Siubhal trèana agus turasachd
Tha turasachd na ghnìomhachas mòr ann an Alba. Bidh luchd-turais à àitichean eile san RA, às an Roinn Eòrpa agus às a' chòrr dhen t-saoghal a' tighinn a seo air saor-làithean. Agus nuair a tha thu a' fuireach a seo mar-thà, faodaidh e a bhith uabhasach math a bhith a' siubhal agus a' rannsachadh àitichean anns nach robh thu riamh!
Anns an artaigil seo ionnsaichidh tu:
- mu shiubhal ann an Alba air trèan agus baidhsagal
- mu thurasachd agus mu ghnìomhachasan bìdh air a' Ghàidhealtachd an Iar
- mar a tha siubhal agus turasachd a' toirt taic dha chèile
Tha an t-artaigil seo freagarrach airson ionnsachadh mu dheidhinn topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd anns a' bhun-sgoil.
Bhidio - Loidhne na Gàidhealtachd an Iar
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad air chuairt air Loidhne na Gàidhealtachd an Iar. Tha iad ag ionnsachadh mu shiubhal air trèan agus mu ghnìomhachasan na turasachd agus a' bhìdh air a' Ghàidhealtachd an Iar.
Connor: Sràid na Banrighinn, Glaschu. Fear dhe na stèiseanan as trainge ann an Alba.
Isla: Agus far am faigh sinn trèan air Rathad-iarainn nan Eilean dhan Òban.
Tiogaid agad? Thugainn ma-thà!
Tha trèanaichean dìreach mìorbhaileach, nach eil? Agus 's urrainn dhuinn na baidhsagalan a thoirt leinn anns na caraidsean Highland Explorer.
Connor: Fhios agad, bidh mise an-còmhnaidh a' smaoineachadh air trèanaichean mar chòmhdhail do dhaoine ach bha a' chiad thrèanaichean ann an Alba a' giùlan gual eadar na bailtean mòra.
An-diugh tha iad nas fheàrr dhan àrainneachd, a' beagachadh an trafaig air na rathaidean agus a' cuideachadh dhaoine a tha a' siubhal eadar bailtean agus mòr-bhailtean no gar faighinn a-mach às a' bhaile mhòr airson àitichean ùra a lorg air na baidhsagalan againn.
Seo an t-slighe a bhios an rèile a' gabhail à Glaschu.
Bidh Rathad-iarainn nan Eilean a' sgaradh an seo anns a' Chrìon-Làraich.
Tha aon shlighe a' cumail gu tuath dhan Ghearasdan agus a Mhalaig.
Ach tha sinne a' cumail an iar air an t-slighe seo gu deireadh na loidhne anns an Òban.
An uair sin, faodaidh sinn leum air na baidhsagalan agus gabhail a-mach air an dùthaich.
Isla: Càit a bheil na baidhsagalan a' tighinn a-steach air?
Connor: Tha slighe aig lìonra nam baidhsagal ris an canar Slighe Chaledonia.
Isla: Ah, tha mi a' tuigsinn. Mar sin, nuair a thig sinn far na trèan anns an Òban, faodaidh sinn saidhcleadh dhan Ghearasdan agus an uair sin trèan fhaighinn air ais gu far an do thòisich sinn, ann an Glaschu.
Connor: Nach eil e math nuair a thig plana ri chèile gu math.
Isla: Seall, siud Loch Odha!
Connor: Agus Eas Chruachain, dìreach sònraichte!
Faodaidh sinn leum dheth a seo agus sùil a thoirt air…
Beinn gun Bhroinn Chruachain, stèisean cumhachd.
Isla: Wow, thog iad stèisean cumhachd am broinn beinne. Abair obair innleadaireachd!
Connor: Spreadh agus chladhaich iad tunail mhòr uabhasach tron chreig-ghràin airson a thogail.
Shuas air mullach Cruachan Beann tha dam a' cumail uisge ann an stòr-amar Chruachain.
Tha an t-uisge a' sruthadh sìos às a seo ann am pìoban chun an stèisean cumhachd, a' tionndadh nan tuirbinean a bhios a' gintinn dealan.
