Siubhal agus còmhdhail: rathad an A9 air bus

Part ofCuspairean SòisealtaCruthan-tìre

Siubhal air an rathad

Tha rathaidean riatanach airson ceangal eadar daoine, àitichean agus gnìomhachasan.

Anns an artaigil seo ionnsaichidh tu:

  • far a bheil rathaidean gan togail agus carson a tha iad air an togail an sin
  • mu chuid dhe na seòrsaichean rathaidean a chì thu ann an Alba
  • carson a dh'fheumas sinn rathaidean
  • mun A9 agus carson a tha e cudromach

Tha an t-artaigil seo freagarrach airson ionnsachadh mu dheidhinn topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd anns a' bhun-sgoil.

Back to top

Bhidio - Siubhal agus còmhdhail air an A9

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' siubhal suas an A9 air bus. Tha iad ag ionnsachadh mu dheidhinn diofar sheòrsaichean rathaidean agus carson a dh'fheumas sinn iad.

Back to top

Carson a dh'fheumas sinn rathaidean?

An-diugh, tha rathaidean a' leigeil le daoine faighinn bhon dachaigh a dh'obair no dhan sgoil, bathar agus stuthan fhaighinn agus tadhal air càirdean agus caraidean. Tha mòran rathaidean ann am bailtean agus ann am mòr-bhailtean, agus rathaidean eile a bhios a' ceangal àitichean ri chèile.

San àm a dh'fhalbh, bha mòran rathaidean air an togail:

  • ri taobh , agus mar sin, dh'fheumadh na rathaidean no na tragaichean a bhith freagarrach do siubhal thar astaran mòra.
  • do dh'fheachdan a bhiodh a' siubhal astaran mòra, uaireannan air chois, gu no caisteal cudromach.
Rathad an Rest and Be Thankful ann an Gleann Comhainn
Image caption,
Seo rathad an Rest and Be Thankful ann an Gleann Comhainn, no an A83. Tha an rathad a th' ann an-dràsta dìreach agus beagan nas àirde na an seann rathad armailteach a tha a' ruith ri thaobh. (Iain Masterton/Alamy Stock Photo)
Back to top

Seòrsaichean rathaidean

Tha iomadh seòrsa rathaid ann an Alba, mar:

  • mòr-rathaidean
  • rathaidean A agus B
  • rathaidean singilte.

Tha pàirt aca uile ann a bhith a' cumail ceangal eadar daoine.

Image gallerySkip image gallerySlide1 of 8, Mòr-rathad ann an Glaschu, Mòr-rathaidean Tha mòr-rathaidean a' dèanamh ceangal eadar na mòr-bhailtean againn far a bheil barrachd dhaoine ag obair agus a' fuireach. Tha iad a' toirt cothrom do charbadan siubhal nas luaithe agus nas dìriche. Tha lìonra beag de mhòr-rathaidean ann an Alba, mar an M8 eadar Glaschu agus Dùn Èideann. Chì thu an M8 ann am meadhan Ghlaschu anns an dealbh seo. Chan eil cead aig carbadan nas lugha no nas slaodaiche, mar baidhsagalan, motar-baidhsagalan beaga no tractaran a dhol air mòr-rathad. (Douglas Carr / Alamy Stock Photo)
Back to top

Sàbhailteachd rathaid agus Riaghailt an Rathaid

Feumaidh a h-uile duine a bhios a' siubhal air rathad riaghailtean a leantainn ris an canar Riaghailt an Rathaid. Tha na riaghailtean sin air an dealbh airson na rathaidean a bhith sàbhailte dhan h-uile duine – dràibhearan, luchd-mhotar-baidhsagalan, luchd-saidhclidh, coisichean agus duine sam bith eile a chleachdas na rathaidean.

