Bidh lùth nan tonn a' cleachdadh cumhachd na mara airson dealan a ghintinn.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè bhios ag adhbharachadh nan tonn
- Na diofar uidheaman a chaidh innleachadh airson lùth nan tonn a chleachdadh
- Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig lùth nan tonn
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).
'S e lùth ath-nuadhachail gu math ùr a th' ann an lùth nan tonn.
Chan eil cho fada sin bho thòisich e, 's chan eil e buileach cinnteach às fhèin.
A bheil, a Thonnachaidh?
Tha e a' feuchainn iomadh seòrsa innleachd ùr a chruinnicheas cumhachd nan tonn.
Ach dè bhios ag adhbharachadh thonnan?
Uill, bidh lùth cineataigeach bhon ghaoith a' gluasad èadhar thar na mara.
Bidh an èadhar air a tarraing air an uachdar is a' càrnadh uisge ann an tonnan.
Mar as làidire a' ghaoth, 's ann as motha an tonn.
Tha aon àite an Alba a th' air leth airson thonnan – taobh an iar Arcaibh.
Fìor dheagh sgìre do Thonnachadh airson na h-innleachdan aige fheuchainn.
An toiseach an sgaradair – car coltach ri nathair mheatailt.
Nuair a bhios tonn a' dol seachad, bidh gach pàirt dheth a' gluasad air leth, a' putadh 's a' tarraing phiostonan eatarra.
An uair sin an sùghadair. Car coltach ri dumaidh naoidhein, a tha air acrachadh ri grunnd na mara.
Bidh e a' bocadaich suas is sìos air an uachdar agus a' glacadh an lùth bho èirigh 's bho thuiteam na mara.
Agus mu dheireadh, an luaisgeanair. Car coltach ri gaotharan, bidh e a' gluasad air ais 's air adhart le sùmainn nan tonn fon uisge.
Bidh na h-innealan sin gu lèir a' glacadh lùth cineataigeach nan tonn ann an diofar dhòighean.
Bidh iad uile a' cleachdadh gluasad airson gineadair a thionndadh.
Agus bidh sin ag atharrachadh lùth cineataigeach gu dealan.
Agus mar as motha na tonnan, 's ann as motha de lùth a nì na h-innealan.
Tha sin a' ciallachadh air latha ciùin… Uill, cha bhi mòran a' dol air tuath nan tonn.
Mura bi tuinn ann, cha bhi dealan ann.
'S e eas-bhuannachd eile de lùth nan tonn gum bi na h-innealan a' dol san rathad air bàtaichean-iasgaich, agus a' milleadh an t-seallaidh air luchd-turais.
Ach 's e a' bhuannachd gu bheil lùth nan tonn ath-nuadhachail, cha theirig e gu bràth agus tha e air feadh Alba – fad na h-ùine!
Cùm thus' ort ag innleachadh, a Thonnachaidh!
Cò às a bheil tuinn a' tighinn?

Tha a' mhòr-chuid de thonnan air an adhbharachadh le gaoth.
'S e èadhar a' gluasad a tha anns a' ghaoith. Nuair a ghluaiseas e thairis air uisge, bidh lùth-suathaidhForsa a bhios ga dhèanamh doirbh do dh'aon nì gluasad air uachdar nì eile. bhon èadhar a' tarraing air uachdar an uisge. Bidh seo a' toirt air an uisge cruinneachadh na chuairteagan agus na thonnan.
Mar as làidire a' ghaoth, 's ann as motha na tuinn. Feuch ri sèideadh thairis air bobhla le uisge agus faic dè na tuinn a nì thu.

Lùth nan tonn ann an Arcaibh

Thathar fhathast a' feuchainn a-mach teicneòlas lùth nan tonn. Tha daoine fhathast ag obrachadh a-mach dè an dòigh as fheàrr air tuinn a chleachdadh airson dealan a dhèanamh.
Tha mòran dheuchainnean a' dol air adhart a thaobh lùth nan tonn aig Ionad-lùth Mara na Roinn Eòrpa (EMEC) ann an Arcaibh. Tha Arcaibh fosgailte do ghaothan làidir agus tuinn mhòra bho Chuan an Atlantaig. Mar sin 's e àite math a th' ann airson diofar uidheaman lùth thonnan fheuchainn a-mach.

Dè na seòrsaichean uidheaman a th' ann airson lùth nan tonn?
Tha iomadh seòrsa uidheim ann airson lùth nan tonn atharrachadh gu dealan.
'S e trì dhe na prìomh sheòrsaichean attenuatoran, absorbairean agus luaisgeanairean. Ged a tha iad a' coimhead diofraichte, tha iad uile stèidhichte air an aon phrìomh bheachd.
Bidh lùth cineataigeachLùth a th' ann an rud air sgàth a bhith a' gluasad. Tha lùth cineataigeach aig ball air a shadail oir tha e a' gluasad. Nuair a ghluaiseas uisge, tha sin cuideachd na eisimpleir de lùth cineataigeach. nan tonn a' toirt air gach uidheam gineadairInneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain. a thionndadh. Bidh seo a' gintinn dealan a tha a' dol tro chàbaill fon uisge gus an ruig e tìr far am bi e a' toirt cumhachd do thaighean agus ghnìomhachasan. Canar tuath thonnan ri cruinneachadh de na h-uidheaman seo san aon àite.
Coimhead tro na dealbhan agus faigh a-mach mar a tha gach uidheam ag obrachadh.

