Faodaidh gun atharraich eigh-shruthan an cruth-tìre agus gun cruthaich iad feartan eigheadail, mar glinn air chumadh U agus lochan-riobain.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an eigh-shruth
- Mar a tha glinn air chumadh U agus glinn chrochte air an cruthachadh
- Mar a tha loch-riobain agus sruth neo-chuimseach air an cruthachadh
- Mu rèin-fhèidh ann an Alba
Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan Cruthan-tìre ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air feartan bleith eighichte ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu fheartan bleith eigheadail.
CONNOR: Seo sinn ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh! A' Phàirc Nàiseanta as motha san Rìoghachd Aonaichte.
Tha an Càrn Gorm, a' bheinn a tha sinne dol a dhìreadh, anns a' Mhonadh Ruadh.
ISLA: Bha mise anns a' phàirc nàiseanta eile ann an Alba cuideachd, Loch Laomainn agus na Tròisichean. Tha an-còmhnaidh uiread ri fhaicinn. Bidh e math an tè seo fhaicinn cuideachd.
CONNOR: Bithidh. Tha na pàircean nàiseanta uabhasach cudromach dhan fhiadh-bheatha againn agus cuideachd airson gum faigh daoine tlachd bho bhith air a' bhlàr a-muigh.
ISLA: Cuiridh mi geall gu bheil e fada nas dorra a dhìreadh sa gheamhradh.
CONNOR: Dh'fhaodamaid a dhol a sgitheadh an uair sin, ach tha e math airson coiseachd an-dràsta agus tha na seallaidhean mìorbhaileach seo againn.
ISLA: Seall thall a siud. Am faic thu an gleann air chumadh U?
Sin agad an Làirig Dhrù. Chaidh a shnaigheadh le eigh-shruth, abhainn mhòr deighe, san linn deighe, dìreach mar na coireachan agus na feartan eigheadail eile.
Mar a bhios eigh-shruthan a' gluasad sìos beinn fo fhorsa grabhataidh, bidh iad a' bleith sìos agus a-mach agus ag atharrachadh nan glinn air chumadh V gu bhith nan glinn air chumadh U le ùrlaran còmhnard agus taobhan cas. Tha an deigh ann an eigh-shruth cumhachdach gu bleith agus bidh i a' gluasad rud sam bith cha mhòr às an rathad oirre.
CONNOR: Wow, cha bhiodh tu airson a bhith san rathad air eigh-shruth, am bitheadh?
ISLA: Gu fortanach bidh iad a' gluasad uabhasach slaodach. Bidh gleann air chumadh U air a chruthachadh thar ceudan mhìltean bhliadhnaichean, chan ann nar beatha-ne. Phew! Nuair a bhios rudan a' gluasad cho slaodach sin, canar ùine geòlais ris.
Wow, tha Loch Athfhinn brèagha, nach eil?
CONNOR: 'S e loch-riobain a th' ann an Loch Athfhinn agus 's e allt neo-chuimseach a th' ann an Uisge Athfhinn, a chì thu pìos air falbh.
ISLA: Coltas cuimseach math oirre dhòmhsa…
CONNOR: An dèidh linn na deighe, agus na h-eigh-shruthan air leaghadh, bhiodh uaireannan allt neo-chuimseach, loch-riobain no loch air a chruthachadh air ùrlar gleann air chumadh U.
'S e loch mhòr chumhang ann an gleann air chumadh U a th' ann an loch-riobain. Bidh e air a chruthachadh ann an lag a chaidh a bhleith nas doimhne le eigh-shruth.
Bidh uillt no aibhnichean neo-chuimseach a' lùbadh gu mall air ùrlar còmhnard, leathann, gleann air chumadh U. Chan eil iad làidir gu leòr airson an gleann air chumadh U, a tha gu math nas motha, a bhleith. Sin as coireach gur e allt no abhainn 'neo-chuimseach' a th' annta.
ISLA: Seall seo, Coire Domhain – feart eigheadail eile. Seall mar a tha e os cionn an gleann air chumadh U. Tha sin a' sealltainn gur e gleann crochte a th' ann.
Bidh glinn chrochte air an cruthachadh far am bi glinn nas lugha a' coinneachadh a' phrìomh ghlinn eighichte. Bidh iad air an gearradh dheth agus nuair a bhios bleith a' dèanamh a' phrìomh ghlinn nas doimhne agus nas doimhne, bidh an gleann nas lugha air fhàgail crochte shuas os cionn ùrlar a' ghlinne.
CONNOR: Ò seall!
ISLA: Tàrmachan! Tha iad sgoinneil air breug-riochd. Bidh diofar dhathan air na h-itean aca aig diofar amannan. Geal sa gheamhradh airson a bhith coltach ris an t-sneachd, dorch as t-samhradh airson a bhith coltach ris a' chruth-tìre chreagach, ghlas. Nach math fhaicinn.
CONNOR: Tha e air falbh suas gu mullach Plateau a' Mhonaidh Ruaidh.
ISLA: Dè tha sin?
CONNOR: Tha plateau a' ciallachadh mullach sgìre de thalamh àrd. Thugainn ga fhaicinn…
Seo am plateau.
ISLA: Rèin-fhèidh! Cò chreideadh!
CONNOR: Seo an aon àite sa bheil rèin-fhèidh beò gu nàdarra san Rìoghachd Aonaichte. Chaidh an toirt air ais a-steach uaireigin an dèidh 1950. Tha iad a' faighinn air adhart gu math chionn tha an t-sìde uabhasach fuar. Agus bhon a bhios badan sneachda ann cha mhòr fad na h-ùine 's e fìor àite a th' ann dhaibh.
ISLA: Wow, shaoileadh tu gur e an Artaig a th' ann 's nach e Alba. 'S toigh leam e gu mòr.
CONNOR: Agus leamsa ach thèid sinn sìos gu teòthachd nas blàithe.
Dè th' ann an eigh-shruth?
- 'S e tomad mòr deighe a' gluasad gu mall thar na tìre a th' ann an eigh-shruth.
- Nuair a bhios eigh-shruth a' gluasad, faodaidh e an talamh a bleithCaitheamh thar ùine. agus feartan bleith eighichte a chruthachadh mar coireachan, arêtes agus stùcan pioramaideach.
Glinn air chumadh U