Tha Riaghailt an Rathaid a' còmhdach a h-uile sìon air am feum fios a bhith agad airson an rathad a chleachdadh gu sàbhailte, mar:

  • cumail suas charbadan is bhaidhsagalan, mar dèanamh cinnteach gu bheil brèigichean agus solais ag obrachadh ceart.
  • casg-astair do charbadan air diofar sheòrsaichean rathaidean.
  • solais trafaig, soidhnichean is comharran rathaid.
  • riaghailtean airson an rathad a chleachdadh ann an diofar shuidhichidhean mar droch shìde agus air an oidhche.
  • riaghailtean bunaiteach sàbhailteachd, mar criosan-sàbhailteachd a chleachdadh ann an càr, gun fòn-làimhe a chleachdadh nuair a tha thu a' dràibheadh agus solais-aghaidh gheal is solais-dheiridh dhearg a bhith air baidhsagalan air an oidhche.

Tha na riaghailtean sin air an ùrachadh gu cunbhalach airson a h-uile duine a tha a' cleachdadh an rathaid a chumail sàbhailte. Feumaidh a h-uile dràibhear ùr deuchainn a phasaigeadh airson sealltainn gu bheil fios aca air Riaghailt an Rathaid mus faigh iad cead-dràibhidh.

Faodaidh luchd-bhaidhsagalan roghnachadh am misneachd a thogail air na rathaidean agus sealltainn gu bheil mothachadh aca air riaghailtean rathaid le bhith a' dèanamh nan cùrsaichean National Standards in Cycle Training no Bikeability – ach 's e roghainn a th' annta sin.

Back to top

Dè a' bhuaidh a th' aig a' chruth-tìre air rathaidean?

A bharrachd air seann shlighean armailteach agus malairteach a leantainn, feumar rathaidean ùra a thogail a rèir cruth na tìre anns a bheil iad. Chan urrainn dhaibh an-còmhnaidh a dhol eadar A agus B oir dh'fhaodadh beanntan, coille dhùmhail no aibhnichean a bhith nam bacadh. Faodaidh an t-slighe a ghabhas rathaidean agus na feartan aca siubhal a dhèanamh nas sàbhailte.

Seo eisimpleirean de rathaidean ann an Alba a tha ag obrachadh leis a' chruth-tìre mun cuairt orra.

Image gallerySkip image gallerySlide1 of 5, Pàirt den A82 a' dol tro Mhòinteach Raineach, Mòinteach Raineach Seo an A82 a' dol tro Mhòinteach Raineach. Seall cho dìreach 's a tha an rathad far nach eil sìon eile air a' mhòintich, gus am feum e a shlighe a dhèanamh eadar dà loch bheag. Seo as coireach gu bheil rathaidean ann an cruth-tìre le beanntan no costa glè thric lùbach oir feumaidh iad fiotadh mu chuairt a' chruth-tìre a th' ann. (Iain Masterton / Alamy Stock Photo)
Back to top

An A9

'S e an A9 an rathad as fhaide ann an Alba. Tha e 273 mìltean, no 439km, a dh'fhaid.

Map dhen A9
  • B' àbhaist gum b' e am prìomh rathad eadar Dùn Èideann, am prìomh bhaile, agus Taigh Iain Ghròt, fear dhe na h-àitichean as fhaide dhan ear-thuath air tìr-mòr Alba.

  • Tha an dà cheann dhen t-slighe air atharrachadh thar ùine.

    • Tha earrannan ùra de mhòr-rathad a' toirt barrachd trafaig à Dùn Èideann aig deas gu Sruighlea agus Peairt.
    • Tha ceann a tuath an rathaid a-nis aig Cala Sgrabstail, faisg air Inbhir Theòrsa, far am faigh thu aiseag gu Stromness ann an Arcaibh.
  • Seo fhathast a' phrìomh shlighe a tha a' ceangal Meadhan Alba ris a' Ghàidhealtachd. B' fheudar an rathad atharrachadh do charbadan nas motha agus nas luaithe agus barrachd trafaig san fharsaingeachd. Gun leasachaidhean a leigeas le trafaig gluasad nas fheàrr, bhiodh barrachd agus air an t-slighe seo.

