Obar Dheathain agus Slighe Taobh Dè
'S e Obar Dheathain an treas baile as motha ann an Alba. 'S ann ann a tha gnìomhachas na h-ola agus a' ghas stèidhichte, ach tha e a' gluasad gu bhith a' leasachadh lùth nas glaine.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
dè th' ann an Slighe Taobh Dè
mar a dh'fhàs agus a dh'atharraich Obar Dheathain
mu ghnìomhachas na h-ola, a' ghas agus lùth ath-nuadhachail
mu sgrìrean bailteil, iomall-bhailteil agus dùthchail
mu phàircean poblach Alba
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd do C5, C6 agus C7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Bhidio - Obar Dheathain agus Slighe Taobh Dè
Coimhead Isla agus Connor a' gabhail cuairt air Slighe Taobh Dè agus faigh a-mach mar a tha Obar Dheathain air atharrachadh thar nan 900 bliadhna a dh'fhalbh.
CONNOR: Seall na tha siud de bhàtaichean aig Cala Obar Dheathain aig beul Uisge Dè.
ISLA: Tha, tha an cala trang seo air buaidh a thoirt air a' bhaile o chionn faisg air 900 bliadhna!
Anns 12mh linn thòisich Obar Dheathain mar phort malairt.
Ann am meadhan nan 1800an bha còrr is 200 bàt'-iasgaich stèidhichte a seo.
Bha gnìomhachas mòr ann uaireigin cuideachd a' togail bhàtaichean.
Anns na 1960an, chaidh ola agus gas a lorg anns a chreig fo ghrunnd a Chuain a Tuath.
Bhon uair sin 's e drileadh airson ola agus gas fear dhe na gnìomhachasan as motha a tha air a bhith ann an Obar Dheathain.
Bidh daoine ag obrachadh chrainn ola agus gas, clàran mòra a-muigh aig muir a bhios a' drileadh a-steach a stòr-amaran shìos domhainn fon mhuir.
Tha na connaidhean-fosail sin gan toirt a-mach le bhith gam pumpadh chun an uachdair airson an giullachd nan connaidhean as urrainn dhuinn a chleachdadh.
CONNOR: Ach bidh connaidhean-fosail a' leigeil carbon mu sgaoil dhan àile nuair a thèid an losgadh, agus bidh sin a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.
Tha mòran dhaoine airson gum bi bailtean agus mòr-bhailtean, a chaidh a thogail air sgàth gnìomhachas na h-ola is a' ghas, a' cur am fòcas air lùth ath-nuadhachail, uaine an àite sin.
ISLA: Tha leasachadh ùr air a' chala, Sòn Eadar-ghluasad an Lùtha, a bhios a' fòcasadh air barrachd lùth ath-nuadhachail.
CONNOR: Cha chreid mi nach ionnsaich sinn tòrr mu dheidhinn mar a tha Obar Dheathain air atharrachadh ma choisicheas sinn air Slighe Taobh Dè, a' leantainn Uisge Dè suas tron bhaile.
ISLA: Seo agad e, Slighe Taobh Dè, slighe do luchd-coiseachd agus do luchd-bhaidhsagalan, a tha a' tòiseachadh a seo airson 41 mìle eadar Obar Dheathain agus Bealadair ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
CONNOR: Tha sinn ann am Pàirce Duthie, àite sìtheil, uaine anns a' bhaile.
Bidh mòr-bhailtean a' tighinn air adhart nuair a bhios gnìomhachas a' fàs timcheall àite, mar cala Obar Dheathain.
Bhon a bhios mòran dhaoine a' tighinn a dh'obair anns na gnìomhachasan sin, tha e ciallach dhaibh fuireach faisg air làimh. Mar sin bidh taigheadas ga thogail cuideachd agus bidh am baile a' fàs nas motha buileach.
