A' sgrùdadh teacsa ficsean
Dreach luath
Leasaich do sgilean leughaidh le bhith a' sgrùdadh na sgeulachd An Uamh.
Anns an artaigil seo gheibh thu cothrom eòlas a chur air sgilean sgrìobhaidh agus beachdachadh air amasan an sgrìobhadair.
Bidh sùil ga thoirt air sgilean sgrìobhaidh leithid:
àibheiseachadh - a' cur ris an fhìrinn airson buaidh a thoirt
ìomhaigheachd - nuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn
structar - an cruth a tha air teacsa, no mar a tha diofar phàirtean air an sgaradh
teannachadh - ann an luchd-amhairc no leughadair, mothachadh gum faodadh còmhstri a bhith ann, no a' faireachdainn uallach air sgàth na dh'fhaodadh a bhith gus tachairt
taghadh-facail - faclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair
plot - an sreath de thachartasan ann an sgeulachd
Anns na ceistean a leanas, gheibh thu cothrom eòlas a chur air an t-seòrsa cheistean a bhios anns an deuchainn leughaidh: ceistean tuigse, anailis agus luachaidh.
Tha faidhle fuaim air an duilleig mar thaic ann a bhith a' tuigsinn agus a' sgrùdadh na sgeulachd. Cuimhnich ge-tà nach bi seo ann an earrainn leughaidh na deuchainn.
Leugh agus èist ris An Uamh
Leugh An Uamh le Dòmhnall Iain MacÌomhair le bhith a' bruthadh Tar-sgrìobhadh fuaim/Audio Transcript.
An Uamh le Dòmhnall Iain MacÌomhair. Èist ris an sgeulachd ghoirid. (Robert Kerr / ALAMY)
An Uamh
1 Shuas faisg air mullach Beinn a' Chreachainn bha uamh agus a beul fosgailte ris a' bhaile. Cho fad 's a chitheadh sùil cha robh dad na broinn ach dòrlach chlachan an siud 's an seo. Ged a bha a' bheinn àrd cha robh i duilich a dìreadh 's bhiodh clann bho àm gu àm a' dol suas a chluiche innte.
2 Sin dìreach a rinn Calum Friseal aon latha samhraidh 's a chompanaich air falbh air saor-làithean. Bha Calum eòlach gu leòr air a bhith a' dìreadh Beinn a' Chreachainn agus, le casan èasgaidh nach fhaca ach còig samhraidhean deug, cha do chuir an turas mòran air. Nuair a ràinig e an uamh chaidh e a-steach innte gun smaoineachadh. Carson a smaoinicheadh? Bha e air a bhith innte dusan turas roimhe seo.
3 Cha robh fios aig Calum dè cho fad 's a bha e air a bhith san uaimh nuair a shaoil e gum faca e sgàineadh sa chreig aig cùl na h-uamha. Agus anns an dorchadas bha e a' faicinn mar gum biodh solas fann a' tighinn tron sgàineadh. Chaidh e a-null far an robh an solas.
4 Nuair a ràinig Calum a' chreag, shaoil e gun robh doras innte, doras nach robh dùinte teann. Chuir e a làmh air a' chreig 's nuair a phut e i dh'fhosgail i. B' e doras a bha ann ceart gu leòr. Chaidh Calum tron doras air a shocair, a' dèanamh cinnteach nach dùnadh e 's nach biodh e glaiste ann am broinn na creige. Le measgachadh eagail is iongnaidh, thug e ceum socair a-steach dhan chreig.
5 Fa chomhair Chaluim bha seòmar mòr. An seòmar bu mhotha a chunnaic e riamh is e làn den àirneis bu bhòidhche air an smaoinicheadh duine. Bha solais de chriostail a' dòrtadh bho mhullach an t-seòmair, 's iad na bu shoilleire na grian a chunnaic duine riamh.
6 Sheall Calum air a chùlaibh car tiotain 's chunnaic e dorchadas na h-uamha tron doras. Thug sin misneachd dha, oir bha an doras na chomharra nach tachradh dad dha coltach ris na rudan mun do leugh e uair is uair ann an leabhraichean.
7 Bha sùilean Chaluim air an tarraing gu leabhar mòr gorm, leabhar a bha cho mòr 's gun canadh neach gun robh mìle duilleag ann. Bha an leabhar na shuidhe air bòrd a bha còmhdaichte le aodach meileabhaid.
8 Dh'fhosgail Calum an leabhar. Cha robh càil ann ach ainmean dhaoine is mhnathan. Ach cha b' e ainmean sam bith a bha an seo idir. Sheall Calum riutha. Churchill. Hitler. Rìgh Seumas VI. Caesar. Mac an t-Srònaich. Einstein. Liosta gun chrìoch de dhaoine ainmeil. Feadhainn ainmeil airson rudan math agus feadhainn airson rudan dona. Bha na h-ainmean uile ann an làmh-sgrìobhaidh eadar-dhealaichte. Am b' iad na daoine fhèin a sgrìobh iad san leabhar?
