'S e aibhnichean mòra deighe a bhios a' gluasad thar na tìre a th' ann an eigh-shruthan. Nuair a leaghas iad, bidh iad a' tasgadh stuthan agus faodaidh feartan cruth-tìre a bhith air an cruthachadh.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an tasgadh eigheadail
- Mar a tha toll-coire air a chruthachadh
- Dè th' ann an creag chonadail
- Mar a tha moirèin air a chruthachadh
- Diofar fheartan ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan Cruthan-tìre ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air feartan tasgadh eigheadail ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu fheartan tasgadh eigheadail.
CONNOR: 'S gann a chreideas mi gun tèid againn air suidhe air tràigh agus sgitheadh air beinn fo shneachd san aon Phàirc Nàiseanta.
An dèidh dìreadh gu plateau sneachdach a' Chàirn Ghorm, tha treiseag fois a seo math.
ISLA: Tha, abair gur e àite iongantach a tha sa Mhonadh Ruadh!
Agus dìreach mar a thug na h-eigh-shruthan dhuinn coireachan le sneachd, arêtes agus stùcan pioramaideach shuas àrd anns na beanntan, thug iad cuideachd dhuinn an tràigh seo! 'S e toll-coire a th' ann an Loch Mhùrlaig, feart de thasgadh eigheadail – sin nuair a bhios eigh-shruth a' leigeil rudan às agus gam fàgail air chùl.
O chionn timcheall air 10,000 bliadhna, nuair a bha an linn deighe mu dheireadh a' tighinn gu crìch agus a leagh an deigh, chaidh tasgaidhean eigheadail fhàgail às a dèidh.
Nuair a bhios deigh a' leaghadh, bidh stuthan a bha i a' giùlan, mar gainmheach, clachan agus creagan air an sgaradh nam fillidhean agus air an tasgadh san uisge-aiteimh.
'S dòcha gun lorgar tuill-coire ma bhios bloc de 'dheigh mharbh' cha mhòr air a thìodhlacadh le tasgaidhean. Nuair a leaghas an deigh, bidh toll air fhàgail a dh'fhaodas lìonadh le uisge agus loch toll-coire a chruthachadh.
CONNOR: Ah, chan eil a dhìth a-nis ach sìde thropaigeach. Ged nach eil a' ghainmheach an aon rud ri tràighean eile.
ISLA: Tha sin a chionn 's nach eil i an aon rud ris a' ghainmhich a tha ris a' mhuir. 'S e measgachadh de ghainmheach, grùid, crèadh agus grinneal a tha seo a chaidh fhàgail le eigh-shruthan a bha a' siubhal tron ghleann.
CONNOR: Ceart gu leòr leamsa!
ISLA: Na dèan thu fhèin ro chofhurtail! Tha mi airson coimhead air tuilleadh thuill-coire.
Seo iad, tuill-coire nan Uath Lochain.
Chaidh an cruthachadh san aon dòigh ri Loch Mhùrlaig – le cnap mòr deighe a bha na phàirt de dh'Eigh-shruth Srath Spè. Bha e còrr is cilemeatair a thighead!
Nuair a thòisich e a' leaghadh, bhiodh seo coltach ri sealladh uisgealach bhon ghealaich. Bha cnapan mòra deighe air an leth thìodhlacadh ann an gainmheach 's ann an grinneal. Stad aon dhe na cnapan deighe far a bheil na lochain. Leagh iad agus chaidh na tuill-coire nan lochan de dh'uisge-aiteimh coltach ri bainne.
CONNOR: Tha fios gun robh an cruth-tìre a' coimhead uabhasach neònach aig an àm sin – ach tha pàirtean dheth fhathast a' coimhead neònach an-diugh. Seall an ulbhag mhòr seo. Mar chlach às an adhar!
ISLA: Tha, dè th' ann?
CONNOR: 'S e creag chonadail eigh-shruthach a th' ann. Sin creagan mòra le cruth annasach a tha glè thric nan aonar, seach còmhla. Tha iad air an dèanamh de chreag nach eil àbhaisteach san sgìre san deach an tasgadh.