Faodaidh meadhan bhailtean lìonadh le cus dhaoine agus gnìomhachas agus a bhith air an truailleadh. Mar sin tha àite mar Pàirce Duthie uabhasach cudromach airson treiseag fois air falbh bhon sin, agus tha e math do dheagh shlàinte inntinn, airson spòrs, agus airson fiadh-bheatha agus nàdar.
Tha a' phàirce a' dol air ais gu linn Bhictòria.
Fiù 's an uair sin bha daoine a' tuigsinn cho cudromach 's a bha àite uaine.
ISLA: Chì thu an diofar air map eadar na sgìrean bailteil, sin na sgìrean togte, trang, na h-iomall-bhailtean, an sgìre a tha nas sgaoilte, agus le taighean sa chuid as motha dhith, mu chuairt a' mhòr-bhaile. Agus an uair sin an sgìre dhùthchail, an dùthaich fhosgailte le nas lugha de thogalaichean.
Seall mar a tha na rathaidean a' sgaoileadh a-mach coltach ri fana bhon chala.
Chleachd loidhne rèile a bhith a' toirt dhaoine air ais 's air adhart dhan bhaile.
Tha cuid de Shlighe Taobh Dè a' cleachdadh seann loidhne rèile Taobh Dè.
Tha i còmhnard agus math fhèin do luchd-coiseachd agus do luchd-bhaidhsagalan. Mar sin faodaidh daoine fhathast a cleachdadh airson a dhol a dh'obair dhan bhaile.
CONNOR: Bidh ceuman math a' brosnachadh dhaoine gu bhith a' coiseachd no a' saidhcleadh. Faodaidh seo truailleadh agus cus trafaig a bheagachadh agus meadhan a' bhaile a dhèanamh nas sàbhailte.
Tha sin math a thaobh Obar Dheathain a bhith uaine san àm ri teachd.
Tha sinn ann am Milltimber, iomall-baile de dh'Obar Dheathain.
ISLA: Tha e a' faireachdainn gu tur eadar-dhealaichte. 'S e sgìre-chòmhnaidh a tha sa chuid as motha dheth, taighean agus flataichean, agus tha a h-uile sìon nas sgaoilte.
CONNOR Bhon a bhiodh cus dhaoine ann am meadhan nam bailtean, bhiodh daoine aig an robh airgead gu leòr a' gluasad a-mach às a' mheadhan agus dha na h-iomall-bhailtean. Mar sin, bidh iomall-bhailtean a' fàs agus a' sgaoileadh mu chuairt iomall-a-muigh a' bhaile.
Bidh mòran dhaoine a' fuireach anns na h-iomall-bhailtean agus a' siubhal a-steach dhan bhaile a dh'obair.
Canar coimiutadh ris a sin.
ISLA: Agus bidh slighean mar Slighe Taobh Dè a' cuideachadh le bhith a' ceangal an iomall-bhaile ri meadhan a' bhaile.
Chan ann a-mhàin airson obair, ach airson iomadh seòrsa bùtha agus seirbheis.
Tha Obar Dheathain làn thaighean-tasgaidh is ghaileiridhean, biadh math, taighean-dhealbh agus eachdraidh iongantach.
Tha mòr-bhailtean nan àitichean airson spòrs agus cultar a bharrachd air gnothachas.
CONNOR: Agus faodaidh sinn slighean a chleachdadh mar Slighe Taobh Dè airson coiseachd no saidhcleadh bho a-muigh air an dùthaich a-steach a theis-meadhan sin.
A' chuid as fheàrr dhen dà chuid!
ISLA: An tèid sinn air ais a-nis airson beagan dhen spòrs agus dhen bhiadh mhath sin?
CONNOR: Thèid. Thugainn!
Dè th' ann an Slighe Taobh Dè?
'S e ceum 41 mìle a dh'fhaid, a tha a' ceangal Obar Dheathain agus Bealadair, a th' ann an Slighe Taobh Dè. 'S e slighe sgoinneil a th' ann do luchd-coiseachd agus do luchd-bhaidhsagalan.
Tha Slighe Taobh Dè a' leantainn slighe seann Rèile Rìoghail Taobh Dè. Tha e mar sin air leth bho rathaidean agus bho thrafaig agus tha an caisead socair a' ciallachadh gu bheil e a' freagairt air comasan a h-uile duine.
Ciamar a tha Obar Dheathain air fàs agus atharrachadh?
Dè na gnìomhachasan lùth a th' ann an Obar Dheathain?

