B' àbhaist canàlan a bhith glè chudromach do chòmhdhail ann an Alba. Bha iad air an cleachdadh airson a bhith a' giùlan stuthan amh, bathar eile agus fiù 's daoine.
Tha slighean còmhdhail eile air an cleachdadh barrachd a-nis, ach tha canàlan fhathast air an cleachdadh airson siubhal agus cur-seachad.
Prìomh phuingean
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
dè th' ann an canàlan
eachdraidh chanàlan ann an Alba
mar a tha canàlan air an cleachdadh ann an turasachd
pàirtean de lìonradh còmhdhail Alba
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd do C5, C6 agus C7 (An Dara Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Bhidio
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' rannsachadh canal Fhoirthe agus Chluaidh air na baidhsagalan aca!
CONNOR: 'S ann a seo aig Cala Bholan air Abhainn Chluaidh a tha a' chuairt againn air Canàl Fhoirthe is Chluaidh a'tòiseachadh.
Tha an canàl a'dèanamh slighe bho thaobh gu taobh de dh'Alba bho Chuan na h-Èireann air an taobh an iar chun a' Chuain a Tuath air an taobh an ear.
ISLA: Nach eil iongantach fhèin?
Chaidh a thogail eadar 1768 agus 1790. Nuair a bha na rathaidean glè thric dona, agus mus tàinig an rèile, bha canàlan ga dhèanamh na b' fhasa rudan mar biadh, gual, iarann agus aodach a ghiùlan.
'S e slighean-uisge fuadain a th' annta.
Caran coltach ri aibhnichean ach air an togail le daoine.
Feumaidh gun do shàbhail e tòrr ùine bathar a ghiùlan air bàtaichean.
Chan fheumadh iad tuilleadh a dhol timcheall costa a tuath Alba dìreach airson faighinn gu taobh eile na dùthcha.
CONNOR: Seall air an t-seann dhrochaid thionndain a seo. Chleachd i a bhith a' toirt thrèanaichean tarsainn a chanàil mus deach an rèile seo a dhùnadh.
Tha seann loidhnichean rèile mar seo uabhasach math airson coiseachd no saidhcleadh chionn tha iad còmhnard, dìreach mar an ceum ri taobh a chanàil.
ISLA: Siud Seann Chill Phàdraig far am b' àbhaist dùn Ròmanach a bhith.
Thog na Ròmanaich balla-dìon a seo – ris an canar Balla Antonine – chionn tha an talamh cumhang a seo eadar Abhainn Chluaidh agus Abhainn Fhoirthe. Bha sin a' ciallachadh nach robh an t-astar a bha ri dhìon cho fada.
CONNOR: Chaidh an canàl a thogail a seo air an aon adhbhar – ’s e am pàirt as cumhainge dhen dùthaich, agus mar sin tha an turas nas giorra.
ISLA: Mar sin 's e slighe chudromach a th' air a bhith seo o chionn linntean, a' dol tarsainn na dùthcha airson dìon agus malairt.
CONNOR: Tha tòrr ri fhaicinn fhathast.
Thugainn!
Seo glasan, Isla.
ISLA: 'S e. Tha canàlan còmhnard agus feumaidh iad glasan mar seo airson a dhol suas no sìos cnoc.
CONNOR: Nuair a tha geata fosgailte air glas, tha an t-uisge air gach taobh aig an aon ìre agus thèid aig bàta air a dhol a-steach dhan ghlais.
Gabhaidh an geata seo a dhùnadh agus an ath gheata fhosgladh, a' leigeil uisge a-steach agus a' lìonadh na glais.
Nuair a thèid am bàta a thogail chun na h-ath ìre, faodaidh i seòladh a-mach às a ghlais agus cumail oirre air a slighe.
Tha glasan coltach ri staidhre do bhàtaichean.
Tha seòrsa eile de ghlas ann cuideachd nas fhaide shuas an canàl.
Seo sinn, seall.
ISLA: Mìorbhaileach!
An e seo Cuibheall na h-Eaglaise Brice?
CONNOR: 'S i.
