Tha beanntan bholcànach air an cruthachadh nuair a bhios làbha a' spùtadh a-mach air uachdar na Talmhainn agus an uair sin a' fuarachadh agus a' cruadhachadh.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mar a tha beinn bholcànach air a cruthachadh
- Dè bhios ag adhbharachadh spreadhadh bholcànach
- Diofar sheòrsaichean creige
Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan Cruthan-tìre ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air beanntan bholcànach ann an Dùn Èideann.
Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mar a tha bholcàno air a cruthachadh.
CONNOR: Seall, Caisteal Dhùn Èideann!
ISLA: Nach eil sinn a' coimhead airson bholcàno? Dè a' ghnothach a th' aig bholcànothan ri Dùn Èideann?
CONNOR: 'S e amhach seann bholcàno a th' ann an Creag a' Chaisteil, an cnoc fo Chaisteal Dhùn Èideann. Chaidh a' chreag a chruthachadh mu 350 millean bliadhna air ais - fada mus robh Dùn Èideann ann, no fiù 's daoine!
ISLA: Wow, chì thu cho àrd 's a tha e às a seo.
CONNOR: Agus siud Suidhe Artair, agus, fhios agad dè?
ISLA: Bholcàno a bh' ann?
CONNOR: Dìreach!
ISLA: Tha seo mìorbhaileach, feumaidh tu a mhìneachadh, mas e do thoil e.
CONNOR: Canar an rùsg ri uachdar na Talmhainn, agus tha e air a dhèanamh le diofar phleataichean, pìosan a bhios a' fiotadh còmhla agus a' fleòdradh ann am filleadh de chreag leaghte. Bidh a' chreag leaghte, no magma, ag èirigh tro sgàinidhean no tro laigse ann an rùsg na Talmhainn.
Nuair a thèid am bruthadh seo mu sgaoil, mar eisimpleir air sgàth gluasad phleataichean, bidh magma a' spùtadh chun an uachdair agus ag adhbhrachadh spreadhadh bholcànach.
Nuair a tha i os cionn na talmhainn, canar làbha ris a' chreig leaghte, agus bidh e a' cruthachadh rùsg ùr mar a bhios e a' fuarachadh. Thar ùine, às dèidh grunn spreadhaidhean, bidh a' chreag a' cruinneachadh agus thèid bholcàno a chruthachadh.
Mar sin chì thu seann bheanntan bholcànach a seo aig Creag a' Chaisteil - agus aig Suidhe Artair.
ISLA: A bheil àitichean eile mar seo ann an Alba?
CONNOR: Tha. Tha Caisteal Shruighlea air bàrr cnuic mar seo - agus 's e bholcàno a tha sin cuideachd! Agus tha bholcàno ann an Gleann Comhann cuideachd. B' àbhaist gur e super-bholcàno a bha sin, a' ciallachadh gur e bholcàno mhòr uabhasach a bh' innte le cumhachd spreadhaidh air leth mòr.
ISLA: Super-bholcàno, ann an Alba?
CONNOR: Na gabh dragh, chan eil i a' dol a spreadhadh - chan e bholcàno bheò a th' innte tuilleadh!
ISLA: Phew! Nach math sin.
Ò, seo Pàrlamaid na h-Alba.
Seall am balla seo, Connor - tha trì seòrsaichean creige ann: teinnteach, cruth-atharrachail agus grùideach. Tha diofar chreagan air feadh Alba a tha cudromach a thaobh geòlas no eachdraidh.
CONNOR: 'S ann air an earrann seo, a' chreag theinnteach, a tha Caisteal Dhùn Èideann.
Bidh creag theinnteach air a cruthachadh nuair a bhios magma a' fuarachadh fon talamh no a' spreadhadh aig an uachdar mar làbha. Bidh am magma ag èirigh a rùsg na Talmhainn, far am bi e air a ghlacadh fon talamh no a' spreadhadh bho bholcànothan mar làbha leaghte.
Nuair a bhios am magma no an làbha a' fuarachadh, bidh creag làidir ga cruthachadh nach eil buailteach do bhleith. Tha sin a' ciallachadh gu bheil na creagan cho cruaidh agus nach tèid an caitheamh le uisge, deigh no gaoth.
ISLA: Ah, mar sin tha creagan teinnteach air an cruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas am magma no an làbha. Fiosrachadh feumail - taing, Connor, nach math g' eil thu ann!
Nach toir sinn sùil nas dlùithe air Caisteal Dhùn Èideann mus falbh sinn.
Saoil dè an seòrsa creig dhen deach an caisteal a thogail?
CONNOR: 'S e creag bhog a th' ann an creag ghrùideach. Bidh i a' bleith, a' caitheamh, gu math luath.
ISLA: Tha e ag ràdh a seo gur ann le clach-ghainmhich ionadail a chaidh Seann Bhaile agus Baile Ùr Dhùn Èideann a thogail. 'S e creag ghrùideach a th' ann an clach-ghainmhich - clach a tha nas buige. Bidh i a' bleith, no a' caitheamh, gu math furasta ach tha i furasta a snaigheadh agus tha i mar sin math airson togail.
Ach 's e ion-shàthadh de chreag theinnteach a tha ann an Creag a' Chaisteil. Tha i sin gu math nas cruaidhe agus chan eil i cho buailteach do bhleith. Sin an t-adhbhar a tha i shuas os cionn Dhùn Èideann agus gu bheil suidheachadh math aig a' chaisteal airson a dhìon.
Abair sealladh. Cò chanadh gum biodh bholcànothan agus creagan cho cudromach ann a bhith a' togail baile?
Mar a bhios bholcànothan air an cruthachadh
- Bidh bholcàno air a cruthachadh nuair a bhios creag theth, leaghteNuair a bhios rud air a theasachadh chun na h-ìre gum bi e a' dol na lionn. a' tighinn a-mach à fosgladh ann an rùsg na TalmhainnFilleadh a-muigh na Talmhainn. Tha e a' còmhdach na planaid gu lèir, an dà chuid muir agus tìr. Tha e air a dhèanamh suas de chreagan agus de mhèinnirean agus faodaidh e a bhith eadar 1.5 agus 70 km a thighead.. Canar deatachanAn seanail am broinn bholcàno a bhios a' fosgladh a-mach air an uachdar. ris an fhosgladh.
- Nuair a tha creag leaghte fo rùsg na Talmhainn, no an taobh a-staigh dheth, canar magma ris. Nuair a spreadhas e a-mach os cionn an uachdair, canar làbha ris.
- An dèidh spreadhadh bholcànach, bidh làbha a' fuarachadh agus a' cruadhaichNuair a bhios rud a' fàs cruaidh no solad.. Bidh seo a' dol na creag theinnteachSeòrsa de chreag air a cruthachadh nuair a bhios magma no làbha a' fuarachadh agus a' cruadhachadh. Tha i uabhasach cruaidh agus doirbh a caitheamh. chruaidh.
- Mar a bhios seo a' tachairt a-rithist agus a-rithist, bidh a' chreag a' fàs suas na fillidhean agus a' cruthachadh cruth cònach na bholcàno.
Bholcànothan ann an Alba
Chan eil bholcàno bheòBholcàno a spreadh o chionn ghoirid agus a tha buailteach spreadhadh a-rithist. ann an Alba an-diugh, ach chaidh mòran de na feartan ann an cruth-tìre na h-Alba a chruthachadh le bholcànothan o chionn nam milleanan bhliadhnaichean.

