'S e sgìrean-uisge a bhios a' gluasad thairis air tìr a th' ann an aibhnichean. Tha cùrsa uachdrach, cùrsa meadhain agus cùrsa ìochdrach anns gach abhainn.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Far am bi abhainn a' tòiseachadh
- Feartan cùrsa uachdrach aibhne
- Mar a tha easan, gilean agus feartan fiosaigeach eile air an cruthachadh
- Fiadh-bheatha a dh'fhaodadh a bhith anns a' chùrsa uachdrach no faisg air
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Cruthan-tìre airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air cùrsa uachdrach Abhainn Tatha.
Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu na feartan ann an cùrsa uachdrach aibhne.
CONNOR: Tha mi deiseil airson seo, Isla. Seall, far am bi Abhainn Tatha a' tòiseachadh – shuas a siud faisg air mullach Beinn Laoigh!
ISLA: Agus mise! Gheibh sinn tòrr fiosrachaidh airson pròiseact nan aibhnichean. Dìreadh fada ge-tà, 's fheàrr tòiseachadh.
Ò, Connor. An robh fios agad gur e Abhainn Tatha an abhainn as fhaide an Alba? 188km!
Agus, tha tomhas an uisge ann an Abhainn Tatha nas motha na ann an abhainn eile san Rìoghachd Aonaichte. Wow.
Ann an 1922, ghlac Georgina Ballantine bradan mòr uabhasach ann an Abhainn Tatha. Faisg air 1.5 meatair a dh'fhaid!
CONNOR: Wow!
Ràinig sinn toiseach, no bun, Abhainn Tatha.
ISLA: Lean e gu cheann; bidh sinn ann an Dùn Dè! Thoir sùil air a' mhap.
'S àbhaist aibhnichean tòiseachadh air talamh àrd, mar beanntan, agus sruthadha-nuas. 'S ann mar sin a tha an cùrsa uachdrach air a' chiad phàirt de dh'abhainn. Chan e Abhainn Tatha a th' oirre fhathast. An toiseach, 's e Allt Coire Laoigh a th' ann. An uair sin Abhainn Faolain agus Abhainn Dochard. An dèidh Loch Tatha 's e Abhainn Tatha ainm oifigeil na h-aibhne.
CONNOR: Tha uisge agus uisge-aiteimh a' drèanadh bho sgìre mhòr a-steach a dh'Abhainn Tatha. Feumaidh gur ann mar sin a tha uiread a dh'uisge innte.
Chan eil sinn ach a' cromadh a-nise! An tèid sinn dha na caidheagan, Isla?
ISLA: Feumaidh sinn coiseachd pìos eile oir…
CONNOR: Woah! Eas!
ISLA: Aidh. Cha bhiodh tu airson a dhol thairis air a sin le caidheag!
CONNOR: Wow, chunnaic mi na h-eòin sin roimhe! Gobhachain-uisge! Tha iad mìorbhaileach. Tha na cnàmhan aca trom agus thèid iad fodha is… Glacaidh iad an dìnnear fon uisge!
ISLA: Cho mìorbhaileach cha mhòr ris an eas. Seall.
Tha cuid de chreagan nas cruaidhe. Bidh eas ga chruthachadh nuair a bhios uisge a' sruthadh bho chreag chruaidh gu creag bhog. Bidh creag bhog a' caitheamh air falbh nas luaithe na creag chruaidh. Sin agad bleith. Thèid stalla de chreag chruaidh a chruthachadh nuair a thèid a' chreag bhog a bhleith, agus thèid lòn-easa a chruthachadh. Mu dheireadh, tuitidh a' chreag chruaidh dhan lòn-easa, agus thar nam mìltean bhliadhnachan, gluaisidh an t-eas suas an abhainn agus thèid gil a chruthachadh.
CONNOR: Iongantach. 'S e an abhainn a rinn an gleann seo. Saoil dè cho fada 's a thug sin? Agus dè a' chumhachd a tha san uisge?
ISLA: Cha leig sinn a leas smaoineachadh air a sin.
CONNOR: Dè tha thu a' ciallachadh?
ISLA: Cùm ort, Connor! Seo Eas Dochard!
CONNOR: Dè! Aaaaargh!
ISLA: Woohoo!
Tha sinn ann am bras-shruth! Tha an abhainn cas a seo, agus tha an t-uisge uabhasach luath. Agus chan eil e domhainn. Mar sin tha na creagan ga dhèanamh gu math…
CONNOR: Corrach!
Taing airson a mhìneachadh, Isla. Cha tug mi an aire.
ISLA: Bha mi a' dol a ràdh spòrsail!
Bheir sinn sùil eile air a' mhap.
CONNOR: Seo crìoch Cùrsa Uachdrach na h-aibhne. Bhon a seo, tha e a' gluasad dhan chùrsa meadhain agus 's e Abhainn Tatha a th' ann.
ISLA: Tha sinn air mu 48km a shiubhal mar-thà. Dìreach 140 gu Dùn Dè!
CONNOR: Tha Dùn Dè mar saoghal eile! Cuiridh mi geall gu bheil tòrr ri fhaicinn air an abhainn eadar seo is sin. Thugainn!
Dè th' ann an abhainn?
- 'S e sgìre-uisge ghluasadach a bhios a' sruthadh thairis air tìr bho bunFar am bi abhainn a' tòiseachadh. 'S àbhaist gur ann shuas àrd, 's dòcha air mullach beinne, a bhios sin. (air talamh àrd) a th' ann an abhainn.
- Mu dheireadh, bidh abhainn a' sruthadh a-steach a sgìre-uisge eile mar loch, muir, cuan no fiù 's abhainn eile.
- Tha aibhnichean nam pàirt chudromach de chuairt an uisge.
- Faodar aibhnichean a roinn ann an cùrsa uachdrach, cùrsa meadhain agus cùrsa ìochdrach.

