Tha mòran de fheartan a' chladaich againn air an cruthachadh le tasgadh. Sin nuair a bhios am muir a' leigeil às gainmheach, creagan agus clachan a bha e a' giùlan.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mar a bhios tasgadh a' cruthachadh diofar fheartan cladaich
- Dè th' ann an drioftadh fad-cladaich
- Fiadh-bheatha ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fhorbhaidh
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Cruthan-tìre airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air tasgadh cladaich air a' chladach mu thimcheall Obar Dheathain.
Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu fheartan tasgadh cladaich.
ISLA: Ahh. An seòrsa àite as fheàrr leam. Tràigh bhrèagha gun chàil ach a' mhuir. Agus ròin - agus na h-eòin! 'S e Tèarmann Nàdair Nàiseanta a th' ann an Tràigh Fhorbhaidh agus àrainn math do dh'eòin.
'S e na coilleagan seo fear dhe na siostaman choilleagan as motha ann am Breatainn. Sheatlaig a' ghainmheach a seo sa mhuir aig deireadh na linn deighe mu dheireadh.
CONNOR: An Linn Deighe! Wow! Saoil ciamar?
Tha seo ag ràdh gun tug na tuinn agus a' ghaoth a' ghainmheach suas air an talamh agus gun deach an tràigh seo a chruthachadh. Nuair a bhios na tuinn a' giùlan agus a' tasgadh gainmheach, clachan agus stuthan eile, canar drioftadh fad-cladaich ris.
ISLA: Drioftadh fad-cladaich?
CONNOR: Nuair a choimheadas tu air a' mhuir, chì thu gum bi na tuinn a' tighinn suas an tràigh, agus an uair sin a' tilleadh sìos.
Bidh an sluaisreadh, na tuinn a' tighinn suas an tràigh, air a phutadh le àird na gaoithe, a' dèanamh ceàrn ris an tràigh.
Bidh an t-ais-shluaisreadh, na tuinn a' dol air ais sìos a-rithist, air a tharraing le grabhataidh sìos claonadh nàdarra na tràghad.
ISLA: Ah, tha mi a' tuigsinn. Bidh an sluaisreadh a' togail gainmheach no clachan air an tràigh agus gan gluasad a-null an tràigh, ach bidh an t-ais-shluaisreadh gan tilleadh sìos aig ceàrnan ceart agus gan leigeil sìos a-rithist. Sin tasgadh.
Agus, thar ùine mhòr, bidh grùid a' gluasad a-null 's a-nall sìos an cladach.
Mar sin, chuidich drioftadh fad-cladaich cuideachd le cruthachadh nan coilleagan le bhith a' toirt na gainmhich a seo sa chiad àite!
CONNOR: Chuidich. Bidh a' ghaoth a' sèideadh na gainmhich agus thèid a glacadh ann an àite fasgach no am measg lusan. Fàsaidh sin gu bhith nan tomain ris an canar coilleagan. Chuidich a' ghaoth cuideachd gu bhith a' cruthachadh na fidich, àrainn chudromach do dh'eòin, agus feartan eile cuideachd.
Faodaidh feart ris an canar teanga a bhith air a chruthachadh far a bheil cùrsa a' chosta ag atharrachadh. Bidh drioftadh fad-cladaich fhathast a' leantainn air agus bidh gainmheach a' tòiseachadh air cruinneachadh fada a-mach dhan mhuir – a' fàs nas fhaide agus a' cruthachadh teanga.
Seach nach faigh tuinn thairis air an teanga, bidh àite fasgach ga chruthachadh air a chùl. Cha bhi an t-uisge a' gluasad mòran a seo. Bidh e mar sin a' tasgadh gainmheach agus grùid agus bidh làthaich no fidichean gan cruthachadh.
Faodaidh teangannan cuideachd tombolos a chruthachadh, gainmheach no mol a bhios a' ceangal na tìr-mòr ri eilean. Uaireannan, bidh teanga a' dol tarsainn bàgh gu lèir agus a' coinneachadh a-rithist ris a' chosta agus a' cruthachadh bàr-gainmhiche.
Bidh lagùn, sin dìreach sàl air a sgaradh bhon mhuir, air a chruthachadh air cùl bàr. Tha a' chuid seo dhen chosta ro chreagach airson lagùn, ach…tha lagùn àlainn ann am Pabaigh ann an Innse Gall.
ISLA:Air taobh eile na dùthcha.
CONNOR: Ò, seall! Adhbhar eile as toigh leam an tràigh.
ISLA: 'S e, ach tha an t-acras orm. 'S e bu toigh leam an-dràsta ach rudeigin eile co-cheangailte ris a' mhuir…
'S toigh leam cho diofraichte 's a tha gach tràigh. Tràigh Fhorbhaidh cho aonaranach agus tràigh baile mar a th' ann an Obar Dheathain.
CONNOR: Neònach smaoineachadh gur dòcha gun deach pàirt dhen ghrùid air a' phàirt seo dhen chosta a ghiùlan fad na slighe a-null gu Tràigh Fhorbhaidh.
ISLA: Leugh mi mu na puist fhiodha seo. 'S e groidhnean a th' annta. Bidh groidhnean a' cur bacadh air a' ghrùid bho bhith a' gluasad air a' chosta.
Bidh a' ghainmheach, no na clachan, air an glacadh air an taobh dhen ghroidhn a tha ris a' ghaoith. Tha sin a' ciallachadh nach bi a' chuid seo dhen tràigh a' bleith, no a' caitheamh air falbh, cho luath. Ach tha e a' ciallachadh ge-tà gum bi an taobh eile a' bleith nas luaithe.
CONNOR: Wow, tha iad seo ma tha a' sealltainn a' cheangail eadar bleith agus tasgadh. Ge bith càit an tèid talamh a bhleith, thèid a thasgadh am badeigin eile.
ISLA: Saoil càit an robh a' ghainmheach seo bho thùs agus càit an stad i uaireigin.
CONNOR: Chan eil fhios a'm - ach tha fios a'm gu bheil poca tiops air an tràigh seo math!
Haoigh!
ISLA: Tha, agus 's math tha fios aig na faoileagan air!
Tasgadh cladaich

