Dè th' ann an lùth?

Part ofIonnsachadh airson SeasmhachdBunan lùtha is seasmhachd

Tha lùth anns a h-uile sìon mun cuairt oirnn. Às aonais lùth cha deidheadh aig càil air atharrachadh, gluasad, fuaim a dhèanamh no fiù 's a bhith faicsinneach.

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • Cò às a tha lùth a' tighinn
  • Dè th' ann an gleidheadh lùth
  • Dè th' ann an lùth feumail agus dè th' ann an caitheamh lùth
  • Dè na prìomh sheòrsaichean lùth a th' ann

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).

Back to top

Tùs an lùth againn

Faodar gach seòrsa lùth a thoirt air ais chun a' Bhrag Mhòr.

Tha luchd-saidheans dhen bheachd gun robh a h-uile càil sa Chruinne-cè uaireigin air a dhlùthadh beag, bìodach ann an aon àite. O chionn 13.8 billeanan bhliadhnaichean, thàinig am Brag Mòr nuair a spreadh a h-uile càil a bha sin às a chèile, a' sgapadh stuth agus lùth dhan h-uile h-àite agus a' cruthachadh a' Chruinn-cè.

Tha stuth a' ciallachadh rud sam bith anns a bheil tomad agus a tha a' toirt suas rùm. Mar eisimpleir:

  • thu fhèin
  • ball
  • an èadhar mun cuairt ort
  • an Talamh, a' Ghealach agus a' Ghrian.

'S e lùth an comas a tha aig stuth atharrachadh no rudeigin a dhèanamh. Mar eisimpleir

  • bidh sinn a' cleachdadh lùth airson anail a tharraing no ball a shadail
  • tha lùth aig a' bhall nuair a tha e a' gluasad tron èadhar
  • tha lùth bhon Ghrèin a' cur a-mach solas a leigeas leinn am ball fhaicinn

Gabhaidh an lùth seo air fad a lorg air ais chun a' Bhrag Mhòr.

Cha ghabh lùth a chruthachadh no a sgrios

Tha riaghailt shaidheansail ann air a bheil lagh gleidheadh lùth:

Cha ghabh lùth a chruthachadh no a sgrios, dìreach aiseag eadar diofar chruthan agus diofar rudan.

Mar eisimpleir:

  • Bidh lùth solais bhon Ghrèin air aiseag (air a ghluasad) gu bhith na lùth dealain (seòrsa eile de lùth) le pannal grèine.
  • Bidh lùth teas bho bhotal teth air aiseag gu leabaidh (rud eile).
Image gallerySkip image gallerySlide1 of 4, , 'S e a' Ghrian prìomh bhun lùth na Talmhainn Bidh teas bhon Ghrèin a' blàthachadh na Talmhainn agus a h-uile càil a tha air. Gabhaidh solas bhon ghrèin a chleachdadh airson dealan a ghintinn. Canar lùth grèine ris a seo agus 's e seòrsa de lùth ath-nuadhachail a th' ann. (Dennis Hallinan / Alamy Stock Photo)

Lùth feumail agus lùth air a chaitheamh

Nar beatha làitheil, bidh sinn a' bruidhinn air aiseag lùth mar lùth feumail, a tha air a chleachdadh airson rudeigin, agus lùth air a chaitheamh airson lùth air a chall air dòigh air choreigin.

Mar eisimpleir, bidh tioramadair-fuilt ag aiseag lùth dealain gu dà chruth de lùth feumail:

  • Lùth teas a bhios a' blàthachadh na h-èadhair.
  • Lùth cineataigeach a bhios a' gluasad na h-èadhair theth seo.

Tha iad seo nan lùth feumail chionn bidh iad a' tioramachadh an fhuilt agad.

Bidh an tioramadair-fuilt ag aiseag beagan lùth dealain gu lùth air a chaitheamh:

  • Lùth teas a tha air a chall mun cuairt ort.
  • Lùth fuaim a tha a' dèanamh an tiormadair fuaimeil.

'S e lùth air a chaitheamh a th' annta sin chionn chan eil iad a' cuideachadh d' fhalt a thioramachadh.

Image gallerySkip image gallerySlide1 of 2, , Lùth feumail Tha solas agus fuaim bhon Tbh agad nan eisimpleirean de lùth feumail.

Diofar sheòrsaichean lùth

Image caption,
Nuair a thèid bogha a tharraing air ais, tha comas lùth aige. (Roy Riley / Alamy Stock Photo)

Comas lùth

Tha comas lùth air a stòradh air sgàth an t-suidheachaidh no na staid aige. Mar eisimpleir:

  • Ma tha bann lastaig air a shìneadh gu teann, tha an comas aige leum air ais dhan staid neo-shìnte aige.

