'S e seòrsa de fheart creige a th' ann an ion-shàthadh teinnteach. Bidh iad air an cruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas creag leaghte fo uachdar na Talmhainn.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an ion-shàthaidhean teinnteach
- Mar a tha laccoliths agus plugan bholcànach air an cruthachadh
- Far an lorg thu feartan ion-shàthadh teinnteach
- Fiadh-bheatha Albannach ann an Lodainn
Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan Cruthan-tìre ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air feartan-tìre teinnteach aig Traprain Law, North Berwick Law agus Am Bas ann an Lodainn an Ear.
Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus gheibh thu a-mach dè th' ann an ion-shàthadh teinnteach agus mar a tha e air a chruthachadh.
CONNOR: Nach eil e neònach gun saoil thu gu bheil Traprain Law agus North Berwick Law dìreach a' leum a-mach às an talamh chòmhnard a tha seo?
ISLA: 'S e ion-shàthadh teinnteach neo-àbhaisteach ris an canar laccolith a th' ann an Traprain Law.
Bidh ion-shàthadh teinnteach ga chruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas creag leaghte, no magma agus a chruadhaicheas i mus ruig i an t-uachdar.
Tha cuid de mhagma uabhasach tiugh. Mar sin cha tèid aige air e fhèin a phutadh ach astar beag, air a thaobh, a' putadh suas na creig os a chionn mus cruadhaich e.
CONNOR: Dìreach mar Dùn Èideann agus Creag a' Chaisteil!
ISLA: 'S e, tha iad uile co-cheangailte – pàirt dhen aon shreath bheanntan bholcànach.
CONNOR: Uill, tha sin inntinneach agus cha mhòr nach eil e cho math rin dìreadh. Thugainn!
ISLA: Wow, bha siud doirbh, ach b' fhiach e e airson an t-seallaidh.
CONNOR: Seall cho còmhnard 's a tha an còrr dhen fhearann, tha e uabhasach torrach agus math airson tuathanachas.
ISLA: Agus seall na dìtheanan! Àlainn fhèin. Feumaidh gur e an talamh torrach as coireach iad a bhith a' fàs cho math.
CONNOR: Seall thall a siud, Isla, each Exmoor. Bidh iad a' tighinn bho na monaidhean ann an Devon agus ann an Somerset ann an ceann an iar-dheas Shasainn. Chaidh an toirt a seo airson am feur a chumail sìos airson gum fàs na dìtheanan.
ISLA: Deagh obair, ag ithe fad an latha! Tha Traprain Law cuideachd ainmeil airson an ionmhais as motha de dh'airgead a chaidh riamh a lorg taobh a-muigh Ìmpireachd na Ròimhe. Cùm do shùilean fosgailte, chan eil fhios dè lorgas tu.
CONNOR: An toir sinn sùil air North Berwick Law a-nis?
Cruth annasach eile, nach e!
ISLA: 'S e, tha sin airson 's gur e pluga bholcànach a th' ann. Bidh pluga air a chruthachadh nuair a thèid làbha leaghte agus luath theth na bhrochan sgluiseach ann an deatachan bholcàno. Sin an sianail am broinn bholcàno a bhios a' fosgladh shuas air an uachdar.
Bidh e a' dol na sheòrsa de chreag theinnteach mar a bhios e a' fuarachadh. Chaidh am fear seo a chruthachadh o chionn 350 millean bliadhna.
