Bidh abhainn a' tòiseachadh aig a' bhun. Tha cùrsa uachdrach cas aice agus an uair sin cùrsa meadhain. Tha an cùrsa meadhain leathann agus domhainn le uisge a tha a' sruthadh gu luath.
San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:
- Na feartan ann an cùrsa meadhain aibhne
- A' bhuaidh aig bleith agus tasgadh
- Mar a tha lùb-aibhne agus loch bogha-daimh air an cruthachadh
- Mu na bìobhairean ann an Alba
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Cruthan-tìre airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' rannsachadh cùrsa meadhain Abhainn Tatha.
Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu na feartan aig cùrsa meadhain aibhne.
ISLA: Wow. Tha sinn air tighinn pìos math a-nuas Abhainn Tatha mar-thà, Connor. Bhon bhun, a-nuas an cùrsa uachdrach, agus seo sinn sa chùrsa meadhain dhen abhainn.
CONNOR: Bheil cuimhn' agad air Còd Slighean Dùthchail na h-Alba, Isla?
Gabh cùram airson na tha thu fhèin a' dèanamh. Thoir urram do mhath dhaoine eile agus coimhead às dèidh na h-àrainneachd.
Mar sin, an dèidh cùrsa uachdrach cas na h-aibhne, agus tighinn gu uchd bàis sa bhras-shruth, saoil an toireadh tu spèis dha mo mhiann airson seòladh gu socair air an abhainn?
ISLA: Tha an abhainn mall agus leathann sa chùrsa meadhain. Na gabh dragh. Bidh thu ceart gu leòr!
CONNOR: Sin Allt Cambusmichael. Tòrr leas-aibhnichean – tha a h-uile sruthan beag agus allt a' cur tòrr uisge dhan abhainn. Sin as coireach gu bheil i a' fàs nas leatha agus nas doimhne mar a bhios i a' dol air adhart. Tha i dorcha agus doilleir oir tha i làn greabhail, gainmheach agus creagan.
Agus tha sinn air lùb-aibhne, seall. Am faic thu an lùb?
ISLA: Sin thu, a bheathaich bhig!
Seall, Connor. Bìobhair.
CONNOR: Trobhad, Isla!
ISLA: Ò, math fhèin!
Fuirich! Chan fhaigh mi far na tràigh seo!
CONNOR: Chan fhaigh mi thugad – put thu fhèin a-mach leis an ràmh.
ISLA: Phew!
CONNOR: Nach e sin a bha mi feuchainn ri ràdh riut. Bidh lùb-aibhne a' tòiseachadh aig lùb bheag san abhainn. Seall.
Bidh an t-uisge nas luaithe air taobh a-muigh lùib agus nas maille air an taobh a-staigh. Tha barrachd lùth aig uisge luath na tha aig uisge mall. Mar sin bidh taobh a-muigh na lùib air a bhleith. Chan eil lùth gu leòr aig uisge mall airson gainmheach agus greabhal a ghiùlan, agus bidh e gan tasgadh – ga leigeil sìos – air taobh a-staigh na lùib. An ceann treis, bidh a' bhruach a-muigh a' bleith, agus thèid bearradh-aibhne a chruthachadh. Cumaidh a' bhruach a-staigh oirre ga togail, agus thèid tràigh aibhne a chruthachadh.
ISLA: Sin far an do steig mise, agus thusa na do dheann air taobh a-muigh na lùib-aibhne.
CONNOR: Nuair a bhios lùban faisg air a chèile, 's dòcha gun coinnich iad. Brisidh uisge na h-aibhne troimhe agus thèid cladhan ùr a chruthachadh. Stopaidh an lùb-aibhne le gainmheach is greabhal agus thèid e na loch bogha-daimh. Tha fear air Uisge Èireann, a tha a' sruthadh a dh'Abhainn Tatha.
ISLA: Agus mu dheireadh, tha an abhainn dìreach a-rithist!
Ràinig sinn ceann a' chùrsa meadhain. Cha chuir dad stad oirnne!
Saoil dè a-nis a tha sa chùrsa ìochdrach.
Peairt a-nis!
Dè th' ann an abhainn?
- 'S e sgìre-uisge ghluasadach a bhios a' sruthadh bho bunFar am bi abhainn a' tòiseachadh. 'S àbhaist gur ann shuas àrd, 's dòcha air mullach beinne, a bhios sin. a-steach a sgìre-uisge eile, mar a' mhuir, a th' ann an abhainn.
- Tha trì earrannan ann an abhainn: an cùrsa uachdrach, an cùrsa meadhain agus an cùrsa ìochdrach.