Chleachd sreath de 11 ghlasan a bhith seo a bha a' ceangal Canàl Fhoirthe is Chluaidh ri Canàl an Aonaidh, 35m nas fhaide shuas.
Bha e a' toirt ùine mhòr faighinn tron h-uile gin, ach a-nis tha a' chuibheall a'gabhail àite cuid dhe na glasan sin.
Tha dà amar de dh'uisge ann, fear air gach taobh dhen chuibhill.
Nuair a thèid aon a leagail, bidh am fear air an taobh eile ag èirigh – tha e coltach ri lioft do bhàtaichean.
Tha an aon chuideam anns an dà thaobh agus tha iad mar sin air an cothromachadh, agus air sgàth sin cha bhi a chuibhealla' cleachdadh ach glè bheag de lùth.
ISLA: Tha Cuibheall na h-Eaglaise Brice a' cuideachadh coimhearsnachdan a cheangal le uisge.
Agus tha i a-nis a' tàladh mòran luchd-turais agus a' toirt dhaoine dhan Eaglais Bhric!
Wow.
Ìomhaigh Nan Cealpaidhean. Nach eil iad àlainn!
Tha sinn a-nis aig crìoch ar turais, aig Pàirce Helix. Chaidh a phàirce a chruthachadh le bhith a' leasachadh agus a' ceangal cheuman agus slighean coiseachd a th' ann mar-thà tro choilltean, talamh-feòir agus ris a chanàl.
CONNOR: Smaoinich air a liuthad dòigh a chunnaic sinn air coimhearsnachdan a cheangal.
Canàlan, drochaidean, ceuman, lìonraidhean bhaidhsagalan, seann loidhnichean rèile, gun luaidh air obair innleadaireachd iongantach mar Cuibheall na h-Eaglaise Brice.
Tha an M9, rathad mòr, faisge cuideachd, a h-uile gin dhiubh a' ceangal dhaoine agus àitichean ri chèile.
ISLA: Agus chan e ceuman an aon rud spòrsail a tha seo.
Tha lagùn ann a thog daoine airson spòrs-uisge!
Thugainn!
CONNOR: Argh! Fuirich!
Dè th' ann an canàlan?
'S e slighean-uisge fuadain a th' ann an canàlan – tha iad mar aibhnichean, ach a-mhàin gur e daoine a thog iad. Chaidh an togail mar shlighean ùra no nas luaithe airson bathar agus daoine a ghiùlan air bàta.
Tha canàlan gu math nas dìriche na aibhnichean agus tha e mar sin nas fhasa do bhàtaichean siubhal orra. Tha ceuman-tarraing a' ruith ris na cliathaichean aca. Bha iad sin air an cleachdadh airson eich, carbadan no fiù 's daoine bàtaichean a tharraing sìos an canal.
Eu-coltach ri aibhnichean a bhios a' sruthadh sìos cnoc, tha canàlan còmhnard. Tha earrannan fa leth annta ris an canar glasan a tha aig diofar àirdean a ghabhas fosgladh agus dùnadh airson leigeil le bàtaichean seòladh suas is sìos cnuic.
Canàlan Alba
Tha còrr is 130 mìle a dh'fhaid ann an lìonradh chanàlan Alba. Tha ceithir canàlan fhathast ag obrachadh an-diugh:
Canàl Fhoirthe agus Chluaidh
An Canàl Cailleannach
Canàl a' Chrìonain
Canàl an Aonaidh
Air an cleachdadh an toiseach le pasainsearan, no bàtaichean a bha a' giùlan bathar, no bàtaichean-iasgaich a bha a' cur feum air slighe na bu luaithe agus na bu shàbhailte mun cuairt cladaichean Alba, an-diugh tha canàlan Alba mar as trice air an cleachdadh airson cur-seachad agus turasachd.
Canàl Fhoirthe agus Chluaidh
35 mìle a dh'fhaid
air a thogail eadar 1768 agus 1790 – a h-uile sgath dheth air a chladhach le luchd-obrach le picean agus spaidean!
a' ceangal an taoibh an iar agus an taobh an ear aig a' phàirt as cumhainge
a' ceangal ri Bolan air Abhainn Chluaidh agus ri Inbhir Ghrainnse far a bheil Abhainn Charrann a' coinneachadh Abhainn Fhoirthe
slighe luath eadar Cuan Èirinn agus an Cuan a Tuath do bhàtaichean a' dol gu muir
