Cleachdadh-fearainn anns a' Ghaidhealtachd
Faodaidh diofar bhuidhnean dhaoine an aon uimhir de dh'fhearann a chleachdadh airson diofar adhbharan. Tha e ag obrachadh nas fheàrr nuair a tha daoine a' smaoineachadh air daoine eile, air an fhiadh-bheatha agus air an àrainneachd, ach chan eil seo an-còmhnaidh cho furasta sin.
San artaigil seo, gheibh thu a-mach mu:
- na diofar sheòrsaichean cleachdadh-fearainn agus na duilgheadasan a dh'fhaodadh èirigh
- còd ciallach do luchd-coiseachd agus luchd-tadhail ann an sgìrean fo dhìon
- turasachd linn Bhictòria air a' Ghàidhealtachd agus an dìleab aig a sin
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd do C5, C6 agus C7 –An Dara Ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Cleachdadh-fearainn ann an Gleann Feisidh
Thig còmhla ri Isla agus Connor air chuairt tro Ghleann Feisidh, far a bheil iad a' faighinn a-mach mar a tha diofar obraichean dhaoine a' toirt buaidh orra uile agus air an dealbh-tìre.
ISLA: Bha mi ag iarraidh coiseachd tro Ghleann Feisidh o chionn fhada.
CONNOR: Mo chreach mhòr, chan eil sgeul air a' cheum!
Faodaidh fearann a bhith air a bhleith le deigh, uisge, gaoth agus cuideachd le daoine.
Chaidh an ceum seo a bhleith le Abhainn Feisidh.
ISLA: Tha an ceum a' toirt air daoine cumail a' leantainn aon shlighe.
Nuair a tha sinn a-muigh air an dùthaich, bu chòir dhuinn a bhith mothachail air na duilgheadasan àrainneachdail a dh'fhaodamaid adhbharachadh.
Faodaidh fiù 's coiseachd an ùir a bhleith, dragh a chur air fiadh-bheatha, lusan ùra a stampadh agus truailleadh adhbharachadh ma leagas sinn càil air an talamh no ma dh'fhàgas sinn sgudal.
CONNOR: Feumaidh sinn ma tha a bhith faiceallach nuair a dh'fhàgas sinn an ceum.
Gu fortanach, faodaidh sinn a dhol mun cuairt a' mhaoim-slèibhe agus a dhol air ais air a' cheum.
Ò seall! Fèidh ruadh.
ISLA: Nach eil iad àlainn! Ach faodaidh na fèidh a bhith nan dragh air a' Ghàidhealtachd.
Tha fèidh air a bhith ann an Alba o chionn nam mìltean bhliadhnaichean.
Ach tha an àireamh air a dhol suas gu mòr o linn Bhictòria.
Tha sin air sgàth 's gun do thòisich daoine a' sealg fhèidh mar spòrs san 19mh linn agus dh'fhàs e na ghnìomhachas mòr.
Chaidh an àireamh a chumail mòr airson barrachd airgid a thoirt a-steach.
Ach nuair a tha àireamh mhòr fhèidh ag ionaltradh, faodaidh iad craobhan òga ann an coilltean a rùsgadh agus an eag-shiostam agus an dreach-tìre a mhilleadh.
CONNOR: Ach dè a' ghnothach a tha aig àireamh nam fiadh ri ceuman coiseachd?
ISLA: Faodaidh fèidh bacadh a chur air craobhan bho fhàs, agus ma tha nas lugha de chraobhan ann, chan eil uiread a dhìon tro fhasgadh aig na ceuman bho bhleith.
CONNOR: Ach tha bleith nàdarra, nach eil?
ISLA: Tha, ach faodaidh a' bhleith a bhi nas miosa air sgàth obair dhaoine.
Far a bheil craobhan, bidh na freumhaichean aca a' cumail na h-ùir ri chèile. Agus bidh craobhan agus lusan eile a' sùghadh uisge agus, mar sin, cha bhi uisge no aibhnichean a' sruthadh cho luath no cho bras.
Far an do leag daoine craobhan airson fiodh, no airson talamh a ghlanadh airson àiteachas, no far an robh daoine a' brosnachadh tòrr fhèidh, tha an talamh nas fhosgailte ris an t-sìde.
