'S e creag ghrùideach a th' ann an clach-aoil. Faodaidh feartan mar tuill-poite agus uamhan a bhith air an cruthachadh nuair a thèid clach-aoil a leaghadh le uisge.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an clach-aoil
- Dè th' ann an altan agus ann an raointean-leabachaidh
- Mar a tha uamhan air an cruthachadh
- Mar a tha aol-chluigein agus aol-charraighean air an cruthachadh
Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan Cruthan-tìre ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air feartan clach-aoil ann an Geopark Iar-thuath na Gàidhealtachd.
Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu fheartan cruthan-tìre clach-aoil.
CONNOR: Cà'il sinn a' dol?
ISLA: Gu Uamhan Tràiligil. Tha iad ann an Geopark Iar-thuath na Gàidhealtachd agus air an dèanamh de chlach-aoil.
Tha trì beòil uamhan sa chlach-aoil san sgìre seo. Ach feumaidh sinn a bhith faiceallach - tha spòrs ann a bhith a' rannsachadh uamhan, ach faodaidh iad a bhith cunnartach. Sin as coireach gun do dh'inns mi do mo mham far a bheil sinn an-diugh agus innsidh mi cuideachd cuin a bhios sinn air ais dhachaigh.
CONNOR: Deagh bheachd.
Leugh mi pìos mu chlach-aoil air a' bhus.
'S e creag ghrùideach a th' ann an clach-aoil air a dèanamh le fillidhean de chnàimhnich 's de shligean chreutairean-mara a bhios ann an seann chuantan blàth, ao-domhainn agus a bhios a' seatlaigeadh agus a' dlùthadh agus a' cruadhachadh gus am bi e na chreag.
ISLA: Wow, tha sin a' ciallachadh gun robh clach-aoil uaireigin fon mhuir!
CONNOR: Tha sgàinidhean ann an clach-aoil gu nàdarra, ach cha bhi iad cho leathann an toiseach. Bidh iad a' fàs nas leatha chionn eadar-sgaoilidh clach-aoil ann an uisge.
Bidh uisge a' sruthadh thairis air uachdar clach-aoil agus sìos dha na sgàinidhean bheartagail, ris an canar altan. Fon talamh, bidh an t-uisge a' ruith thairis air sgàinidhean còmhnard ris an canar raointean-leabachaidh.
Thar ùine mhòr, bidh an t-uisge a' leaghadh na cloiche timcheall nan sgàinidhean agus gan dèanamh nas leatha 's nas leatha. Ann an àitichean far am bi tòrr altan is raointean-leabachaidh còmhla, faodaidh na sgàinidhean tòiseachadh air a dhol nan uamh.
ISLA: Tha na sgàinidhean sa chlach-aoil ag innse carson a tha na h-uamhan ann agus carson a tha iad làn uisge agus sruthain fon talamh. Thugainn gu faic sinn iad!
Cluinnidh tu an t-uisge a' sruthadh tro toll-poite agus sìos dhan uaimh. Feumaidh gur e sin as coireach gur e Uamh an Tartair a th' oirre.
'S e toll-poite toll a tha a' dol sìos dhan uaimh bhon uachdar agus a rinn an t-uisge nas motha. Mar sin tha an t-uisge a' sruthadh sìos tron toll-poite agus mean air mhean, bidh e ag eadar-sgaoileadh na cloich-aoil agus a' dèanamh nan uamhan seo. Agus a' fàgail grunnd aibhne tioram de chlach-aoil air an uachdar.
Dh'fhaodadh tu ràdh gu bheil an sruthan no an abhainn a' dol à sealladh os cionn an talaimh, a' gearradh a-mach nan uamhan fon talamh, mus nochd i a-rithist shìos an abhainn.
