Lùth agus Slighe Iain Muir
Feumaidh sinn lùth airson tòrr rudan aig an taigh, anns an sgoil agus nuair a bhios sinn a-muigh. Faodaidh an dòigh a tha an lùth sin air a ghintinn agus air a sholarachadh buaidh mhòr a thoirt air an àrainneachd.
San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:
- Slighe Iain Muir
- diofar sheòrsachan lùth
- a' bhuaidh aig diofar bhunan-lùth air an àrainneachd
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd do C5, C6 agus C7 (An Dara Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Bhidio - Lùth agus Slighe Iain Muir
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad ag ionnsachadh mu na diofar dhòighean anns a bheil lùth air a ghintinn, agus iad a’ coiseachd air Slighe Iain Muir.
CONNOR: Abair gur e slighe mhath a th' ann an Slighe Iain Muir, a' sìneadh thairis air an dùthaich gu lèir eadar Baile Eilidh san iar gu Dùn Barra san ear.
Air ar cùl tha làrach Stèisean Cumhachd Cùil Choinnich.
Chleachd e a bhith a' gintinn dealan bho ghual.
ISLA: Ach chan eil a-nise?
CONNOR: 'S e gual an connadh-fosail as salaiche a th' ann.
Bidh e a' leigeil tòrr carbon mu sgaoil dhan àile nuair a thèid a losgadh.
Tha e a' toirt dhuinn tòrr lùtha, ach chan eil e math dhan àrainneachd.
Feumaidh sinn sgur a losgadh chonnaidhean-fosail airson 's gum fuirich an carbon glacte annta.
ISLA: Dè 's urrainn dhuinn a chleachdadh na àite?
Dè mu dheidhinn gaoth?
CONNOR: Ceart san spot.
Tha tuathan-gaoithe air tìr air feadh Alba agus tuathan-gaoithe far-thìr a-muigh aig muir mu chuairt a' chladaich.
Bidh buidhnean de thuirbinean gaoithe a' cruinneachadh cumhachd mhòr na gaoithe.
Bidh a' ghaoth a' toirt air lannan an tuirbin tionndadh, agus bidh sin a' tionndadh rotar, a bhios a' cur car de ghineadair, a bhios a' gintinn dealan.
Bidh a' chumhachd a bhios iad sin, agus a h-uile seòrsa stèisean cumhachd a' gintinn, air a biathadh a-steach dhan Ghriod Nàiseanta.
Sin an lìonradh chàballan a tha a' toirt cumhachd bho stèisean cumhachd gu na dachaighean agus na gnothachasan a bhios ga chleachdadh.
ISLA: Aon latha, teirigidh an gual agus connaidhean-fosail eile, ach gu cinnteach cha theirig a' ghaoth.
Sin as coireach gun can sinn gu bheil i ath-nuadhachail.
CONNOR: Tha e cho brèagha a seo.
Seo seann mhuileann Preston.
Bha e ag obair gu 1959, a' dèanamh min-choirce.
Bidh am muileann a' cleachdadh lùth bho ghluasad an uisge airson an t-innealradh a thionndadh.
Gabhaidh an lùth ann an uisge a tha a' gluasad a chleachdadh airson dealan a ghintinn cuideachd.
Canar lùth dealan-uisge ris.
ISLA: Sin agad seòrsa eile de lùth ath-nuadhachail.
CONNOR: 'S e Sgeama Dealan-uisge Ghleann Dotha fear dhe na stèiseanan cumhachd dealan-uisge ann an Alba.
Bidh an t-uisge, a tha air a chruinneachadh ann an lìonradh thunailean, a' sruthadh na dheann sìos bhon stòr-amar agus tro na tuirbinean a tha a' tionndadh ghineadairean airson dealan a ghintinn.
ISLA: Wow, iongantach fhèin.
Thugainn.
Stèisean Cumhachd Niùclasach Thòrr an Eas.
Bidh e a' toirt cumhachd gu 2.7 millean dachaigh.
CONNOR: Niùclasach?
An e lùth uaine a tha sin no nach e?
ISLA: Chan eil mòran carbon ann, rud a tha math.
Agus 's e bun-lùtha uabhasach earbsach a th' ann, a tha a' ciallachadh gun urrainn dhuinn smachd a chumail air na tha air a ghintinn, rud nach urrainn le cuid dhe na bunan-lùtha ath-nuadhachail mar lùth na gaoithe is lùth na grèine a tha an urra ris an t-sìde.
Ach bidh lùth niùclasach ag adhbharachadh dhraghan àrainneachdail eile.
Fhios agad mar a tha a h-uile sìon anns an t-saoghal air a dhèanamh suas de bhlocaichean beaga, bìodach togail ris an canar ataman?
Uill, tha lùth niùclasach a' tighinn bho bhith a' sgoltadh ataman.
Bidh seo a' leigeil tòrr lùtha mu sgaoil mar theas agus rèididheachd.
Bidh an teas a' goil uisge na stiom.
Bidh an stiom an uair sin air a chleachdadh airson tuirbin a thionndadh a bhios a' dràibheadh nan gineadairean airson dealan a dhèanamh.
Bidh sàl air a chleachdadh airson an stiom fhuarachadh agus a thionndadh air ais na uisge gus gun gabh a chleachdadh a-rithist, ach tha e cuideachd a' cruthachadh sgudal rèidio-beò a dh'fheumar cur às dha gu faiceallach gus nach truaill e an àrainneachd agus nach dèan e cron air slàinte dhaoine.
Agus airson cumhachd a thoirt do stèisean cumhachd niùclasach, feumaidh tu ataman a chleachdadh bho meatailt thearc ris an canar uranium.
Tha a' mhòr-chuid de dh'uranium air a mhèinneadh às an talamh, agus bidh am pròiseas seo a' dèanamh cron air an àrainneachd.
'S e lùth-gaoithe agus lùth dealan-uisge na bunan-lùtha as cudromaiche do dh'Alba.
CONNOR: Bhiodh luth nan tonn agus lùth an làin cuideachd nam bunan-lùtha a tha comasach ann an Alba.
ISLA: Bidh sinn cuideachd a' cleachdadh lùth-grèine.
Tha e iongantach a liuthad dòigh a th' againn air lùth bhon t-saoghal mun cuairt atharrachadh gu bhith na chumhachd dha na dachaighean againn.
Dè th' ann an Slighe Iain Muir?
Cò bh' ann an Iain Muir?