Am measg nan atharraichean a thathar a' moladh airson an A9, tha:

  • 30 earrann dhen rathad a bhith na rathad-caraids dùbailte gus am bi e nas sàbhailte do thòrr trafaig siubhal nuair a tha e trang, agus siubhal aig astar
  • ionadan agus teàrrdsaran dealain air an t-slighe a' brosnachadh dhaoine gu carbadan dealain a chleachdadh
  • barrachd àitichean-coise sàbhailte do luchd-cleachdaidh eile air an rathad (gu h-àraidh luchd-bhaidhsagalan agus coisichean).
Back to top
Prìomh fhacail

Prìomh fhacail mu rathaidean agus còmhdhail

rathad-caraids dùbailte - Prìomh rathad le tèarmann-meadhain a' sgaradh trafaig a tha a' siubhal diofar thaobhan.

eimiseanan carbon - Carbon ga leigeil mu sgaoil a dh'àile na talmhainn agus a tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

gasaichean taigh-glainne - Gasaichean anns an àile agus a bhios a' glacadh teas. Ged a tha feum orra airson an Talamh a chumail blàth gu leòr airson beatha a bhith air, tha cus ann a-nis agus tha iad a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde. 'S e gas taigh-glainne a th' ann an carbon dà-ogsaid.

lìonra teàrrdsaidh charbadan dealain - Lìonra de dh'ionadan-teàrrdsaidh dealain a leigeas le dràibhearan na carbadan dealain aca a theàrrdsadh, agus a tha mar sin a' beagachadh eimiseanan carbon a th' air an leigeil mu sgaoil bho pheatroil agus dìosail.

truailleadh - Nuair a tha stuthan cronail air an toirt a-steach dhan àrainneachd.

dùmhlachd - Nuair a tha cus chàraichean is charbadan eile a' lìonadh rathaidean, agus bidh an trafaig slaodach no a' stad gu tur.

tuineachadh - Àite sa bheil daoine a' fuireach.

Riaghailt an Rathaid - Stiùireadh agus riaghailtean sàbhailteachd dhan luchd-cleachdaidh gu lèir air an rathad.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Dùbhlan

Dùbhlan

Dealbh rathaidean sàbhailte, uaine

Chan e a-mhàin rathaidean mòra mar an A9 a dh'fheumas a bhith sàbhailte dhan luchd-cleachdaidh gu lèir. Smaoinich mu shlighe a bhios tu a' gabhail tric, dhan sgoil, a phàirc ionadail no a thadhal air teaghlach agus caraidean. Smaoinich mu na rathaidean a dh'fheumas tu a dhol tarsainn agus na carbadan a dh'fheumas siubhal orra. An deidheadh agad air dòigh nas sàbhailte, agus a bhiodh nas fheàrr dhan àrainneachd, a dhealbh dhan h-uile duine airson siubhal? 'S dòcha gum faodadh tu map a tharraing dhen t-slighe, leis na h-àitichean cudromach air an comharrachadh.

Seo rudan air am faodadh tu smaoineachadh no a rannsachadh airson a' mhapa agad:

  • àitichean airson a dhol tarsainn agus cùisean sàbhailteachd eile
  • luaths an trafaig agus dè cho trang 's a dh'fhaodadh e a bhith
  • truailleadh
  • an seòrsa rathaid
  • ceuman do luchd-cleachdaidh an rathaid nach eil ann an carbadan
Back to top

Tuilleadh ri ionnsachadh mu dheidhinn còmhdhail

Còmhdhail agus seasmhachd

Ionnsaich tuilleadh mu chòmhdhail sheasmhach.

Còmhdhail agus seasmhachd
Back to top

More on Cruthan-tìre

Find out more by working through a topic