Chithear na tuill-poite seo mar thuill air an talamh. Tha fear a seo aig Uamhan Tràiligil. Tha e uabhasach cunnartach. Feumaidh tu a bhith faiceallach mus tuit thu no tuitidh tu dhan uaimh agus dhan uisge.
CONNOR: Thoir an aire, tha ialtagan a sin!
ISLA: Mar gu bheil eagal orm ro ialtag bheag!
Bidh iad a' cadal tron latha agus a' nochdadh a-mach nuair a bhios a' ghrian a' dol fodha.
Tha rudan eile sna h-uamhan seo nach fhaic sinn bho bheul na h-uamha. Sin aol-charraighean agus aol-chluigein.
Tha iad sin cuideachd ann mar thoradh air uisge a' sùghadh tron chlach-aoil - a th' air a dèanamh le calcium carbonat. Bidh an calcium carbonat ag eadar-sgaoileadh san uisge nuair a bhios e a' sùghadh tron uaimh.
Bidh an t-uisge a' deatachadh san uaimh agus a' fàgail calcium carbonat air mullach a' chabhairn. Thar ùine, bidh seo a' dol nan tasgaidhean fada coltach ri bioran-deighe crochte bho mhullach na h-uaimh. Sin na h-aol-chluigein.
CONNOR: Agus dè mu na h-aol-charraighean air an ùrlar? Ciamar a tha iad sin a' fàs suas?
ISLA: Nuair a bhios uisge a' tuiteam air an ùrlar, bidh e a' stealladh agus a' deatachadh, ach faodaidh an stealladh cuideachd tasgadh de chalcium carbonat fhàgail. Bidh aol-charraighean air an cruthachadh bhon tasgadh sin.
Thar nam mìltean bhliadhnaichean, bidh barrachd calcium carbonat a' cruinneachadh. Bidh na h-aol-chluigein a' fàs nas fhaide 's nas fhaide, agus bidh na h-aol-charraighean a' fàs nas àirde 's nas àirde. Mu dheireadh, coinnichidh iad agus bidh colbh de chlach-aoil ann.
Obraichidh tu a-mach an aois aca an ìre mhath a rèir am meud. Bidh iad a' fàs mu 10 cm gach 1,000 bliadhna.
Bidh na h-aol-chluigein agus na h-aol-charraighean a' dèanamh nam feartan mìorbhaileach seo de chlach-aoil anns na h-uamhan. Seall!
CONNOR: Cha chreid mise nach rannsaich mi barrachd uamhan ach am faic mi iad seo dhomh fhèin! Tha uamhan…
MÌORBHAILEACH FHÈIN!
Dè th' ann an clach-aoil?
- 'S e creag ghrùideachCreag air a dèanamh nuair a tha grùid, mar gainmheach, poll agus molagan a' dol nam fillidhean. Thar ùine, bidh na fillidhean air an dlùthadh fo bharrachd is barrachd fillidhean de ghrùid. Mu dheireadh, bidh na fillidhean air an atharrachadh gu bhith nan creag ghrùideach, a dh'fhaodas a bhith air a cruthachadh ann am fàsaichean, lochan, aibhnichean agus cuantan. a th' ann an clach-aoil. Tha i air a dèanamh de calcium carbonatCo-thàthadh ceimigeach a gheibhear ann am mèinnirean agus ann an creagan leithid clach-aoil, màrmor agus cailc. a bhios air a h-eadar-sgaoilNuair a thèid teann-stuth a shùghadh agus a thèid e na phàirt de lionn. (a leaghadh) le uisge.
- Tha clach-aoil air a dèanamh de fhillidhean còmhnard ris an canar raointean-leabachaidh agus sgàinidhean bheartagail ris an canar altan.
- Gheibh uisge tro na h-altan agus na sgàinidhean seo. Nuair a bhios sin a' tachairt, cumaidh e ag eadar-sgaoileadh na cloich-aoil agus a' cruthachadh sgàinidhean nas motha agus uamhan.
Feartan chruthan-tìre clach-aoil