Rugadh Iain Muir ann an Dùn Bàrr ann an 1838. Dh'fhàg a theaghlach Alba nuair a bha e deich bliadhna a dh'aois agus chaidh iad a dh'Ameireaga.
Fhuair e cliù airson sgrìobhadh mu shaoghal nàdair le bhith a' sgrùdadh chreagan, lusan is bheathaichean agus an obair a rinn e ann a bhith a' gleidheadh agus a' dìon sgìrean de bhòidhchead shònraichte, mar Pàirce Nàiseanta Yosemite ann an Calafornia.
Dh'fhosgail Slighe Iain Muir ann an 2014 a' comharrachadh 100 bliadhna bho chaochail e.

Càite a bheil Slighe Iain Muir a' tòiseachadh agus a' crìochnachadh?
Tha Slighe Iain Muir a' ruith eadar Baile Eilidh air taobh an iar Alba (am port às an do dh'fhàg Muir Alba airson Ameireaga), agus Dùn Bàrr air a' chosta an ear (far an do rugadh Muir).
Tha an t-slighe 134 mìltean (215 km) a dh'fhaid, agus tha luchd-coiseachd is luchd-bhaidhsagalan measail oirre.
Cliog tron taisbeanadh gu h-ìosal agus agus faigh a-mach mu chuid dhe na h-àitichean inntinneach air am faodadh tu tadhal air Slighe Iain Muir.