- 'S e an cladach an tìr ri taobh na mara. 'S e an costa a' chrìoch eadar muir agus tìr.
- Tha mòran dhe na feartan air a' chladach air an cruthachadh le tasgadh. Bidh seo a' tachairt nuair a bhios am muir a' call lùth. Bidh am muir a' giùlan stuthan mar gainmheach agus molagan agus gan leagail nuair nach eil lùth gu leòr anns a' mhuir airson an giùlan.
- Canar grùid ri stuth bho ghrunnd na mara leithid gainmheach agus molagan. Bidh seo air a thogail, air a ghiùlan le gluasad na mara, agus air a leagail, no air a thasgadh.
- Tha tràighean air an cruthachadh bho thasgaidhean grùide. Sin an t-adhbhar a gheibhear iad air a' chladach. Bidh iad a' sgaradh mòr-thìr bho sgìre uisge mar loch no muir.

Drioftadh fad-cladaich
Canar drioftadh fad-cladaich ris a' phròiseas anns a bheil stuthan air an gluasad ris a' chladach.
Bidh tuinn air fiaradh nuair a bhios iad a' tighinn chun a' chosta.
Bidh sluaisreadh na mara a' giùlan grùid suas an tràigh air fiaradh.
Bidh ais-shluaisreadh a' toirt grùid sìos an tràigh le grabhataidh – aig ceàrn ceart ris an tràigh.
Bidh seo a' toirt air grùid fiaradh a-null is a-nall an tràigh.
Feartan tasgadh cladaich

Image caption, Coilleagan
Bidh coilleagan air an cruthachadh nuair a shiabas a' ghaoth gainmheach a-steach a dh'àitichean fasgach. Tha còrr is 500 cilemeatair ceàrnagach de choilleagan gainmhich ann an Alba, nam measg na coilleagan seo ann an Arcaibh. (David Robertson / Alamy Stock Photo)

Image caption, Teanga
'S e pàirt de thràigh a bhios a' ceangal ris an tìr aig aon cheann a th' ann an teanga, mar an teanga seo ann an Tarasaigh anns na h-Eileanan an Iar. Tha iad air an cruthachadh air sgàth drioftadh fad-cladaich. (Andy Sutton / Alamy Stock Photo)

Image caption, Fideach
Faodaidh fideach a bhith air a chruthachadh air cùl teanga. Bidh an teanga a' toirt air gluasad uisge fàs slaodach agus mar sin thèid barrachd stuth a thasgadh (a leagail). Tha am fideach seo ri taobh ceum cladach Mhorston ann an Norfolk, Sasainn. (AntipasM / Alamy Stock Photo)

Image caption, Tombolo
'S e sgaoilteach gainmhich a bhios a' ceangal eilean ri tìr-mòr a th' ann an tombolo. Tha e air a chruthachadh le tasgadh. Tha an tombolo seo a' ceangal Eilean Naoimh Ninian ri tìr-mòr Shealtainn. (Stephen Finn / Alamy Stock Photo)

Image caption, Bàraichean agus lagùnaichean
Faodaidh bàraichean a bhith air an cruthachadh nuair a choinnicheas stuth taisgte ri taobh eile a' bhàigh agus a chuireas sgaoilteach de stuth taisgte stad air an uisge anns a' bhàgh. Canar lagùn ris an sgìre air a h-ùr-chruthachadh air cùl a' bhàr, mar an lagùn seo faisg air Baile na Creige ann an Inbhir Nis. (Hugh Venables / Geograph)
1 of 5
Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fhorbhaidh
'S e Forbhaidh aon dhe na Tèarmainn Nàdair Nàiseanta ann an Alba. 'S e talamh air a chur a thaobh airson àrainnFar am bi lus no beathach a' fuireach. agus fiadh-bheatha a dhìon a th' ann an tèarmann nàdair.
Tha Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fhorbhaidh ainmeil airson nan coilleagan mòra a th' ann, làthach leathann agus Abhainn Ythan. Tha iomadh seòrsa eòin agus lusan agus beathaichean eile anns an tèarmann.
Beathaichean ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fhorbhaidh.

