Chaidh mòran fheartan costail a chruthachadh air sgàth bleith. Nuair a bhios a' mhuir a' cnàmh na tìr, canar bleith ris. Bidh bleith costail a' cruthachadh fheartan mar uamhan agus stacan-mara.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Na diofar ìrean ann am bleith costail
- Mar a tha stacan-mara air an cruthachadh
- Mar a ghabhas na làin a chleachdadh airson dealan a chruthachadh
- Fiadh-bheatha Alba aig muir
Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan Cruthan-tìre ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air feartan bleith costail air turas bho Stromness ann an Arcaibh gu Sgrabstal ann an ceann a tuath tìr-mòr na h-Alba.
ISLA: Taing airson leigeil leam tadhal air do sheanair 's do sheanmhair còmhla riut. Chòrd Arcaibh rium math fhèin. Tha uiread de dh'eachdraidh inntinneach ann air nach robh fios a'm. Mar gun robh Lochlannaich a seo!
Tha e a' dèanamh ciall nuair a tha sinn cho faisg air Nirribhidh agus na dùthchannan Lochlannach eile, às an tàinig na Lochlannaich.
Bha na Lochlannaich nam fìor dheagh mharaichean, rud a dh'fheumadh iad a bhith anns an droch mhuir ud. Bha na seann daoine a bha a' fuireach ann an Arcaibh sònraichte aig muir.
CONNOR: A' bruidhinn air a' mhuir, seo an t-aiseag.
ISLA: Woohoo! 'S toigh leam a bhith air an uisge. An robh fios agad gu bheil an t-uisge seo sònraichte? Tha cuid dhe na làin as cumhachdaiche air an t-saoghal anns a' Chaol Arcach. 'S ann mar sin a tha Arcaibh cho cudromach a thaobh rannsachadh lùth ath-nuadhachail.
Bidh na làin a' gluasad cho luath 's gum bi iad a' gintinn tòrr lùth, a ghabhas atharrachadh gu dealan.
Nuair a bhios làn àrd ann, bidh ìre an uisge ag èirigh, agus bidh e a' tuiteam a-rithist nuair a tha an làn ìosal. Chì thu seo air tràigh a rèir 's dè cho fada suas a' ghainmheach no na clachan a thig an t-uisge, agus aig bonn bhearraidhean far an toir an làn ìosal leacan gearradh-tuinn am follais.
Sin a' chreag a chaidh fhàgail fon uisge nuair a chaidh a' chreag os a cionn a bhleith, no a chaitheamh, leis a' mhuir. A seo sa Chaol Arcach, tha na làin a' sruthadh uabhasach luath, gu h-àraidh nuair a bhios gaoth mhòr ann cuideachd. Faodaidh iad luaths de 30 km san uair a ruighinn. Mar as luaithe a tha iad, 's ann as motha an cumhachd creagan a bhleith.
CONNOR: Tha fios a'm air dòighean eile anns am faic sinn fianais air a' chumhachd sin cuideachd.
Seall an stac-mara mòr, uabhasach ud. Sin Bodach Hoy. 'S esan fear dhe na stacan-mara as àirde san Rìoghachd Aonaichte. Chan eil e ach beagan cheudan bhliadhnaichean a dh'aois.
Ma bheir thu sùil air mapaichean bho chionn mu 200 bliadhna, chì thu gun robh rubha slàn a sin… agus tha sin a' ciallachadh gun robh an stac-mara fhathast na phàirt dhen tìr-mòr. Chaidh an talamh eatarra a bhleith agus chaidh an stac fhàgail.
Bidh daoine ga shreap agus a' cur an ainm ann an leabhar air a' mhullach aige!
ISLA: Dè! Ò, cha chreid mi gu bheil mi airson a shreap. Chan eil e a' coimhead furasta.
Connor, wow! Muc-mhara minke. Cùm sùil a-mach airson orcathan agus cearbain cuideachd. Nach eil iad mìorbhaileach?
CONNOR: Turas sgoinneil a bha siud air an aiseag.
ISLA: Tha mi airson barrachd dhen chosta iongantach seo fhaicinn. Tha deagh chuairt a seo.
Seo sinn!
CONNOR: Stac-mara eile – le airdse ann cuideachd.
ISLA: Tha, 's ann le sgàinidhean sa chreig a bhios feartan bleith mar Bodach Hoy a' tòiseachadh. Tha na diofar fheartan seo a' sealltainn nan diofar ìrean ann am bleith costail. Bidh e a' tòiseachadh le sgàineadh anns a' chreig a bhios a' fàs nas leatha agus a' dol na uamh thar ùine. Mu dheireadh, bidh a' mhuir a' bleith a-steach tro aghaidh a' bhearraidh agus a' cruthachadh airdse. Fàsaidh an airdse ro leathann airson taic a chumail ris an talamh os a chionn agus tuitidh mullach na h-airdse, a' fàgail stac. An ceann ùine, tuitidh sin cuideachd agus cha bhi air fhàgail ach am bonn – am pìos dhen chreig a tha fon uisge.
CONNOR: Smaoinich. A h-uile turas a tha na tuinn sin a' bualadh sa chreig sin, tha iad ag atharrachadh cruth a' chosta.
ISLA: 'S toigh leam an costa garbh seo. Tha e cho brèagha, ach a bheil fios agad air a seo? Bu toigh leam tadhal air costa a tha beagan nas socaire. Tràighean, 's dòcha?
CONNOR: Dha-rìribh!
Cumhachd na mara

