Tha luchd-turais a tha airson eachdraidh agus cruthan-tìre dràmadach a rannsachadh air fàs measail air costa a Tuath Alba. Tha seo a' toirt bhuannachdan, ach tha e cuideachd a' dèanamh dhuilgheadasan dhan sgìre agus na daoine a tha a' fuireach a seo.
Prìomh phuingean
San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:
- shiubhal air costa a tuath Alba
- na buannachdan agus na ceistean a dh'fhaodas a bhith an lùib turasachd
- na diofar chruthan-tìre air a' chosta a tuath
- eachdraidh a' chosta a tuath
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd do C5, C6 agus C7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Bhidio
Coimhead Isla agus Connor a' rannsachadh ceann a tuath Alba air baidhsagal.
ISLA: Seo sinn ann an Inbhir Theòrsa, am baile as fhaide tuath air tìr-mòr Alba.
CONNOR: Dh'fhàs am baile a seo chionn b' e cala feumail a bh' ann an Inbhir Theòrsa do luchd-tuineachaidh agus do luchd-malairt Lochlannach, na Lochlannaich, a thug ionnsaigh air an àite agus a dh'fhuirich ann.
An-diugh tha Inbhir Theòrsa a' frithealadh air luchd-tadhail agus luchd-turais.
Tha gnìomhachas traidiseanta an iasgaich fhathast aig a' bhaile, agus tha e còrdte airson spòrs uisge.
ISLA: Agus tha am prìomh phort dìreach suas an costa ann an Sgrabstal, a' ceangal tìr-mòr Alba ri Arcaibh agus Sealtainn le muir, ach tha Inbhir Theòrsa cuideachd còrdte le luchd-turais a bhios a' siubhal a' chosta àlainn a tuath ann an Alba.
CONNOR: Dè an ath àite dhuinn ma tha?
ISLA: Lean mise agus gheibh thu a-mach.
CONNOR: Hoidh, fuirich!
ISLA: Seo Srathaidh, coimhearsnachd sgapte.
CONNOR: Sealladh àlainn.
An ìre mhath àite far am bi daoine a' fuireach.
Ach is toigh le luchd-turais mar sinne fuireach a seo airson nan tràghannan agus an dùthaich mun cuairt.
ISLA: Seo fear dhe na duilgheadasan mu bharrachd luchd-turais.
Cha bhi a h-uile duine a' cur às dhan sgudal aca san dòigh cheart.
Faodaidh seo cron a dhèanamh air fiadh-bheatha agus an t-àite fhàgail a' coimhead grànda, agus faodaidh e còmhstri a dhèanamh eadar muinntir an àite agus luchd-turais.
CONNOR: Uill, tha fios a' m dè tha mise a' dol a dhèanamh le mo sgudal-sa.
Bheir mi leam an sgudal agam agus ath-chuairtichidh mi e.
ISLA: Tha cuid dhe na rathaidean seo nach deach a thogail airson tòrr trafaig.
Tha barrachd trafaig air sgàth luchd-turais a' toirt buaidh air na daoine a tha a' fuireach a seo. 'S e rathad singilte a tha ann an tòrr dhen rathad agus feumaidh càraichean seachadain a chleachdadh airson a dhol seachad air a chèile ma tha iad a' dol an dà thaobh.
Faodaidh e a bhith slaodach, agus faodaidh carbadan mòra steigeadh.
CONNOR: Chan eil barrachd trafaig math dhan àrainneachd.
Tha trafaig ag adhbharachadh barrachd bùrach, fuaim agus truailleadh èadhair.
ISLA: Tha mi toilichte nach bi baidhsagalan a' dèanamh truailleadh.
Ged as e obair chruaidh a th' annta!
CONNOR: Faodaidh daoine air baidhsagalan mar a tha sinne cur ris na duilgheadasan.
Faodaidh e a bhith doirbh faighinn seachad oirnn agus mail a chur air trafaig.
ISLA: Feumaidh sinn uile modh agus cùram air an rathad.
CONNOR: Smaoinich a-nis air saideal ga lainnseadh dhan fhànas dìreach às a seo.
ISLA: Chan eil thu dha-rìribh.
CONNOR: Tha ge-tà, tha planaichean ann port-fànais a thogail dìreach a seo.
Ach tha a' mhòinteach seo fo dhìon.
ISLA: Ò, àrainn mhath do dh'eòin agus bidh mòine a' sùghadh tòrr carbon a tha ga dhèanamh na chuideachadh math, nàdarra an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde.
CONNOR: Ach air an làimh eile, chruthaicheadh am port-fànais obraichean agus thigeadh leasachadh air gnothachas agus turasachd anns an sgìre.
ISLA: Chì sinn dè thachras.
Seo àite math airson campachadh, talamh-feòir còmhnard air falbh bho thaighean, far nach cuir sinn dragh air an àrainn nàdarra no air daoine eile.
CONNOR: 'S e, agus le sealladh chun na mara.
Feumaidh sinn dìreach a bhith faiceallach nach fhàg sinn sìon nuair a dh'fhàgas sinn.
ISLA: Chan fhàg.
Nach tog sinn na teantaichean a-nis.
Tha na rionnagan a' coimhead nas soillsiche agus tha e nas fhasa am faicinn nuair nach eil uiread de sholas fuadain ann.
Smaoinich air na saidealan a dh'fhaodadh a bhith shuas a sin lath'-eigin, air an lainnseadh às a seo!
CONNOR: Abair fhèin turas, à Alba dhan fhànas!
'S dòcha gun tèid sinn air an turas sin lath'-eigin. Dè do bheachd, Isla?
ISLA: Na do chadal!
Oidhche mhath, Connor.
CONNOR: Oidhche mhath, Isla.
Siubhail air costa a tuath Alba
Gun loidhne rèile, chan eil dòigh air siubhal air costa a tuath Alba ach air an rathad, ach tha diofar sheòrsachan còmhdhail ann a dh'fhaodas tu a chleachdadh. Tha cuid dhe na dòighean sin nas fheàrr dhan àrainneachd na cuid eile.
Turasachd air costa a tuath Alba
'S e gnìomhachas mòr a th' ann an turasachd air costa a tuath Alba agus tha an sgìre a' tàladh luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail.
Cliog tron taisbeanadh agus chì thu cuid dhe na tàlaidhean a th' ann do dhaoine.