Image caption, Loch Laomainn
Tha a' chiad chuid de Shlighe Iain Muir a' tòiseachadh ann am Baile Eilidh agus a' crìochnachadh anns A' Bhealach, air cladach Loch Laomainn. Tha luchd-tadhail measail air an àite seo, agus tha e gu math freagarrach gu bheil e ann am Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn 's nan Tròisichean. B' e Iain Muir aon dhe na prìomh dhaoine a stèidhich a' chiad Phàircean Nàiseanta ann an Ameireaga anns na h-1860an. (Phil Seale/Alamy Stock Photo)

Image caption, A' Whangie
Tha grunn bheanntan dìreach far Slighe Iain Muir a chòrdas ri luchd-coiseachd nam beann, agus nam measg sin tha Beinn Achadh an Aodainn. An seo tha cruth annasach creige air a bheil ‘The Whangie'. A rèir uirsgeul, chaidh na creagan a chruthachadh leis an Diabhall a' bualadh earball, ged a dh'fhaodadh gun canadh geòlaichean gun deach an sgàineadh seo anns a' chreig a bhleith le eigh-shruth rè na Linn Deighe mu dheireadh. (Griffin Morrison/Alamy Stock Photo)

Image caption, Canàl Fhoirthe is Chluaidh
Tha Slighe Iain Muir cuideachd a' coinneachadh Canàl Fhoirthe is Chluaidh. B' e slighe thrang malairt a bhiodh seo ann an linn Muir. Chan eil e air a chleachdadh a-nis airson malairt, ach bidh daoine gu leòr fhathast a' coiseachd agus a' saidhcleadh ri taobh a' chanàl, agus ma bhios tu cho fortanach 's gum faigh thu cuairt air bàta-cumhang, bidh sin nas fheàrr buileach! (Ann Stewart/Alamy Stock Photo)

Image caption, Balla Antonine
Thog na Ròmanaich Balla Antonine mu 142 AD. Bha e a' comharrachadh iomall Ìompaireachd na Ròimhe. Bha a' chuid bu mhotha dhen bhalla air a dhèanamh le fillidhean de sgrathan, air stèidh cloiche, agus tha dìgean agus dùin ann mar thuilleadh dìon dhan Bhalla. Chaidh a thogail leis na trì lèigionan Ròmanach a bh' ann an Alba. Tha e a-nis na Làrach Dualchas na Cruinne agus tha e a' tàladh mòran luchd-tadhail. (Kay Roxby/Alamy Stock Photo)

Image caption, Cuibheall na h-Eaglaise Brice
'S e lioft a bhios a' dol mun cuairt gus bàtaichean a thogail a th' ann an Cuibheall na h-Eaglsaise Brice. Tha i a' ceangal Canàl Fhoirthe is Chluaidh agus Canàl an Aonaidh. Dh'fhosgail i ann an 2002 agus tha luchd-tadhail measail oirre. Thèid aig luchd-tadhail air cuairt a ghabhail air a' chuibhill agus chì iad mar a tha i ag obrachadh. (Keith Fergus/Alamy Stock Photo)

Image caption, Lùchairt Ghleann Iucha
Tha Lùchairt Ghleann Iucha ainmeil mar an t-àite anns an do rugadh Màiri, Banrigh na h-Alba. Tha taigh rìoghail air a bhith air an làraich seo bhon 12ra linn. An dèidh Aonadh nan Crùn ann an 1603, nuair a thàinig mac Màiri, Seumas VI, gu bhith na Sheumas I Shasainn, ghluais a’ chùirt deas a Lunnainn agus chaidh an lùchairt bho fheum. An-diugh tha i air a cleachdadh airson filmeadh dhan telebhisean agus tha e air fear dhe na togalaichean as brèagha ann an Alba bho na Meadhan Aoisean. (John Peter Photography/Alamy Stock Photo)

Image caption, Caisteal Blackness
Chaidh Caisteal Blackness a thogail anns a' 15mh linn mar thaigh mòr, àlainn do theaghlach uasal. Thar nan linntean, tha Blackness air a bhith na chaisteal, na ghearastan, na phrìosan agus na stòr airson connadh-ghunnaichean. Do luchd-coiseachd air Slighe Iain Muir, 's e àite inntinneach eile a th' ann airson tadhal air agus ionnsachadh mu eachdraidh Alba. Glè thric canar ‘am bàta nach do sheòl riamh' ris chionn, bhon mhuir, tha e coltach ri bàta mòr cloiche air a' chladach. (John Peter Photography/ Alamy Stock Photo)