Image caption, Steàrnagan-mòra
Tha iomadh eun an urra ri tèarmainn nàdair, mar Tràigh Fhorbhaidh, airson a bhith beò. Chithear steàrnagan-mòra is iad a' cumail sùil a-mach airson èisg bheaga a dh'itheas iad. (David Osborn / Alamy Stock Photo)

Image caption, Ròin ghlasa
Glè thric chithear ròin ghlasa a' snàmh aig beul Abhainn Ythan. Tha ròin ghlasa luath air snàmh, rud a tha uabhasach feumail airson a bhith a' sealg a' bhradain agus a' bhric. (Arterra Picture Library / Alamy Stock Photo)

Image caption, Lachan-mòra
Bidh an lach-mhòr beò ann an uisgeachan fasgach ris a' chladach, mar beul Abhainn Ythan, far am bi iad a' lorg maorach. (Kit Day / Alamy Stock Photo)
1 of 3

- costa – Far am bi an tìr a' coinneachadh ris a' mhuir. Canar cladach ris cuideachd.
- tràigh – Pàirt dhen tìr a bhios a' sgaradh sgìre a-staigh air an tìrÀite a tha astar air falbh bhon chosta. bho sgìre uisge, mar loch no muir. Mar as trice bidh gainmheach air tràigh.
- àrainn – Far am bi beathach no lus a' fuireach agus a' fàs.
- drioftadh fad-cladaich – Stuth mar gainmheach agus clachan a' gluasad ris a' chladach air sgàth gluasad nan tonn. Bidh na tuinn a' gluasad stuthan a-null is a-nall ris a' chladach.
- sluaisreadh – Tuinn a tha a' ghaoth a' putadh suas air an tràigh air fiaradh.
- ais-shluaisreadh – Tuinn a bhios a' dol air ais sìos claonadh nàdarra na tràghad a dh'ionnsaigh na mara.
- tasgadh – Nuair a bhios stuthan air an leagail no air am fàgail. Nuair a chailleas am muir a lùth, bidh e a' leagail an stuth a bha e a' giùlan.
- coilleagan gainmhich – Dùn no tom gainmhich a shiab a' ghaoth no tuinn suas gu tìr.
- teanga – Pàirt de thràigh a bhios a' ceangal ris a' phrìomh phàirt dhen tìr aig aon cheann a-mhàin. Bidh iad air an cruthachadh far a bheil cùrsa a' chosta ag atharrachadh.
- fideach – Pàirt dhen chosta a bhios a' lìonadh agus a' tràghadh le sàl a bhios na làin-mhara a' toirt a-steach. Bidh iad air an cruthachadh air cùl teanga nuair nach eil an t-uisge a' gluasad mòran agus mar sin thèid barrachd stuth a thasgadh.
- làthach – Sgìre eabarach ris a' chost no far am bi aibhnichean a' coinneachadh muir no cuan.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Cruthaich bileag mu aon dhe na tèarmainn nàdair costail ann an Alba.
Dh'ionnsaich sinn mu Thèarmann Nàdair Nàiseanta Fhorbhaidh anns an artaigil seo, ach tha iomadh tèarmann nàdairPìos fearainn air a chur a thaobh gus àrainnean agus fiadh-bheatha a dhìon. eile ann an Alba.
Dèan rannsachadh air Tèarmann Nàdair Nàiseanta faisg ort. Dealbhaich bileag a bhrosnaicheadh daoine gus tadhal air an tèarmann agus coimhead às a dhèidh.
Seo eisimpleirean de thèarmainn nàdair far am faic thu feartan tasgadh cladaich.
- Tèarmann Nàdair Nàiseanta Tentsmuir
- Tèarmann Nàdair Nàiseanta Taighnis
- Tèarmann Nàdair Nàiseanta Loch Fleòid
- Tèarmann Nàdair Nàiseanta Eaglais Chiric
Beachdan tòiseachaidh:
- Càit a bheil an tèarmann nàdair? An tèid agad air map a dhèanamh a sheallas far a bheil e?
- An dèan thu liosta dhe na prìomh fheartan aige? A bheil coilleagan gainmhich ann, fideachan no fiadh-bheatha shònraichte?
- Ma dh'fheumas tu cuideachadh a' dèanamh bileag, gheibh thu cuideachadh a seo: Mar a nì thu bileag
More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count18 of 24

- count19 of 24

- count20 of 24

- count21 of 24