  • Nuair a tha cuideigin air spèile-bòrd aig mullach ramp, tha an comas aige roiligeadh sìos an ramp air sgàth grabhataidh.

Image caption,
Nuair a thèid bogha a tharraing air ais, tha comas lùth aige. (Roy Riley / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Tha biadh làn de lùth ceimigeach air a stòradh. (Tatjana Baibakova / Alamy Stock Photo)

Lùth ceimigeach

'S e seòrsa de lùth air a stòradh a th' ann an lùth ceimigeach. Tha e air a stòradh anns na bannan a bhios a' cumail agus còmhla. Tha e air a leigeil mu sgaoil agus gabhaidh a chleachdadh nuair a bhriseas na bannan seo. Mar eisimpleir:

  • Tha lùth ceimigeach a tha air a stòradh ann am biadh ga leigeil mu sgaoil nuair a chnàmhas sinn e agus faodaidh ar bodhaig a chleachdadh.
  • Gabhaidh lùth ceimigeach a tha air a stòradh ann an connaidhean mar gas a chleachdadh airson ar dachaighean a theasachadh agus airson biadh a bhruich.
  • Gabhaidh lùth ceimigeach a tha air a stòradh ann am bataraidhean a chleachdadh airson dealan a ghintinn dha fònaichean-làimhe no airson uidheaman-smachd cèin.
Image caption,
Tha biadh làn de lùth ceimigeach air a stòradh. (Tatjana Baibakova / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Tha lùth cineataigeach aig ball-coise a tha a' gluasad. (creativep / Alamy Stock Photo)

Lùth cineataigeach

'S e lùth gluasaid a th' ann an lùth cineataigeach. Tha lùth cineataigeach aig rud nuair a tha e a' gluasad. Mar eisimpleir:

  • Nuair a bhreabas cluicheadair ball-coise am ball, tha lùth cineataigeach aig a' bhall fhad 's a tha e a' gluasad tron èadhar.
  • Tha lùth cineataigeach aig neach-gleidhidh fhad 's a tha iad a' dàibheadh airson a' bhuill.
Image caption,
Tha lùth cineataigeach aig ball-coise a tha a' gluasad. (creativep / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Tha lùth teas aig cupa teatha teth. (photocreo.com / Alamy Stock Photo)

Lùth teas

'S e lùth teas lùth a' sruthadh bho rud nas blàithe gu rud nas fhuaire. Mar eisimpleir:

  • Bidh lùth teas a tha a' deàlradh bhon Ghrèin a' blàthachadh na Talmhainn agus a h-uile nì beò agus a h-uile nì eile a tha air an Talamh.
  • Bidh lùth teas bho chupa teatha air a ghiùlan tron chupa agus a' blàthachadh do làmhan.
  • Bidh lùth teas bho rèididheator a' blàthachadh na h-èadhair mun cuairt a bhios ag èirigh agus a' gluasad mun cuairt, agus a' teasachadh an rùm. Canar cuartachadh ris a seo.
Image caption,
Tha lùth teas aig cupa teatha teth. (photocreo.com / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Bidh socaidean cumhachd a' toirt cothrom dhuinn air lùth dealain. (Stephen French / Alamy Stock Photo)

Lùth dealain

Bidh lùth dealain a' tighinn bho theàrrds dealain a' gluasad. Tha lùth dealain feumail chionn gabhaidh aiseag gu bhith na iomadh seòrsa lùth. Mar eisimpleir:

  • Gabhaidh lùth dealain aiseag gu lùth teas airson coire a ghoil.
  • Gabhaidh lùth dealain aiseag gu lùth solais ann am bolgan solais.
  • Gabhaidh lùth dealain aiseag gu lùth cineataigeach airson càr dealain a ghluasad.