Faodaidh uisge trom an ùir a sguabadh air falbh, agus faodaidh aibhnichean fàs nas motha agus nas luaithe gu h-obann, a' bleith an talaimh ris na bruaichean.
Faodaidh fiù 's caitheamh àbhaisteach air sgàth luchd-coiseachd cur ris a' bhleith.
Sin as coireach gu bheil an ceum a seo, airson stad a chur air daoine bho bhith a' milleadh an dreach-tìre a thàinig iad a dh'fhaicinn.
CONNOR: Mar sin faodaidh buaidh mhaireannach a bhith aig na diofar dhòighean anns am bi daoine a' cleachdadh an fhearainn.
A seo ann an Gleann Feisidh, chaidh àireamh nam fiadh a bheagachadh airson gum bi cothrom aig craobhan agus lusan eile air fàs.
Seall a siud, tha coltas air na craobhan ùra sin gu bheil iad a' dèanamh gu math.
ISLA: Tha sin air sgàth 's pròiseact mòr ath-fhiadhachaidh a tha airson na craobhan a thoirt air ais.
'S e oidhirp glèidhteachais a th' ann an ath-fhiadhachadh gus pròiseasan nàdarra agus sgìrean fiadhaich ath-nuadhachadh agus a dhìon.
CONNOR: Agus tha a h-uile duine toilichte?
ISLA: Chan eil e cho sìmplidh sin.
Dh'fhaodadh gu bheil ath-fhiadhachadh math do ghnèithean dùthchasach agus do luchd-coiseachd, ach dh'fhaodadh beagachadh ann an àireamh fhèidh a bhith a' ciallachadh nas lugha de dh'airgead dha na h-oighreachdan spòrs. Agus ma thèid fearann ath-fhiadhachadh, cha ghabh a chleachdadh airson tuathanas no fiodh, agus dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh nas lugha de dh'airgead agus de dh'obraichean san eaconamaidh ionadail.
Tha tòrr dhiofar bheachdan aig daoine air mar a ghabhadh am fearann a chleachdadh, ach glè thric tha còmhstri eadar na beachdan sin.
Chan eil aon fhreagairt ann a dh'obraicheas dhan h-uile duine.
Bothan Ruigh Aiteachain.
CONNOR: Mar as trice 's e seann taighean no seann hutaichean a tha anns na bothain. Bidh daoine gan cleachdadh nuair a tha iad a' siubhal ann an sgìrean anns nach eil mòran sluaigh ma dh'fheumas iad stad airson fois a ghabhail.
Faodaidh tu teine a chur air airson do bhlàthachadh no biadh a bhruich, agus faodaidh tu fuireach fad na h-oidhche fhad 's a leanas tu Riaghailtean nam Bothan:
Thoir spèis do dhaoine eile
Thoir spèis dhan bhothan
Thoir spèis dhan àrainneachd
Thoir spèis dhan aonta còmhla ris an oighreachd, agus thoir spèis dhan bhacadh air àireamhan
Ann an Alba, tha cead an raoin aig a h-uile duine fon lagh, rud a tha math, ach faodaidh barrachd buaidh na shaoileas tu a bhith aig dìreach cuairt anns na beanntan air an fhearann.
ISLA: Ceart.
Bi mothachail air a' bhuaidh agad air àite.
Cleachd map.
Cùm ris na ceuman.
Thoir spèis do luchd-cleachdaidh-fearainn eile.
Thoir do sgudal dhachaigh leat.
Agus thoir leat paidhir stocainnean tioram gach turas.
Càite bheil Gleann Feisidh?
'S e oighreachd spòrs air iomall Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a th' ann an Gleann Feisidh.
Tha e a' tarraing luchd-tadhail air sgàth bòidhchead nàdair, agus spòrs dùthchail air a' bhlàr a-muigh mar sealg agus iasgach. Faodaidh luchd-tadhail teachd-a-steach a thoirt dhan sgìre oir bidh iad a' toirt airgead leotha airson a chosg, ach faodaidh duilgheadasan a bhith ann nuair a tha diofar bhuidhnean dhaoine airson an aon phìos fearainn a chleachdadh.
Seo eisimpleirean de na dh'fhaodadh luchd-tadhail ann an sgìre mar Gleann Feisidh a dhèanamh.

