Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais

Part ofCuspairean SòisealtaBhictòrianaich

Thòisich Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais mu 1760. Dh'adhbhraich e cuid dhe na h-atharraichean bu mhotha ann an linn Bhictòria.

Image caption,
Air sgàth Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais thàinig innealan ùra, gnìomhachasan ùra agus obraichean ùra… fiù 's do chlann.

B' e àm san tàinig atharrachadh mòr air gnìomhachas, teicneòlas agus saidheans a bh' ann am Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais:

Gràbhaladh de bhoireannaich agus de chlann ag obair ann am mèinne guail, 1848
Image caption,
Gràbhaladh de bhoireannaich agus de chlann ag obair ann am mèinne guail, 1848

Lùth

  • An àite a bhith a' cleachdadh dhaoine no beathaichean, thòisich cuid a ghnìomhachasan a' cleachdadh uisge agus gaoth mar bhunan airson lùth.
  • Thòisich daoine a' cleachdadh gual mar chonnadh an àite fiodh no mòine. Bha gual a' cur a-mach barrachd teas agus ghabhadh iarann agus stàilinn na b' fheàrr a dhèanamh.
  • Bha gual cuideachd air a chleachdadh airson smùid a dhèanamh dhan einnsean-smùide a bha air tighinn às ùr.
  • Bha ola agus gas nàdarra air an cleachdadh airson teas agus solas.
Gràbhaladh de bhoireannaich agus de chlann ag obair ann am mèinne guail, 1848
Image caption,
Gràbhaladh de bhoireannaich agus de chlann ag obair ann am mèinne guail, 1848
Boireannach ag obair air spinning jenny ann am factaraidh
Image caption,
Boireannach ag obair air spinning jenny ann am factaraidh

Teicneòlas

  • Chaidh innealan ùra innleachadh a dhèanadh an obair nas luaithe agus air sgèile nas motha na dhèanadh daoine len làmhan.
  • Bha an t-inneal-snìomh spinning jenny agus beairt-lùtha a' ciallachadh gun do dh'fhàs gnìomhachas an obair-fhighte.
  • Bha an t-einnsean-smùide a' toirt barrachd lùtha dha na factaraidhean mòra.
  • Bha an trèan-smùide agus an rèile a' ciallachadh gun robh siubhal na bu luaithe agus bha e na b' fhasa daoine, stuthan amh agus bathar a ghiùlan.
Boireannach ag obair air spinning jenny ann am factaraidh
Image caption,
Boireannach ag obair air spinning jenny ann am factaraidh
Taobh a-staigh muilinn ann an Lannraig Nuadh far an robh mòran dhaoine ag obair taobh ri taobh air innealan mòra
Image caption,
Taobh a-staigh muilinn ann an Lannraig Nuadh far an robh mòran dhaoine ag obair taobh ri taobh air innealan mòra.

Obair

  • Mus tàinig Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais biodh luchd-ciùirde a' dèanamh rudan nan dachaighean no ann am bùithtean-obrach bheaga. Le siostam ùr nam factaraidhean bha aig daoine ri dhol gu àite-obrach far am biodh iad ag obair airson sioft.

  • An àite rud a dhèanamh bho cheann-gu-ceann, bhiodh luchd-obrach nam factaraidhean ag obrachadh innealan sònraichte fa leth aig diofar ìrean dhen phròiseas dèanaimh.

Taobh a-staigh muilinn ann an Lannraig Nuadh far an robh mòran dhaoine ag obair taobh ri taobh air innealan mòra
Image caption,
Taobh a-staigh muilinn ann an Lannraig Nuadh far an robh mòran dhaoine ag obair taobh ri taobh air innealan mòra.
Image caption,
Thug Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais atharrachadh air Alba agus air beatha muinntir Alba. Bha tòrr obair-togail ann, mar Drochaid-rèile Fhoirthe, an seo 's i ga togail ann an 1889, mar thoradh air innleachdas ùr ann an saidheans, teicneòlas, gnìomhachas agus einnseanaireachd.

Còmhdhail

  • Bha factaraidhean agus gnìomhachasan a' cur feum air barrachd stuthan amh agus bha iad a' dèanamh barrachd bathair. Bha iad sin uile rin giùlan air còmhdhail.
  • Cha robh còmhdhail le eich luath gu leòr agus bha cus stuth ri ghiùlan.
  • Chaidh canàlan a dhèanamh airson dèiligeadh ris a' chùis seo. B' urrainn bàtaichean tòrr bathair a ghluasad air canàlan.
  • Chaidh rathaidean a leasachadh, gu h-àraidh nuair a nochd uachdaran le macadam a bha na bu làidire agus na bu rèidhe.
  • Na b' fhaide air adhart, nuair a thòisich an trèan-smùide agus an rèile, bha siubhal agus còmhdhail gu math luath agus earbsach agus na b' fheàrr airson luchdan troma a ghiùlan.
Image caption,
Thug Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais atharrachadh air Alba agus air beatha muinntir Alba. Bha tòrr obair-togail ann, mar Drochaid-rèile Fhoirthe, an seo 's i ga togail ann an 1889, mar thoradh air innleachdas ùr ann an saidheans, teicneòlas, gnìomhachas agus einnseanaireachd.
Image caption,
Chaidh togalaichean mar Taigh-solais Creag a' Chluig a thogail air sgàth leasachaidhean ann an innleadaireachd.

Einnseanaireachd

  • Thàinig einnseanaireachd air adhart air sgàth stuthan ùra agus tuigse nas fheàrr air saidheans.
  • Bha e a-nis air chomas togalaichean cloiche nas làidire a thogail leithid Taigh-solais Creag a' Chluig, agus drochaidean mòra concrait mar Drochaid-rèile Ghleann Fhionnainn, structairean iarainn is stàilinn mar Drochaid Thatha agus Drochaid-rèile Fhoirthe.
  • Cha bhiodh pròiseactan mòra ann an einnseanaireachd chatharra mar an Canàl Cailleannach agus sgeama Loch Ceiteirein, a tha a' toirt uisge òil do Ghlaschu, air tachairt mura b' e Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais.
Image caption,
Chaidh togalaichean mar Taigh-solais Creag a' Chluig a thogail air sgàth leasachaidhean ann an innleadaireachd.

More on Bhictòrianaich

Find out more by working through a topic