gual, iarann, stàilinn, bathar tuathanais agus bathar eile air a ghiùlan
bha seirbheis 'luath' bàta-smùide ann do phasainsearan
An Canàl Cailleannach
60 mìle a dh'fhaid tron Ghleann Mhòr
cha deach ach 22 mìle a thogail le daoine
tha an còrr dhen t-slighe a' leantainn Loch Lòchaidh, Loch Obhaich, Loch Nis agus Loch Dabhach a' Phùir
air fhosgladh ann an 1822
air a thogail mar shlighe seòlaidh na bu luaithe agus na bu shàbhailte eadar an taobh an iar agus an taobh an ear
dh'fhaodadh bàtaichean agus eathraichean an t-slighe fhada, chunnartach mu chuairt a' Pharbh agus an cladach a tuath a sheachnadh
Canàl a' Chrìonain
dìreach 9 mìle a dh'fhaid
air a thogail mar shlighe ghoirid a' ceangal Ghlaschu agus Abhainn Chluaidh ris an taobh an iar agus Innse Gall
thug an obair air a' chanàl bho 1794 gu 1801
anns an 19mh agus tràth anns an 20mh linn, bha an canal air a chleachdadh le pufairean Chluaidh
b' e bàtaichean-smùide a bh' anns na pufairean a bhiodh a' toirt gual agus bathar riatanach eile dha na h-eileanan agus chun an taoibh siar, agus bhiodh iad a' toirt uisge-beatha, bathar tuathanais agus beathaichean airson an reic ann an Glaschu agus mu chuairt.
Canàl an Aonaidh
31 mìle a dh'fhaid
a' ceangal Dhùn Èideann agus an Eaglais Bhreac, far a bheil e a' coinneachadh Canàl Fhoirthe agus Chluaidh
dh'fhosgail e ann an 1822
air a thogail airson clach, stuthan amh eile agus gual a ghiùlan, bhon taobh an iar gu daoine agus gnothachasan ann an Dùn Èideann
bha daoine measail air agus bha e air a dheagh chleachdadh an toiseach
nuair a dh'fhosgail Rèile Dhùn Èideann is Ghlaschu ann an 1842, thòisich an canàl a' call phasainsearan
bha barrachd is barrachd bathair ga ghiùlan air an trèan an uair sin
dhùin e ann an 1965
dh'fhosgail e a-rithist mar phàirt de phròiseact Ceangal nam Mìle-bliadhna ann an 2001
Tha cuideachd trì canàlan ann an Alba nach eil air an cleachdadh.
Tha Canàl Siorrachd Obar Dheathain a' ruith 18.25 mìltean bho Phort Elphinstone gu cala Obar Dheathain. Dh'fhosgail e ann an 1805 agus dhùin e ann an 1854. Chaidh loidhne Obar Dheathain gu Inbhir Nis de Rèile Mòr Ceann a Tuath Alba an àite a' chanàl.
Bha dùil gun ruitheadh Canàl Ghlaschu, Phàislig is Bhaile Iain fad na slighe gu ruige Àird Rosain. Chaidh an t-slighe eadar Glaschu is Baile Iain a chrìochnachadh ann an 1811, ach sguir an obair air sgàth cion airgid. Chaidh an canàl a dhrèanadh ann an 1882 airson loidhne Rèile a' Chanàl eadar Ghaschu is Pàislig.
Thòisich Canàl Mhonkland a' fosgladh ann an earrannan ann an 1771. Aig aon àm b' e an canàl a bu phrothaidiche ann an Alba. Chaidh millean tunna guail a ghiùlan air ro 1850! Chaidh an canàl a lìonadh a-steach anns na 1960an airson mòr-rathad M8 a thogail, ach chithear pìosan dheth fhathast aig Pàirce Drumpelier agus Calderbank ann an Siorrachd Lannraig a Tuath.
Cur-seachad agus turasachd
Chan eil canàlan tuilleadh nan slighean cudromach do chòmhdhail, ach chan eil sin a' ciallachadh nach eil iad air an cleachdadh.
Tha tòrr fiadh-bheatha a' dèanamh an dachaigh ann an canàlan Alba, agus tha coimhearsnachdan agus luchd-tadhail gan cleachdadh airson tòrr chur-seachadan.
Cliog tron taisbeanadh agus chì thu cuid dhiubh!