Tha buaidh mhòr, mhòr aig gnìomhachas na h-ola is a' ghas air Obar Dheathain.
Deireadh nan 1960an, chaidh ola agus gas a lorg fo ghrunnd a' Chuain a Tuath. Thòisich an ola a' sruthadh a-steach a dh'Alba ann an 1975. Stèidhich companaidhean ola iad fhèin ann an Obar Dheathain agus b' e cala Obar Dheathain an uair sin am prìomh phort a bha anns an Roinn Eòrpa a bha a' toirt taic agus goireasan dha na crainn-ola a bha anns a' Chuan a Tuath.
Bho timcheall air 2000, chan eil uiread de dh'ola air a bhith a' tighinn às a' Chuan a Tuath. Theirig an ola agus an gas a bha anns an uisge nach robh cho domhainn. Mar sin, feumaidh companaidhean drileadh fo phàirtean nas doimhne dhen Chuan a Tuath. Tha seo nas dorra a dhèanamh agus nas daoire.


'S e connaidhean-fosail a th' ann an ola agus ann an gas agus bidh iad a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde. Tha Alba a' gluasad gu stòran-lùth nas glaine.
Tha companaidhean agus luchd-obrach ann an Obar Dheathain a tha a' gluasad gu bhith a' gintinn lùth ath-nuadhachail. Tha togail agus ruith thuathan-gaoithe far-thìr a' cleachdadh mòran dhe na sgilean a tha a' cumail taic ri crainn ola agus gas.
Tha tuath-gaoithe Bàgh Obar Dheathain dìreach far cladach Obar Dheathain agus tha e a' cuideachadh le bhith a' gintinn pàirt de lùth ath-nuadhachail Alba.
Faigh a-mach barrachd mu lùth ath-nuadhachail agus neo-ath-nuadhachail.

Pàircean poblach Alba
Tha tòrr àitichean gorm, poblach ann am bailtean is ann am mòr-bhailtean Alba. Chaidh mòran dhiubh a chruthachadh ann an linn Bhictòria agus thug iad àitichean a-muigh a bhiodh tlachdmhor do dhaoine anns na mòr-bhailtean a bha làn dhaoine.
An-diugh, tha na pàircean sin fhathast a' dèanamh obair chudromach – tha iad math airson deagh shlàinte-inntinn, toileachas, fiadh-bheatha agus nàdar. Thoir sùil air an taisbeanadh agus gheibh thu a-mach barrachd mu phàircean poblach ann an Alba.
Ionnsaich barrachd mu mar a dh’atharraich Alba ri linn Bhictòria an seo: Mar a dh'atharraich Alba ann an Linn Bhictòria

Image caption, Pàirce Duthie, Obar Dheathain
Chaidh Pàirce Duthie fhosgladh ann an 1883 an dèidh dha Elizabeth Crombie Duthie a thoirt dhan bhaile mar thiodhlac ann an 1880 airson 'sunnd agus cur-seachad do mhuinntir Obar Dheathain.' (Anastasia Yakovleva / Alamy Stock Photo)

Image caption, Glasgow Green
Tha iomadh pàirce phoblach ann an Glaschu ach tha Pàirce Glasgow Green air tè dhen fheadhainn as sine. Chaidh a toirt do mhuinntir Ghlaschu mar thiodhlac ann an 1450 leis an Easbaig Turnbull. Thòisich i mar àite airson nigheadaireachd, tioramachadh lìn-iasgaich agus gealachadh anairt. Chaidh a h-atharrachadh anns na h-1800an, agus bidh a-nis tachartasan mòra innte leithid chonsairtean, cleasan-teine agus spòrs. (James Edmond / Alamy Stock Photo)

Image caption, Gàrradh Sràid a' Phrionnsa, Dùn Èideann
Tha Gàrradh Sràid a' Phrionnsa anns an t-srath eadar seann bhaile agus baile ùr Dhùn Èideann. Chleachd loch a bhith an seo a rinn daoine agus bhiodh daoine a' cur an sgudail aca innte. Chaidh an loch a dhrèanadh anns na 1760an agus chaidh pàirce a chur na h-àite. Tha sin gu math nas fheàrr! (imageBROKER / Alamy Stock Photo)