Image caption, Altan agus raointean-leabachaidh
Canar altan ris na sgàinidhean bheartagail ann an clach-aoil. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad a' ruith suas is sìos a' chreag. 'S e na raointean-leabachaidh na fillidhean còmhnard fa leth ann an clach-aoil fon talamh. Bidh iad a' ruith bho thaobh gu taobh agus chan ann suas is sìos mar na h-altan. (geogphotos / Alamy Stock Photo)

Image caption, Toll-poite
Canar tuill-poite ri tuill ann an uachdar clach-aoil a tha a' dol sìos gu uamh, mar an toll-poite seo aig beul Uamhan Thràiligil. 'S toigh le cuid de dhaoine a bhith ri toll-phoiteadh. Tha seo a' ciallachadh gum bi iad a' rannsachadh uamhan is thunailean fon talamh mar spòrs. Faodaidh seo a bhith cunnartach agus cha bu chòir a dhèanamh ach còmhla ri cuideigin eòlach. Bi uabhasach faiceallach ma tha thu faisg air tuill-poite! (Ashley Cooper pics / Alamy Stock Photo)

Image caption, Uamh
Faodaidh uamhan clach-aoil a bhith air an cruthachadh nuair a thèid sgàinidhean ann an clach-aoil eadar-sgaoileadh agus a dh'fhàsas iad nas leatha agus nas leatha thar ùine. 'S e uamh-mhara mhòr, mhòr ann am bearraidhean clach-aoil a th' ann an Uamh Smudha ann an Diùranais. 'S i an uamh-mhara as motha san RA! (Ashley Cooper pics / Alamy Stock Photo)

Image caption, Aol-chluigein
Bidh boinnean uisge a' tuiteam gu mall bho mhullach uamha agus a' deatachadh. Mar a bhios an t-uisge a' deatachadh, bidh tasgaidhean calcium carbonat air am fàgail air mullach na h-uamha. Bidh seo a' cruinneachadh thar ùine agus a' dol nan tasgaidhean fada, caola a bhios a' fàs sìos coltach ri bioran-deighe. Tha na h-aol-chluigein seo air mullach Cabhairn Bearradh Treak ann an Derbyshire, Sasainn. (David Chapman / Alamy Stock Photo)

Image caption, Aol-charraighean
Tuitidh boinnean uisge air ùrlar na h-uamha le steall agus deataichidh iad. Bidh an steall a' fàgail calcium carbonat às a dhèidh. Bidh barrachd is barrachd calcium carbonat a' cruinneachadh air an ùrlar agus a' cruthachadh nam feartan beaga, tiugh, leathann ris an canar aol-charraighean. Bidh iad a' fàs suas bhon ùrlar, mar na h-aol-charraighean seo air ùrlar Uamh Harrison ann am Barbados. (M. Timothy O'Keefe / Alamy Stock Photo)

Image caption, Carraighean
Ma bhios aol-charraighean agus aol-chluigein a' sìor fhàs fada, 's dòcha gun coinnich iad agus gun tèid iad còmhla agus gun cruthaich iad colbh no carragh. Chaidh na carraighean seo a chruthachadh ann an uamh clach-aoil air Eilean Rurutu anns a' Chuan Sèimh a Deas. (Seaphotoart / Alamy Stock Photo)
1 of 6
Feartan clach-aoil san RA
Gheibhear cruthan-tìre clach-aoil ann an diofar àitichean air feadh na RA. Coimhead airson nam feartan seo:
- cabhsair clach-aoilUachdar de leacan còmhnard clach-aoil.
- tuill-poite no tuill-slugaidh
- uamhan no cabhairnean
- aol-charraighean agus aol-chluigein
'S dòcha gun cuimhnich thu air an diofar eadar aol-chluigein agus aol-charraighean ma chuimhnicheas tu gur e cluigean facal airson fàinneachan-cluaise. Bidh iad crochte ri do chluais agus bidh aol-chluigein crochte ri mullach uamha.

Image caption, Dailean Siorrachd Iorc, Sasainn
Tha Pàirc Nàiseanta Dailean Siorrachd Iorc ainmeil airson nam feartan clach-aoil a th' innte, mar na cabhsairean clach-aoil aig Malham Cove. (travellinglight / Alamy Stock Photo)

Image caption, Uamhan Tràiligil, Alba
'S e Uamhan Tràiligil an siostam uamhan as motha ann an Alba. Chaidh an siostam uamhan a chruthachadh nuair a dh'eadar-sgaoil uisge sgàinidhean anns a' chloich-aoil thar ùine mhòr agus a dh'fhàs iad leathann. (Ashley Cooper pics / Alamy Stock Photo)

Image caption, Uamhan Marble Arch, Èirinn a Tuath
Tha feartan clach-aoil mar Uamhan Marble Arch ann Tèarmainn Nàdair Marlbank ann an Conntaidh Fermanagh ann an Èirinn a Tuath. (Robert Harding / Alamy Stock Photo)

Image caption, Brecon Beacons, A' Chuimrigh
'S e pàirc nàiseanta anns a' Chuimrigh a th' anns na Brecon Beacons agus tha iomadh feart clach-aoil innte mar uamhan Dan-yr-Ogof. ( Andrew Aitchison / GettyImages)
1 of 4
Fiadh-bheatha: ialtagan ann an Alba