Image caption, Drochaidean Fhoirthe agus Drochaid Phort na Banrighinn
Tha ionad-aiseig air a bhith air Abhainn Fhoirthe eadar Port na Banrighinn a Tuath agus Deas bhon 11mh linn. An uair sin bha aiseag ann do thaistealaichean cràbhach eadar Dùn Èideann agus Abaid Dhùn Phàrlain. Chaidh Drochaid Rèile Fhoirthe fhosgladh ann an 1890. Le frèam stàrr-chrann suaicheanta, dearg, 's e fear dhe na structaran as ainmeile ann an Alba. Chaidh Drochaid Rathaid Fhoirthe fhosgladh do chàraichean agus do charbadan eile ann an 1964. Ann an 2017, chaidh Drochaid Phort na Banrighinn fhosgladh airson leigeil le barrachd trafaig siubhal aig luaths mòr-rathad. Chaidh na trì drochaidean sin fhosgladh ann an diofar linntean agus tha sin a' sealltainn mar a tha iarrtas a' dol am meud airson ceanglaichean còmhdhail agus siubhail. (Frame Focus Capture Photography/Alamy Stock Photo)

Image caption, Ionad-eòin-mhara na h-Alba
Dh'fhosgail Ionad-eòin-mhara na h-Alba ann an 2000 aig Bearaig a Tuath air Slighe Iain Muir. Tha e a' toirt cothrom coimhead air colonaidhean de shùlairean, buthaidean agus eòin eile air a' Bhas agus air Eilean Mhàigh. (James R Gibson/Alamy Stock Photo)

Image caption, Dùn Bàrr
'S ann am baile-cladaich Dhùn Bàrr, far an do rugadh Iain Muir, a tha ceann an ear Slighe Iain Muir. Tha pàirc dhùthchail air a h-ainmeachadh air Muir an iar-thuath air a' bhaile. Anns a' bhaile fhèin tha ìomhaigh mhòr, an DunBear, a chaidh a thogail mar urram dha. (FocusEurope/Alamy Stock Photo)
1 of 10
Bunan-lùth
Gabhaidh lùth a ghintinn bho iomadh bun. Tha cuid dhe na bunan sin nach eil cho cronail dhan àrainneachd ri feadhainn eile.
Tha dà sheòrsa lùth ann: ath-nuadhachail agus neo-ath-nuadhachail.
- Am measg nam bunan-lùth ath-nuadhachail, tha a' ghrian, a' mhuir agus a' ghaoth.
Cha theirig na bunan sin nuair a chleachdas sinn iad airson lùth a ghintinn. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad ath-nuadhachail. Le bhith a' leasachadh teicneòlas ùr mar panailean-grèine airson taighean a theasachadh, tha daoine air am brosnachadh gu bhith a' cleachdadh barrachd lùth ath-nuadhachail agus tha sin a' cuideachadh na h-àrainneachd.
- Am measg nam bunan-lùth neo-ath-nuadhachail tha gual, ola agus gas.
Tha iad sin air an losgadh airson an lùth a th' annta a leigeil mu sgaoil, ach tha gasaichean cronail cuideachd air an leigeil mu sgaoil dhan èadhar. Aon uair 's gun tèid connaidhean-fosail a losgadh, tha iad ullamh. Tha iad, mar sin, neo-ath-nuadhachail. Tha a' mhòr-chuid de charbadan a' cleachdadh lùth neo-ath-nuadhachail, agus sin as coireach gu bheil iad cronail dhan àrainneachd.
Seo eisimpleirean dhen dà sheòrsa bun-lùth.

