Canar an cùrsa ìochdrach ris an earrann mu dheireadh de dh'abhainn. Seo far am bi an abhainn a' sruthadh a-steach a dh'uisge eile, mar a' mhuir no abhainn eile.
San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:
- Na feartan ann an cùrsa ìochdrach aibhne
- Mar a thèid eilean a chruthachadh ann an abhainn
- Dè th' ann an raon-tuile
- Beatha ris a' mhuir
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Cruthan-tìre airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' rannsachadh cùrsa meadhain Abhainn Tatha.
Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu na feartan aig cùrsa ìochdrach aibhne.
ISLA: Seo sinn aig cùrsa ìochdrach Abhainn Tatha! Tha e mar-thà eadar-dhealaichte bhon chùrsa uachdrach agus bhon chùrsa meadhain.
Ò, wow, Eilean Moncrieffe romhainn!
CONNOR: Ann an cùrsa ìochdrach na h-aibhne, bidh i a' fàs slaodach agus a' sruthadh thar talamh còmhnard chun na mara. Bhon nach eil i cho luath, bidh i a' call lùth agus chan urrainn dhi gainmheach agus grùid a ghiùlan. Bidh i gan leigeil sìos, gan tasgadh, agus a' cruthachadh fheartan mar eileanan. An ceann ùine, fàsaidh feur agus lusan agus cuidichidh na freumhaichean aca gus an t-eilean a dhèanamh stèidheil.
Bidh e an uair sin na fheart a mhaireas agus a bhios doirbh… a shiabadh air falbh!
ISLA: Mo chreach! Chì mi air an taobh eile thu!
A bheil duine a' fuireach ann?
CONNOR: Chan eil. Bidh e fo thuil nuair a tha uisge mòr ann no uisge-aiteimh. Tha tòrr dhen sgìre san raon-tuile – talamh faisg air an abhainn a bhios fo thuil ma tha uisge mòr ann. Nuair a thachras sin, bidh an abhainn a' cur thairis agus a' dòrtadh a-steach dhan bhaile no dhan sgìre mun cuairt.
ISLA: Dùn Dè! Shiubhail sinn faisg air 188km! Chan fhada gus am bi sinn aig beul na h-aibhne agus a' dol a-mach gu muir.
CONNOR: Tha an abhainn a' fàs leathann agus trang a seo, nach eil?
Ghia! Agus saillte!
Woah! Phew. Tha na bàtaichean mòra sin a' toirt bathar bho air feadh an t-saoghail a-steach dhan phort. Sin an t-adhbhar a tha Dùn Dè a seo sa chiad àite – shoirbhich leis air sgàth malairt.
ISLA: Taing do dh'Abhainn Tatha a thòisich gu h-àrd anns na beanntan. Tha e cho diofraichte shuas a sin.
Feumaidh slighe-uisge thrang bàta-teasairginn airson daoine a chuideachadh ma bhios èiginn ann.
CONNOR: Gu dearbh. Tha mi taingeil gu bheil iad ann!
Tha tòrr fiadh-bheatha a seo. Tha mathachadh sa ghainmhich agus san eabar, do lusan agus do dh'ainmhidhean beaga, bìodach. Agus tha iad sin math dha na beathaichean as motha.
ISLA: Tha sinn aig beul na h-aibhne!
Siuthad, Connor. Can 'Rinn sinn e'.
CONNOR: Rinn sinn e!
Tha mi mar-thà a' smaoineachadh mun ath tè. Abhainn Nid, Abhainn Fhoirthe, Abhainn Chluaidh, Uisge Spè, Abhainn Thuaidh… ò, dh'fhaodadh sinn a dhol a shreap nam beanntan. Bha mi riamh airson Beinn Nibheis a shreap.
Dè th' ann an abhainn?
- 'S e sgìre-uisge ghluasadach a bhios a' sruthadh bho bunFar am bi abhainn a' tòiseachadh. 'S àbhaist gur ann shuas àrd, 's dòcha air mullach beinne, a bhios sin. a-steach a sgìre-uisge eile, mar a' mhuir, a th' ann an abhainn.
- Tha trì earrannan ann an abhainn: an cùrsa uachdrach, an cùrsa meadhain agus an cùrsa ìochdrach.

