Anailis air sgilean sgrìobhaidh - plot agus structar

Part ofGàidhligLeughadh

Earrann leughaidh - sgeulachd Iain Eòsa

Ann an 1923 dh'fhàg an SS Marloch agus an SS Metagama na h-Eileanan an Iar airson a dhol a Chanada le faisg air 600 eilthireach air bòrd.

Tha am monolog, ann an riochd dràma, air a bheil earrann leughaidhstòiridh Iain Eòsa stèidhichte, air aon de shreath a chaidh a bhrosnachadh leis na stòiridhean aig cuid dhe na daoine seo.

Dreach luath

Plot agus structar

Anns an earrainn seo tha cothrom:

  • eòlas a chur air sgilean sgrìobhaidh agus
  • sgrùdadh a dhèanamh air mar a chleachd an sgrìobhadair na sgilean seo gu soirbheachail
  • bhidio fhaicinn de sgeulachd Iain Eòsa agus tar-sgrìobhadh a leughadh
  • bhidio fhaicinn anns a bheil an sgrìobhadair a' bruidhinn mu a h-amasan ann a bhith a' sgrìobhadh an teacs

Leugh agus coimhead air an sgeulachd aig Iain Eòsa.

Leasaich do sgilean sgrùdaidh le bhith a' beachdachadh air mar a chleachd an sgrìobhadair plot agus structar san teacsa seo.

Uaireadair-stad le loidhnichean astair
Back to top

Ionnsaich barrachd

'S e monolog a chaidh a sgrìobhadh airson prògram dràma a th' anns an earrann leughaidh seo.

Tha bhidio agus tar-sgrìobhadh den mhonolog air an duilleig mar thaic ann a bhith ga thuigsinn agus ga sgrùdadh. Cuimhnich ge-tà nach bi bhidio ann an earrainn leughaidh na deuchainn.

Faodar an dà chuid a' bhidio agus an tar-sgrìobhadh a chleachdadh airson na ceistean sgrùdaidh a fhreagairt, 's dòcha le bhith a' coimhead air a' bhidio an toiseach is an uair sin a' dèanamh dlùth-leughadh air an tar-sgrìobhadh.

Tha na ceistean a' cur fòcas air mar a chleachd an sgrìobhadair plot agus structar airson buaidh a thoirt air an neach-coimhid/an leughadair.

Back to top

An sgeulachd aig Iain Eòsa

Anns an earrainn seo, tha Iain Eòsa a' bruidhinn air na h-adhbharan a th' aige airson falbh a Chanada is mar a tha daoine eile timcheall air a' faireachdainn mu dheidhinn.

Leugh an teacs le bhith a' bruthadh Tar-sgrìobhadh a' bhidio.

Back to top

Ceistean air an earrainn

Leugh paragraf 1

Beachdaich air mar a tha an teacsa seo a' fosgladh. Le bhith a' cleachdadh fianais às an teacsa, thoir iomradh air agus .

Leugh paragraf 3

Seall mar a tha structar an teacsa seo soirbheachail ann a bhith ag innse sgeulachd Iain Eòsa ann an dòigh inntinneach.

Leugh paragraf 5

Carson, nad bheachd-sa, nach eil an sgrìobhadair a' toirt iomradh air Canada gus an dàrna paragraf mu dheireadh?

Leugh paragraf 6

A' smaoineachadh air an earrainn gu lèir, seall mar a tha an loidhne seo na crìoch èifeachdach. Thoir iomradh air structar agus plot nad fhreagairt.

Back to top

Bhidio - a' sgrìobhadh sgeulachd Iain Eòsa

Hannah McKirdy a' bruidhinn mu bhith a' sgrìobhadh sgeulachdan Iain Eòsa agus Ealasaid airson sreath Marloch is Metagama: Guthan.

A' sgrìobhadh sgeulachdan Ealasaid agus Iain Eòsa.

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Tha sgilean sgrìobhaidh structar agus plot air an cur gu feum leis an sgrìobhadair ann an sgeulachd Iain Eòsa.

MìneachadhEisimpleir
plotAn sreath de thachartasan ann an sgeulachd."Seachdain an-diugh tha sinn a' falbh."
structarAn cruth a tha air teacsa, no mar a tha diofar phàirtean air an sgaradh."Bràthair mo mhàthar a chaidh ann an toiseach."
Peann-sònrachaidh agus duilleag pàipeir le pìosan air an sònrachadh
Back to top

More on Leughadh

Find out more by working through a topic