- Tha Alba air a cuairteachadh leis a' mhuir. Canar an costa no an cladach ris a' chrìch eadar muir agus tìr.
- Nuair a bhios tuinn a' bualadh air an tìr, bidh iad ag adhbharachadh bleithCaitheamh thar ùine.. Thar ùine, faodaidh na tha seo de bhleith cruth a' chosta atharrachadh.

Feartan bleith costail
Faodaidh bleith uamhan, airdsean, stacan agus bunan a chruthachadh air rubha.
'S e pìos cumhang de thalamh a tha a' stobadh a-mach bhon chladach dhan mhuir a th' ann an rubha. Tha rubhaichean air an dèanamh de chreag chruaidh. Bidh iad air an cruthachadh nuair a thèid creag nas buige air gach taobh a bhleith air falbh. 'S àbhaist rubha a bhith gu math àrd le taobhan cas.
- Bidh tuinn a' bualadh air an rubha, a' bleith na creige agus a' cruthachadh sgàinidhean.
- Bidh uamhan air an cruthachadh nuair a bhruthas tuinn a-steach dha na sgàinidhean. Tha gainmheach agus stuthan eile anns an uisge a bhios a' cnàmh agus a' bleith na creige gus an tèid na sgàinidhean mu dheireadh nan uamh.
- Thar ùine, 's dòcha gum bris na tuinn a-steach chun an taoibh eile a' cruthachadh airdse.
- Mean air mhean, fàsaidh an airdse nas motha agus mu dheireadh cha tèid aice air taic a chumail ris a' chreig os a cionn. Nuair a thuiteas an airdse, fàgaidh i an rubha air aon taobh agus stac (colbh àrd creige) air an taobh eile.
- Thèid an stac a bhleith aig a' bhonn. Nì seo an stac lag agus mu dheireadh tuitidh i agus bidh bun air fhàgail.
Feartan bleith costail ann an Alba

Image caption, Rubha
'S e pìos fearainn air a' chosta a' stobadh a-mach dhan mhuir a th' ann an rubha, mar an rubha creagach seo air costa an ear-thuath Alba. (Pavel Kasak / Alamy Stock Photo)

Image caption, Uamh
Bidh uamhan air an cruthachadh nuair a bhruthas tuinn a-steach do sgàinidhean air aghaidh bearraidh. Tha uamhan nàdarra air rubha Maw Skelly ann an Obar Bhrothaig (gu h-àrd). Chaidh aon dhe na h-uamhan seo a bhleith gus airdse a chruthachadh aig ceann an rubha. (Stephen Finn / Alamy Stock Photo)

Image caption, Airdse
Thar ùine, faodaidh gum bris uisge a-steach gu taobh eile an rubha a' cruthachadh airdse. Canar Creag Crò na Snàthaid ris an airdse seo faisg air Inbhir Ùige ann an Gallaibh. (David Robertson / Alamy Stock Photo)

