadhnachan mus tèid lùb-bheanntan a chruthachadh.
  • Tha na h-Andes ann an Ameireaga a Deas, na h-Alps anns an Fhraing agus na Himalayas ann an Àisia nan eisimpleirean de lùb-bheanntan.

Lùb-bheanntan air feadh an t-saoghail

Image gallerySkip image gallerySlide1 of 3, Sealladh de Mheall na Teanga, Alba, Meall na Teanga, Alba 'S e Meall na Teanga aon dhen dà lùb-bheinn aig Loch Lòchaidh, ri taobh Sròn a' Choire Ghairbh. Chaidh an cruthachadh nuair a chaidh pleataichean teactonaig a phutadh còmhla air sgàineadh a' Ghlinne Mhòir. (Andy Sutton / Alamy Stock Photo)
Back to top

Crithean-talmhainn

Nuair a ghluaiseas dà phleat teactonaig an aghaidh a chèile, faodaidh sin crith-thalmhainn adhbharachadh air an .

Sa bhidio seo, tha Isla agus Connor a' cur crìoch air an turas aca air Slighe a' Ghlinne Mhòir ann an Inbhir Nis, far a bheil iad a' faighinn a-mach mu chrithean-talmhainn.

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach dè a bhios ag adhbharachadh chrithean-talmhainn.

Back to top

Fiadh-bheatha sa Ghleann Mhòr

Faigh a-mach mu phàirt dhen fhiadh-bheatha a chunnaic Isla agus Connor air Slighe a' Ghlinne Mhòir.

Image gallerySkip image gallerySlide1 of 4, Ruadh-dhamh, Fiadh ruadh 'S e an damh ruadh am fiadh as motha ann an Alba. Gheibhear ruadh-dhaimh fhiadhaich air monaidhean agus beanntan. (Rob Carter / Alamy Stock Photo)
Back to top

Prìomh fhacail
  • mòr-thìr - Pìos mòr fearainn air uachdar na Talmhainn air a chuairteachadh le muir. San RA, tha sinn air mòr-thìr na Roinn Eòrpa.
  • Pangaea - Mòr-thìr ana-mhòr air a dèanamh suas le fearann an t-saoghail gu lèir mus do bhris i dha na mòr-thìrean a tha aithnichte dhuinn an-diugh.
  • rùsg - Filleadh a-muigh na Talmhainn. 'S e an rùsg am filleadh cruaidh creige air a bheil sinn a' fuireach.
  • fallainn - Am filleadh fo rùsg na Talmhainn. Tha a' chreag cruaidh ann am pàirtean uachdrach na fallainn, ach nas fhaide shìos tha a' chreag bog agus a' tòiseachadh air leaghadh.
  • pleataichean teactonaig - Leacan mòra a tha a' fiotadh ri chèile agus a' dèanamh suas rùsg na Talmhainn.
  • sgàineadh - Far am bi dà phleat teactonaig, no barrachd, a' coinneachadh. Canar cuideachd crìoch-pleata no loidhne-sgàinidh ris a seo.
  • lùb-bheinn - Beinn a chaidh a cruthachadh far an deach dà phleat teactonaig, no barrachd, dhen Talamh, a phutadh còmhla.
  • sreath bheanntan - Cnuic no beanntan a chaidh a chruthachadh faisg air a chèile.
  • crith-thalmhainn - Gluasad obann de rùsg na Talmhainn air adhbharachadh nuair a chruinnicheas bruthadh eadar pleataichean teactonaig thar ùineachan mòra.
  • suathadh - Forsa bacaidh eadar dà uachdar a tha a' gluasad thairis air a chèile no an aghaidh a chèile. Bidh pleataichean teactonaig a' gluasad diofar thaobhan thar ùineachan mòra agus bidh suathadh a' toirt orra steigeadh.
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Dùbhlan

Dèan diagram de fhillidhean na Talmhainn

San artaigil seo, dh'ionnsaich sinn mu rùsg na Talmhainn agus mar a tha e air a roinn na dhiofar leacan ris an canar pleataichean teactonaig.

'S e an rùsg am filleadh a-muigh dhen Talamh ach tha iomadh filleadh fodha. Dèan rannsachadh air na diofar fhillidhean agus dèan diagram gan taisbeanadh gu soilleir.

Taic: tha ceithir phrìomh fhillidhean anns an Talamh.

Back to top

More on Cruthan-tìre

Find out more by working through a topic