Image caption, Sùil air an dealbh-tìre
Tha coiseachd, sreap agus saidhcleadh a' còrdadh ri daoine ann an sgìrean dùthchail. Tha luchd-tadhail cudromach dhan sgìre ionadail oir bidh iad a' toirt airgead a-steach, ach faodaidh iad cuideachd buaidh a thoirt air an dealbh-tìre. Faodaidh ceuman-coiseachd agus slighean eile caitheamh air sgàth luchd-coiseachd agus luchd-saidhclidh, agus faodaidh sin buaidh a thoirt air beatha nan lusan mun cuairt. (Jon Sparks/Alamy Stock Photo)

Image caption, Bothain
'S e àitichean a th' ann am bothain far an urrainn luchd-coiseachd nam beann agus luchd-tadhail fasgadh a ghabhail, no fiù 's fuireach airson oidhche. Tha e cudromach gun lean a h-uile duine a thadhaileas air bothan Còd na Dùthcha – gum bi spèis aca do dhaoine eile, spèis dhan bhothan, spèis dhan àrainn mun cuairt, spèis dhan aonta ris an oighreachd agus spèis dhan bhacadh air àireamhan (mar as trice buidhnean gun barrachd air sianar). (GFC Collection / Alamy Stock Photo)

Image caption, Spòrs air an dùthaich
Tha oighreachdan spòrs, mar an tè aig Gleann Feisidh, a' tàladh dhaoine a tha measail air spòrs dùthchail mar iasgach slait, sealg chearcan-fraoich agus stalcaireachd fèidh (gan sealg agus gam marbhadh). Tha cuid de dhaoine a' toirt taic do spòrs mar sin oir faodaidh iad luchd-tadhail, airgead agus obraichean a thoirt do sgìre. Tha cuid eile nan aghaidh agus dhen bheachd gu bheil iad borb. (MediaWorldImages/Alamy Stock Photo)

Image caption, A' coimhead fiadh-bheatha
A bharrachd air luchd-coiseachd agus luchd nam baidhsagalan a bhios a' tighinn airson gum meal iad an dealbh-tìre, bidh daoine a tha measail air fiadh-bheatha agus nàdar cuideachd a' tadhal air sgìrean mar Gleann Feisidh, uaireannan le prosbaig no camarathan airson gum faic iad na h-eòin agus na beathaichean as fheàrr leotha. Bhon a tha iomadh gnè tearc anns an sgìre, tha seo na chothrom fìor mhath do luchd-tadhail feuchainn ri iolairean, cait-fhiadhaich, tarmachain, taghain agus beathaichean eile fhaicinn anns an àrainn nàdarra aca. (John Bentley/Alamy Stock Photo)
1 of 4
Dè a th' ann an còir air fàrsan?
Ann an Alba, tha 'a' chòir air fàrsan' aig daoine. Tha seo a' ciallachadh gum faod iad an tìr a rannsachadh gun chead bho uachdaran an fhearainn, fhad 's a tha iad gan giùlan fhèin gu math. Tha trì prionnsapalan sìmplidh ann an Còd Slighean na h-Alba airson a bhith cùramach ann a bhith a' faighinn toileachas a-muigh:
- A' toirt spèis do dh'ùidhean dhaoine eile
- Cùram dhan àrainneachd
- A' gabhail uallach airson na nì thu fhèin
Feumaidh manaidsearan fearainn cuideachd na prionnsapalan seo a leantainn airson a bhith cinnteach gum faigh daoine toileachas air a' bhlàr a-muigh gu sàbhailte.
Bhictòrianaich agus luchd-tadhail
Dh'fhàs daoine measail air a' Ghàidhealtachd mar cheann-uidhe do luchd-turais ann an Linn na Banrigh Bhictòria. 'S dòcha gun robh na seallaidhean ‘gun mhilleadh' a bha luchd-turais an dùil fhaicinn brèagha airson coimhead orra, ach bha iad cuideachd nam fianais air Fuadach nan Gàidheal nuair a chaidh teaghlaichean fhuadach às an dachaighean airson àite a dhèanamh do chaoraich no fèidh.

