Bha factaraidhean aig Raibeart Owen agus bha e airson gum biodh slàinte agus sunnd na b' fheàrr aig an luchd-obrach aige. Bha e ainmeil air feadh an t-saoghail airson a bheachdan agus bha iad nan adhbhar air an comann-sòisealta a leasachadh.
Faigh a-mach mu Raibeart Owen.


Bha Raibeart Owen 29 nuair a ghabh e thairis Muileann Lannraig Nuaidh.
Cò bh' ann?
- Rugadh Raibeart anns a' Chuimrigh air 14 Cèitean 1771.
- Dh'fhàg e an sgoil aig aois 10 airson a bhith na cheannaiche-aodaich (bidh marsanta a' malairt bathar a rinn daoine eile). Bhiodh bùth a' cheannaiche-aodaich a' reic stuth-aodaich, agus bhiodh daoine ga cheannach airson aodach a dhèanamh dhaibh fhèin.
- Nuair a bha e 21 bha e na mhanaidsear air muileann chotain ann am Manchester.
- Chunnaic Owen gun robh beatha glè chruaidh aig luchd-obrach agus bha e dhen bheachd gun dèanadh iad obair na b' fheàrr nam biodh sochairean na b' fheàrr aca agus gum biodh iad na bu thoilichte.
- Thug e làithean-obrach nas giorracùram slàinte an-asgaidh agus foghlam bhon òige gus an robh iad nan inbhich dhan luchd-obrach ann am muileann Lannraig Nuaidh ann an Alba.
- Thug an leasachadh a rinn e air beatha luchd-obrach buaidh air cor obrach air feadh an t-saoghail.
- Ghluais e a dh'Ameireaga an dèidh sin airson coimhearsnachdan obrach ùra a stèidheachadh.
- Chaochail Raibeart Owen anns a' Chuimrigh air 17 Samhain 1858 agus e 87.

Bha Raibeart Owen 29 nuair a ghabh e thairis Muileann Lannraig Nuaidh.


Bha Muilnean Lannraig Nuaidh a' dèanamh cotan gu 1968.
Carson a tha Owen cho cudromach?
Bha Owen dhen bheachd gum bu chòir a bhith còir ri luchd-obrach. Bha e a' creidsinn nam biodh cor beatha nas fheàrr aig daoine gum biodh an comann-sòisealta na b' fheàrr agus na bu thoilichte.
Am measg nan leasachaidhean adhartach a rinn Owen ann an Lannraig Nuadh bha:
- Siostam foghlaim an-asgaidh dhan h-uile duine
- Creche do mhàthraichean a bha ag obair
- A' chiad sgoil ann an dùthaich sam bith dha na tràth ìrean
- Sgoil do chlann san robh leasain spòrsail gun pheanasan!
- Clasaichean oidhche agus òraidean do dh'inbhich
- Cùram meadaigeach an-asgaidh
- Cha robh cead aig clann fo 10 obrachadh sa mhuileann
- Thàinig bùth a' bhaile gu bhith na modail airson cho-chomainn, le stuth nas saoire do luchd-obrach agus a' phrothaid a' dol air ais dhan choimhearsnachd
- Làithean-obrach nas giorra
- Cur-seachadan – consairtean an-asgaidh, dannsa, cluiche ciùil agus àite tarraingeach a-muigh.

Bha Muilnean Lannraig Nuaidh a' dèanamh cotan gu 1968.
More on Bhictòrianaich
Find out more by working through a topic
- count8 of 18

- count9 of 18

- count10 of 18
