'S e aibhnichean mòra, mòra de dheigh a bhios a' gluasad thar talamh a th' ann an eigh-shruthan. Faodaidh iad an cruth-tìre atharrachadh agus feartan eigheadail mar arêtes agus coireachan a chruthachadh air beanntan.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an eigh-shruth
- Mar a tha coireachan agus arêtes air an cruthachadh
- Mar a tha stùc phioramaideach air a cruthachadh
- Mar a chumas tu thu fhèin sàbhailte a' sreap nam beann
Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan Cruthan-tìre ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' dìreadh Bheinn Nibheis agus a' coimhead air feartan bleith eighichte.
Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu fheartan bleith eigheadail.
ISLA: A bheil sinn dha-rìribh a' dol a dhìreadh Beinn Nibheis? A' bheinn as àirde ann an Alba?
CONNOR: Dìreach sin. Fadachd mo bheatha orm. Na gabh dragh, smaoinich mi air a h-uile sìon.
Aodach blàth uisge-dhìonach, greimean beag le tòrr lùth agus deoch. Fìdeag, toirdse agus bogsa ciad chobhair. Agus seall seo.
Seo an t-slighe a ghabhas sinn. Coisichidh sinn air slighe na beinne, a b' àbhaist a bhith na slighe do dh'eich. Ged a tha an t-slighe air a comharrachadh gu math, cuidichidh am map agus a' chombaist sinn ma bhios cus uisge agus ceò ann.
Agus airson a bhith sàbhailte dh'inns mi do chuideigin càit a bheil sinn a' dol, an t-slighe againn agus an uair a bhios sinn air ais.
ISLA: Glè mhath. Tha i a' coimhead brèagha, grianach a seo an-dràsta ach faodaidh an t-sìde atharrachadh gu math luath nuair a tha thu shuas àrd anns na beanntan.
Tha i a' fàs nas fhuaire mar-thà. Tha sneachd fhathast air na leòidean as àirde, seall. Tha e coltach gu bheil mòran fheartan eigheadail a seo.
CONNOR: Tha, mar coireachan - mar am fear ud thall.
'S e lag air chumadh sèithear mòr a th' ann an coire agus bidh e air cliathaich beinne. Seo far am bi eigh-shruth, abhainn mhòr de dheigh shruthach, air a chruthachadh.
Cruthaichidh eigh-shruthan an coire nuair a chruinnicheas barrachd is barrachd sneachda. Bidh an sneachd air a bhruthadh fo chuideam fhèin agus air a dhlùthadh na dheigh.
Bidh an t-eigh-shruth a' fàs cho trom 's gun tòisich e a' gluasad sìos a' bheinn. Bidh deigh a chaidh na uisge fon eigh-shruth ga chuideachadh a' gluasad.
Bidh an t-eigh-shruth a' bleith - a' caitheamh - a' choire ann an dà dhòigh. Bidh spìonadh a' dèanamh balla-cùil a' choire nas caise, agus bidh abrèisean a' dèanamh an lag nas doimhne.
Bha coireachan mar seo air an cruthachadh ann an linn na deighe, a bha aig àirde o chionn 22,000 bliadhna.
ISLA: Wow. Nach eil Abhainn Tatha a' tòiseachadh ann an coire aig mullach Beinn Laoigh?
CONNOR: Tha! Agus faodaidh coireachan feart eigheadail eile a chruthachadh, ris an canar arête.
ISLA: Ò, tha fear ainmeil air Beinn Nibheis, nach eil? Arête Càrn Mòr Dearg.
Sin e! Nuair a thèid dà choire a chruthachadh cùl-ri-cùl, bidh druim cas, ris an canar arête, air a chruthachadh eatarra.
Tha dìreadh doirbh bitheanta air Beinn Nibheis far am bi daoine a' sreap nan dromannan cas. As t-samhradh bidh iad ga dhèanamh le bhith a' sreap nan creagan. Sa gheamhradh feumaidh tu làmhagan deighe agus spìcean sònraichte, ris an canar cramponan, air do bhrògan.
CONNOR: Bhiodh e doirbh sin a shreap!
ISLA: Hooray! Rinn sinn e! Gu mullach na beinne. Abair sealladh!
CONNOR: Cò ris a tha e coltach air a' mhullach, a' seasamh air bàrr nam milleanan bhliadhnaichean de dh'atharrachadh sa chruth-tìre?
ISLA: Dìreach do-labhairt. Agus a' bruidhinn air mullaich, tha sinn nar seasamh air stùc phioramaideach. Cuimhn' agad mar a bhios arête air a chruthachadh eadar dà choire?
Nuair bhleitheas trì no barrachd a choireachan a' bheinn cùl-ri-cùl, bidh na dromannan a' cruthachadh stùc phioramaideach, a' chiad chruth beinne air an smaoinich sinn uile.
CONNOR: Wow, bidh cruth nam beanntan ag atharrachadh barrachd na shaoileas sinn. Tha mi cho toilichte gu bheil Rothach againn a-nis sa phoca, Isla.
ISLA: Dè? Rothach sa phoca?
CONNOR: Seadh, abairt a th' ann sa Bheurla. Ann an Alba canar Munro ri beinn tha còrr is 3,000 troigh a dh'àirde, 914m. Tha sinn 4,413 troighean os cionn ìre na mara a seo. Air mullach an t-saoghail!
ISLA: Agus dè ma tha an ath Rothach a chuireas sinn dhan phoca? An Càrn Gorm?
CONNOR: Beinn MacDuibh?
ISLA: Liathach?
CONNOR: Mach leinn!
Dè th' ann an eigh-shruth?
- 'S e tomad mòr deighe a' gluasad gu mall air an talamh a th' ann an eigh-shruth.
- Feumaidh eigh-shruth teòthachdan uabhasach fuar agus tòrr sneachda airson a chruthachadh.
- Bidh teòthachd na h-èadhair a' fàs nas ìsle mar as àirde a thèid thu os cionn ìre na maraÌre chuibheasach na mara. Sin as coireach gum faic thu sneachd glè thric air mullaich nam beann.
- 'S àbhaist gum bi eigh-shruthan air an cruthachadh shuas gu h-àrd air beanntan bhon a tha an teòthachd gu math nas ìsle.