Image caption, Stac mara
'S e Bodach Hoy fear dhe na stacan as àirde anns an Rìoghachd Aonaichte. 'S e colbh àrd creige, a bha uair na phàirt de rubha, a th' ann an stac mhara. (David Chapman / Alamy Stock Photo)
1 of 4
Leacan gearradh-tuinn

Tha leac gearradh-tuinn cuideachd na h-eisimpleir de bhleith costail. 'S e sin pìos còmhnard air beulaibh bearraidh, dìreach fo ìre an làin ìosail. Seo an ìre as ìsle aig a' mhuir-làn.
Bidh leacan gearradh-tuinn air an cruthachadh nuair a bhios tuinn a' bleith bearradh agus a' fàgail leac còmhnard.

Dè th' ann an làin?
- Nuair a bhios ìrean uachdar mara ag èirigh agus a' tuiteam, canar làin riutha. Tha iad air an cruthachadh le tarraing grabhataidh na gealaich. Tha an gluasad eadar làn ìosal agus làn àrd a' tachairt dà thuras gach latha.
- Tha làinMar a bhios am muir ag èirigh agus a' tuiteam a rèir tarraing grabhataidh na gealaich. Tha dà làn àrd agus dà làn ìseal gach latha sa mhòr-chuid de dh'àitichean air a' chosta. anns a' mhuir air an adhbharachadh le grabhataidhForsa a bhios a' tarraing rudan a dh'ionnsaigh meadhan tomaid. Tha grabhataidh gu math nas làidire aig tomadan nas motha mar rionnagan agus planaidean. na Gealaich a' tarraing na Talmhainn ga h-ionnsaigh.
- Far a bheil cuantan a' coimhead a dh'ionnsaigh na gealaich, 's ann a sin as motha a tha an t-uisge air a tharraing agus bidh e a' dol na chnap. Seo làn àrd. Tha an Talamh air a tharraing a dh'ionnsaigh na gealaich barrachd na chun a' chuain air taobh eile na planaid. Tha seo ag adhbharachadh làn àrd eile.
- Mar a bhios a' ghealach a' gluasad mun cuairt na planaid, bidh na làin seo a' gluasad mun cuairt còmhla rithe, ag adhbharachadh dà làn àrd agus dà làn ìosal gach latha.
- Tha tòrr lùth cineataigeachLùth a th' ann an rud air sgàth a bhith a' gluasad. Tha lùth cineataigeach aig ball air a shadail oir tha e a' gluasad. Nuair a ghluaiseas uisge, tha sin cuideachd na eisimpleir de lùth cineataigeach. ann an gluasad an uisge seo a ghabhas a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
- Tha cuid dhe na làin as cumhachdaiche air an t-saoghal anns a' Chaol Arcach. 'S ann mar sin a tha Arcaibh na àite cudromach airson rannsachadh lùth ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh..

Beatha-mhara Alba
Faigh a-mach mu chuid dhen fhiadh-bheatha a dh'fhaodadh tu fhaicinn mu chosta Alba.

Image caption, Mucan-mara Minke
Chithear mucan-mara Minke mu chuairt costa Alba. Bidh iad ag ithe èisg bheaga agus planctan ann an uisge ao-domhainn. Mar sin chì thu iad uaireannan bho rubhaichean agus bho aiseagan. Chaidh a' mhuc-mhara Minke seo fhaicinn eadar Eilean Mhuile agus Eilean Ì air taobh siar Alba. (Lynne Sutherland / Alamy Stock Photo)

Image caption, Orcathan
Tha orcathan ainmeil airson pàtran dubh is geal gun shamhail agus itean mòra air an druim. Glè thric canar 'mucan-mara marbhtach' riutha, ach chan e mucan-mara th' annta idir! 'S e leumadairean a th' annta. Chaidh an dealbh dhen bhuidheann orcathan seo a thogail faisg air Sealtainn. (David Havel / Alamy Stock Photo)

Image caption, Cearbain
'S e an cearban an dara iasg as motha air an t-saoghal agus chì thu iad uaireannan a' snàmh mu chosta an iar Alba as t-samhradh. Tha an cearban seo ag ithe planctan san uisge mun cuairt Innse Gall. (robertharding / Alamy Stock Photo)
1 of 3