Image caption, Gual
'S e bun-lùth neo-ath-nuadhachail a th' ann an gual. Tha e air a dhèanamh bho fhìor sheann chraobhan a chaidh am bruthadh gu mòr, leis gun deach air an tiodhlacadh fo ùir agus stuthan eile agus a tha a' cruthachadh bruthadh mòr. Tha am bruthadh seo, cuide ris an teas nàdarra bho eitean na Talmhainn a' dlùthadh nan craobhan agus stuthan eile agus a' cruthachadh gual. Airson gual a chleachdadh mar chonnadh, feumar a chladhach, no a mhèinneadh, às an talamh, agus an uair sin a losgadh. Tha an dealbh seo a' sealltainn mèinn fosgailte Gleann an t-Sagairt ann an Siorrachd Lannraig, a dhùin ann an 2011. Ann am mèinnean fosgailte, tha an gual faisg air an uachdar agus gheibhear thuca le bhith a' toirt air falbh nam fillidhean ùire agus creag a tha os cionn a' ghuail. (Global Warming Images/Alamy Stock Photo)

Image caption, Ola agus gas
'S e bunan-lùth neo-ath-nuadhachail a th' ann an ola agus gas, air an dèanamh bho chreutairean mara marbha mar plancton. Tha iad air an tiodhlacadh fo fhillidhean puill agus creag agus thar ùine mhòr, agus tha sin a' cruthachadh bruthadh. Bidh teas geò-thearmach bhon Talamh, cuide ris a' bhruthadh seo, a' pronnadh na beatha-mara a bh' air a tiodhlacadh, agus a' cruthachadh ola agus gas. Gheibhear ola agus gas ann an loch-tasgaidh dhomhainn fon talamh, agus cuideachd a-muigh aig muir. 'S ann anns a' Chuan a Tuath a tha a' chuid as motha de dh'ola agus de ghas Alba. Tha còrr is 100 crann-ola a' drileadh an sin airson connadh, mar am fear ann an Linne Chrombaigh a chithear anns an dealbh. Tha grunnd na mara na àrainn do dh'iomadh gnè chreuatairean mara agus faodaidh e a bhith air a thruailleadh nuair a thathar a' cladhach airson ola agus gas. Cuideachd, faodaidh tubaistean anns an tèid ola a dhòrtadh a bhith uabhasach cunnartach do dh'fhiadh-bheatha. (Mike Dale/Alamy Stock Photo)

Image caption, Gaoth
'S e bun-lùth ath-nuadhachail a th' ann an gaoth, agus tha daoine air a cleachdadh fad nam mìltean bhliadhnaichean. Smaoinich air bàta-seòlaidh, no muileann-ghaoithe – tha iad le chèile a' cleachdadh lùth bhon ghaoith. Bidh tuirbinean-gaoithe, mar an fheadhainn seo aig Tuath-gaoithe Whitelee faisg air Baile na h-Eaglais deas air Glaschu, a' leigeil le lùth-gaoithe a bhith air atharrachadh gu dealan. (Iain Masterton/Alamy Stock Photo)

Image caption, Grian
'S e bun-lùth ath-nuadhachail a th' anns a' ghrèin. Tha panailean-grèine air an dèanamh de cheallan-grèine nas lugha. Nuair a bhuaileas solas na grèine na fillidhean sileacon am broinn nan ceallan-grèine, bidh teàirrds dealain a' cruinneachadh agus a' cruthachadh sruth dealain. (Iain Masterton/Alamy Stock Photo)

Image caption, Dealan-uisge
Bidh dealan-uisge a' cleachdadh uisge a tha a' gluasad airson dealan a ghintinn. Seo an dara bun-lùth as motha ann an Alba (an dèidh gaoth). Tha sruthadh an uisge air a bhacadh air cùl dam. Nuair a thèid an t-uisge a leigeil a-mach tro phìoban, bidh e a' sruthadh tro thuirbinean agus a' tionndadh nan sgiathan aca. Bidh seo a' gintinn dealan. Tha an dam seo ann am Baile Chloichridh, Siorrachd Pheairt, agus tha e na ionad-tàlaidh do luchd-turais a bharrachd air a bhith na stèisean cumhachd. (Pearl Bucknall/Alamy Stock Photo)