Dè tha sa chùrsa ìochdrach?
- Canar an cùrsa ìochdrach ris an earrann mu dheireadh de dh'abhainn. Bidh i a' sruthadh à seo a sgìre-uisge eile mar loch, a' mhuir, cuan no abhainn eile.
- Sa chùrsa ìochdrach, tha cladhanNa tha abhainn a' toirt suas de rùm. An trannsa trom bi uisge na h-aibhne a' gluasad. na h-aibhne domhainn agus leathann agus làn ùisge.
- Tha an cruth-tìre sa chùrsa ìochdrach còmhnard, agus mar sin tha raon-tuileAn sgìre chòmhnard eadar abhainn agus taobhan glinne. leathann aige.
- Nuair a ruigeas abhainn deireadh na slighe, chan eil uiread a neart innte agus bidh an sruthNuair a bhios grabhataidh a' tarraing sruthadh an uisge, agus an t-uisge an uair sin a' gluasad sìos a' bheinn, canar sruth aibhne ris. a' slaodachadh.
- Sa chùrsa ìochdrach, chan eil neart gu leòr aig an uisge airson stuth, leithid gainmheach agus grùid, a ghiùlan agus mar sin bidh an abhainn ga leigeil sìos. Bidh an tasgadhNuair a bhios uisge a' call cumhachd, bidh e a' leigeil sìos an stuth a bha e a' giùlan leithid gainmheach agus grinneal. seo a' cruthachadh fheartan mar eileanan.
- Canar beul-aibhne ris a' phàirt far am bi abhainn a' crìochnachadh agus a' coinneachadh ri sgìre-uisge eile, mar a' mhuir.
Feartan fiosaigeach sa chùrsa ìochdrach
Chì thu eisimpleirean de fheartan a' chùrsa ìochdrach anns na dealbhan.

Image caption, Raointean-tuile
Tha raon-tuile leathann aig cùrsa ìochdrach aibhne. Nuair a tha tòrr uisge no uisge-aiteimh ann, faodaidh abhainn cur thairis. Faodaidh uisge farsaingeachd mhòr dhen raon-tuile a chur fo uisge bhon a tha e cho còmhnard.

Image caption, Eileanan
Tha eileanan, mar Eilean Mhoncrieffe air Abhainn Tatha, air an cruthachadh ann an cùrsa ìochdrach aibhne. Cha bhi an t-uisge a' gluasad cho luath a seo. Mar sin bidh e a' tasgadh gainmheach agus grùid a dh'fhaodas fàs agus eileanan a chruthachadh.

Image caption, Beul-aibhne
'S e beul-aibhne far am bi abhainn a' coinneachadh ri sgìre-uisge eile. San dealbh seo, tha beul Abhainn Nàbhair a' coinneachadh na mara air costa a tuath Alba.
1 of 3
Beatha aig beul-aibhne
Bidh mòran aibhnichean a' sruthadh a-mach gu muir. Faigh a-mach mu bheatha aig beul-aibhne, no inbhir, san taisbeanadh seo.

Image caption, Bàtaichean, puirt agus malairt
Bidh bàtaichean mòra a' giùlan bathar bho air feadh an t-saoghail gu puirt. San àm a dh'fhalbh, shoirbhich le bailtean mar Dùn Dè agus Obar Dheathain (san dealbh) air sgàth malairt nam bàtaichean. Chaidh mòran phuirt bhàtaichean a thogail aig beul aibhnichean agus chanàlan bhon a bha e furasta faighinn gu muir no gu bailtean na b' fhaide shuas an abhainn.

Image caption, Bàtaichean-teasairginn
Faodaidh slighean uisge a bhith cunnartach. Tha feum air bàtaichean-teasairginn airson daoine a chumail sàbhailte agus an cuideachadh ma bhios iad ann an èiginn.

Image caption, Fiadh-bheatha - Biastagan
Tha an talamh mu chuairt beul-aibhne làn mathachaidh a chaidh a thasgadh leis an abhainn. Mar sin, bidh mòran chreutairean beaga, mar maorach agus biastagan, a' fuireach san tràigh agus san làthaich. Ma bhios tu air a' chosta, 's dòcha gum faic thu làraich a dh'fhàg fiolain-raga no lugaichean (san dealbh) am beul na h-aibhne. Bidh iad sin beò anns a' ghainmhich, san eabar agus anns a' ghrùid thorraich.