Image caption, Spòrs uisge
Bidh suailichean mòra a' tàladh luchd-surfaidh a dh'Inbhir Theòrsa. Tha e a' còrdadh ri mòran a bhith a' falbh nam bearraidhean 's nan òban air a' chosta a tuath air bòrd-pleadhaig no caidheag. Tha fiù 's cuairtean ann airson snàmh fiadhaich (agus fuar)! (David Pressland / Alamy Stock Photo)

Image caption, Tràghannan
Tha iomadh tràigh àlainn air costa a tuath Alba. Gheibh luchd-tadhail gainmheach bhrèagha, gheal agus uisge glan, soilleir aig Tràigh Bhaile na Cille agus Bàgh Achadh Mhealbhaich. Tha luchd-campachaidh glè mheasail air tràigh Sheigrea. (Clearview / Alamy Stock Photo)

Image caption, Biadh
Tha an costa a tuath ainmeil airson maorach ùr ach tha iomadh biadh eile ann airson fheuchainn. Tha fiù 's factaraidh teoclaid air a' chosta a tuath! (The Picture Pantry / Alamy Stock Photo)

Image caption, Dràibheadh
Tha luchd-turais air fàs measail air an rathad mu chuairt a' chosta a tuath airson dràibheadh no saidhcleadh air. Cuiridh mòran dhen luchd-turais seachad a dhà no trì lathaichean air an turas agus iad a' coimhead nan seallaidhean nuair a tha iad a' siubhal agus a' stad ann an àite eadar-dhealaichte gach oidhche. (Rob Ford / Alamy Stock Photo)
1 of 4
Buannachdan agus duilgheadasan turasachd
Tha turasachd na ghnìomhachas cudromach ann an Alba. Faodaidh iomadh buannachd a bhith ann an sgìre a tha a' tàladh luchd-turais, ach faodaidh duilgheadasan a bhith ann cuideachd. Cliog air gach ceann gus faighinn a-mach mu chuid dhiubh sin:
Buannachdan turasachd
Obraichean – Tha turasachd a' toirt a-steach obraichean ann an taighean-òsta, làraich campachaidh, bùithtean agus taighean-bìdh. Bidh a' chuid as motha de luchd-turais a' tadhal air a' chosta a tuath as t-samhradh, agus mar sin tha cuid dhe na h-obraichean ràitheil seach a bhith ann fad na bliadhna.
Airgead – Bidh luchd-turais a' toirt airgead a-steach a sgìre. Bidh iad a' pàigheadh airson fuireach ann an taighean-òsta, leabaidh is bracaist agus làraich campachaidh, agus 's dòcha cuideachd gun cosg iad airgead ann am bùithean agus air seirbhisean ionadail.
Tasgadh – Bhon a tha turasachd a' toirt airgead a-steach, 's dòcha gun taisg an riaghaltas agus a' chomhairle barrachd airgid ann an rathaidean, còmhdhail agus seirbheisean eile, agus ann an coimhead às dèidh na h-àrainneachd ionadail. Faodaidh seo leasachaidhean a thoirt do mhuinntir an àite.
Duilgheadasan turasachd
Trafaig – Faodaidh barrachd trafaig a bhith an cois barrachd turasachd. Ma bhios tòrr chàraichean air rathaidean cumhang, singilte, faodaidh gum bi siubhal nas slaodaiche do mhuinntir an àite.
Sgudal – Tha barrachd luchd-turais a' ciallachadh barrachd sgudail. Faodaidh na bionaichean ann an sgìrean trang a bhith a' cur thairis. Bidh cuid de dhaoine a' fàgail sgudal an dèidh a bhith a' campachadh no a' siubhal tro sgìrean dùthchail. Cha bhiodh seo na dhuilgheadas cho mòr nam biodh barrachd dhaoine a' toirt an sgudail dhachaigh leotha airson cur às dha.
Dachaighean – Nuair a tha barrachd thaighean gan cleachdadh mar thaighean son saor-làithean, chan eil uiread de thaighean ann do mhuinntir an àite airson fuireach annta. Faodaidh seo a dhèanamh nas dorra do dh'òigridh fuireach anns an sgìre aca fhèin.