Image caption, Cuibheall na h-Eaglaise Brice
'S e Cuibheall na h-Eaglaise Brice an aon lioft bhàtaichean air an t-saoghal a bhios a' tionndadh. Bidh i a' ceangal canàl Fhoirthe agus Chluaidh ri canàl an Aonaidh. Tha 115 troighean a dh'àirde innte agus tha i a' tàladh luchd-turais. Tha còrr is 500,000 neach a' tadhal oirre gach bliadhna. (AlanWrigley / Alamy Stock Photo)

Image caption, Na Cealpaidhean
Tha structar na Cealpaidhean 30 meatair a dh'àirde agus ri taobh Canàl Fhoirthe agus Chluaidh aig Pàirce Helix faisg air an Eaglais Bhric. Air a dhealbh le Andy Scott, tha an dà each stàilinn stèidhichte air eich Clydesdale a bhiodh a' tarraing bhàtaichean air canàlan ann an Alba. (Iain Masterton / Alamy Stock Photo)

Image caption, Ionad-spòrs-uisge Pinkston
Aig Port Dhùn Deas ann an Glaschu, chaidh pàirt de Chanàl Fhoirthe agus Chluaidh a dhèanamh na ionad-spòrs-uisge far am faod luchd-tadhail agus muinntir na coimhearsnachd spòrs fheuchainn mar snàmh ann an uisge fosgailte, dàibheadh SCUBA agus bòrdadh-pleadhaig. Tha fiù 's cùrsa fuadain uisge-geal ann far am faod thu a dhol tro choileachan agus cnapan-starra eile air caidheag. (Kay Roxby / Alamy Stock Photo)

Image caption, Cidhe Dhùn Èideann
Tha Cidhe Dhùn Èideann air Canàl an Aonaidh agus faisg air Caisteal Dhùn Èideann agus meadhan a' bhaile. Tha daoine measail air a bhith a' dol ann a dh'ithe, a choinneachadh charaidean agus a dh'fhàicinn bhàtaichean dathach canàl! Bidh cuid fiù 's a' fuireach an sin air bàtaichean-còmhnaidh. (Angus McComiskey / Alamy Stock Photo)

Image caption, Staidhre Neiptiun
Ceithir mile tuath air a' Ghearasdan, tha Staidhre Neiptiun mar phàirt dhen Chanàl Chailleannach. Air a thogail eadar 1803 agus 1822, 's e Staidhre Neiptiun a' ghlas canàl staidhreach as fhaide ann an Alba. Is toigh le luchd-tadhail a bhith a' coimhead nam bàtaichean a' gluasad suas agus sìos tro na h-ochd glasan fa leth. (Phil Metcalfe / Alamy Stock Photo)
1 of 5
Balla Antonine

'S e daingneach Ròmanach a th' ann am Balla Antonine agus bha e a' comharrachadh iomall Ìompaireachd na Ròimhe.
Chaidh a thogail air slighe gu math coltach ri slighe Canàl Fhoirthe agus Chluaidh, eadar Bo'ness air Abhainn Fhoirthe agus Seann Chille Phàdraig air Abhainn Chluaidh, agus airson an aon adhbhair – seo a' chuid as cumhainge de dh'Alba eadar an ear agus an iar. Bha sin a' ciallachadh gum faodadh an canàl agus am balla a bhith cho goirid 's a b' urrainn.
Air a thogail leis na trì lèigionan Ròmanach a bha suidhichte ann an Alba, tha Balla Antonine a-nis na Làrach Dualchas na Cruinne agus tha luchd-turais measail air a bhith ga thadhal.
Thoir sùil air na duilleagan Bitesize seo agus faigh a-mach barrachd mu Bhalla Antonine agus mu na Ròmanaich ann an Alba.

