Eileanan: mòinteach agus machair

Part ofCuspairean SòisealtaCruthan-tìre

Tha na ceudan de dh'eileanan ann an Alba agus tha iomadh feart-tìre gun shamhail annta, mar mòinteach agus machair.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann am mòinteach
  • Dè th' ann am mòine agus mar tha i air a cleachdadh
  • Dè th' ann am machair agus far a bheil e
  • Mu lusan feòil-itheach mòinteach na h-Alba

Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan Cruthan-tìre ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air mòinteach agus machair ann an Uibhist a Tuath.

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu mhòinteach agus mu mhachair.

Eileanan ann an Alba

'S e pìos fearainn air a chuairteachadh le uisge a th' ann an eilean. Tha mòr-roinnean cuideachd air an cuairteachadh le uisge ach tha iad ro mhòr airson eileanan a ghabhail orra.

Tha mu 800 eilean ann an Alba agus tha iomadh feart-tìre gun shamhail annta.

Mòinteach

  • 'S e seòrsa de chruth-tìre no a th' ann am mòinteach anns a bheil agus diofar sheòrsaichean feòir agus phris, mar fraoch.
  • Glè thric, gheibhear mòinteach ann an sgìrean air talamh àrd ann an ceann a tuath agus air taobh an iar na RA, mar Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba.
  • Cha bhi craobhan a' fàs air mòinteach oir tha ùir na mòintich làn uisge agus chan eil mathachadh gu leòr innte airson gum fàs craobhan.
Mòinteach Rainich
Image caption,
Tha an seòrsa cruth-tìre ris an canar mòinteach, no monadh, air a dhèanamh de dhiofar sheòrsaichean feòir, pris agus puill-mhòna. Mar as trice 's ann ann an sgìrean air talamh àrd mar air a' Ghàidhealtachd agus ann an Eileanan na h-Alba a bhios mòinteach, mar a tha seo air Mòinteach Rainich faisg air Gleann Comhann. (Robert Harding / Alamy Stock Photo)

Puill-mhòna

Image caption,
Rùdhanan mòna ann an Ìle (Ann and Steve Toon / Alamy Stock Photo)
  • 'S e filleadh sònraichte de dh'ùir air a dhèanamh de stuth organach a th' ann am mòine.
  • Bidh mòine a' glacadh carbon dà-ogsaid. 'S e a th' innte.
  • Tha i air a cleachdadh mar chonnadh traidiseanta ann am pàirtean de dh'Alba. Bidh mòine bhog air a gearradh na fàdan agus air a cur air an talamh airson tioramachadh air a' mhòintich. Bithear a' togail agus a' cruinneachadh na mòine thioram agus a' togail chruachan leatha aig taighean dhaoine.
  • Cleas bhunan-lùth eile, ma tha mòine air a losgadh air sgèile mhòr, chan eil sin math dhan àrainneachd. Tha seo air sgàth 's gu bheil carbon dà-ogsaid a' dol mu sgaoil dhan èadhar nuair a tha mòine ga losgadh.
  • Ach, anns na h-eileanan, tha mòine san fharsaingeachd air a losgadh air sgèile bheag mar chonnadh do dhachaighean fa leth. Chan eil uiread de roghainnean eile a thaobh lùth ann an cuid de choimhearsnachdan nan eileanan, agus tha lùth glè thric nas daoire.
  • Tha mòine cuideachd air a cleachdadh mar ach tha seo a' dol a sgur a dh'aithghearr ann an Alba.
Image caption,
Rùdhanan mòna ann an Ìle (Ann and Steve Toon / Alamy Stock Photo)
Back to top

Machair

Image caption,
'S e àrainn thearc làn dhìtheanan dathach a th' ann am machair. (Realimage / Alamy Stock Photo)
  • 'S e thearc a th' ann am machair agus chan fhaighear i ach air taobh an iar Alba agus Èirinn.
  • Tha i air a cruthachadh nuair a shèideas a' ghaoth gainmheach làn calcium air a' chladach.
  • 'S e raon ìosal, feurach, torrach a th' ann am machair.
  • As t-samhradh bidh machair làn dhìtheanan brèagha.
Image caption,
'S e àrainn thearc làn dhìtheanan dathach a th' ann am machair. (Realimage / Alamy Stock Photo)

Map de mhachair ann an Alba

Map de mhachair ann an Alba
Back to top

Lusan feòil-itheach

  • Anns a' bhidio aig bàrr na duilleig, chunnaic Isla agus Connor lus feòil-itheach ris an canar ròs an t-solais a bhios a' fàs air .
  • 'S àbhaist lusan feòil-itheach a bhith a' fàs ann an ùir anns nach eil mòran , mar a tha mòine.
  • Chan fhaigh iad am mathachadh gu lèir bhon ùir 's mar sin bidh iad a' glacadh agus a' bhiastagan.
Image gallerySkip image gallerySlide1 of 5, Dlùth-dhealbh dhe na ròineagan steigeach air dà ròs an t-solais, Ròs an t-solais 'S e lus feòil-itheach a th' ann an ròs an t-solais agus bidh e a' glacadh bhiastagan leis na ròineagan steigeach air na duilleagan aige. Bidh iad a' fàs air monaidhean fliuch agus air mòinteach, mar Tailend Moss faisg air Bathgate no Glen Moss faisg air Cill MoCholuim. (David Chapman / Alamy Stock Photo)
Back to top

  • mòinteach - no cruth-tìre air talamh àrd air a dèanamh suas de dhiofar sheòrsaichean feòir, pris agus boglaichean.
  • boglach - Pìos fearainn uabhasach fliuch agus lèigeach far am bi iomadh seòrsa còinnich buailteach fàs. Tha boglaichean searbhagach agus glè thric chan eil mòran annta.
  • mòine - Filleadh ùire air a dhèanamh de lusan marbh. Bidh e a' glacadh carbon dà-ogsaid a' cuideachadh stad a chur air tuileachadh. Tha i air a cleachdadh mar chonnadh ann am pàirtean de dh'Alba.
  • lus feòil-itheach - Lus a ghlacas agus a ainmhidhean beaga, leithid bhiastagan.
  • machair - Àrainn thearc ann am pàirtean de dh'Èirinn agus de dh'Alba agus a tha air a còmhdach le flùraichean dathach.
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Dùbhlan

Dèan dealbh de lus feòil-itheach agus cuir leubailean air.

Dèan rannsachadh air lus feòil-itheach. Dèan dealbh dhen lus agus cuir leubailean air na prìomh fheartan aige.

Seo beagan bheachdan airson tòiseachadh:

  • Dè an lus dhen dèan thu dealbh? Tha an lus sùghaidh agus a' venus fly trap nan eisimpleirean de lusan feòil-itheach.
  • Ciamar a bhios an lus seo a' glacadh bhiastagan? Am bi biastagan a steigeadh ris? An tèid aige air biastag a ghlacadh le pàirt a tha coltach ri beul?
  • Cuimhnich gum feum an lus agad freumhaichean (airson uisge fhaighinn bhon ùir) agus duilleagan (airson solas a shùghadh le ).
Back to top

More on Cruthan-tìre

Find out more by working through a topic