Image caption, Suidhe Artair, Dùn Èideann
'S e beinn bholcànach a th' ann an Suidhe Artair ann an Dùn Èideann agus tha luchd-coiseachd measail oirre. (John Peter Photography / Alamy Stock Photo)

Image caption, Creag a' Chaisteil, Dùn Èideann
Chaidh Caisteal Dhùn Èideann a thogail air mullach seann bholcàno. Nuair a bha caisteal air a thogail shuas àrd, bha e doirbh do nàimhdean ionnsaigh a thoirt air. Mar sin bha caistealan glè thric air an togail air creagan agus bearraidhean nàdarra, mar beanntan bholcànach. (Brian Jackson / Alamy Stock Photo)

Image caption, Cnoc a' Chaisteil, Sruighlea
Chaidh Caisteal Shruighlea a thogail air mullach beinn bholcànach ris an canar Cnoc a' Chaisteil. Bha bearraidhean casa Chnoc a' Chaisteil ga dhìon gu math ri àm cogaidh agus sabaid. (Mark Sunderland Photography / Alamy Stock Photo)

Image caption, Gleann Comhann, A' Ghàidhealtachd
'S e làrach bholcàno ana-mhòr a th' ann an Gleann Comhann. Tha bholcàno ana-mhòr a' ciallachadh gum bi spreadhaidhean mòra uabhasach aice. Gu fortanach, 's e bholcàno mharbh a th' innte agus tha sin a' ciallachadh nach spreadh i a-rithist san àm ri teachd. (iweta0077 / Alamy Stock Photo)

Image caption, An Cuiltheann Dubh, An t-Eilean Sgitheanach
'S e sreath bheanntan bholcànach a tha sa Chuiltheann Dubh san Eilean Sgitheanach. Chaidh a chruthachadh o chionn mu 60 millean bliadhna, ach tha luchd-sreap bheanntan a tha tapaidh agus ag iarraidh dùbhlan measail air an-diugh! (Brian Jannsen / Alamy Stock Photo)
1 of 5
Seòrsachan chreagan

