Tha iomadh feart-tìre air a dhèanamh de chreag ach chan eil a h-uile seòrsa creig an aon rud. Tha trì diofar sheòrsaichean chreagan ann: grùideach, teinnteach agus cruth-atharrachail.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mar a tha diofar sheòrsaichean chreagan air an cruthachadh
- Dè tha ag adhbharachadh dhruimein ann an creagan grùideach
- Mar a bheir pleataichean teactonaig air creagan gluasad
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Cruthan-tìre airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad ag ionnsachadh mu dhiofar sheòrsaichean chreagan ann an Geopark Iar-thuath na Gàidhealtachd.
Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu dhiofar sheòrsaichean chreagan.
ISLA: Seall air cruth na creige seo, Connor!
CONNOR: Tha sin math! Sin druimeag a dh'fhàg an t-uisge a bhiodh uaireigin na laighe air uachdar seo mus robh e na chreag. 'S e gainmheach agus grùid a chleachd a bhith seo - sin an t-adhbhar gur e clach-ghainmhich an t-ainm a th' oirre – seòrsa de chreag ghrùideach.
Bidh creagan grùideach air an cruthachadh nuair a thèid pìosan creige a bhleith no a chaitheamh air falbh, agus a dh'fhalbhas iad leis a' ghaoith, deigh no uisge agus a thèid an tasgadh, no an leagail, an àiteigin.
Sin grùid. Ma bhios a' ghrùid air a tiodhlacadh gu domhainn, thèid a pronnadh agus a dlùthadh gus an cruadhaich i, a' cruthachadh creag ghrùideach. Chaidh na druimeagan seo a dhèanamh o chionn mu 1,000 mhillean bliadhna.
ISLA: Làraich a chaidh fhàgail o chionn fhad' an t-saoghail agus chì sinn fhathast iad.
CONNOR: Tha e a' cuimhneachadh àite eile dhomh far an do chuidich na creagan le bhith a' fuasgladh an tòimhseachain air mar a chaidh cruth a thoirt air an tìr. Thugainn, seallaidh mi dhut!
Tha sinn aig Creag a' Chnocain ann an Geopark Iar-thuath na Gàidhealtachd. Tha na sgìrean ann an Geoparks aithnichte air sgàth mar a chaidh an tìr a chruthachadh. Bidh na creagan dhe bheil iad air an dèanamh a' toirt tuigse dhuinn air na pròiseasan a bhios a' cumadh na planaid againn.
Agus seo balla Tòimhseachan a' Chnocain.
ISLA: A bheil na creagan seo san àite gu nàdarra?
CONNOR: Uill, tha na creagan gu lèir a seo, ach chaidh am balla a chur ann a dh'aon ghnothach airson gun seall e na diofar sheòrsachan chreagan agus na fillidhean a tha seo aig Creag a' Chnocain agus faisg air làimh.
ISLA: Carson as e tòimhseachan a th' ann?
CONNOR: Gu h-àbhaisteach, mar as doimhne a tha a' chreag fon talamh, 's ann as sine a tha i, tha creag ghrùideach air a cruthachadh, ann am fillidhean, air a togail suas thar ùine. Mar sin 's àbhaist gum bi a' chreag as sine aig a' bhonn agus an tè as òige aig a' mhullach – ach a seo, tha a' chreag as sine aig a' mhullach!
ISLA: A bheil? Mar sin, chaidh a' chreag as sine a tha seo, Moine Schist, a phutadh suas dòigh air choreigin air uachdar creag nas òige mar clach-aoil agus cuartsait. Abair tòimhseachan gun teagamh!
CONNOR: Bha e na imcheist airson ùine mhòr ach chaidh a fuasgladh. Thugainn gu faic sinn!
Chan eil a h-uile seòrsa creig air a cruthachadh mar chreagan grùideach. Tha dà sheòrsa eile de chreagan ann.
Canar creag chruth-atharrachail ris a' Mhoine Schist, an t-seann chreag ud a bha na h-imcheist air uachdar creag nas òige a seo.
Bidh creagan cruth-atharrachail air an cruthachadh nuair a dh'fhàsas seòrsachan eile de chreagan uabhasach teth, no ma thèid am fàsgadh fo bhruthadh uabhasach, no le teas – mar as trice shìos domhainn fon talamh far a bheil pleataichean teactonaig a' coinneachadh.
ISLA: Ò, sin na pìosan de rùsg na Talmhainn a tha nan suidhe air uachdar na fallainn, am filleadh de chreagan teth, gluasadach. Bidh iad a' dhèanamh suas nan diofar mhòr-roinnean?
CONNOR: Bithidh, tha creag air a bheil Lewisian Gneiss san sgìre seo agus sin a' chreag as sine san Roinn Eòrpa an Iar. Gheibhear an aon seòrsa creige ann an Canada agus ann an Graonlainn, air taobh eile an Atlantaig. Tha sin ag innse dhuinn gun do chleachd iad sin a bhith ceangailte ris an talamh air a bheil Alba an-diugh.
Air feadh na sgìre ris an canar a' Ghàidhealtachd a-nis, chaidh pleataichean teactonaig a phutadh an aghaidh a chèile agus chaidh na creagan bu shine ann an aon phleata a phutadh suas air uachdar chreagan na b' òige sa phleata eile. Sheall sin mar a bhios pleataichean teactonaig a' gluasad chreagan.
ISLA: Ciamar eile a bhios creagan air an cruthachadh?
CONNOR: Thèid sinn a lorg Lewisian Gneiss agus innsidh mi dhut!
ISLA: An e seo e?
CONNOR: 'S e, an Lewisian Gneiss! Thòisich i mar chreag theinnteach. Tha sin a' ciallachadh gun robh i air a dèanamh le magma, a' chreag leaghte fo rùsg na talmhainn.
Nuair a dh'fhuaraicheas agus a chruaidhicheas creag leaghte, bidh creag theinnteach air a cruthachadh. Canar ion-shàthaidhean teinnteach ri fillidhean de chreag theinnteach chionn bidh iad air an sàthadh, no air am putadh, a-steach do dh'fhillidhean creige eile. Faodaidh diofar chruthan a bhith orra, bheartagail, còmhnard no nam meall mòr.
ISLA: Ma thòisich i na creag theinnteach, dè th' innte a-nis? Creag chruth-atharrachail?
CONNOR: 'S e! Thàinig i fo bhruthadh mòr fon talamh agus chaidh i na creag chruth-atharrachail.
ISLA: Wow, tha e mìorbhaileach mar a tha na creagan ag innse mar a chaidh an cruth-tìre seo a chruthachadh. Abair turas. Cho math cha mhòr ris an turas againne, Connor.
Seòrsaichean chreagan
Tha trì phrìomh sheòrsaichean chreagan ann:
- grùideach
- teinnteach
- cruth-atharrachail
Creag ghrùideach
Tha creagan grùideach air an dèanamh de mhìrean beaga, bìodach de chreagan, criostailean no mèinnirCoimeasgadh nàdarra, soladach mar calcium no copar. 'S e mèinnirean a tha a' dèanamh suas chreagan, gainmheach agus ùir. Gheibhear iad air uachdar na Talmhainn agus fon uachdar. Tha iad cuideachd ann am biadh agus feumaidh sinn na h-uiread de mhèinnirean airson a bhith fallain..
- Bidh creag a' briseadh agus a' bleithCaitheamh thar ùine. na mìrean beaga, bìodach agus bidh gaoth, deigh no uisge gan gluasad.
- Bidh na pìosan chreagan air an tasgadhNuair a bhios gaoth no uisge a' giùlan stuth, mar gainmheach agus grinneal, agus ga leagail an àiteigin eile. an àiteigin eile.
- Bidh gach tasgadh a' cruinneachadh nam fillidhean de ghrùid.
- Bidh na fillidhean grùide air am pronnadh agus air an dlùthadh gus an cruadhaich iad agus bidh creag ghrùideach air a cruthachadh. Faodaidh gun toir e na milleanan bhliadhnaichean mus tèid creagan grùideach a chruthachadh.
Seo eisimpleirean de chreagan grùideach:

Image caption, Clach-ghainmhich
'S e seòrsa de chreag ghrùideach air a dèanamh le fillidhean gainmhich a th' ann an clach-ghainmhich. 'S e creag bhog a th' innte agus bidh i mar sin a' bleith gu math luath. Tha i math airson togail leatha agus tha i glè thric air a chleachdadh airson taighean a thogail, mar na teanamaintean seo ann an Dùn Èideann (deas). (Iain Masterton / M. Timothy O'Keefe / Alamy Stock Photo)

Image caption, Clach-aoil
'S e creag ghrùideach a th' ann an clach-aoil. Tha i air a dèanamh de chalcium carbonat agus leaghaidh sileadh-uisge i. An uair sin bidh feartan-tìre mar an cabhsair clach-aoil seo ann an Dailthean Siorrachd Iorc ann an Sasainn air an cruthachadh. (travellinglight)

Image caption, Clach-ghuail
'S e seòrsa de chlach ghrùideach air a dèanamh à eabar, crèadh agus mèinnirean eile a th' ann an clach-ghuail. Tha a' chreag seo de chlach-ghuail air a cruachadh aig Loch Naoimh Moire ann an Crìochan na h-Alba. (Keith Jardine)
1 of 3
Druimeagan

- Bidh druimeagan air an cruthachadh nuair a ghluaiseas gaoth no uisge grùid sgaoilte, mar gainmheach. Bidh a' ghaoth no an t-uisge a' fàgail làraich sa ghrùid.
- Chithear druimeagan gu math tric air tràigh nuair a thig na tuinn suas air a' chladach agus a ghluaiseas a' ghainmheach.
- Thar ùine, faodaidh na làraich sin a dhol nam fosailean. Tha sin a' ciallachadh gun deach na druimeagan a ghleidheadh. Bidh seo a' tachairt far an deach fillidhean grùide a dhlùthadh agus creag ghrùideach a chruthachadh, mar clach-ghainmheach. Ach chaidh na druimeagan fhàgail.