Image caption, Attenuator
Tha attenuator coltach ri nathair mhòr a bhios a' seòladh air uachdar an uisge. Tha e air a dhèanamh suas de dhiofar phàirtean air an ceangal còmhla ann an loidhne fhada le cheann a' coimhead a-steach dha na tuinn. (Pelamis Wave Power)

Image caption, Attenuator
Bidh tuinn a' toirt air gach pàirt gluasad air leth a' putadh agus a' tarraing phistonan eatarra. Bidh na pistonan a tha a' gluasad a' tionndadh gineadair agus bidh seo a' gintinn dealan. (Cavan Images / Alamy Stock Photo)

Image caption, Absorbair
Seo absorbair ga leigeil sìos dhan mhuir. Tha mullach cruinn air a bhios a' seòladh le crann fada foidhe air acrachadh ri grunnd na mara. (Colin Keldie)

Image caption, Absorbair
Bidh na tuinn a' toirt air mullach an absorbair a bhith suas is sìos air bhog air uachdar an uisge. Bidh seo a' tarraing phistonan suas is sìos agus bidh iad sin a' tionndadh gineadair a bhios a' gintinn dealan. (Colin Keldie, courtesy of WES)

Image caption, Luaisgeanair
Air uachdar na mara tha luaisgeanair coltach ri bàr fada meatailt a bhios a' gluasad air ais agus air adhart nuair a bhios na tuinn a' dol seachad. (Image of WaveRoller© courtesy of AW-Energy Oy)

Image caption, Luaisgeanair
Chì thu san sgead-dhealbh seo gu bheil an luaisgeadair a' coimhead coltach ri gaotharan mòr le bann air grunnd na mara. Bidh tuinn a' gluasad an luaisgeadair air ais 's air adhart. Bidh an gluasad seo a' tionndadh gineadair a bhios a' gintinn dealan. (Image of WaveRoller© courtesy of AW-Energy Oy)
1 of 6
Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth nan tonn
Buannachdan
- Tha lùth nan tonn ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. oir cha theirig gaoth no uisge gu bràth.
- Tha lùth nan tonn math dhan àrainneachd oir cha bhi e ag adhbharachadh ghasaichean cronail fhad 's a bhios e a' gintinn dealan.
- Tha iomadh eilean ann an Alba agus tha a' mhuir ga cuairteachadh air trì taobhan. Mar sin tha tuinn gu leòr againn.
Eas-bhuannachdan
- Bidh cuid ag ràdh gu bheil na h-uidheaman seo a' milleadh sealladh na mara.
- Faodaidh lùth nan tonn a bhith neo-earbsach. Mura bheil gaoth ann, chan eil na tuinn mòr idir. Tha sin a' ciallachadh nach eil mòran lùth cineataigeach ann airson atharrachadh gu dealan.
- Faodaidh tuathan thonnan a bhith anns an rathad air bàtaichean-iasgaich.

lùth cineataigeach - Lùth a th' ann an rud air sgàth a bhith a' gluasad. Tha lùth cineataigeach aig ball air a shadail oir tha e a' gluasad. Nuair a ghluaiseas uisge, tha sin cuideachd na eisimpleir de lùth cineataigeach. Tha lùth cineataigeach uisge, a th' air adhbharachadh leis na tuinn, a' toirt air na h-uidheaman tonnan gluasad, a' tionndadh an gineadair airson dealan a ghintinn.
gineadair – Uidheam air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, bidh an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain.
tuath thonnan – Cruinneachadh de dh'uidheaman gaoithe san aon àite a tha air an cleachdadh airson dealan a ghintinn tro chumhachd nan tonn.
ath-nuadhachail – Rudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. Bidh tuinn ann gu bràth air an adhbharachadh leis a' ghaoith, sin as coireach gu bheil lùth nan tonn na stòr lùth ath-nuadhachail.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Sgrìobh òraid ghoirid
Leig ort gu bheil thu ag obair do Riaghaltas na h-Alba agus tha companaidh lùth thonnan air airgead iarraidh airson na deuchainnean as ùire aca a mhaoineachadh.
Sgrìobh òraid ghoirid a' mìneachadh a' cho-dhùnaidh agad air am bu chòir airgead a thoirt dhaibh agus na h-adhbharan air a shon.
Smaoinich mu chuid dhe na prìomh fhacail gu h-àrd a chur dhan òraid, agus smaoinich mu na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan a th' ann an lùth nan tonn do dh'Alba.
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count12 of 13

- count13 of 13

- count1 of 13

- count2 of 13