- Bidh eigh-shruthan a' bleith ghlinn shònraichte air chumadh U le bonn còmhnard agus taobhan cas.
- Bidh na pròiseasan ris an can sinn spìonadhNuair a bhios creagan no clachan a' reothadh ri taobhan eigh-shruth. Bidh na creagan agus na clachan air an spìonadh às an talamh no às aghaidh creige nuair a bhios an t-eigh-shruth a' gluasad. agus abrèiseanSeòrsa de bhleith eighichte. Nuair a steigeas creagan agus clachan ri bonn agus ri taobhan eigh-shruth, bidh an talamh air a bhleith mar a bhios an t-eigh-shruth a' gluasad. a' dèanamh glinn aibhne air chumadh V nas leatha, nas doimhne agus a' toirt cumadh U rèidh dhaibh.

Feartan bonn gleann air chumadh U
- 'S e loch mòr, cumhang a bhios air bonn gleann air chumadh U a th' ann an loch-riobain. Bidh e air a chruthachadh ann an lag far a bheil a' chreag nas buige agus far an do rinn eigh-shruth bonn a' ghlinn nas doimhne tro bhleith.
- Bidh sruthan neo-chuimseach no aibhnichean a' lùbadh tro bhonn còmhnard, leathann a' ghlinn. Tha iad gu math nas lugha na an gleann fhèin, agus chaidh an cruthachadh an dèidh do dh'eigheachadh gleann nas motha air chumadh U a chladhach a-mach.
Glinn chrochte
Tha glinn chrochte air an cruthachadh far a bheil glinn nas lugha a' coinneachadh ris a' phrìomh ghleann eighichte. Cha robh na h-eigh-shruthan anns na glinn bu lugha cho cumhachdach, agus cha do bhleith iad glinn a bha cho domhainn. Tha seo a' ciallachadh gu bheil na glinn as lugha air am fàgail crochte os cionn bonn a' phrìomh ghlinn.
Feartan bleith eigheadail glinn ann an dealbhan

Image caption, Gleann air cumadh U
Rè Linn na Deighe, chaidh glinn air chumadh U a chruthachadh a bha air am bleith le eigh-shruthan mòra. Tha taobhan cas agus bonn leathann, còmhnard ann an gleann air chumadh U, mar Lairig Ghartain ann an Gleann Comhann. (Richard Clarkson / Alamy Stock Photo)

Image caption, Loch-riobain
'S e Loch Laomainn an loch as motha ann an Alba, ach an robh fios agad gur e loch-riobain a th' ann cuideachd? Chaidh a cruthachadh nuair a bhleith eigh-shruth an gleann air chumadh V a bh' ann bho thùs agus a chaidh a bhleith gu bhith na ghleann domhain air chumadh U. (Richard Johnson / Alamy Stock Photo)

Image caption, Sruth neo-chuimseach
Tha abhainn no sruth neo-chuimseach a' lùbadh tro ùrlar còmhnard, leathann gleann air chumadh U. Tha an sruth neo-chuimseach seo ann an Gleann Chatagail ann an Eilean Arainn. (Les Gibbon / Alamy Stock Photo)