Lìonraidhean còmhdhail
Bidh lìonraidhean còmhdhail a' dèanamh ceangal ri àitichean agus a' leigeil le daoine agus bathar gluasad mun cuairt na dùthcha.
'S e dìreach aon de lìonraidhean còmhdhail Alba a th' ann an canàlan Alba.

Lìonradh an rèile
Chaidh rèilichean Alba a thogail airson pasainsearan agus bathar a ghiùlan. B' urrainn dhaibh seo a dhèanamh gu math na bu luaithe na canàlan.
Tha còrr is 2,700 km de loidhnichean rèile ann a tha a' ceangal 359 stèiseanan, a bharrachd air a bhith a' ceangal Alba ri Sasainn.
Tha lìonradh rèile Alba a' gabhail a-steach 4,715 drochaidean bho airdsean beaga a' dol tarsainn rathaidean singilte no aibhnichean, suas gu Drochaid Rèile Fhoirthe a tha dà chilemeatair gu leth a dh'fhaid.


Lìonradh nan rathaidean
Tha còrr is 3,500 km de phrìomh rathaidean agus de mhòr-rathaidean a' ceangal nam bailtean ann an Alba agus na puirt agus na puirt-adhair. 'S e na rathaidean sin a' phrìomh dhòigh air daoine agus bathar ghiùlan air feadh na dùthcha.
Ann an sgìrean far nach eil uiread de thrafaig, 's e rathaidean aon-fhillte a th' ann an cuid dhe na prìomh rathaidean sin. Far a bheil tòrr trafaig, faodaidh mòr-rathaidean a bhith gu math nas leatha. Nuair a tha e a' dol tarsainn Drochaid Kingston ann an Glaschu, tha còig lànaigean trafaig a' dol gach taobh air an M8.


Lìonradh nam baidhsagal
'S e cruinneachadh de cheuman bhaidhsagalan, de cheuman air an roinn còmhla ri luchd-cleachdaidh eile agus rathaidean a tha a' ceangal bhailtean, mòr-bhailtean agus àitichean inntinneach air feadh na RA a th' ann an Lìonradh Nàiseanta nam Baidhsagal.
Tha còrr is 1,643 mìltean de shlighean Lìonradh Nàiseanta nam Baidhsagal ann an Alba, le còrr is 700 mìle de shlighean gun trafaig. Tha an lìonradh a' cleachdadh phàirtean dhe na lìonraidhean eile ann an Alba, le slighean ri taobh cheuman-tarraing canàlan, agus loidhnichean rèile nach eil air an cleachdadh tuilleadh mar Slighe Taobh Dhè eadar Obar Dheathain agus Bealadair.


glas – Tha glas air canàl air a cleachdadh airson leigeil le bàtaichean gluasad eadar pàirtean de chanàl a tha aig diofar àirdean. Tha glas a' cumail uisge eadar dà gheata. Faodar uisge a leigeil a-steach no a-mach adh airson ìre an uisge atharrachadh airson gun gabh bàtaichean a bhith air an togail no air an leigeil sìos.
ceum-tarraing – Ceum ri taobh canàl no abhainn. Dh'fhaodadh eich no carbadan gluasad sìos an ceum, a' tarraing bhàtaichean às an dèidh.
An Gleann Mòr – Gleann a tha a' ruith eadar an Gearasdan agus Inbhir Nis. Tha an Gleann Mòr a' sgaradh iar-thuath na Gàidhealtachd agus beanntan a' Mhonaidh Ruaidh.
pufair Chluaidh – Bàta-smùide beag a bhiodh a' giùlan bathar agus stuthan eadar an taobh siar agus eileanan Alba, Glaschu agus an sgìre mun cuairt.
bathar – Stuthan air an giùlan airson an ceannach no an reic.
Feuch dè nas aithne dhut
More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count6 of 24

- count8 of 24