Dè th' anns a' chùrsa uachdrach?
- 'S e an cùrsa uachdrach an earrann aig toiseach na h-aibhne, an earrann as fhaisge air a bun.
- 'S àbhaist aibhnichean a bhith a' tòiseachadh ann an sgìre talamh àrd, mar mullach beinne. Bidh sneachd a' leaghadh, no bidh uisge a' tuiteam, air talamh àrd agus bidh e a' tòiseachadh air sruthadh sìos a' bheinn.
- 'S àbhaist gum bi cùrsa uachdrach aibhne cas agus cumhang.
- Tha an sruthNuair a bhios grabhataidh a' tarraing sruthadh an uisge, agus an t-uisge an uair sin a' gluasad sìos a' bheinn, canar sruth aibhne ris. luath anns a' chùrsa uachdrach. Mar sin tha barrachd cumhachd anns an uisge agus faodaidh e creagan agus ùir a bhleith.
- Bidh bleithCaitheamh thar ùine. anns a' chùrsa uachdrach a' cuideachadh gu bhith a' cruthachadh ghlinn air chumadh V, easan, bras-shruthan agus gilean.
Feartan fiosaigeach sa chùrsa uachdrach
Chì thu eisimpleirean de dh'fheartan cùrsa uachdrach anns na dealbhan.

Image caption, Easan
Thèid eas a chruthachadh nuair a shruthas uisge bho chreag chruaidh gu creag bhog. Bidh a' chreag bhog a' caitheamh nas luaithe na a' chreag chruaidh. Canar bleith ris a seo, agus bidh e a' cuideachadh gu bhith a' cruthachadh fheartan mar easan, bras-shruthan agus gilean.

Image caption, Gilean
'S e gleann cumhang le taobhan creagach a th' ann an gil. Thar nam mìltean bhliadhnaichean, bidh bleith a' toirt air easan gluasad suas an abhainn, a' fàgail gil le taobhan casa.

Image caption, Glinn air chumadh V
Bha an t-uisge ann an Abhainn Èite a’ sruthadh cho luath 's gun do chruthaich e an gleann seo. Am faic thu a' 'V' a tha a' toirt an ainm dhan fheart seo?

Image caption, Bras-shruth
Bidh an t-uisge ann am bras-shruth a' sruthadh uabhasach luath. Tha cladhan na h-aibhne cas agus ao-domhainn, agus bidh sin a' dèanamh a' bhras-shruth gu math corrach. Tha iad a' còrdadh gu mòr ri daoine a bhios ri caidheagadh.
1 of 4
Fiadh-bheatha air a' chùrsa uachdrach
Faigh a-mach mu chuid dhen fhiadh-bheatha a dh'fhaodadh tu fhaicinn ann an cùrsa uachdrach abhainn ann an Alba no faisg air.

Image caption, Gobhachan-uisge
Gheibhear gobhachain-uisge glè thric faisg air aibhnichean bras. Bidh na h-eòin seo a' dàibheadh fon uisge agus iad a' lorg larvae bhiastagan agus charrain-uisge a dh'itheas iad.

Image caption, Bradan
Bidh bradan uaireannan ann an cùrsa uachdrach aibhnichean ann an Alba. Bidh iad a' cur seachad a' mhòr-chuid dhen ùine aig muir, ach bidh iad a' snàmh suas aibhnichean agus uillt a bhreith nan uighean. Thèid aca fiù 's air eas a leum!