'S e dealbh ainmeil leis an neach-ealain Sir Edwin Landseer a th' ann am 'Monarch of the Glen'. Tha e a' sealltainn damh ruadh air fearann falamh agus tha cuid dhen bheachd gu bheil an dealbh-tìre stèidhichte air Gleann Feisidh.
Tha an dealbh co-cheangailte ri sealladh romantaigeach dhen Ghàidhealtachd. Tha seo a' ciallachadh gu bheil daoine a chì an dealbh no a thadhaileas air a' Ghàidhealtachd dhen bheachd gu bheil an dealbh-tìre na fhàsach nàdarra. Ach tha a' mhòr-chuid dhen dealbh-tìre a chì sinn ann an Alba an-diugh mar thoradh air obair dhaoine, mar eisimpleir a' leagail choilltean, tuathanachas agus turasachd.
Tha an dealbh a' sealltainn bòidhchead nàdair, gun a bhith a' sealltainn càil eile mu fhìor bheatha anns an sgìre.
Agus seo aon adhbhar airson 's gu bheil feum air stiùireadh soilleir mar Còd Slighean Dùthchail na h-Alba. Tha e a' cuimhneachadh do luchd-tadhail gu bheil daoine a' fuireach agus ag obair air feadh an deilbh-tìre seo, agus tha e ag innse dhuinn mar a bheir sinn spèis dhan dealbh-tìre agus dha na daoine.

Fiadh-bheatha agus lusan
'S e cùis chudromach a th' ann an glèidhteachasDìon na h-àrainneachd nàdarra. agus manaidseadh fiadh-bheatha ann an àiteachan mar Gleann Feisidh. Tha an sgìre na àrainnFar am bi lus no beathach a' fuireach. do chòrr is 5,000 eun is beathach le mu 1,000 dhiubh air am meas 'tearc gu nàiseanta' no 'gann'.
Cuin a thòisich ath-fhiadhachadh Ghleann Feisidh?
Tràth anns an 19mh Linn, dh'fhàs stalcaireachd ann an Gleann Feisidh gu bhith na chur-seachad cudromach air oighreachdan spòrs. Chàidh àireamhan an fhèidh a chumail àrd gu mì-nàdarra airson luchd-tadhail a thàladh gu stalcaireachd agus sealg an fhèidh.
Ach chuir àireamhan an fhèidh bacadh air lusan òg bho thighinn air adhart agus chuir sin stad air a' choille bho fhàs. Ann an 2004, chaidh àireamh mhòr de dh'fhèidh a tanachadh. Bheagaich seo an àireamh de dh'fhèidh agus thug e cothrom dha na lusan sin fàs.
Canar ath-fhiadhachadhGnìomhan airson àrainnean nàdarra a thilleadh dhan staid thùsail aca. ris a' phròiseas a tha a' leigeil le lusan dùthchasach fàs, no nuair a tha lusan dùthchasach air an cur a dh'aon ghnothaich.
Tha diofar bheachdan ann mu ath-fhiadhachadh:
- Tha cuid de dhaoine ag iarraidh sgìrean mar Gleann Feisidh ath-fhiadhachadh airson gum bi àrainn shàbhailte ann do lusan dùthchasach agus do bheathaichean.
- Tha cuid a' cumail a-mach gun cuidich cur barrachd choilltean le beagachadh carbon anns an àile agus gun cuidich e a' cur bacadh air atharrachadh na gnàth-shìde.
- Tha cuid eile dhen bheachd gu bheil ath-fhiadhachadh a' ciallachadh nach bi uiread de dh'fhearann ann airson tuathanachas no gum bi sgìrean ath-fhiadhaichte air an dùnadh dheth bho luchd-tadhail agus a' toirt air falbh an ‘còir air fàrsan'.
- Tha cuid mì-thoilichte gu bheil fèidh gam marbhadh mar phàirt dhen phròiseas seo.
Tha an deasbad fhathast a' dol air adhart mun dòigh as fheàrr air an àrainn lusan is fhiadh-bheatha chudromach seo a mhanaidseadh.