'S e lùth uaine a th' ann, lùth dealan-uisge.
Agus bidh e cuideachd a' tàladh luchd-turais.
Bidh 50,000 a' tadhal air gach bliadhna.
Isla: Lùth ath-nuadhachail agus turasachd uaine, dà ghnìomhachas a' toirt taic dha chèile ann an dòigh a tha math dhan àrainneachd. Inntinneach!
Ach nach tog sinn oirnn dhan Òban a-nis?
Tha a' Bheinn gun Bhroinn air toirt orm smaoineachadh air mar a tha àite a chaidh a thogail airson aon adhbhar a' dol na àite do luchd-turais.
Tha tòrr turasachd eachdraidheil ann an Alba, togalaichean agus àitichean bhon linn a dh'fhalbh a-nis a' còrdadh gu mòr ri luchd-turais.
Connor: Mar Caisteal Dhùn Ollaigh faisg air an Òban. B' e daingneach Chlann Dùghaill, cinneadh cumhachdach, a bh' ann uaireigin agus an-diugh tha e na ionad do luchd-turais agus na thaigh-tasgaidh.
Isla: Uiread eile a dh'eachdraidh agus cuiridh mi geall gu bheil tòrr eile ri fhaicinn ann.
An t-Òban!
Tha fadachd mo bheatha orm sùil a thoirt mun cuairt mus tèid sinn air slighe nam baidhsagal.
Mmm, bha siud blasta dha-rìribh. Tha mi a' creidsinn gu bheil am port na sheòrsa eile de ghnìomhachas a tha a-nis a' tàladh luchd-turais.
Bidh na bàtaichean-iasgaich a' falbh agus a' tighinn à seo a' tilleadh leis na ghlac iad.
Bidh daoine a' tighinn às a h-uile h-àite airson ithe. Sin an t-adhbhar a chanar 'Prìomh-bhaile Maorach na h-Alba' ris an Òban.
Connor: Agus chan ann dìreach airson maorach a tha e ainmeil, glè thric canar 'An t-Slighe dha na h-Eileanan' ris an Òban.
Gheibh thu an trèan à Glaschu a seo agus faodaidh tu an uair sin leum air bàt'-aiseig gu eileanan mar Lios Mòr, Muile no na h-Eileanan an Iar, a' cumail ceangal eadar na h-eileanaich agus tìr-mòr, agus tha e math do luchd-turais. Ach bho thùs bhiodh uisge-beatha bhon taigh-staile a seo ga ghiùlan bhon phort seo còmhla ri sglèat agus ceilp sìos an costa a Ghlaschu agus a' Pholl a' Ghrùthain.
Isla: Dh'fhaodamaid an latha air fad a chur seachad a seo ach a bheil thu deiseil airson a' ghaoth fhaireachdainn air d' aodann a-nis?
Connor: Ò tha, a-mach dhan Ghearasdan!
Siubhal trèana
Tha siubhal air trèan na phàirt riatanach dhen fo-structarNa pàirtean dhen àrainneachd thogalaichte a dh'fheumas dùthaich airson obrachadh mar rathaidean, pìoban uisge agus puirt. còmhdhail ann an Alba.
Tha lìonra nan trèanaichean a' cumail taic ri lìonra nan rathaidean, a' ceangal ri slighean saidhclidh agus puirt aiseagan, agus na cheum air an t-slighe air adhart do luchd-turais a thig tro na puirt-adhair againn.
Tha e a' toirt cothrom do dhaoine coimiutA' siubhal eadar an dachaigh agus àite-obrach. a dh'obair, no dhan sgoil, ann am bailtean-mòra agus bailtean nas motha bho iomaill bhailtean, agus à bailtean nas lugha, anns a bheil iad a' fuireach.
Tha e cuideachd na dhòigh nas seasmhaiche air frachd, no bathar, a ghiùlan thar astaran nas fhaide. Thathar a' meas gun toir aon trèan frachd leatha luchd de 76 làraidhean, 's gun i a' leigeil mu sgaoil ach cairteal dhen charbon.
Seo eisimpleirean de ghoireasan air an rèile airson barrachd phasainsearan a thàladh:

Image caption, Racaisean bhaidhcean
Tha racaisean bhaidhcean a' toirt cothrom do dhaoine a tha a' fuireach agus ag obair nas fhaide air falbh bho stèisean an rèile saidhcleadh chun na trèan agus air ais. Tha racaisean do bhaidhcean a-nis ann an iomadh caraids air na trèanaichean. Tha iad seo do dhaoine a tha airson saidhcleadh mus tèid iad air an trèan agus às dèidh tighinn dhith. (Elizabeth Leyden/Alamy Stock Photos)

Image caption, Àitean-obrach
Tha a' mhòr-chuid de thrèanaichean an-diugh air an dealbh airson iomadh seòrsa neach-siubhail. Tha bùird annta, glè thric le socaidean dealain do phlugaichean airson cumhachd a thoirt do choimpiutairean agus do dh'fhònaichean, airson gum faigh daoine air obair a dhèanamh fhad 's a tha iad a' siubhal. (Sally Anderson/Alamy Stock Photo)

Image caption, Park and ride
Tha Park and ride a' toirt cothrom do dhaoine nach eil a' fuireach faisg air stèisean pàirt dhen turas a dhèanamh anns a' chàr agus an uair sin an trèan a ghabhail a mheadhan bhailtean tranga. Faodaidh seo an turas aca a dhèanamh nas luaithe agus tha e na chuideachadh gus dùmhail-trafaig agus truailleadh a bheagachadh anns a' bhaile mhòr. Tha am park and ride seo aig an stèisean ann am Bruach Thuaidh ann an Crìochan na h-Alba. (Robert Lancaster / Alamy Stock Photo)
1 of 3
Buannachdan agus eas-bhuannachdan siubhal air trèan
Buannachdan
- Faodaidh e a bhith gu math nas fheàrr dhan àrainneachd siubhal air trèan air astaran nas fhaide, gu h-àraidh trèan dealain, seach siubhal ann an càr no air plèana. Tha seo a chionn 's gu bheil plèanaichean agus càraichean peatrail no dìosail a' leigeil barrachd emiseanan carbon mu sgaoil. Tha plèanaichean nas luaithe air turasan nas fhaide, ach tha iad a' losgadh barrachd connaidh. 'S e càraichean as motha a tha a' leigeil de dh'eimiseanan mu sgaoil, seach còmhdhail sam bith eile, bhon a tha uiread dhiubh ann agus iad air an cleachdadh cho tric.
- Faodaidh daoine obair a dhèanamh no fois a ghabhail air trèan seach an aire a bhith air dràibheadh thar an aon astair.
- Do luchd nam baidhsagalan, gabhaidh am baidhc a thoirt air an trèan, agus saidhcleadh chun a' chinn-uidhe (dìreach mar a rinn Isla agus Connor!) no racaisean bhaidhcean a chleachdadh airson an cumail gu sàbhailte aig stèisean.
Eas-bhuannachdan
- Tha trèanaichean a' leantainn clàr-ama teann agus 's dòcha nach bi sin an-còmhnaidh freagarrach do dhaoine.
- Tha iomadh àite ann an Alba dha nach faigh thu gu dìreach air trèan. Faodaidh seo a bhith a' ciallachadh gum feum thu còmhdhail air choreigin eile airson do thoirt chun an stèisean rèile as fhaisge agus air ais.
- Faodaidh e bhith cosgail siubhal air trèan. Glè thric, tha dòighean ann air tiogaidean nas saoire fhaighinn, ach 's dòcha gum bi sin a' ciallachadh siubhal aig amannan nach eil cho trang, agus 's dòcha nach bi sin freagarrach.
Turasachd air a' Ghàidhealtachd an Iar
Tha luchd-turais measail air Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba. Bidh daoine a' tighinn ann bho gach ceàrn dhen t-saoghal air sgàth bòidhchead nàdarra agus aoigheachd na sgìre. Tha mòran luchd-turais a' ciallachadh gun urrainn gnothachasan a bharrachd a bhith ann do luchd-turais, mar taighean-òsta, taighean-bìdh agus bùithtean, agus cuideachd tàlaidhean agus gnìomhan do luchd-turais airson am brosnachadh gus barrachd ùine a chur seachad an sin. Faodaidh a h-uile gin dhiubh sin airgead agus obraichean a thoirt dhan sgìre.
An t-Òban
Tha an t-Òban aithnichte mar 'An t-Slighe dha na h-Eileanan' air sgàth nan aiseagan a bhios a' falbh às dha na h-Eileanan A-staigh, mar Muile, Rùm agus Ì, agus na h-Eileanan Siar. Tha e cuideachd ainmeil airson maorach air leth blasta.
Tha luchd-turais air a bhith measail air an Òban bho na 1820an. Nuair a dh'fhosgail Canàl a' Chrìonain ann an 1801 agus an Canàl Cailleannach ann an 1822, chaidh ceangalan còmhdhail ùr a chruthachadh gu bailtean mar Glaschu, An Gearasdan agus Inbhir Nis. Tha na canàlan a' leigeil le pasainsearan siubhal a bharrachd air bathar a ghluasad. Nuair a dh'fhosgail an rèile ann an 1880, bha e a' ciallachadh gum b' urrainn barrachd dhaoine siubhal dhan Òban agus na bu luaithe.
Tha iomadh adhbhar ann airson luchd-turais a bhith measail air tadhal air baile no sgìre shònraichte. Bheir sinn sùil air eisimpleirean a tha a' sealltainn carson a tha daoine fhathast cho measail air a bhith a' tadhal air an Òban.