Creag theinnteach
- Tha creagan teinnteach air an cruthachadh bho magmaCreag leaghte a tha shìos domhainn fo uachdar na Talmhainn. Gheibh magma a-mach nuair a nochdas sgàinidhean ann an rùsg na Talmhainn no nuair a spreadhas bholcànothan. Canar làbha ri magma a ruigeas uachdar na Talmhainn. no làbhaCreag leaghte a ruigeas uachdar na Talmhainn. Nuair a tha creag leaghte fo, no taobh a-staigh rùsg na Talmhainn, canar magma rithe..
- Bidh creag bho rùsg agus bho fhallainn na Talmhainn a' leaghadh air sgàth atharraichean ann an teas agus ann am bruthadh.
- Bidh pàirt dhen mhagma leaghte seo ag èirigh suas tro rùsg na Talmhainn.
- Bidh am magma a' fuarachadh mar a bhios e ag èirigh. Bidh pàirt dheth a' cruadhachadh fon talamh. Bidh cuid eile ag èirigh chun an uachdair mar làbha mus cruadhaich e.
Seo eisimpleirean de chreagan teinnteach:

Image caption, Basalt
'S e seòrsa de chreag theinnteach a th' ann an creag basalt. Chaidh a cruthachadh le làbha a tha air fuarachadh. Tha Eilean Stafa anns na h-Eileanan A-staigh ainmeil airson nan colbhan iongantach de chreag bhasalt. (Derek Croucher / Alamy Stock Photo)

Image caption, Clach-ghràin
Tha clach-ghràin air a cruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas magma air a shocair agus a chruadhaicheas e fon talamh. Tha i air a dèanamh de mhòran phìosan beaga. Tha seo ga dèanamh uabhasach cruaidh agus làidir agus a' toirt coltas caran breac oirre. Canar Baile na Cloich-ghràin ri Obar Dheathain oir tha mòran thogalaichean air an dèanamh de chlach-ghràin. (Lynne Sutherland / Mark Sunderland Photography / Alamy Stock Photo)

Image caption, Sligeart
'S e seòrsa de chreag theinnteach a th' ann an sligeart agus tha i làn bhuilgein bheaga. Tha i air a cruthachadh nuair a bhios fìor spreadhaidhean mòra, bholcànach ann a leigeas tòrr gas mu sgaoil. Bidh a' chreag leaghte a' fuarachadh gu luath agus bidh na builgein gas a' dol à sealladh agus a' fàgail tòrr thuill bheaga às an dèidh. (Alan Curtis / Alamy Stock Photo)
1 of 3
Creag chruth-atharrachail
Bidh creag chruth-atharrachail a' tòiseachadh na h-aon seòrsa creige agus ag atharrachadh na seòrsa eile. Mar eisimpleir, faodaidh creag chruth-atharrachail a bhith air a cruthachadh air sgàth teas mòr no bruthadh mòr.
Seo eisimpleirean de chreagan cruth-atharrachail:

Image caption, Schist
'S e creag chruth-atharrachail ghlas-uaine a th' ann an schist. Chaidh a cruthachadh nuair a chaidh creagan grùideach a phronnadh agus atharrachadh le teas agus bruthadh. Gheibhear schist air feadh na Gàidhealtachd, mar na creagan aig Creag Farleitter ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. (Alan Wilson)

Image caption, Gneiss
'S e creag chruth-atharrachail a th' ann an gneiss. Tha sin a' ciallachadh gu bheil i air a dèanamh de phìosan chreagan teinnteach no grùideach. Tha i aithnichte airson nam fillidhean agus nam bannan gun shamhail a th' innte. Tha bearraidhean de gneiss air taobh an ear Ratharsair. (Andy Sutton / Alamy Stock Photo)

Image caption, Sglèat
Tha sglèat cuideachd na seòrsa de chreag chruth-atharrachail. Ann an Alba, tha buidheann eileanan anns na h-Eileanan A-staigh ris an canar Eileanan na Sglèat. Chan eil a' chuaraidh sglèata seo air Eilean Èisdeal (clì) a' dol fhathast, ach bha i uair na pàirt de ghnìomhachas trang na sglèata ann an Alba. (Graham Uney / Jeremy Sutton-Hibbert / Alamy Stock Photo)