Image caption, Àireamhan fhèidh
Chaidh àireamhan nam fiadh a chumail àrd fad bhliadhnaichean airson luchd-tadhail a bhrosnachadh gu bhith a' coimhead airson fiadh-bheatha agus airson stalcaireachd. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, chaidh tanachadh a dhèanamh air àireamh mhòr de dh'fhèidh agus leig sin le craobhan dùthchasach agus lusan fàs. Tha fhathast iomadh gnè fèidh anns a' ghleann. (Angus McComiskey/Alamy Stock Photo)

Image caption, Capall-coille
'S e an capall-coille aon dhe na gnè eòin as motha a tha ann an cunnart anns an RA. Thathar a' meas gu bheil nas lugha na 1000 dhiubh air fhàgail a-muigh air an tìr. Tha còrr is 80% dhiubh sin ann an sgìre Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. (Tim Oliver/Alamy Stock Photo)

Image caption, Coilltean dùthchasach
Tha pàirt dhen t-seann Choille Chailleannach – coille-ghiuthais dhùthchasach – ann an Gleann Feisidh. Tha gnèithean dùthchasach mar an taghan agus an capall-coille ann an coilltean-giuthais. Mar sin, nuair a chaidh leigeil leis a' choille fàs a-rithist, thug seo àrainn fhallain na bu mhotha dha na h-eòin agus dha na beathaichean seo. Bho thòisich am pròiseas ath-fhiadhachaidh, tha pris aitinn agus fraoich a' fàs a seo a-rithist. (Marieke Peche/Alamy Stock Photo)
1 of 3

tanachadh – nuair a thèid beathaichean a mharbhadh airson an àireamh aca a chumail fo smachd
glèidhteachas – dìon ghnèithean no àrainn nàdarra
coille – sgìre mhòr air a còmhdach san fharsaingeachd le craobhan agus pris
ath-fhiadhachadh – pròiseas a bhios a' leigeil le lusan dùthchasach fàs a-rithist ann an sgìre, uaireannan le bhith a' tanachadh bheathaichean
stalcaireachd an fhèidh – spòrs dùthchail anns a bheil daoine a' leantainn agus a' sealg fhèidh fhiadhaich
oighreachd – sgìre mhòr fearainn a tha le aon neach no companaidh. Bidh taigh mòr am badeigin air fearann mòran oighreachdan
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean
Dùbhlan

Ciamar as urrainn diofar bhuidhnean an aon àite a cho-roinn?
Smaoinich air àite air a cho-roinn anns a' choimhearsnachd agad – pàirce, talla no àite sam bith eile anns am bi daoine a' cruinneachadh.
An smaoinich thu air trì buidhnean a dh'fhaodadh an t-àite a chleachdadh airson diofar adhbharan?Smaoinich air dè tha iad airson fhaighinn a-mach às an àite seo. Ciamar a dh'fhaodadh seo a bhith diofraichte bho dhaoine eile?
Feuch ri smaoineachadh air fuasgladh a dh'fhàgas a h-uile duine toilichte a bhith a' cleachdadh an àite.
Saor-làithean agus cur-seachad ann an Alba ann an linn Bhictòria
Faigh a-mach barrachd mu dheidhinn mar a rinn na Bhictòrianaich saor-làithean còrdte.

More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count3 of 24

- count4 of 24