Dè th' anns a' chùrsa meadhain?
- Tha barrachd lùth agus barrachd uisge anns a' chùrsa meadhain na th' anns a' chùrsa uachdrach a tha cas agus cumhang.
- Tha e leathann agus domhainn. Bidh tòrr leas-abhainnAllt no abhainn a bhios a' sruthadh a-steach a dh'allt no a dh'abhainn eile an àite a bhith a' dol dhan mhuir. a' sruthadh a-steach dhan chùrsa meadhain, a' cur tuilleadh uisge ri cladhan na h-aibhne.
- Tha cladhan aibhne nas motha a' ciallachadh gu bheil nas lugha de lùth-suathaidhForsa a tha ga dhèanamh doirbh do rudeigin gluasad air uachdar rud eile. ann agus bidh an t-uisge a' sruthadh nas luaithe.
- Bidh uisge a' sruthadh nas luaithe air taobh a-muigh lùb-aibhne agus gu mall air taobh a-staigh na lùib.
- Bidh uisge a tha a' sruthadh gu luath bleithCaitheamh thar ùine. nam bruaichean a-muigh. Bidh uisge a tha a' sruthadh gu mall tasgadhNuair a bhios uisge a' call cumhachd, bidh e a' leigeil sìos an stuth a bha e a' giùlan leithid gainmheach agus grinneal. stuth, leithid gainmheach is grinneal, air a' bhruaich a-staigh.
- Tha bleith air a' bhruaich a-muigh agus tasgadh air a' bhruaich a-staigh a' cuideachadh gus feartan leithid lùb-aibhneLùb mòr san abhainn air a cruthachadh le bleith agus tasgadh. agus loch bogha-daimhLoch air chumadh U air a chruthachadh nuair a choinnicheas lùban ri chèile. Bidh uisge na h-aibhne a' briseadh a-steach agus a' dèanamh cladhan ùr. Thèid an lùb a dhùnadh le gainmheach agus grinneal agus thèid e na loch bogha-daimh. a chruthachadh.
Feartan fiosaigeach a' chùrsa meadhain
Chì thu eisimpleirean de fheartan a' chùrsa meadhain anns na dealbhan.

Image caption, Lùban-aibhne
'S e lùb mhòr ann an abhainn a th' ann an lùb-aibhne. Bidh uisge a' sruthadh nas luaithe air taobh a-muigh na lùib agus gu mall air taobh a-staigh na lùib. Bidh uisge luath a' bleith bearradh-aibhne cas air taobh a-muigh na lùib (air an làimh chlì san dealbh). Bidh uisge mall a' tasgadh gainmheach agus eabar, agus a' dèanamh tràigh-aibhne le beagan aomaidh air taobh a-staigh na lùib (air an làimh dheis san dealbh).