Image caption, Màrmor
'S e creag chruth-atharrachail a th' ann am màrmor agus tha i air a dèanamh de dhiofar chreagan anns a bheil tòrr calcium, mar clach-aoil no dolomait. Tha nàdar de chuislean a' ruith troimhpe. Bha uair a bha cuaraidh mhàrmoir ann an Eilean Ì (clì). Tha màrmor à Ì geal le srianagan buidhe-uaine (deas). (Neil Dangerfield / Iain Sarjeant / Alamy Stock Photo)
1 of 4
Pleataichean teactonaig

Faodaidh diofar chreagan atharrachadh gu bhith nan creagan cruth-atharrachail nuair a bhruthas pleataichean teactonaigLeacan mòra de chreag chruaidh a bhios air an cruthachadh bho rùsg na Talmhainn. Tha iad mar phìosan de mhìrean-measgaichte a bhios a' fiotadh còmhla agus a tha air an sgaradh leis na loidhnichean-sgàinidh. Bidh pleataichean teactonaig a' seòladh mun cuairt gu mall air filleadh tiugh de chreag theth, leaghte agus leth-leaghte ris an canar an fhallainn. Nuair a ghluaiseas pleataichean teactonaig, faodaidh beanntan agus cuantan a bhith air an cruthachadh, no crithean-talmhainn no bholcànothan a bhith ann. na chèile. Tha na creagan as sine ann an aon phleat teactonaig air am putadh suas agus thairis air creagan nas òige anns a' phleat eile.
'S ann mar seo a chaidh Gneiss Leòdhasach a chruthachadh. Gheibhear an Coimpleacs Leòdhasach ann an ceann an iar-thuath Alba agus tha cuid dhe na creagan as sine air an t-saoghal ann! Tha pàirt dhen chreig seo còrr is trì billean bliadhna a dh'aois.


- geopark - Sgìre a tha aithnichte airson a bhith cudromach a thaobh geòlais. Canar geòlas ri sgrùdadh saidheansail chreagan is chlachan.
- creag ghrùideach - Creag bhog air a dèanamh de phìosan beaga briste de chreagan 's de chriostailean.
- clach-ghainmhich - Seòrsa de chreag ghrùideach.
- tasgadh - Nuair a bhios grùidean, ùir agus creagan air an gluasad le gaoth, deigh, uisge no grabhataidh agus air am fàgail.
- grùid - Stuthan leithid chlachan agus gainmheach a tha air an gluasad bho aon àite agus gan leagail ann an àite eile.
- druimeag - Làraich stuaghach no dromannan beaga air am fàgail air gainmheach, poll no creag le gluasad uisge no le gaoth.
- creag chruth-atharrachail - Creag a thòisich mar aon seòrsa creige ach a chaidh a h-atharrachadh. Mar eisimpleir, 's dòcha gun deigheadh creag chruth-atharrachail a chruthachadh air sgàth teas mòr no bruthadh mòr.
- pleataichean teactonaig - Leacan mòra a tha a' fiotadh ri chèile agus a' dèanamh suas rùsg na Talmhainn.
- magma - Creag leaghte a tha cho teth 's gu bheil i air a dhol na lionn. Nuair a ruigeas magma uachdar na Talmhainn, canar làbha ris.
- fallainn - Am filleadh fo rùsg na Talmhainn. Tha a' chreag cruaidh anns a' chuid as àirde dhen fhallainn, ach tha a' chreag nas buige nas fhaide shìos agus a' tòiseachadh air leaghadh.
- creag theinnteach - Creag air a dèanamh à magma.
- ion-shàthadh teinnteach - Feart creige a bhios air a chruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas magma (creag leaghte) fo uachdar na Talmhainn.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Dèan postair mu sheòrsa de chreag.
Tagh bho chreagan grùideach, teinnteach no cruth-atharrachail agus dealbhaich postair mun t-seòrsa creige seo.
Beachdan airson a' phostair agad:
- Ciamar a tha a' chreag air a cruthachadh?
- Dè na h-eisimpleirean a th' ann dhen t-seòrsa creige seo?
- Saoil càit an lorgadh tu an seòrsa creige seo?
Ma dh'fheumas tu cuideachadh a' dealbhachadh a' phostair, thoir sùil air an iùl seo: Mar a nì thu postair
Tuilleadh mu chreagan
Cruth-tìre clach-aoil. revision-guideCruth-tìre clach-aoil
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' rannsachadh clach-aoil, seòrsa de chreag ghrùideach.

Cruth-tìre teinnteach. revision-guideCruth-tìre teinnteach
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' rannsachadh feartan cruth-tìre teinnteach.

More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count20 of 24

- count21 of 24

- count22 of 24

- count23 of 24
