Aig Àm nam Fuadaichean air a' Ghàidhealtachd, bha daoine air an sparradh às na dachaighean aca, agus bha aca ri àitichean ùra a lorg anns am fuiricheadh iad. Carson a thachair seo agus dè thachair dha na daoine a chaidh a chur far an fhearainn aca?
Faigh a-mach barrachd mun àm dhorcha seo ann an eachdraidh Alba.

Na Fuadaichean
Mus deach an gluasad no am 'fuadach' far an fhearainn aca, bha daoine air a' Ghàidhealtachd ann an Alba a' fuireach air fearann ris an cante croitean agus gan obrachadh.
B' e pìosan beaga fearainn a bh' ann an croitean agus bhiodh daoine a' fuireach orra agus gan obrachadh coltach ri tuathanaich. Bha na Gàidheil a' cumail bheathaichean leithid crodh agus caoraich air an fhearann, agus a' cur agus a' fàs biadh.
Glè thric, bhuineadh na croitearan ann an aon sgìre dhan aon chinneadh. Bha cuid de chinnidhean air a bhith a' fuireach anns na h-aon taighean fad 500 bliadhna.
Ach cha robh sealbh aig na Gàidheil air an fhearann. Bha e aca air mhàl bho uachdarain. Glè thric, bha na h-uachdarain glè bheairteach – daoine mar Diùc Chataibh, a bha a' fuireach ann an ceann a tuath Alba.
Fhuair na h-uachdarain a-mach gun dèanadh iad barrachd airgid bho chaoraich ag ionaltradh air an fhearann na bha iad a' dèanamh air màil nan croitearan.
Mar sin, chuir na h-uachdarain na croitearan a-mach às na taighean aca. Uaireannan chuireadh iad na taighean nan teine airson toirt air daoine fàgail.


Dè thachair dha na croitearan?
Bha na Fuadaichean uabhasach do mhòran dhaoine a bha a' fuireach air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Cha robh àite-fuirich aca no dòigh air biadh fhàs. Bhàsaich cuid leis an acras no reoth iad gu bàs gun dachaigh aca.
Dh'fhàg mòran agus iad a' feuchainn ri àite-fuirich ùr a lorg air costa Alba no ann am bailtean leithid Ghlaschu. Dh'fheuch iad ri obair fhaighinn aig an iasgach no ann am factaraidhean.
Ach dh'fhàg gu leòr eile Alba airson beatha ùr a bhith aca thall thairis. Nuair a ghluaiseas daoine a-null thairis mar seo, canar eilthireachd ris.
Rinn mòran à Alba eilthireachd a Chanada, Ameireaga, Astràilia agus Sealan Nuadh. Rinn cuid dhiubh an dachaigh air an tuathanasan fhèin, no fhuair iad obair air tuathanasan chaorach no rainnsean chruidh. Bha cuid eile beò nan sealgairean no bha iad ag obair ann an gnìomhachas an fhiodh. Bha cuid eile an sàs ann an obair-togail, a' togail rèilichean, a' mèinneadh airson òr no a' tòiseachadh ghnothachasan dhaibh fhèin.
Tha mòran a tha an-diugh a' fuireach ann an dùthchannan mar Ameireaga agus Canada le sinnsirean a bha nan croitearan.


Dealbhan

Image caption, Bhiodh croitearan ag obrachadh a' phìos beag fearainn aca fhèin. Bhiodh iad ag obair len làmhan no a' cleachdadh uidheaman air an tarraing le beathaichean.
1 of 4
More on Bhictòrianaich
Find out more by working through a topic
- count15 of 18

- count16 of 18

- count17 of 18