- Nuair a spreadhas làbhaCreag leaghte a ruigeas uachdar na Talmhainn. Nuair a tha creag leaghte fo, no taobh a-staigh rùsg na Talmhainn, canar magma rithe. a-mach air uachdar na Talmhainn agus a dh'fhuaraicheas e, bidh e a' cruadhachadh agus a' cruthachadh creag theinnteachSeòrsa de chreag air a cruthachadh nuair a bhios magma no làbha a' fuarachadh agus a' cruadhachadh. Tha i uabhasach cruaidh agus doirbh a caitheamh..
- Tha Creag a' Chaisteil ann an Dùn Èideann agus Creag a' Chaisteil ann an Sruighlea le chèile air an dèanamh de sheòrsa de chreag theinnteach ris an canar dolairit.
'S e na prìomh sheòrsachan creige eile a th' ann:
- creag ghrùideachCreag air a dèanamh nuair a tha grùid, mar gainmheach, poll agus molagan a' dol nam fillidhean. Thar ùine, bidh na fillidhean air an dlùthadh fo bharrachd is barrachd fillidhean de ghrùid. Mu dheireadh, bidh na fillidhean air an atharrachadh gu bhith nan creag ghrùideach, a dh'fhaodas a bhith air a cruthachadh ann am fàsaichean, lochan, aibhnichean agus cuantan.
- creag chruth-atharrachailCreag a thòisich na seòrsa eile de chreag, ach a dh'atharraich bhon chruth thùsail aice. Mar eisimpleir, faodaidh creag atharrachadh air sgàth teas mòr no bruthadh mòr.


- rùsg - Filleadh a-muigh na Talmhainn. 'S e an rùsg am filleadh cruaidh creige air a bheil sinn a' fuireach.
- pleataichean teactonaig - Leacan mòra a tha a' fiotadh còmhla agus a' dèanamh suas rùsg na Talmhainn.
- magma - Creag lionnach a tha uabhasach fhèin teth fo no taobh a-staigh rùsg na Talmhainn.
- làbha - Creag theth lionnach nuair a tha i air uachdar na Talmhainn.
- bholcàno - Fosgladh ann an rùsg na Talmhainn trom faigh làbha, luath bholcànach agus gasaichean a-mach.
- spreadhadh bholcànach - Nuair a bhios làbha agus gas a' spùtadh suas tro dheatachan bholcànach.
- bholcàno ana-mhòr - Bholcàno mhòr uabhasach le forsa spreadhaidh mòr.
- bholcàno bheò - Bholcàno a spreadh o chionn ghoirid agus a tha bualiteach spreadhadh a-rithist.
- bholcàno mharbh - Bholcàno nach eil dùil a spreadhas san àm ri teachd.
- creag theinnteach - Creag a tha uabhasach cruaidh agus a tha doirbh a caitheamh. Tha i air a cruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas magma fon uachdar no nuair a dh'fhuaraicheas làbha air an uachdar an dèidh spreadhadh.
- creag ghrùideach - Creag bhog a bhios a' caitheamh gu furasta.
- creag chruth-atharrachail - Creag a thòisich mar sheòrsa eile de chreag, ach a tha air atharrachadh bhon chruth thùsail. Mar eisimpleir, faodaidh i atharrachadh air sgàth teas mòr no bruthadh mòr.
- clach-ghainmhich - Seòrsa de chreag ghrùideach a bhios a' caitheamh gu furasta ach a tha furasta a snaigheadh. Tha seo a' ciallachadh gu bheil i math airson togail leatha.
- caitheamh - Nuair a bhios stuthan a' cnàmh.
Feuch dè nas aithne dhut

Dealbh fhèin caisteal.
Chaidh Caisteal Dhùn Èideann agus Caisteal Shruighlea le chèile a thogail air mullach seann bholcànothan. Bha bearraidhean casa agus creagan àrda cnoc bholcànach ga dhèanamh doirbh do nàimhdean ionnsaigh a thoirt agus bha e a' cuideachadh luchd-dìon air an taobh a-staigh coimhead airson luchd-ionnsaigh.
Dèan rannsachadh air caistealan agus faigh a-mach dè na feartan dìon eile a bha glè thric aig caistealan agus an uair sin dealbhaich fhèin caisteal! Faodaidh tu dealbh a dhèanamh, a pheantadh no a thogail.
Seo beagan bheachdan mus tòisich thu:
- A' togail shuas àrd
- Tùir àrda
- Baidealan
- Tuill-saighid
- Drochaidean-togail
A' toirt ionnsaigh agus a' dìon chaistealan. listA' toirt ionnsaigh agus a' dìon chaistealan
Bha luchd-togail nan caistealan a' cleachdadh bearraidhean cas creag bholcànach, mar Creag a' Chaisteil ann an Dùn Èideann airson daoine a chumail sàbhailte bho ionnsaigh.

More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count12 of 24

- count13 of 24

- count14 of 24

- count15 of 24