Image caption, An Innis a Deas, Peairt
Chaidh dà sgìre pàirce, An Innis a Deas agus An Innis a Tuath, a thoirt do bhaile Pheairt leis an Rìgh Raibeart II anns a' 14mh Linn. Tha pidsichean, pàirce spèilidh agus pàirce chluiche anns an Innis a Deas. Gach bliadhna, 's ann a seo a bhios Geamannan Gàidhealach agus Fèill Pheairt. (Navin Mistry / Alamy Stock Photo)
1 of 4
Sgìrean bailteil, iomall-bhailteil agus dùthchail
Tha còrr is trian de mhuinntir Alba a' fuireach ann am mòr-bhailtean no ann am bailtean. Tha a h-uile mòr-bhaile agus an sgìre mun cuairt orra eadar-dhealaichte, ach gabhaidh a' mhòr-chuid dhiubh a roinn ann an trì seòrsachan sgìrean:
- bailteil
- iomall-bhailteil
- dùthchail
Bailteil
Canar gu bheil mòr-bhailtean agus bailtean mòra bailteil.
Glè thric bidh meadhan trang le gnothachasan nas motha, bùithtean agus oifisean ann an sgìrean bailteil, agus àitichean mar taighean-dhealbh, taighean-bìdh no taighean-tasgaidh. Bidh iad sin glè thric ann an togalaichean nas àirde bhon a tha rùm gann. Faodaidh sràidean fàs trang le trafaig bhon a tha mòran a’ tighinn a dh’obair no a thadhal air meadhan a’ bhaile no a’ mhòr-bhaile.
Faodaidh rùm airson thaighean a bhith gann ann an sgìrean bailteil cuideachd. Mar sin, bidh cuid a’ fuireach ann am flataichean, ann an teanamaintean no ann an taighean-barraide a tha air an togail faisg air a chèile le gàrraidhean beaga.
Iomall-bhailteil
Bidh sgìrean iomall-bhailteil a' fàs mun cuairt mhòr-bhailtean is bailtean mòra. 'S àbhaist gum bi bùithtean annta, oifisean agus gnothachasan eile, ach 's e taighean a th' air a' chuid as motha dhen talamh. 'S e togalaichean nas ìsle a bhios annta sin mar as trice agus tha iad nas sgapte, le gàrraidhean nas motha, barrachd àite gorm agus sràidean nas sàmhaiche.
Bidh ionadan-bhùithtean agus supermarcaitean cuideachd anns na h-iomall-bhailtean agus tha e nas fhasa do dhaoine dràibheadh thuca seach a mheadhan a' bhaile.
Dùthchail
Tha sgìrean dùthchail a' ciallachadh gu bheil iad air an dùthaich. Tha a' mhòr-chuid dhen talamh na àite fosgailte, agus 's dòcha gur e talamh tuathanais a bhios ann, coille no àitichean fiadhaich.
Bidh daoine ann an sgìrean dùthchail glè thric a' fuireach ann an clachain no ann am bailtean beaga. Faisg air mòr-bhailtean, 's dòcha gur e bailtean choimiutairean a bhios an sin – bidh daoine a' fuireach a seo ach a' siubhal dhan mhòr-bhaile airson obair no airson nam bùithean agus nan seirbheisean.
Tha gnothachasan ann an sgìrean dùthchail a' gabhail a-steach nan tuathanasan agus bùithtean agus seirbheisean ionadail ann am bailtean agus ann am bailtean beaga. Uaireannan bidh gnothachasan nas motha annta mar factaraidhean no taighean-stòraidh a gheibh air barrachd rùm a thoirt suas air fearann nas saoire.

connaidhean-fosail - Chaidh connaidhean-fosail a chruthachadh thar nam milleanan bhliadhnaichean bho fhuigheall bheathaichean is lusan marbh. Chaidh iad sin a thiodhlacadh fon talamh agus dh'atharraich bruthadh agus teas iad gu bhith nan ola, gas agus gual.
lùth ath-nuadhachail - Seòrsachan lùth nach teirig, mar lùth na gaoithe, lùth nan tonn, lùth an làin agus lùth na grèine.
atharrachadh na gnàth-shìde - An t-atharrachadh anns an t-sìde àbhaisteach (teòthachd, gaoth, sileadh-uisge msaa) air an Talamh thar ùine mhòr. Tha a' ghnàth-shìde air atharrachadh fad eachdraidh na Talmhainn, ach tha an t-atharrachadh sa ghnàth-shìde a th' ann an-dràsta mu dheidhinn teòthachd na cruinne a bhith a' dol suas.
dùthchail - Air no bhon dùthaich seach ann am mòr-bhaile no baile.
iomall-bhailteil - Ann no bho sgìre mun cuairt taobh a-muigh mòr-bhaile.
bailteil - Ann no bho mhòr-bhaile no baile mòr.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean
Dùbhlan

Lorg sgìrean bailteil, dùthchail agus iomall-bhailteil faisg air far a bheil thu a' fuireach.
Gabh cuairt ann an sgìre ionadail na sgoile agad a' coiseachd, air-loidhne no le mapaichean.
An obraich thu a-mach an e sgìre bhailteil, dhùthchail no iomall-bhailteil a th' innte?
Dè tha a' sealltainn seo dhut?
More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count6 of 24

- count8 of 24
