Alexander Graham Bell

Part ofCuspairean SòisealtaBhictòrianaich

Tha Alexander Graham Bell ainmeil airson an telefòn innleachadh.

Faigh a-mach mu Alexander Graham Bell.

Image caption,
Bha Bell 29 bliadhna a dh'aois nuair a dh'innlich e an telefòn.

Cò bh' ann?

  • Rugadh Alexander ann an Dùn Èideann air 3 Màrt 1847
  • Ghluais e dha na Stàitean Aonaichte nuair a bha e 24
  • Bhiodh e a' feuchainn ri cainnt a chraoladh: a' cur fuaim bho aon àite gu àite eile
  • Air 10 Màrt 1876, dh'obraich an innleachd aige: a' chiad telefòn
  • Am measg rudan eile a dh'innlich e: inneal a bha a' clàradh agus a' cluich fuaim air an robh an grafofòn agus lorgaire-meatailte airson urchraichean
  • Chaochail e ann an Canada air 4 Lùnastal 1922
Image caption,
Bha Bell 29 bliadhna a dh'aois nuair a dh'innlich e an telefòn.
Loidhne orains

Stòran - nithean agus dealbhan

Image gallerySkip image gallerySlide1 of 4, , Bha aig Bell ris an innleachd aige atharrachadh iomadh turas mus do dh'obraich am fòn ceart.
Image caption,
Am peutant airson telefòn Bell.

Am b' e Alexander Graham Bell dha-rìribh a' chiad duine a dh'innlich an telefòn?

Cha b' e buileach.

Bha daoine eile, mar Antonio Meucci agus Elisha Gray, ag obair le fuaim aig an aon àm.

Ach b' e Bell a' chiad duine a thug a-mach peutant air an innleachd aige.

('S e pàipear oifigeil a th' ann am peutant a bhios a' sealltainn gur ann leatsa a tha beachd no innleachd. Tha e a' ciallachadh gur tusa an aon neach a dh'fhaodas airgead a dhèanamh às.)

'S ann mar sin a tha e aithnichte mar innleadair an telefòn.

Image caption,
Am peutant airson telefòn Bell.

More on Bhictòrianaich

Find out more by working through a topic