Image caption, Loch bogha-daimh
Nuair a thèid lùban-aibhne a chruthachadh faisg air a chèile, coinnichidh iad a chèile an ceann ùine agus bidh cladhan ùr air a chruthachadh. Thèid an lùb-aibhne a dhùnadh agus thèid loch bogha-daimh a chruthachadh. Tha an loch bogha-daimh seo air Abhainn Yavari ann am Peru.
1 of 2
Fiadh-bheatha aibhne: bìobhairean ann an Alba
Anns a' bhidio aig mullach na duilleig, chunnaic Isla bìobhair air Abhainn Tatha. Gheibh sinn a-mach barrachd mu bhìobhairean ann an Alba.
- 'S e am Bìobhair Eoràisianach an dara gnè radain as motha air an t-saoghal.
- Mar as trice 's fheàrr le bìobhairean a bhith ann an siostaman fìor-uisge mar aibhnichean, uillt, lochan agus pollagan.
- Tha iad nan gnè dùthchasach san Rìoghachd Aonaichte. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad air a bhith beò a seo gu nàdarra gun daoine a bhith an sàs. Chaidh iad à bith o chionn cheudan bhliadhnaichean air sgàth sealg, ach shoirbhich len toirt air ais dhan RA ann an 2009.
- Tha bìobhairean ainmeil airson nan sgilean innleadaireachd a th' aca. Bidh iad a' cladhach canàlCladhan a chaidh a chladhach airson gum faigheadh uisge troimhe. air bruaichean aibhnichean agus lochan, agus gan cleachdadh airson biadh agus stuthan togail a ghiùlan.
- Tha bìobhairean cuideachd ainmeil airson a bhith a' togail loidsichean agus damaichean airson iad fhèin a chumail sàbhailte bho creachadairBeathach a bhios ag ithe bheathaichean eile..


- Còd Slighean Dùthchail na h-Alba - Stiùireadh bhon riaghaltas air ar còraichean agus ar dleastanasan nuair a bhios sinn air a' bhlàr a-muigh ann an Alba.
- an cùrsa meadhain - An earrann dhen abhainn a tha eadar an cùrsa uachdrach agus an cùrsa ìochdrach. 'S àbhaist gum bi e nas leatha agus nas doimhne na an cùrsa uachdrach agus gum bi an t-uisge a' sruthadh gu mall.
- leas-abhainn - Allt no abhainn a bhios a' sruthadh a-steach a dh'allt no a dh'abhainn eile an àite a bhith a' dol dhan mhuir. Bidh leas-aibhnichean a' cur tòrr uisge dhan abhainn agus bidh i a' fàs nas leatha agus nas doimhne mar a bhios i a' dol air adhart.
- allt - Sruth mòr no abhainn bheag.
- bleith - Nuair a bhios stuth, mar creag, a' caitheamh thar ùine. Bidh cumhachd an uisge ann an cùrsa uachdrach aibhne ag adhbhrachadh tòrr bleith tìre.
- tasgadh - Nuair a bhios uisge a' call cumhachd, bidh e a' leigeil sìos an stuth a bha e a' giùlan leithid gainmheach agus grinneal.
- lùb-aibhne - Lùb san abhainn air a dèanamh le bleith agus tasgadh.
- loch bogha-daimh - loch air chumadh U air a chruthachadh nuair a choinnicheas lùban ri chèile. Bidh uisge na h-aibhne a' briseadh a-steach agus a' dèanamh cladhan ùr. Thèid an lùb a dhùnadh le gainmheach agus grinneal agus thèid e na loch bogha-daimh.
Feuch na ceistean goirid seo mun chùrsa meadhain.

Dealbhaich postair a chuidicheas clann eile gu bhith a' tuigsinn Còd Slighean Dùthchail na h-Alba.
'S e stiùireadh bhon riaghaltas a th' ann an Còd Slighean Dùthchail na h-Alba. Tha e ag innse mu ar còraichean agus ar dleastanasan nuair a bhios sinn air a' bhlàr a-muigh ann an Alba.
'S e na trì phrìomh riaghailtean:
- urram a thoirt do mhath dhaoine eile
- coimhead às dèidh na h-àrainneachd
- uallach a ghabhail airson na bhios tu fhèin a' dèanamh
Beagan bheachdan airson tòiseachadh:
- Bu chòir dhan phostair a bhith tarraingeach agus fiosrachadh cudromach a bhith air. Dè am fiosrachadh a bu chòir a bhith air?
- Smaoinich mun luchd-amais. Cò dha a tha am postair?
- Ciamar a ghlacas coltas agus stoidhle a' phostair agad aire cuideigin? Cò ris a bhios an teacsa coltach? Dè an seòrsa dhealbhan a dh'fhaodadh tu a chleachdadh?
Ma dh'fheumas tu cuideachadh leis a' phostair, gheibh thu barrachd fiosrachaidh a seo: Mar a nì thu postair
More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count24 of 24

- count3 of 24