Tha tasgaidhean eigheadail an-còmhnaidh ceàrnach, agus tha iad nam measgachadh de dhiofar chreagan 's de stuthan a chaidh a tharraing à àitichean eile air slighe an eigh-shruth. Tha na creagan conadail nan deagh eisimpleir dhen seo.
ISLA: Tha e a' coimhead iongantach a seo! Smaoinich air cho cumhachdach 's a bhiodh an eigh-shruth a ghiùlain seo.
CONNOR: Tha iad a' cumadh na tìre gun teagamh, 's a' fàgail fheartan iongantach mar moirèinean. 'S e beanntan no dromannan cumhang a th' ann am moirèinean.
Chaidh an cruthachadh nuair a bha an t-eigh-shruth a' cladhach na tìre fhad 's a bha e a' gluasad air a shlighe, a' putadh a h-uile sìon a bha e a' giùlan – ùir, creagan agus sprùilleach.
Bhiodh iad sin air an tasgadh air an t-slighe agus a' fàgail dhromannan no beanntan – na moirèinean.
Faodaidh iad a bhith an dara cuid nam moirèin taobhach – air an cruthachadh air taobh an eigh-shruth – no nam moirèin crìche, nuair a thèid an cruthachadh aig a' chrìch.
Uaireannan, chì thu creagan conadail cuideachd, na h-ulbhagan mòra sin a tha a' coimhead mar gu bheil iad gu tur san àite cheàrr.
ISLA: Chan eil e na iongnadh gun robh daoine a' dèanamh suas sgeulachdan iongantach a' mìneachadh mar a thàinig na creagan a seo – ach tha an t-eigh-shruth gu cinnteach a' dèanamh barrachd ciall na famhairean a' sadail chreagan air a chèile, no gun deach am fàgail le UFOs!
CONNOR: Le UFOs? Dh'fheumadh iad a bhith gu math làidir 'son seo a thogail!
ISLA: Nas làidire na thusa co-dhiù!
CONNOR: Chan eil fhios a'm. Cha chreid mi nach tèid agam air a gluasad.
Thèid! Ghluais i gun teagamh sam bith.
ISLA: Aidh, ghluais, abair e!
Dè th' ann an eigh-shruth?
- 'S e tomad mòr, mòr deighe a' gluasad gu mall thar tìr a tha ann an eigh-shruth.
- Nuair a tha eigh-shruth a' gluasad, faodaidh e an tìr a bleithCaitheamh thar ùine. agus feartan bleith eighichte a chruthachadh mar coireachan, arêtes agus stùcan pioramaideach.
A bharrachd air a bhith a' bleith na tìre, nuair a bhios eigh-shruthan a' gluasad, bidh iad a' cruthachadh feartan inntinneach cruth-tìre air sgàth tasgadhNuair a leaghas eigh-shruth, chan eil lùth gu leòr anns an uisge-aiteimh airson stuth, mar gainmheach agus grinneal, a ghiùlan, agus thèid a leagail no fhàgail anns an sgìre mun cuairt..
Tasgadh
- Ann an Linn na Deighe, bha eigh-shruthan a' gluasad gu mall thar na tìre a' giùlan stuthan mar gainmheach, clachan agus creagan.
- Aig deireadh Linn na Deighe (o chionn mu 10,000 bliadhna) bha na h-eigh-shruthan a' leaghadh.
- Nuair a bhios deigh a' leaghadh, bidh an stuth a ghiùlain an deigh a' sgaradh ann am fillidhean agus air a leigeil sìos, no air a tasgadhNuair a leaghas eigh-shruth, chan eil lùth gu leòr anns an uisge-aiteimh airson stuth, mar gainmheach agus grinneal, a ghiùlan, agus thèid a leagail no fhàgail anns an sgìre mun cuairt., anns an uisge-aiteimh.
Tuill-coire
- Faodaidh cnapan mòra deigh mharbh a bhith cha mhòr air an tiodhlacadh leis na tasgaidhean gainmhich agus grinneil. Nuair a leaghas an deigh, bidh toll-coire air fhàgail.
- 'S dòcha gun lìon tuill-coire le uisge agus gun tèid loch toll-coire a chruthachadh, mar Loch Mhùrlaig agus tuill-coire nan Uath Lochan.
- Tha a' ghainmheach a bhios mun cuairt tuill-coire diofraichte bhon ghainmhich a bhios air tràigh ris a' mhuir. Chaidh a' ghainmheach seo a thasgadh le eigh-shruthan agus tha i air a dèanamh le gainmheach, eabar, crèadh agus grinneal.
Mar a tha toll-coire air a chruthachadh