9 Fhad 's a bha Calum a' sgrùdadh an leabhair iongantaich seo, dh'fhairich e làthaireachd air choreigin ri thaobh. Sheall e mun cuairt. Chlisg e nuair a chunnaic e fear na sheasamh an sin, sgeadaichte ann an trusgan oifigeir, ann an deise làn bhrèidean agus mheadalan.
10 "Tha mi duilich…" arsa Calum. "Cha robh fhios agam…"
11 Rinn an duine gàire.
12 "Tha iongnadh ort," thuirt e. "Tha iongnadh ort mun leabhar. Tha iongnadh ort mum dheidhinn-sa. Na biodh eagal sam bith ort. 'S e mo dhreuchd-sa a bhith a' clàradh san leabhar seo ainmean nan daoine a bhios ainmeil, chan ann an dèidh dhaibh a bhith ainmeil ach mus bi iad ainmeil idir. 'S a-nise bu mhiann leam an t-ainm agadsa a chur don leabhar."
13 "An t-ainm agamsa?" arsa Calum.
14 "Bidh tu ainmeil fhathast," thuirt an duine.
15 "Ciamar?" dh'fhaighnich Calum.
16 "Tha fhios agamsa ciamar," fhreagair an duine. "Ach chan fhaod mi sin innse dhut."
17 Leis a sin sgrìobh an duine ainm Chaluim san leabhar. Bha an sgrìobhadh na mhac-samhail air mar a sgrìobhadh Calum fhèin ainm. Cha b' e sin a-mhàin ach chuimhnich Calum nach do dh'fhaighnich an duine dha dè an t-ainm a bha air.
18 "Ciamar…?" dh'fhaighnich Calum.
19 "Na cuir ceist orm idir," ars an duine. "Tog ort a-nise agus cuimhnich gur tusa a' chiad duine a-riamh a chunnaic ainm fhèin san leabhar."
20 Dh'fhalbh Calum. Chuala e an doras a' dùnadh às a dhèidh 's choisich e tro dhorchadas na h-uamha a-mach gu solas Beinn a' Chreachainn. Chrom e a' bheinn, a' beachdachadh air an eachdraidh a bha fhathast gun chruthachadh.
An teacsa (atharraichte) bho
Grian is Uisge
Dòmhnall Iain MacÌomhair
(Gairm, 1991)
Ionnsaich barrachd
Ceistean air An Uamh
An dèidh an earrann a leughadh, feuch air na ceistean seo.
Leugh paragraf 1
Mìnich, nad fhaclan fhèin, an dealbh a tha sinn a' faighinn den uaimh.
- Tha an uamh suidhichte gu h-àrd air beinn.
- Cha robh cus san uaimh ri fhaicinn.
- Dheidheadh daoine òga ann airson spòrs an-dràsta 's a-rithist.
Leugh paragraf 2
Seall na tha sinn ag ionnsachadh mun phrìomh charactar sa pharagraf seo. Cleachd fianais nad fhreagairt.
- "'s a chompanaich air falbh air saor-làithean." - Saoilidh sinn gu bheil Calum misneachail, ged a tha a charaidean air falbh, ghabh e an cothrom falbh a-mach air chuairt leis fhèin.
- "casan èasgaidh" - tha e coltach gur e fear dealasach, fallain a th' ann an Calum a tha deònach eacarsaich a dhèanamh.
- "còig samhraidhean deug" - tha sinn a' faighinn a-mach gur e deugaire a th' ann.
- "dusan turas roimhe seo." - Tha Calum eòlach air a bhith air a' bhlàr a-muigh is tha e air a bhith san uaimh iomadh turas ron a seo.
Leugh paragrafan 3 agus 4
Seall mar a chleachd an sgrìobhadair diofar sgilean sgrìobhaidh airson teannachadhAnn an luchd-amhairc no leughadair, mothachadh gum faodadh còmhstri a bhith ann, no a' faireachdainn uallach air sgàth na dh'fhaodadh a bhith gus tachairt. a chruthachadh sa phàirt seo dhen sgeulachd.
- "solas fann a' tighinn tron sgàineadh. Chaidh e a-null" - taghadh-facailFaclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair. - tha am facal "sgàineadh" a' toirt air an leughadair smaoineachadh gu bheil rudeigin mar gum biodh a' briseadh troimhe bho shaoghal eile.
- "Chaidh e a-null far an robh an solas." - StructarAn cruth a tha air teacsa, no mar a tha diofar phàirtean air an sgaradh. - le bhith a' cur seantans goirid mar seo aig deireadh paragraf tha an sgrìobhadair a' toirt air an leughadair creidsinn gu bheil rudeigin annasach a' dol a thachairt san ath pharagraf.
- "Le measgachadh eagail is iongnaidh" - taghadh-facail - tha an dà ainmear seo a' cur an cèill fhaireachdainnean Chaluim is a' toirt oirnn fhèin an aon rud fhaireachdainn is sinn ag iarraidh faighinn a-mach dè dh'èireas dha.