An uair sin, milleanan bhliadhnaichean às dèidh sin, anns an linn deighe mu dheireadh – nuair a bha an talamh air a chòmhdach le deigh agus eigh-shruthan a bha a' gluasad gu slaodach – bhleith an deigh an talamh bog mun cuairt, agus cuid dhe na fillidhean de phluga bholcànach a bha na chreag uabhasach cruaidh.
Shnaigh sin a' chreag agus thug e dhi an cruth a chì sinn an-diugh.
Agus tuilleadh sheallaidhean brèagha!
CONNOR: Wow. Tha Am Bas coltach ri Traprian Law agus North Berwick Law, ach aig muir!
ISLA: Tha sin ceart. 'S e feart ion-shàthadh teinnteach a tha seo cuideachd.
Canar fonolaight ris a' chreig dhen deach an dèanamh. Canar cuideachd 'creag fuaim' rithe chionn bidh i a' dèanamh fuaim meatailteach ma bhuaileas tu i le òrd.
Tha a' choloinidh as motha de Shùlairean Tuathach air an t-saoghal a' fuireach air a' chreig – mu 150,000 dhiubh! Tha a' mhuir agus a' ghaoth fhathast a' cumadh na creige.
Tha mi a-nis a' smaoineachadh air cruthan-tìre annasach eile faisg air a' mhuir – eileanan, costaichean. Tha uiread ri rannsachadh.
CONNOR: Gun teagamh. Tha mis' ag iarraidh latha air an tràigh!
Feartan ion-shàthadh teinnteach
- Bidh an seòrsa feart creige ris an canar ion-shàthadh teinnteach ga chruthachadh nuair a bhios magmaCreag leaghte. a' fuarachadh fo uachdar na Talmhainn.
- Bidh magma, bho shìos domhainn fon talamh, a' bruthadh suas gu uachdar na Talmhainn agus a' cruthachadh ion-shàthaidhean mar laccoliths agus plugan bholcànach. Bidh am magma a' fuarachadh agus cruadhaichNuair a bhios rud a' fàs cruaidh no solad. mus ruig e an t-uachdar.
Laccoliths
'S e ion-shàthaidhean teinnteach air chruth balgain-buachair a th' ann an laccoliths. Bidh magma tiugh ga fhorsadh fhèin suas astar beag agus an uair sin a' tòiseachadh air gluasad gu aon taobh. Bidh am magma a' fuarachadh agus a' cruadhachadh agus a' fàgail meall creige mar Traprain Law.
Plugan bholcànach
'S e seòrsa eile de dh'ion-shàthadh teinnteach a th' ann am plugan bholcànach. Bidh iad air an cruthachadh nuair a steigeas làbha leaghte agus luath theth ann an deatachanAn seanail am broinn bholcàno a bhios a' fosgladh a-mach air an uachdar. bholcàno. Mar a bhios sin a' fuarachadh, bidh e a' dol na chreag chruaidh, theinnteach, mar North Berwick Law agus Am Bas.
Càit an lorg thu iad?
Tha iomadh ion-shàthadh teinnteach inntinneach ann an Dùn Èideann agus ann an Lodainn. Tha am map seo a' sealltainn nam feartan bholcànach agus teinnteach as ainmeile san sgìre. Ma tha thu a' fuireach faisg orra, no ma thadhaileas tu air an sgìre, dh'fhaodadh tu feuchainn rim faicinn!
Ion-shàthaidhean teinnteach air feadh Alba
Gheibhear ion-shàthaidhean teinnteach air feadh Alba, chan ann a-mhàin ann an Dùn Èideann agus Lodainn.
Tha ion-shàthadh teinnteach cuideachd aig Creag Chluaidh (pluga bholcànach ann an Dùn Bhreatann) agus Beinn Lughdain (pluga bholcànach ann an Siorrachd Àir).