Image caption, 1. Tha cnap mòr deighe air a leth thiodhlacadh le tasgaidhean gainmhich is grinneil.

Image caption, 2. Tha an deigh a' leaghadh agus tha toll-coire air fhàgail.

Image caption, 3. Tha an toll-coire a' lìonadh le uisge agus a' cruthachadh loch toll-coire.

Image caption, Loch Mhùrlaig
'S e loch toll-coire a th' ann an Loch Mhùrlaig ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Chaidh cnap deighe far eigh-shruth a thiodhlacadh san talamh. Leagh e an uair sin agus dh'fhàg e toll. Lìon an toll sin le uisge agus chaidh e na loch. (imageBROKER / Alamy Stock Photo)

Image caption, Uath Lochan
Tha na h-Uath Lochan faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh nan deagh eisimpleir de lochan toll-coire. Tha Uath Lochan a’ ciallachadh lochan beaga an sgithich (uath). (Jim Laws / Alamy Stock Photo)
1 of 5
Creagan conadail

- Bidh eigh-shruthan cuideachd a' giùlan agus a' tasgadh ulbhagan agus creagan mòra le cruthan annasach ris an canar creagan conadail.
- 'S àbhaist gum bi creagan conadail nan aonar seach ann nan dùn.
- Tha iad glè thric air an dèanamh de chreag nach eil ri faighinn anns an sgìre. Tha creagan conadail nam measgachadh de chreagan agus de stuthan a chaidh a tharraing à àitichean eile air slighe na h-eigh-shruth.

Moirèinean

'S e druim cumhang no cnoc air a chruthachadh le ùir agus creagan a chaidh a phutadh a-null le eigh-shruth a' gluasad a th' ann am moirèin.
Tha dà phrìomh sheòrsa ann:
- moirèin taobhach a chaidh a chruthachadh ri taobhan eigh-shruth
- moirèin crìche a chaidh a chruthachadh aig crìoch eigh-shruth


èigh-shruth - Abhainn mhòr, mhòr de dheigh a' gluasad gu mall.
feartan eigheadail - Feartan cruth-tìre a chruthaich eigh-shruthan.
tasgadh eigheadail - Nuair a bhios eigh-shruth a' leigeil sìos stuthan, mar creagan agus clachan, agus gam fàgail às a dhèidh.
Linn na Deighe - Ùine fhada ann an tìm nuair a chaidh teòthachd na Talmhainn sìos gu mòr. Bha uachdar na Talmhainn air a thiodhlacadh fo chlàran mòra deighe.
toll-coire - Toll air a chruthachadh nuair a steigeas eigh-shruth agus a thèid a thiodhlacadh ann an gainmheach 's ann an grinneal. Nuair a leaghas an deigh, bidh toll-coire air fhàgail.
loch toll-coire – Toll-coire a tha air lìonadh le uisge.
creag chonadail – Creagan no ulbhagan air a thasgadh le eigh-shruth. Tha iad glè thric leotha fhèin agus tha iad air an dèanamh de chreag nach faighear gu h-àbhaisteach san sgìre.
moirèin - Druim cumhang no cnoc air a chruthachadh le ùir agus creagan a chaidh a phutadh a-null le eigh-shruth a' gluasad. Faodaidh moirèin a bhith air a chruthachadh ri taobhan eigh-shruth (moirèin taobhach) no aig crìoch eigh-shruth (moirèin crìche).
Map de Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
'S e Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air a' Ghàidhealtachd a' phàirce nàiseanta as motha san RA. Tha a' phàirce mhòr seo làn bheanntan, slighean coille, aibhnichean, lochan, fiadh-bheatha agus bailtean beaga.
Seall air a' mhap seo agus chì thu far a bheil Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus cuid dhe na prìomh àitichean agus na feartan a tha innte.
Feuch dè nas aithne dhut

Dèan bileag mu aon dhe na pàircean nàiseanta ann an Alba.
'S e sgìre a chuir riaghaltas an dara taobh airson an àrainneachd nàdarra a ghleidheadh a th' ann am pàirc nàiseanta. Tha dà phàirc nàiseanta ann an Alba:
- Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
- Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean
Rannsaich aon dhe na pàircean nàiseanta agus dealbhaich bileag.
Smuain no dhà airson tòiseachadh:
- Càit a bheil a' phàirce nàiseanta? An tèid agad air map a dhèanamh a' sealltainn far a bheil i?
- An tèid agad air na prìomh fheartan ainmeachadh? A bheil coilltean sònraichte, beanntan no lochan anns a' phàirce?
- Ma dh'fheumas tu cuideachadh a' dèanamh na bileig, gheibh thu a-mach barrachd an seo: Mar a nì thu bileag
Caisteal Bhaile Mhoireil. videoCaisteal Bhaile Mhoireil
Tha Caisteal Bhaile Mhoireil dìreach deas air Uisge Dhè ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Faigh a-mach barrachd mu cheangal rìoghail a' chaisteil.

Coilltean. revision-guideCoilltean
Tha Isla agus Connor air chuairt ann an coille ann am Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean.

More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count16 of 24

- count17 of 24

- count18 of 24

- count19 of 24