Leugh paragrafan 5 gu 7
Seall mar a chleachd an sgrìobhadair ìomhaigheachdNuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn. agus àibheiseachadhA' cur ris an fhìrinn airson buaidh a thoirt. gu h-èifeachdach.
- "a' dòrtadh bho mhullach an t-seòmair" - ìomhaigheachd - dìreach mar a bhiodh uisge a' dòrtadh ann an abhainn, tha coltas ann gu bheil na solais chriostail seo ann an sruth os cionn Chaluim.
- "na bu shoilleire na grian a chunnaic duine riamh." - àibheiseachadh - ged a tha fios againn nach b' urrainn do na solais seo a bhith nas làidire na grian, tha an dòigh sa bheil an sgrìobhadair gan dealbhachadh a' toirt oirnn tuigsinn gur e sealladh mìorbhaileach a bha fa chomhair Chaluim.
- "gun robh mìle duilleag ann." - àibheiseachadh - chan eil fios againn le cinnt cia mheud duilleag a th' anns an leabhar, ach tha am beachd a tha an sgrìobhadair a' toirt dhuinn a' cur leabhar tomadach, iongantach nar n-inntinn.
Leugh paragraf 8
Carson, nad bheachd-sa, a tha a' cheist aig deireadh a' pharagraf ga faighneachd?
Tha na daoine a tha ainmichte san leabhar bho linntean diofraichte agus ainmeil airson adhbharan diofraichte is mar sin, bhiodh e gu math annasach nam biodh iad air an sgrìobhadh leis an neach fhèin. Tha seo a' cur ris a' bheachd gur e leabhar neo-àbhaisteach a tha seo.
Leugh paragrafan 9 gu 17
Dèan geàrr-chunntas air na tha a' tachairt sna paragrafan seo. Na tagh ach am fiosrachadh as cudromaiche. Cleachd na facail agad fhèin cho fad 's a ghabhas.
- Nochd cuideigin ri taobh Chaluim fhad 's a bha e a' coimhead air an leabhar.
- Dh'inns am fear gur e an obair aige a bhith a' sgrìobhadh ainmean dhaoine, a tha gu bhith ainmeil, san leabhar.
- Tha e ag innse dha Calum gu bheil e a' dol a chur ainm-sa san leabhar, ach chan inns e dha carson.
- Chuir am fear ainm Chaluim san leabhar ach bha coltas làmh-sgrìobhaidh Chaluim air.
Smaoinich air an sgeulachd gu lèir.
A' smaoineachadh air toiseach agus deireadh na sgeulachd, seall mar a chruthaich an sgrìobhadair plotAn sreath de thachartasan ann an sgeulachd. èifeachdach.
- "cha robh dad na broinn" - tha an sgrìobhadair a' tòiseachadh na sgeulachd le bhith a' toirt oirnn smaoineachadh nach bi dad sam bith inntinneach neo annasach mun uaimh seo.
- "an eachdraidh a bha fhathast gun chruthachadh." - Tha na tha sinn an dùil tachairt san sgeulachd air a chur bun-os-cionn is a dh'aindeoin toiseach socair, tha mar a tha an sgeulachd a' tighinn gu crìch a' cur iongnadh oirnn agus gar fàgail le iomadh ceist, me dè nì Calum a tha a' dol ga dhèanamh ainmeil?
Smaoinich air an sgeulachd gu lèir.
Nad bheachd-sa, dè na teachdaireachdan as cudromaiche a tha ag èirigh às an sgeulachd? Seall, le eisimpleirean, carson a tha thu den bheachd seo.
- "rudan math agus feadhainn airson rudan dona" - tha iomadh dòigh ann ar làraich fhèin fhàgail air an t-saoghal agus bidh feadhainn ainmeil airson mar a chuir iad ri maith a' chinne-daonna ach bidh daoine a thug droch bhuaidh a cheart cho ainmeil, no nas ainmeile buileach, me Hitler.
- "'Bidh tu ainmeil fhathast,'" - tha na tha Calum ag ionnsachadh mu na tha roimhe a' toirt oirnn smaoineachadh gun urrainn dha duine sam bith buaidh mhòr a thoirt air an t-saoghal agus a bhith ainmeil airson iomadh diofar rud, fiù daoine 'àbhaisteach' mar a tha sinn a' faicinn Chaluim aig toiseach na sgeulachd.
Feuch dè na dh'ionnsaich thu
Quiz
Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu
Seo cuid de na puingean a nochd san earrainn.
| Mìneachadh | Eisimpleir | |
|---|---|---|
| àibheiseachadh | A' cur ris an fhìrinn airson buaidh a thoirt. | "na bu shoilleire na grian a chunnaic duine riamh." |
| ìomhaigheachd | Nuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn. | "solais de chriostail a' dòrtadh bho mhullach an t-seòmair" |
| taghadh-facail | Faclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair. | "Le measgachadh eagail is iongnaidh" |
More on Leughadh
Find out more by working through a topic
- count4 of 4

- count1 of 4

- count2 of 4