Eigh-shruthan ann an Alba
Anns an Linn na DeigheÙine fhada ann an tìm nuair a chaidh teòthachd na Talmhainn sìos gu mòr. Bha uachdar na Talmhainn air a thiodhlacadh fo chlàran mòra deighe. Bha e aig àirde o chionn mu 22,000 bliadhna. mu dheireadh, bha Alba glè thric air a còmhdach le eigh-shruthAbhainn mhòr, mhòr de dheigh a' gluasad gu mall.. Bha iad air an cruthachadh shuas àrd air beanntan agus bhiodh iad a' sruthadh sìos na beanntan, a' cruthachadh choireachan, arête agus stùcan pioramaideach.
Dè th' ann an coire?
- 'S e lag air chruth sèithear mòr, gàirdeanach air cliathaich beinne a th' ann an coire. Sin an t-àite anns an deach eigh-shruthAbhainn mhòr, mhòr de dheigh a' gluasad gu mall. a chruthachadh uaireigin.
- Chaidh a' mhòr-chuid de choireachan a chruthachadh ann an Linn na DeigheÙine fhada ann an tìm nuair a chaidh teòthachd na Talmhainn sìos gu mòr. Bha uachdar na Talmhainn air a thiodhlacadh fo chlàran mòra deighe. Bha e aig àirde o chionn mu 22,000 bliadhna..
- Bidh bleideagan-sneachda a' cruinneachadh ann an lag. Mar a bhios barrachd sneachda a' tuiteam, bidh an sneachd air a dhlùthadh agus bidh an èadhar air a fàsgadh a-mach às.
- Thar nam mìltean bhliadhnaichean, bidh an sneachd a chaidh a dhlùthadh a' dol na dheigh chruaidh eigh-shruth.
- Bidh an deigh chruaidh eigh-shruthach a' fàs cho trom 's gum bi i a' tòiseachadh air sruthadh sìos a' bheinn. Bidh deigh a leagh agus a tha a-nis na h-uisge fodha a' cuideachadh an eigh-shruth gu gluasad.
- Mu dheireadh, bidh gluasad an eigh-shruth a' bleithCaitheamh thar ùine. uachdar a' choire. Sin bleith eighichte.
Bidh bleith eighichte a' tachairt ann an dà dhòigh:
- Bidh spìonadh a' dèanamh balla-cùil a' choire nas caise.
- Bidh abrèisean a' dèanamh lag a' choire nas doimhne.
Dè bhios a' tachairt nuair a thèid coire a chruthachadh cùl-ri-cùl?
- Nuair a thèid dà choire a chruthachadh cùl-ri-cùl, thèid rids cas ris an canar arête a chruthachadh.
- Nuair a bhleitheas trì coireachan no barrachd beinn cùl-ri-cùl, bidh na h-arêtes a' cruthachadh stùc phioramaideach. Seo an cruth clasaigeach beinne a tha coltach ri pioramaid.

