Saor-làithean agus cur-seachadan ann an Alba ann an Linn Bhictòria

Part ofCuspairean SòisealtaBhictòrianaich

Ann an iomadh dòigh, 's e na Bhictòrianaich a smaoinich air ùine shaor agus saor-làithean.

Sir John Lubbock, a' chiad fhear a smaoinich air saor-làithean banca
Image caption,
Sir John Lubbock, a' chiad fhear a smaoinich air saor-làithean banca

Na Bhictòrianaich agus saor-làithean banca

  • 'S ann air sgàth nam Bhictòrianaich a tha saor-làithean banca againn – làithean nuair a bha fiù 's na bancaichean dùinte.

  • Chante saor-làithean banca riutha chionn bha na bancaichean dùinte do ghnothachas air na làithean sin.

  • Tha na deitichean airson mòran dhe na saor-làithean banca a' tighinn bho làithean fèille traidiseanta stèidhichte air na ràithean.

  • Thòisicheadh a' comharrachadh fèilltean cràbhach na Nollaig agus na Càisge agus làithean nan naomh timcheall air na h-aon dheitichean. B' e na làithean naomh seo làithean a bha daoine a bha ri obair àiteachais air an dùthaich a' gabhail dheth airson a dhol dhan eaglais gan comharrachadh. Chanadh iad holy days ris na làithean sin agus 's ann bhon sin a tha am facal holidays a' tighinn.

  • B’ e fear air an robh Sir John Lubbock a mhol na saor-làithean banca dhan phàrlamaid. Bha slàinte an luchd-obrach gu mòr air aire, agus bha e dhen bheachd gum biodh saor-làithean math do dhaoine.

  • Stèidhich Achd Pàrlamaid ann an 1871 na Saor-làithean Banca. Bha còig saor-làithean banca ann an Alba a bha a' gabhail a-steach Latha na Nollaig agus a' chiad Diluain san Lùnastal.

Sir John Lubbock, a' chiad fhear a smaoinich air saor-làithean banca
Image caption,
Sir John Lubbock, a' chiad fhear a smaoinich air saor-làithean banca
Prògram bho thalla-ciùil ann an linn Bhictòria
Image caption,
Prògram bho thalla-ciùil ann an linn Bhictòria.

Na Bhictòrianaich agus cur-seachadan

  • Dh'fhaodadh tu a ràdh gur e na Bhictòrianaich a thug dhuinn ùine shaor. Bha gnìomhachasan, diofar uairean-obrach agus suidheachadh obrach ùr a' ciallachadh gun robh làithean dheth aig daoine. Bha iad a' dèanamh tòrr leis an ùine shaor a bh' aca a-nis, agus thòisich iad mòran dhe na cur-seachadan a tha a' còrdadh rinn an-diugh.

  • Mar eisimpleir, b' ann an linn Bhictòria a chunnaic sinn a' chiad chlubaichean ball-coise a' tòiseachadh agus a' chiad phàircean cur-seachad.

  • Ach chan eil cuid dhe na rudan air an robh daoine measail ann an linn Bhictòria againn an-diugh. Bha an talla-ciùil caran coltach ri tèatar, agus bhiodh daoine a' dol a choimhead taisbeanadh anns am biodh tòrr a' tachairt mar seinn, comadaidh, draoidheachd agus beathaichean a' dèanamh rudan annasach. Thar ùine ge-tà, cha robh daoine cho measail air an talla-ciùil.

Prògram bho thalla-ciùil ann an linn Bhictòria
Image caption,
Prògram bho thalla-ciùil ann an linn Bhictòria.

A' dol sìos an abhainn

  • Bhiodh tu a' dèanamh diofar rudan air saor-làithean a rèir 's dè an clas sòisealta dham buineadh tu.

  • B' urrainn dhan chlas uachdarach saor-làithean fada a ghabhail. Bhiodh rudan mar sealg agus iasgach air oighreachdan dùthchail a còrdadh ri mòran.

  • 'S dòcha nach faigheadh an obair-chlas ach aon latha dheth. Air taobh an iar Alba, bha daoine a bha ag obair measail air a bhith a' dol air bàta-phleadhag agus a' dol air chuairt sìos Abhainn Chluaidh gu àitichean mar Baile Bhòid agus Dùn Omhain. Chanadh daoine gun robh iad a' dol 'doon the watter' – a tha a' ciallachadh 'sìos an t-uisge' (an abhainn).

  • Bhiodh na ceudan mhìltean de luchd-tadhail a' dol a Bhaile Bhòid as t-samhradh no air saor-latha banca. Bha tòrr àitichean ann airson biadh agus deoch a ghabhail, agus bu toigh le daoine a bhith a' sìneadh air an tràigh dìreach mar a bhios sinne an-diugh.

Image gallerySkip image gallerySlide1 of 4, Bàta-phleadhag air Abhainn Chluaidh, Bàta-phleadhag a' togail oirre a-mach air Abhainn Chluaidh, a' toirt luchd-turais Bhictòrianach 'doon the watter'.
Postair a' sanasachd Srath Pheothair na bhaile spa
Image caption,
Postair a' sanasachd Srath Pheothair na bhaile spa.

Saor-làithean airson slàinte

  • Bha na Bhictòrianaich gu mòr airson gum biodh an slàinte nas fheàrr.

  • Bha iad dhen bheachd nan òladh iad agus nam bogadh iad iad fhèin ann an uisge fuarain, (uisge nàdarra no spa), gum biodh sin math dhan slàinte.

  • Dh'fhàs daoine measail air bailtean spa no taighean-òsta haidreo ann am bailtean mar Craoibh, Mofad agus na Puballan airson shaor-làithean fallain.

  • Dh'fhàs daoine measail air baile Srath Pheothair, faisg air Inbhir Nis, mar bhaile spa Bhictòrianach, agus bhiodh daoine a' tighinn às gach ceàrn dhen dùthaich a ghabhail nan uisgeachan aige.

  • Bha cuid de dh'amaran caran neònach ann an Spa Srath Pheothair. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh tu a dhol ann an amar mòna!

  • Bha daoine na bu mheasaile buileach air a bhith a' tadhal air Srath Pheothair nuair a ràinig an rèile am baile ann an 1885.

Postair a' sanasachd Srath Pheothair na bhaile spa
Image caption,
Postair a' sanasachd Srath Pheothair na bhaile spa.
Loidhne orains

More on Bhictòrianaich

Find out more by working through a topic