Image caption, An t-Slighe dha na h-Eileanan
Glè thric canar an 'An t-Slighe dha na h-Eileanan' ris an Òban oir tha aiseagan a' seòladh às a' phort a sin gu mòran dhe na h-eileanan far costa an Iar na h-Alba. Tha sin dha fhàgail na chiad àite stad math do luchd-turais a' siubhal chun nan eileanan, ach tha e cuideachd na chaladh cudromach do dhaoine a tha a' fuireach agus ag obair anns na h-Eileanan A-staigh agus anns na h-Eileanan an Iar. (Photimageon / Alamy Stock Photo)

Image caption, Prìomh-bhaile Maorach na h-Alba
'S e am biadh fear dhe na prìomh thàlaidhean san Òban. Bidh maorach air ùr-ghlacadh a' tighinn a-steach a chaladh an Òbain far a bheil e air a reic agus an uair sin air a bhruich le gnothachasan aig a' chaladh. Tha iomadh seòrsa àite ann airson ithe – eadar taighean-bìdh agus bhanaichean bìdh a' reic deagh bhiadh ionadail – mar na giomaich dhomhainn seo! (John Eveson / Alamy Stock Photo)

Image caption, Tùr MhicCuaig
Thogadh Tùr MhicCuaig air cnoc a' coimhead thairis air caladh an Òbain eadar 1895 agus 1902. Bha bancair às a' bhaile, Iain Stiùbhart MacCuaig, airson gum biodh an tùr na chuimhneachan air an teaghlach aige, agus thug an togail aige obair do chlachairean agus do luchd-togail. Bha dùil gum biodh ìomhaighean dhen teaghlach am broinn an tùir, ach cha deach iad sin riamh a thogail. An àite sin, tha an tùr na ghàrradh cuairtichte le balla. Tha e a' còrdadh ri luchd-turais a bhith a' tadhal air agus gheibh iad sealladh àlainn thar caladh an Òbain agus a-mach chun nan eileanan. Anns an dealbh seo, chì thu an tùr os cionn a' bhaile thrang agus an caladh. (Dennis Hardley/Alamy Stock Photo)

Image caption, Fùirneis Iarainn Bhun Abha
Tha Fùirneis Iarainn Bhun Abha mu 13 mìltean sìos Loch Èite bhon Òban, faisg air Taigh an Uillt. Air a fosgladh ann an 1753, seo an t-eisimpleir as slàine de fhùirneis iarainn air a h-obrachadh le gual-fhiodha a th' air fhàgail ann am Breatainn agus tha an làrach cudromach a thaobh eachdraidh. Bha Earra-Ghàidheal na àite a bha dìreach ceart airson na fùirneis oir bhon a bha mòran choilltean mòra faisg air làimh bha gual-fhiodha aca gu cunbhalach. (Heritage Image Partnership Ltd / Alamy Stock Photo)