Image caption, Fiadh-bheatha - Trilleachain
Tha trilleachain air feadh costa Alba. 'S toigh leis na h-eòin seo a bhith ag ithe bhiastagan, srùbain agus feusgain. Bidh iad a' cleachdadh nan goban fada aca airson biadh a lorg anns a' ghainmhich agus anns an làthaich.

Image caption, Fiadh-bheatha - Ròin
Chithear ròin cala glè thric air costa Alba. Bidh iad a' cur seachad a' mhòr-chuid dhen ùine anns an uisge far am bi iad a' sealg iasg a dh'itheas iad. Tha Beul-aibhne Abhainn Tatha 's Eden na Sgìre Glèidhteachais Shònraichte do Ròin Cala. Chaidh a stèidheachadh airson na ròin a tha a' fuireach agus a' briodadh a sin a dhìon.
1 of 5

- an cùrsa ìochdrach - An earrann mu dheireadh de dh'abhainn a bhios a' sruthadh a sgìre-uisge eile mar loch, a' mhuir, cuan no fiù 's abhainn eile. Tha cùrsa ìochdrach aibhne nas slaodaiche agus chan eil uiread de neart ann airson stuth mar ghainmheach no grùid a ghiùlan.
- tasgadh - Nuair nach bi uiread de chumhachd aig an uisge, leigidh e às an stuth a bha e a' giùlan, mar ghainmheach agus grinneal.
- eilean - Fearann a tha air a chuartachadh gu tur le uisge. Thar ùine, bidh abhainn a' leigeil sìos tòrr gainmhich agus grùid. Tòisichidh lusan agus pris a' fàs anns na sgìrean sin agus bidh na freumhaichean aca a' dèanamh an eilein stèidheil.
- raon-tuile - Ma bhios cus uisge ann, bidh an talamh faisg air abhainn a' dol fo thuil. Nuair a thachras seo, bidh an abhainn a' cur thairis air an sgìre mun cuairt. Tha an cruth-tìre mu chuairt a' chùrsa ìochdrach còmhnard agus nas buailtiche a bhith fo thuil.
- beul-aibhne - Far a bheil abhainn a' coinneachadh ris a' mhuir, cuan no loch. Bidh an abhainn a' tasgadh tòrr dhen ghrinneal, gainmheach, eabar agus crèadh a bha i a' giùlan aig beul na h-aibhne.
- port - Àite sa bheil bàtaichean air an luchdachadh 's air am falamhachadh. Seo far am faigh daoine agus cargu a dhol eadar muir agus tìr.
- cala - Àite sàbhailte far am faod bàtaichean docadh.
Feuch na ceistean goirid seo mun chùrsa ìochdrach.

Sgrìobh faidhle fiosrachaidh mu phort no cala faisg ort.
'S e aithisg ghoirid a th' ann am faidhle fiosrachaidh. Bidh am fiosrachadh as cudromaiche mu aon chuspair ann. Faodaidh gur e nì, àite no fiù 's cuideigin an cuspair a bhios ann.
Seo eisimpleirean de phuirt 's de chalachan ann an Alba: Obar Dheathain, Glaschu, Grianaig, Lìte agus Dùn Dè.
Taic airson aithisg a sgrìobhadh:
- Mus sgrìobh thu faidhle fiosrachaidh, tha e cudromach gun rannsaich thu an cuspair. Dèan notaichean rianail mar ullachadh airson am faidhle fiosrachaidh deireannach a sgrìobhadh.
- Nuair a tha thu deiseil airson am faidhle fiosrachaidh a sgrìobhadh, tòisich le tiotal mòr soilleir.
- Sgrìobh ro-ràdh goirid airson innse dhan leughadair cò mu dheidhinn a tha thu a' sgrìobhadh.
- Cuir am fiosrachadh ann an òrdugh le fo-thiotalan.
- A' cleachdadh an rannsachaidh a rinn thu, sgrìobh paragrafan soilleir mionaideach fo gach fo-thiotal.
- Cuir ann dealbhan airson am faidhle a dhèanamh nas inntinniche.
- Bu chòir cànan foirmeil a bhith san fhaidhle agus cha bu chòir do bheachdan-sa a bhith ann.
Ma dh'fheumas tu tuilleadh cuideachaidh a' sgrìobhadh na faidhle fiosrachaidh, gheibh thu barrachd fiosrachaidh a seo: Mar a sgrìobhas tu aithisg
More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count3 of 24

- count4 of 24