Anns a' bhidio aig bàrr na duilleig, bha Isla agus Connor a' bruidhinn air na h-ialtagan a bhios a' fuireach ann an uamhan. Nach faigh sinn a-mach barrachd mu ialtagan ann an Alba.
- 'S e mamalanBeathaichean blàth-fhuileach a bhios a' toirt a-steach èadhar, agus anns a bheil cnàmh-droma, mar as trice le fionnadh no bian. Bidh mamalan boireann a' dèanamh bainne a bheir iad dhan àl aca. a th' ann an ialtagan. 'S iad an aon mhamal as urrainn itealaich.
- Tha mu naoi seòrsaichean ialtagan ann an Alba. Mar eisimpleir, 's e am pipistrelle cumanta agus ialtagan donn nan cluasan fada a dhà dhe na seòrsaichean a th' ann an Alba.
- Bidh ialtagan a' fuireach ann an diofar àrainnFar am bi lus no beathach a' fuireach. mar uamhan, saibhlean, lobhtaichean ann an taighean, fo dhrochaidean agus ann an craobhan.
- Tha ialtagan nam beathaichean oidhche. Tha seo a' ciallachadh gu bheil iad trang air an oidhche. 'S ann an uair sin a bhios iad a' sealg airson biadh. Bidh iad ag ithe dhaolagan agus leòmainn.


- creag ghrùideach - Creag bhog air a dèanamh le pìosan beaga, bìodach, briste de chreagan, criostalan agus mèinnearaich.
- clach-aoil - Creag ghrùideach air a cruthachadh de fhillidhean chnàimhnich agus sligean chreutairean mara a bh' ann an seann chuantan blàth, eu-domhainn agus a chaidh a dhlùthadh agus a chruadhaich gus an deach e na chlach.
- eadar-sgaoil - Nuair a thèid teann-stuth a shùghadh agus na phàirt de leann. Mar eisimpleir, bidh siùcar ag eadar-sgaoileadh ann an cupa de theatha theth.
- altan - Sgàinidhean bheartagail ann an clach-aoil.
- raointean-leabachaidh - Fillidhean còmhnard fa leth ann an clach-aoil.
- uamh - Fosgladh nàdarra ann an uachdar na Talmhainn. Tha a' chuid as motha de dh'uamhan air an cruthachadh nuair a bhios creag air a caitheamh agus a bleith le uisge, agus a thèid fosgladh no trannsa a chruthachadh.
- toll-poite - Toll ann an uachdar na Talmhainn a' dol gu uamh nàdarra fon talamh.
- calcium carbonat - Co-thàthadh ceimigeach ann am mèinnirean agus creagan, mar aol-chlach, màrmor agus cailc.
- deataich - Nuair a bhios leann a' dol na ghas. Mar eisimpleir, nuair a thèid uisge a tha na leann a theasachadh, deataichidh e gu deatach uisge.
- aol-chluigein - Tasgaidhean fada, caola de chalcium carbonat a bhios a' fàs a-nuas bho mhullach uamha.
- aol-charraighean – Tasgaidhean goirid, leathann, tiugh de chalcium carbonat air ùrlar uamha.
- colbh clach-aoil - Nuair a bhios aol-chluigein agus aol-charraighean a' fàs a dh'ionnsaigh a chèile agus a' tighinn còmhla gu bhith nan colbh creige. Canar carragh ris cuideachd.
- beathach-oidhche - Beathach a bhios trang a-muigh air an oidhche.
Feuch dè nas aithne dhut

Dealbhaich cairt-phuist le cunntas air cruth-tìre clach-aoil
Leig ort gun do thadhail thu air aon de thèarmainn no de phàircean nàiseanta na RA far a bheil feartan clach-aoil.
- Geopark Iar-thuath na Gàidhealtachd ann an Alba
- Dailean Siorrachd Iorc ann an Sasainn
- Tèarmainn Nàdair Marlbank ann an Èirinn a Tuath
- Pàirc Nàiseanta nam Brecon Beacons anns a' Chuimrigh
Dealbhaich agus sgrìobh cairt-phuist gu caraid no cuideigin anns an teaghlach ag innse dè chunnaic thu. Cuimhnich gum feum a' chairt dealbh air aon taobh agus teachdaireachd air an taobh eile.
More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count21 of 24

- count22 of 24

- count23 of 24

- count24 of 24