Image caption, Dam agus Stèisean Cumhachd Chruachain
Tha Stèisean Cumhachd Chruachain ann an cabhairn mòr, uabhasach am broinn Beinn Chruachain. Tha uisge bho stòr-amar aig mullach na beinne a' ruith tro phìoban am broinn thuirbinean mòra am broinn na beinne. Bidh iad sin ag atharrachadh an lùth bhon uisge a tha a' tuiteam gu bhith na dhealan. Bhon a tha an stèisean cumhachd seo cho neo-àbhaisteach, tha e a-nis a' tàladh luchd-tadhail a tha a' tighinn a dh'fhaicinn an dam agus na tuirbinean ag obrachadh. (Chris James/Alamy Stock Photo)
1 of 5
Loidhne na Gàidhealtachd an Iar
Tha Loidhne na Gàidhealtachd an Iar glè thric air a h-ainmeachadh mar thè dhe na turasan trèana leis na seallaidhean as fheàrr air an t-saoghal. Tha i a' toirt cothrom do luchd-tadhail a tha a' siubhal air an trèan tadhal air bailtean mar an t-Òban, An Gearasdan agus Malaig, a bharrachd air Mòinteach Raineach, Loch Long agus Loch Laomainn. Tha luchd-bhaidhsagalan, luchd-coiseachd agus daoine leis an toigh spòrs uisge measail air na h-àitichean seo.
Faodar a' chuid dhen turas eadar An Gearasdan agus Malaig a dhèanamh cuideachd air trèan smùide. 'S e cothrom ainneamh a tha san turas seo do luchd-turais siubhal air trèan smùide, oir chan eil mòran dhe na trèanaichean smùide fhathast a' dol. Bidh an trèan a' dol thairis air Drochaid-rèile Ghleann Fhionnainn, far am faigh thu sealladh math de Loch Seile. Tha an drochaid-rèile, no drochaid-rathaidSeòrsa de dhrochaid a tha a' cleachdadh airdsean, taicean no colbhan gus taic a chumail ri rèile no rathad thairis iar talamh ìosal., ainmeil bhon a bha e ann an sreath filmichean Harry Potter, oir bhiodh a' Hogwarts Express a' siubhal air gach bliadhna air an turas eadar King's Cross ann an Lunnainn agus Hogwarts!


Prìomh fhacail mu shiubhal trèana
frachd – bathar air a ghiùlan air mòr-sgèile, glè thric thar astaran fada, le trèanaichean, trugaichean, bàtaichean agus plèanaichean.
eimiseanan carbon – carbon air a leigeil mu sgaoil a dh'àile na Talmhainn agus a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.
fo-structar – na structaran agus na seirbheisean a dh'fheumar airson bun-sheirbheisean mar còmhdhail, dealan no uisge.
coimiut – a' siubhal eadar an dachaigh agus àite obrach.
viaduct - seòrsa de dhrochaid a tha a' cleachdadh airdsean, taicean no colbhan gus taic a chumail ri rèile àrd no rathad thairis air talamh ìosal.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean
Dùbhlan

Dealbh caraids trèana
Dealbh agus tarraing dealbh de charaids trèana a bhiodh freagarrach dhan h-uile seòrsa neach a dh'fhaodadh a bhith airson siubhal air an trèan – teaghlaichean, luchd-obrach, luchd-turais. Smaoinich air:
- dè cho so-ruigsinneach 's a tha an trèan
- dè na goireasan a bheireadh air daoine a bhith nas buailtiche an trèan a chleachdadh
ach cuideachd…
- dè dhèanadh turas trèan air leth sònraichte?
Cleachd do mhac-meanmna! Cò aig tha fios? Chan eil fhios nach innlich thu trèan airson an àm ri teachd!
Tuilleadh ri ionnsachadh mu shiubhal trèana agus turasachd
Còmhdhail agus seasmhachd
Ionnsaich tuilleadh mu chòmhdhail sheasmhach.

Saor-làithean agus cur-seachadan ann an Alba ann an Linn Bhictòria
Ionnsaich tuilleadh mu dheidhinn mar a thug na Bhictòrianaich air daoine fàs measail air saor-làithean.

More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count8 of 24

- count10 of 24

- count11 of 24