Image caption, Traprain Law
'S e laccolith a th' ann an Traprain Law: ion-shàthadh teinnteach air chruth balagain-buachair. Bhrùth magma suas a dh'ionnsaigh uachdar na Talmhainn agus ghluais e an uair sin gu thaobh mus do dh'fhuaraich agus an do chruadhaich e. (Richard Newton / Alamy Stock Photo)

Image caption, Creag Chluaidh
'S e pluga bholcànach a th' ann an Creag Chluaidh ann an Siorrachd Dhùn Breatann an Iar. Chaidh a chruthachadh bho chionn nam milleanan bhliadhnaichean. Bha a' chreag àrd, bholcànach uabhasach math mar àite dìon do Chaisteal Dhùn Breatann. (Iain Masterton / Alamy Stock Photo)

Image caption, Beinn Lughdain
'S e pluga bholcànach ann an Siorrachd Àir an Ear a th' ann am Beinn Lughdain. Chaidh blàr a chur an seo aig àm Cogaidhean Saorsa na h-Alba. Thathar air a bhith ag àiteach nam fearainn thorrach mu chuairt na creige fad linntean. (Hugh Maxwell / Alamy Stock Photo)
1 of 3
Lusan agus beathaichean
Faigh a-mach barrachd mu chuid dhe na lusan agus dhe na beathaichean a chithear faisg air ion-shàthaidhean teinnteach Lodainn an Ear.

Image caption, Dìtheanan agus bàrr
Tha am fearann còmhnard, torrach mun cuairt Traprain Law a' cuideachadh dhìtheanan agus bàrr gu fàs, mar an t-achadh seo le lusan buidhe lus-ola. (Sally Anderson Weather / Alamy Stock Photo)

Image caption, Eich Exmoor
Tha eich Exmoor a' fuireach air Traprain Law agus North Berwick Law. Chaidh an toirt a-steach dhan sgìre bho cheann an iar-dheas Shasainn mar phàirt de phròiseact glèidhteachas ionaltraidh. Tha saorsa aca falbh air feadh an àite mar a thogras iad, agus bidh iad a' cumail an fheòir sìos airson gum faigh lusan eile, mar na dìtheanan fiadhaich, air fàs. (Westend61 GmbH / Alamy Stock Photo)

Image caption, Sùlairean
'S ann air a' Bhas a tha a' cholonaidh as motha air an t-saoghal de shùlairean. Bidh na h-eòin-mhara seo a' dàibheadh dhan uisge aig luaths mòr airson iasg a ghlacadh. (Clearview / Alamy Stock Photo)
1 of 3

- ion-shàthadh teinnteach – Feart creige a bhios air a chruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas magma (creag leaghte) fo uachdar na Talmhainn.
- magma – Creag leaghte a tha cho teth 's gu bheil i air a dhol na lionn. Nuair a ruigeas magma uachdar na Talmhainn, canar làbha ris.
- laccolith - Cnap creag theinnteach air chruth balgan-buachair a bhios air a chruthachadh fo uachdar na Talmhainn.
- sreath bheanntan – Sreath de chnuic no de bheanntan a chaidh a chruthachadh faisg air a chèile.
- torrach – Ùir no fearann a tha math airson tòrr lusan fhàs.
- pluga bholcànach – Feart creige teinnteach air a chruthachadh nuair a steigeas làbha leaghte agus luath theth agus a chruadhaicheas iad ann an deatachan bholcàno.
- deatachan - An seanail am broinn bholcàno a bhios a' fosgladh suas chun an uachdair.
- eigh-shruth – Abhainn mhòr, mhòr de dheigh a' gluasad gu mall.
- bleith – A' cnàmh air falbh.
- Linn na Deighe – Ùine fhada ann an tìm nuair a chaidh teòthachd na Talmhain sìos gu mòr. Bha uachdar na Talmhainn air a thiodhlacadh fo chlàran mòra deighe. Bha e aig àirde o chionn mu 22,000 bliadhna.
- fonolaight – Seòrsa de chreag ris an canar cuideachd 'clach fhuaimneach'.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Dealbhaich beagan ionmhas Ròmanach (mar an t-airgead a chaidh a lorg aig Traprain Law)
Tha Traprain Law ainmeil airson an uireid as motha de dh'airgead Ròmanach a chaidh a lorg riamh an taobh a-muigh de dh'Ìmpireachd na Ròimhe.
Dèan rannsachadh air an t-seòrsa nithean Ròmanach a dh'fhaodadh iad a bhith air a lorg agus dealbhaich fhèin fear.
Coimhead a' bhidio seo agus gheibh thu a-mach barrachd mu na Ròmanaich agus na dh'fhàg iad às an dèidh ann an Alba.
More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count13 of 24

- count14 of 24

- count15 of 24

- count16 of 24