Image caption, Niùclasach
Tha lùth niuclasach a' tighinn bhon phròiseas a bhios a' sgoltadh ataman uranium agus a' leigeil teas mu sgaoil. Faodaidh an teas seo an uair sin an t-uisge atharrachadh gu smùid, agus nuair a bhios an smùid a' gluasad, tionndaidhidh i tuirbinean ceangailte ri gineadairean dealain. Ach, tha lùth niùclasach neo-ath-nuadhachail oir feumar connadh uranium a chladhach às an talamh agus teirigidh e air a' cheann thall. Tha Stèisean Cumhachd Niùclasach Thòrr an Eas faisg air Dùn Barra ann an Lodainn an Ear a' gintinn gu leòr cumhachd dealain airson dà mhillean taigh. (Bill Miller/Alamy Stock Photo)
1 of 6
Lùth ann an Alba
Cha bhi sinn a-nis a' mèinneadh gual ann an Alba. Thug seo atharrachadh mòr ann an gnìomhachas ann an sgìrean mar Siorrachd Àir, Fiobha agus Siorrachd Lannraig far an robh iomadh coimhearsnachd mèinnidh. Chaidh mòran dhaoine fhàgail gun obair agus bha aca ri trèanadh a dhèanamh às ùr ann an gnìomhachasan eile.
Tha gintinn lùth niùclasach cuideachd a' tighinn gu ceann. Chan eil ach aon stèisean ann an Tòrr an Eas, ann an Lodainn an Ear, fhathast a' dol, agus tha dùil gun sguir sin a ghintinn dealan ann an 2028.
Ged a tha uallach air daoine mu atharrachadh na gnàth-shìde agus milleadh air grunnd na mara, tha drileadh airson ola agus gas anns a' Chuan a Tuath fhathast a' toirt dhuinn connadh airson còmhdhail, teas agus gintinn dealain. Ach tha planaichean ann airson na tha sinn a' cleachdadh de chonnaidhean-fosail a bheagachadh. Tha targaid aig Alba gum bi leth dhen teas, dhen chòmhdhail agus dhen dealan ann an Alba a' tighinn bho stòran-lùth ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. ann an 2030.
Ionnsaich barrachd mu dhiofar sheòrsaichean lùtha an seo: Stòran lùtha agus seasmhachd

lùth – cumhachd a ghabhas cleachdadh, mar as trice a' tighinn bho stòran eile
lùth ath-nuadhachail – lùth bho stòr a tha furasta ùrachadh no nach teirig, mar a' ghaoth agus a' ghrian
lùth neo-ath-nuadhachail – lùth bho stòran nach eil furasta an ùrachadh no a theirigeas an dèidh an cleachdadh, mar ola agus gas
connaidhean-fosail – connaidhean nàdarra mar ola agus gas air an dèanamh bho fhosailean air an dlùthadh
pàirce nàiseanta – sgìre air an dùthaich a tha air a dìon leis an lagh airson coimhead às dèidh an cruth-tìre agus an fhiadh-bheatha
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean
Dùbhlan

Dealbh postair a nochdas aig prìomh àitichean air Slighe Iain Muir gus luchd-tadhail a bhrosnachadh gus an aire a thoirt air an àrainneachd.
Smaoinich air:
mar a nì thu e tarraingeach ('s dòcha le abairt no dealbh)
dè bheireadh air daoine smaoineachadh barrachd mun àrainneachd agus atharraichean a dhèanamh
mar a bhrosnaicheadh tu daoine a bhios a' cleachdadh Slighe Iain Muir gus an aire a thoirt oirre
Ionnsaich barrachd mu bhith a' dealbhadh phostairean le Beurla agus litearrachd 2na ìre: Mar a nì thu postair
Barrachd ri ionnsachadh
Bunan lùtha is seasmhachd
Ionnsaich barrachd mu sheòrsaichean lùtha agus seasmhachd leis a' chuspair againn

Mar a nì thu postair. videoMar a nì thu postair
Dèan am postair agad tarraingeach le bhith a' leantainn nan riaghailtean sìmplidh seo

More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count4 of 24

- count6 of 24