- costa - Far am bi an tìr a' coinneachadh ris a' mhuir. Canar cladach ris cuideachd.
- cladach - An talamh ri oir mara, loch no abhainn leathann.
- làin - Ìre na mara ag èirigh agus a' tuiteam air adhbharachadh le tarraing grabhataidh na gealaich.
- lùth ath-nuadhachail - Bun-lùth a ghabhas a chleachdadh a-rithist agus a-rithist. Tha lùth ath-nuadhachail a' gabhail a-steach lùth-grèine, dealan-uisge agus lùth gaoithe.
- làn àrd - Nuair a bhios an t-uisge a' còmhdach a' chuid as motha dhen chladach an dèidh èirigh chun na h-ìre as àirde.
- làn ìosal - Nuair a bhios an t-uisge a' dol air ais chun na h-ìre as ìsle, a' gluasad air falbh bhon chladach.
- bleith - Pìosan creige, ùir no stuthan solad eile gan caitheamh air falbh.
- leac gearradh-tuinn - Àite còmhnard air beulaibh bearraidh, dìreach fo ìre an làin ìosail. Bidh iad air an cruthachadh nuair a bhios na tuinn a' bleith a' bhearraidh agus a' fàgail leac còmhnard às an dèidh.
- rubha - Pìos fearainn a bhios a' stobadh a-mach bhon chladach dhan mhuir.
- uamh - Fosgladh ann an uachdar na Talmhainn. Tha a' chuid as motha de dh'uamhan air an cruthachadh nuair a bhleitheas no a leaghas uisge a' chreag, a' cruthachadh fosgladh no trannsa.
- airdse - Fosgladh lùbte le drochaid, mullach no balla os a chionn. Faodaidh iad a bhith air an cruthachadh ann an rubhaichean nuair a thèid uamh a bhleith leis a' mhuir.
- stac-mara - Colbh àrd creige. Tha iad air an cruthachadh nuair a thuiteas airdse ann an rubha air sgàth bleith.
- bun - Colbh beag creige a bhios air fhàgail nuair a thuiteas stac-mara.
Feuch dè nas aithne dhut

Dealbhaich bàta-fada Lochlannach.
Anns a' bhidio aig bàrr na duilleig, mhìnich Isla gun do sheatlaig Lochlannaich ann an Arcaibh o chionn ceudan bhliadhnaichean.
Bha na Lochlannaich nan seòladairean sgileil agus bha iad math air bàtaichean a thogail. Dhèanadh na bàtaichean-fada aca a' chùis air turasan mara doirbh – mar na turasan eadar Nirribhidh agus Alba!
Feuch fhèin ri bàta-fada Lochlannach a dhealbh agus a thogail.
Ma tha thu airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu na Lochlannaich ann an Alba, thoir sùil air na duilleagan seo: Lochlannaich an Alba

Tuilleadh mu na Lochlannaich
Carson a bhiodh na Lochlannaich a' creachadh? videoCarson a bhiodh na Lochlannaich a' creachadh?
Faigh a-mach dè thachair nuair a bhiodh na Lochlannaich ri creach.

Càit am biodh na Lochlannaich a' siubhal? videoCàit am biodh na Lochlannaich a' siubhal?
Faigh a-mach mar a rinn na Lochlannaich rannsachadh fad is farsaing le bhith a' tarraing nam bàtaichean aca thar tìr.

Dòigh-beatha ann an tuineachadh Lochlannach. videoDòigh-beatha ann an tuineachadh Lochlannach
Faigh a-mach mun dòigh-beatha ann an tuineachadh Lochlannach.

Faigh a-mach mar a thèid againn air tuinn agus làin a chleachdadh airson dealan ath-nuadhachail a ghintinn.
Lùth an làin. revision-guideLùth an làin
Faigh a-mach mar a ghabhas lùth an làin a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

Lùth nan tonn. revision-guideLùth nan tonn
Faigh a-mach mar a ghabhas lùth nan tonn a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count17 of 24

- count18 of 24

- count19 of 24

- count20 of 24