Image caption, Coire
'S e lag mòr air cliathaich beinne a th' ann an coire. Bidh eigh-shruth tric air a chruthachadh ann an coire agus thar ùine, bidh an t-eigh-shruth a' bleith na beinne, a' dèanamh an laig nas motha agus a' cruthachadh coire. Tha an coire seo àrd anns a' Chuiltheann Dubh san Eilean Sgitheanach. (Photimageon / Alamy Stock Photo)

Image caption, Arête
'S e rids cas a th' ann an arête agus tha air a chruthachadh nuair a thèid dà choire a chruthachadh cùl-ri-cùl. Tha mòran de luchd-coiseachd nam beann measail air a bhith a' sreap air na ridsichean casa seo, mar Arête Càrn Mòr Dearg. (Tim Geach / Alamy Stock Photo)

Image caption, Stùc phioramaideach
Nuair a bhleitheas trì coireachan no barrachd beinn cùl-ri-cùl, bidh na h-arêtes chasa a' cruthachadh stùc phioramaideach. Seo an cruth beinne clasaigeach, mar Buachaille Èite Mòr air a' Ghàidhealtachd. (David Dennis / Alamy Stock Photo)
1 of 3

- eigh-shruth - Abhainn mòra, mòra de dheigh a bhios a' gluasad gu mall.
- feartan eigheadail - Feartan cruth-tìre a chruthaich eigh-shruthan.
- coire - Lag air chruth sèithear mòr a bhios air cliathaich beinne. Seo far an deach eigh-shruth a chruthachadh uaireigin.
- arête - Rids cas air a chruthachadh nuair a thèid dà choire a chruthachadh cùl-ri-cùl.
- stùc phioramaideach - Nuair a bhleitheas trì coireachan no barrachd beinn cùl-ri-cùl, bidh arêtes a' cruthachadh stùc phioramaideach. Seo an cruth clasaigeach beinne a tha coltach ri pioramaid.
- dlùthadh - Nuair a tha dà nì no barrachd air am pacadh còmhla gu dlùth, chan eil rùm eatarra. Mar eisimpleir, faodaidh sneachd a bhith air a dhlùthadh agus chan eil rùm eadar na bleideagan airson èadhar.
- bleith - Caitheamh.
- spìonadh - Nuair a bhios creagan no clachan a' reothadh ri taobhan eigh-shruth. Bidh na creagan agus na clachan air an spìonadh às an talamh no às aghaidh creige nuair a bhios an t-eigh-shruth a' gluasad. Bidh spìonadh a' fàgail cruth-tìre eagach às a dhèidh.
- abrèisean - Nuair a bhios creagan agus clachan a' steigeadh ri bonn agus taobhan eigh-shruth. Bidh na creagan agus na clachan a' suathadh san fho-chreig (aig bonn an eigh-shruth) agus ann an aghaidhean chreagan (aig taobhan an eigh-shruth) nuair a bhios an t-eigh-shruth a' gluasad.
- Linn na Deighe – Ùine fhada ann an tìm nuair a chaidh teòthachd na Talmhainn sìos gu mòr. Bha uachdar na Talmhainn air a thiodhlacadh fo chlàran mòra deighe. Bha e aig àirde o chionn mu 22,000 bliadhna.
- Rothach - Beinn a tha còrr is 3,000 troigh (914 meatairean) a dh'àirde ann an Alba.
A' sreap bheanntan gu sàbhailte
Sa bhidio aig mullach na duilleig, dhìrich Isla agus Connor Beinn Nibheis airson gun sgrùdadh iad bleith eigheadail.
Faodaidh sreap bheanntan a bhith uabhasach cunnartach agus cha bu chòir dhut uair sam bith fheuchainn leat fhèin. Feuch an-còmhnaidh gum bi inbheach ciallach còmhla riut a tha eòlach air sreap.
Bu chòir dhut an-còmhnaidh innse do chuideigin:
- Càit a bheil thu a' dol
- An t-slighe a tha thu a' gabhail
- Cuin a tha dùil agad a bhith air ais
Cuimhnich gun toir thu leat:
- Aodach blàth a tha dìonach air uisge
- Greimean-bìdh sa bheil lùth gu leòr agus deoch
- Fìdeag
- Toirds
- Stuth ciad chobhair
- Map
- Combaist
Faigh a-mach tuilleadh:

Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Dealbhaich fhèin beinn 3sh.
Cuir do sgilean ealain agus dealbhachaidh gu feum agus cruthaich stùc beinne 3sh. Feuch an tèid agad air feartan eigheadail, mar coireachan agus arêtes, a chur air a' bheinn agad?
Smaoinich dè an seòrsa stuthan a dh'fheumas tu.
Seo beagan cuideachaidh le dòighean dealbhaidh a' cleachdadh pàipear: Design techniques: Paper cutting
More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count14 of 24

- count15 of 24

- count16 of 24

- count17 of 24