Image caption, Breac
Mar am bradan, 's e iasg a th' ann am breac a bhios a' cur seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha aig muir, ach bidh iad a' snàmh suas aibhnichean a bhreith nan uighean.
1 of 3

- bun - Far am bi abhainn a' tòiseachadh. Bidh sneachd a' leaghadh, no uisge a' tuiteam air talamh àrd, mar bheinn, agus a' tòiseachadh air sruthadh sìos a' bheinn. Tha bun Abhainn Tatha faisg air mullach Beinn Laoigh.
- an cùrsa uachdrach - A' chiad earrann de dh'abhainn. 'S àbhaist gum bi an cùrsa uachdrach cas agus cumhang.
- sruth - Sruthadh an uisge, ann an abhainn no allt, air a tharraing le grabhataidh nuair a bhios an t-uisge a' gluasad sìos a' bheinn.
- bleith - Nuair a bhios stuth, mar creag, a' caitheamh thar ùine. Bidh cumhachd, no neart, an uisge ann an cùrsa uachdrach aibhne ag adhbhrachadh tòrr bleith tìre.
- eas - 'S e uisge a tha seo a bhios a' tuiteam thairis air stalla chreagach a-steach a lòn-easa. Bidh easan air an cruthachadh nuair a bhios uisge a' sruthadh bho chreag chruaidh gu creag bhog. Bidh creag bhog a' caitheamh nas luaithe na creag chruaidh ann am pròiseas ris an canar bleith. Bidh stalla de chreag chruaidh air a chruthachadh nuair a bhios a' chreag bhog a' bleith agus a' cruthachadh lòn-easa. Thar ùine, tuitidh a' chreag chruaidh dhan lòn-easa.
- gil - Gleann cumhang le taobhan creagach. Thar mhìltean bhliadhnaichean, bidh bleith a' toirt air easan gluasad suas an abhainn agus a' cruthachadh gil.
- gleann air chumadh V - Gleann le taobhan uabhasach cas, a tha coltach ris an litir ‘V'. Mar easan agus gilean, thèid gleann air chumadh V a chruthachadh air sgàth bleith bho abhainn no allt thar ùine mhòr.
- bras-shruth - Uisge a tha a' sruthadh gu luath ann an earrann cas, ao-domhainn de dh'abhainn.
Feuch dè nas aithne dhut
Feuch na ceistean goirid seo agus faic dè nas aithne dhut mun chùrsa uachdrach.

Rannsaich an sgìre agad fhèin agus faigh a-mach dè an abhainn as fhaisge air an dachaigh agad. An tèid agad air map a dhèanamh dhen abhainn?
'S e dealbh de sgìre a th' ann am map. Bidh sinn a' cleachdadh map airson an t-slighe bho aon àite gu àite eile obrachadh a-mach, no airson feartan sònraichte a lorg mar caistealan no beanntan.
Seo eisimpleir de mhap de dh'Abhainn Tatha.
Seo cuid de rudan a bhiodh tu 's dòcha airson a chur air a' mhap:
- Combaist. 'S e tuath a tha aig bàrr a' mhòr-chuid de mhapaichean, agus faodaidh tu combaist a chleachdadh airson an àird a tuath a lorg.
- Far am bi an abhainn a' tòiseachadh (am bun). A bheil seo shuas àrd air beinn no cnoc? An cleachdadh tu samhlaNì no dealbh a bhios a' seasamh airson rudeigin eile. airson seo a shealltainn?
- Far a bheil an abhainn a' crìochnachadh. Mar as trice 's e sgìr'-uisge eile a bhios an seo mar loch, muir no abhainn eile.
- comharra-tìreTogalach, nì no àite a tha furasta aithneachadh agus a chuidicheas tu gu tuigsinn far a bheil thu. Tha caisteal na eisimpleir de chomharra-tìre. no àitichean cudromach air slighe na h-aibhne. A bheil bailtean mòra no bailtean beaga ann a tha thu airson a shealltainn air a' mhap agad? An cleachdadh tu samhla airson an sealltainn air a' mhap?
- Ma chleachdas tu samhlan, 's dòcha gum biodh tu airson clàr-shamhlan'S e clàr air map a th' ann an clàr-shamhlan agus bidh e a' mìneachadh dè tha na samhlan air map a' ciallachadh. a chur air a' mhap airson gun tuig daoine dè tha na samhlan a' ciallachadh.
More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count23 of 24

- count24 of 24