Image caption, Gleann crochte
Tha Coire Domhain ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus tha e na eisimpleir de ghleann crochte. Bidh gleann crochte air a chruthachadh far am bi eigh-shruth beag a' coinneachadh eigh-shruth mòr. Chan eil an t-eigh-shruth as lugha cho làidir agus cha bhi e a' bleith a' ghlinn uiread, no cho domhain, ris an eigh-shruth mhòr. Tha seo a' fàgail a' ghlinn as lugha crochte shuas gu h-àrd air taobh a' phrìomh ghlinn. (Keith Fergus / Alamy Stock Photo)
1 of 4
Fiadh-bheatha na h-Alba: rèin-fhèidh
Anns a' bhidio aig bàrr na duilleig, chunnaic Isla agus Connor rèin-fhèidh air a' Chàrn Ghorm. Nach faigh sinn a-mach barrachd mu rèin-fhèidh ann an Alba.
- 'S e seòrsa de dh'fhiadh a th' ann an rèin-fhiadh.
- Tha rèin-fhèidh air freagrachadh ri bhith beò ann an suidheachaidhean uabhasach fuar le sneachd, mar an Artaig. Tha bian tiugh, tiugh orra a tha ag obrachadh le bhith a' gleidheadh teas agus gan cumail blàth. Tha ladhran leathann orra a bhios a' sgaoileadh a' chuideim aca agus gan cumail bho dhol fodha ann an sneachd domhain.
- Bha rèin-fhèidh uaireigin nan gnèithean dùthchasachBeathach no lus a tha beò gu nàdarra ann an sgìre (gun daoine a bhith na lùib). ann an Alba, ach chaidh iad à bithGnè nach eil ann a-nis. ann an Alba o chionn nan ceudan bhliadhnaichean. Chaidh an toirt air ais dhan Mhonadh Ruadh anns na 1950an.
- Tha a' ghnàth-shìde fuar air a' Mhonadh Ruadh. Seo an aon àite san RA far a bheil rèin-fhèidh a' siubhal na sgìre aig saorsa.
- Tha mu 150 rèin-fhiadh an-dràsta san treud air a' Mhonadh Ruadh.


- pàirc nàiseanta - Sgìre a chuir riaghaltas a thaobh airson an àrainneachd nàdarra a ghleidheadh. Bidh pàirc nàiseanta cuideachd ga cur a thaobh air sgàth ùidh shaidheansail no eachdraidheil a bharrachd air a bhith na tlachd dhan t-sluagh.
- eigh-shruth - Abhainn mhòr, mhòr de dheigh a' gluasad gu mall.
- feartan eigheadail - Feartan cruth-tìre a chruthaich eigh-shruthan.
- ùine geòlais - Ùine uabhasach fada. Tha ùine geòlais a' ciallachadh nam billeanan bhliadhnaichean bho thòisich an Talamh a' tighinn gu bith.
- Linn na Deighe - Ùine fhada ann an tìm nuair a chaidh teòthachd na Talmhainn sìos gu mòr. Bha uachdar na Talmhainn air a thiodhlacadh fo chlàran mòra deighe. Bha e aig àirde o chionn mu 22,000 bliadhna.
- bleith - Caitheamh.
- gleann air chumadh U - Gleann le taobhan cas agus ùrlar còmhnard, leathann. Bidh cumadh litir 'U' air. Tha iad air an cruthachadh ann an glinn aibhnichean a bha air an lìonadh le eigh-shruth mòr ann an Linn na Deighe.
- gleann crochte - Gleann beag a' coinneachadh ri gleann eighichte nas motha. Chan eil na glinn as lugha cho cumhachdach 's gum bleith iad glinn dhomhain, agus tha iad mar sin air am fàgail crochte os cionn a' phrìomh ghlinn.
- loch-riobain - Loch fada, cumhang a gheibhear ann an gleann air chumadh U. Bidh e air a chruthachadh ann an lag far an do rinn eigh-shruth bleith nas doimhne.
- sruth neo-chuimseach - Sruth no abhainn a bhios a' lùbadh tro ùrlar còmhnard, leathann gleann air chumadh U.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Sgrìobh dàn mu nàdar.
'S e Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh tè dhe na pàircean nàiseanta as motha san RA, agus glè thric, bha an cruth-tìre mìorbhaileach seo na bhrosnachadh do luchd-ealain.
Thug am Monadh Ruadh uiread de bhrosnachadh dhan bhana-bhàrd Albannach, Nan Shepherd, 's gun do sgrìobh i cruinneachadh bàrdachd mun sgìre.
'Loch A'an, Loch A'an, hoo deep ye lie!Tell nane yer depth and nane shall I.'
Loch A'an le Nan Shepherd bho In the Cairngorms (Dùn Èideann: The Moray Press, 1934)
Dèan rannsachadh, agus leugh, cuid dhen bhàrdachd nàdair aig Nan Shepherd airson beagan brosnachaidh. Feuch fhèin an sgrìobh thu dàn nàdair mun chruth-tìre a tha faisg ort.
Ma dh'fheumas tu cuideachadh airson dàn a sgrìobhadh, tha cuideachadh an seo dhut: Mar a sgrìobhas tu bàrdachd
More on Cruthan-tìre
Find out more by working through a topic
- count15 of 24

- count16 of 24

- count17 of 24

- count18 of 24