Cruthan-tìre air costa a tuath Alba
Bidh mòran dhaoine a' tadhal air costa a tuath Alba airson nan seallaidhean àlainn.
Tha iomadh seòrsa cruth-tìre ann a chòrdas ri luchd-tadhail:
Image source, Mark ferguson / Alamy Stock Photo- Bearraidhean agus costan creagach – Tha na mìltean de bhearraidhean agus de chostan creagach air costa a tuath Alba. Tha cuid dhe na bearraidhean as àirde anns an Rìoghachd Aonaichte ann an Clò Mòr faisg air a' Pharbh. 'S dòcha gum faic thu eòin-mhara a' neadachadh bho na bearraidhean mun cuairt costa a tuath Alba!
Image source, Mark ferguson / Alamy Stock Photo
Image source, imageBROKER / Alamy Stock Photo- Tràghannan agus muir – Tha tràghannan brèagha gainmhich le uisge soilleir mun cuairt costa a tuath Alba. Tha àitichean mar tràigh Faithir Mòr ann an Ros an Iar math airson fois a ghabhail no fiù 's airson beagan spòrs uisge!
Image source, imageBROKER / Alamy Stock Photo
Image source, Dave Neil / Alamy Stock Photo- Boglach mhòr – Tha mòran bhoglaichean air costa a tuath Alba. 'S e seòrsa de mhòinteach a tha seo a gheibhear, mar as trice, far a bheil gnàth-shìde fhliuch, fhionnar. 'S e Dùthaich nam Boglaichean ann an Gallaibh a' bhoglach mhòr as motha anns an Roinn Eòrpa.
Image source, Dave Neil / Alamy Stock Photo
- Machair – 'S e talamh ìosal, torrach, feurach a th' ann am machair. 'S e ann glè ainneamh a chithear an cruth-tìre seo agus chan fhaighear e ach air taobh an iar Alba agus Èirinn.

Eachdraidh air costa a tuath Alba
Tha mòran dhaoine dhen bheachd gur e sgìre fhiadhaich a th' ann an ceann a tuath Alba. Ged a tha an àireamh-sluaigh beag agus sgapte an-diugh, tha daoine air a bhith a' fuireach an seo agus a' cumadh a' chruth-tìre fad mhìltean bhliadhnaichean.

ràitheil - Rud nach bi a' tachairt ach aig àm sònraichte dhen bhliadhna. Mar eisimpleir, 's e obair ràitheil a th' ann am buain mheasan chionn cha bhi e a' tachairt ach deireadh an t-samhraidh no as t-fhoghar.
eimiseanan carbon - Carbon ga sgaoileadh a dh'àile na talmhainn agus a tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.
connaidhean-fosail - 'S e gual, ola agus gas na trì connaidhean-fosail – sin na bunan lùth neo-ath-nuadhachail. Canar connaidhean-fosail riutha chionn tha iad air an dèanamh de bheathaichean is de lusan marbh.
Cruithnich - An t-ainm a bha air na daoine a bha a' fuireach ann an ceann a tuath Alba bho Linn nan Ròmanach gu Linn nan Lochlannach, mu 300 AD gu 900 AD.
croit - Pìos fearainn air am bi croitear a' fuireach, a' fàs bharran agus a' cumail bheathaichean. Bidh iad a' dèanamh seo airson biadh dhaibh fhèin agus air airson pàirt dhen bhathar a reic.
mòinteach mhòr - Fearann fliuch a tha na bhoglach far am bi còinneach agus lusan boglaich eile a' lobhadh gu mall agus a' cruthachadh fhillidhean de mhòine.
machair - Àrainn thearc nach faighear ach ann am pàirt de dh'Èirinn agus Alba. Tha sligean air am pronnadh agus gainmheach a' sèideadh air an talamh ga dhèanamh uabhasach torrach. Tha seo a' ciallachadh gum bi dìtheanan fiadhaich a' fàs agus a' còmhdach an fhearainn a h-uile samhradh.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean
More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count8 of 24

- count10 of 24