Faodaidh sinn iomadh seòrsa lùth a chleachdadh airson lùth dealain a ghintinn. Mar eisimpleir:

  • Bidh pannalan grèine ag aiseag lùth solais gu lùth dealain.
  • Bidh tuirbinean gaoithe ag aiseag lùth cineataigeach gu lùth dealain.
  • Bidh bataraidhean ag aiseag lùth ceimigeach gu lùth dealain.
Image caption,
Bidh socaidean cumhachd a' toirt cothrom dhuinn air lùth dealain. (Stephen French / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Tha am baic uaine agus an duine aig àitean-coise nan eisimpleirean de lùth solais. (Douglas Carr / Alamy Stock Photo)

Lùth solais

Feumaidh sinn lùth solais airson faicinn. Bidh lùth solais air ath-thilgeil far nithean agus a-steach dhan na sùilean againn. Nuair a bhuaileas an lùth seo cùl ar sùilean, thèid comharran a chur chun na h-eanchainn, a bhios an uair sin ag obrachadh a-mach meud, cruth, suidheachadh agus dath ge bith dè an nì bhon deach an solas ath-thilgeil.

'S e a' Ghrian am prìomh bhun solais againn. Tron latha, bidh lùth solais bhon Ghrèin a' lasadh an taoibh dhen phlanaid le h-aghaidh rithe. Air an oidhche, chì sinn tric lùth solais na Grèine air ath-thilgeil far uachdar na gealaich. Chì sinn cuideachd lùth solais bho rionnagan a tha na billeanan agus na trilleanan mhìltean air falbh.

Tha iomadh dòigh againn air solas a dhèanamh sinn fhèin:

  • Bidh coinnlean ag atharrachadh lùth ceimigeach gu lùth solais le bhith a' losgadh cèir mar chonnadh
  • Bhidh bolgain solais ag atharrachadh lùth dealain gu lùth solais.
  • Bidh Tbhan, fònaichean agus tablaidean ag atharrachadh lùth dealain gu lùth solais a bhios a' lasadh suas sgrion.
  • Bidh glowsticks ag atharrachadh lùth ceimigeach gu lùth solais le bhith a' measgachadh diofar cheimigean còmhla.
Image caption,
Tha am baic uaine agus an duine aig àitean-coise nan eisimpleirean de lùth solais. (Douglas Carr / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Tha a h-uile fuaim a chluinneas sinn na eisimpleir de lùth fuaim. (Richard Mittleman/Gon2Foto / Alamy Stock Photo)

Lùth fuaim

'S e lùth fuaim lùth a chluinneas nithean beò. 'S e lùth a th' ann a' gluasad tro stuth mar uisge no èadhar agus a tha air a chraoladh ann an tuinn. Tha lùth fuaim air adhbharachadh le frith-bhuillean ann an soladan, lionntan no gasaichean. Tha daoine agus beathaichean air seo a chleachdadh airson conaltradh, ach bidh iomadh seòrsa lùth a' dèanamh lùth fuaim. Mar eisimpleir:

  • Nì an lùth teas ann an teine a tha a' gabhail lùth fuaim a chluinneas sinn mar fhuaimean cnagail.
  • Bidh an lùth cineataigeach aig teud giotàr a' frith-bhualadh agus a' dèanamh lùth fuaim.
  • Bidh an lùth dealain aig dealanach a' toirt air an èadhar mun cuairt air meudachadh agus ag adhbharachadh lùth fuaim a chluinneas sinn mar thàirneanach.
Image caption,
Tha a h-uile fuaim a chluinneas sinn na eisimpleir de lùth fuaim. (Richard Mittleman/Gon2Foto / Alamy Stock Photo)
Back to top

Brag Mòr - An t-ainm airson spreadhadh a thachair o chionn 13.8 billeanan bliadhna agus a chruthaich an stuth air fad anns a' chruinne-cè.

Stuth – Rud sam bith aig a bheil tomad agus a tha a' toirt suas rùm.

Lùth - An comas a tha aig stuth atharrachadh no rudeigin a dhèanamh.

Lagh gleidheadh lùth - Lagh saidheansail a tha a' mìneachadh gun gabh lùth aiseag ach nach gabh a chruthachadh no a sgrios.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Dùbhlan

Eisimpleirean de lùth ga aiseag

Seo eisimpleirean de lùth ga aiseag eadar diofar nithean agus diofar chruthan lùth a dh'ionnsaich sinn mu dheidhinn:

  • Tha teas agus solas na Grèine air aiseag gu bhith na lùth ceimigeach le craobh-ubhail airson ùbhlan fhàs.

  • Bidh cuideigin ag ithe an ubhail agus bidh an lùth ceimigeach anns a' bhiadh air aiseag dhan bhodhaig.

  • Bidh an lùth ceimigeach a tha air a stòradh ann am bodhaig an neach air atharrachadh gu lùth cineataigeach nuair a bhios an duine a' gluasad.

Lorg eisimpleirean eile de lùth a' dol bho dhiofar chruthan is nithean mar na h-eisimpleirean gu h-àrd.

Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic