A' sgrùdadh teacsa ficsean
Dreach luath
Leasaich do sgilean leughaidh le bhith a' sgrùdadh na sgeulachd An Leabharlann.
Anns an artaigil seo gheibh thu cothrom eòlas a chur air sgilean sgrìobhaidh agus beachdachadh air amasan an sgrìobhadair.
Bidh sùil ga thoirt air sgilean sgrìobhaidh leithid:
- ath-aithris - a' cleachdadh an aon fhacail, abairt no beachd barrachd air aon turas airson buaidh a thoirt
- ceist reatoraigeach - ceist air a faighneachd airson buaidh a thoirt a-mhàin gun dùil ri freagairt
- còmhradh charactaran - bidh sgrìobhadairean a' cleachdadh còmhradh is conaltradh nan caractaran airson am plotAn sreath de thachartasan ann an sgeulachd. a ghluasad air adhart agus airson barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad mu charactaran na sgeulachd
- ìomhaigheachd - nuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn
- puingeachadh - comharraidhean air an cleachdadh ann an teacs gus a sgaradh ann an abairtean, pàirtean, seantansan, conaltradh a shealltainn is msaa no airson ciall a shoilleireachadh
- tòna - an fhaireachdainn san fharsaingeachd a th' ann an teacsa no pàirt de theacsa; faodaidh taghadh-facail an ùghdair, luaths na sgeulachd, ruitheam no ìomhaigheachd na faireachdainn seo a chruthachadh
Sna ceistean a leanas, gheibh thu cothrom eòlas a chur air an t-seòrsa cheistean a bhios anns an deuchainn leughaidh: ceistean tuigse, anailis agus luachaidh.
Tha faidhle fuaim air an duilleig mar thaic ann a bhith a' tuigsinn agus a' sgrùdadh na sgeulachd. Cuimhnich ge-tà nach bi seo ann an earrainn leughaidh na deuchainn.
Leugh agus èist ris An Leabharlann
Leugh An Leabharlann le Dòmhnall Iain MacÌomhair le bhith a' bruthadh Tar-sgrìobhadh fuaim/Audio Transcript.
An Leabharlann le Dòmhnall Iain MacÌomhair. Èist ris an sgeulachd ghoirid. (Tomasz Wyszolmirski / ALAMY)
An Leabharlann
1 Choisich Eilidh a-steach don leabharlann. Bha an t-àite làn leabhraichean, mar a bhiodh dùil. Leabhraichean de gach seòrsa 's de gach dath. Saoil an robh feadhainn ann nach deach a-riamh a leughadh? B' iongantach gun robh, oir 's cinnteach gun leugh gach ùghdar a leabhraichean fhèin.
2 Bha bòrd no dhà am meadhan an ùrlair, agus bha daoine nan suidhe aig na bùird. Agus bha sanasan mòra air na ballachan 's air na sgeilpean ag iarraidh air a h-uile neach a bhith sàmhach.
3 Thog Eilidh leabhar bho sgeilp, agus thagh i suidheachan còmhla ri càch. Thug i sùil orra air leth, 's bha iad uile a' coimhead cho sean a bharrachd oirre fhèin nach robh ach còig bliadhna deug. Bhuineadh iad do shaoghal eile, a' cur am beatha seachad a' leughadh leabhraichean. 'S dòcha gur e daoine làn de fhoghlam a bha annta, no daoine gun fhoghlam idir, 's a bha a-nise a' sireadh an fhiosrachaidh a chaidh seachad orra anns na làithean a dh'fhalbh. Co-dhiù, bha amharas air Eilidh gun robh iad a' cur mòran ùine seachad nan suidhe san leabharlann.
4 Bha Eilidh fhèin fhathast san sgoil, 's b' i obair na sgoile fàth a turais am feasgar seo. Bha i ag ionnsachadh eachdraidh, 's chaidh iarraidh oirre aiste a sgrìobhadh mu chogaidhean a bha ann bho chionn fhada. B' e Cogaidhean Mòra an t-Saoghail a bha air an leabhar a thagh i. Cha robh rian nach fhaigheadh i rudeigin feumail san fhear seo. Thionndaidh i duilleag bho dhuilleig gus na ràinig i na cogaidhean a bha dhìth oirre. Cogaidhean duaichnidh, tioram. Ann am beachd Eilidh bha e gu math freagarrach gum biodh iad taisgte air falbh ann an leabhraichean. Shaoil i gun còrdadh iad ris a' bhodach a bha na shuidhe mu a coinneamh. Bha an leabhar a bha esan a' leughadh cho aost ris fhèin, no eadhon na b' aosta. Bha an saoghal a' dol seachad gun fhios dha. 'S dòcha gun robh e air a bhith ann an cogadh a bha ann bho chionn fhada, 's gur e eachdraidh a bheatha a bha e a' leughadh. 'S dòcha gur e e fhèin a sgrìobh an leabhar.
5 Thug Eilidh sùil air a' bhodach. Nach b' uabhasach an ùine a bha e a' toirt a' leughadh nan duilleagan. Ach . . . cha robh e gan leughadh idir. Bha am bodach na chadal.
"Pss . . . ss . . .t!" ars Eilidh ris a' bhodach.
Cha do dhùisg am bodach.
"Cùm do theanga. Bi sàmhach," arsa boireannach a bha aig a' bhòrd.
6 Boireannach neònach, smaoinich Eilidh. Bha speuclairean tiugha oirre, agus ad chlò fireannaich air a ceann. Cha mhòr nach canadh Eilidh gu dearbha gur e fireannach a bha fon aid, mur a b' e na bha de ghrìogagan mu a h-amhaich 's na bha de fhàinneachan faileasach air a meuran. Cha robh ise na cadal idir.
7 Chuala Eilidh srann fann aig a' bhodach, srann a bha a' tighinn tro fheusaig liath a bha cho molach 's gun robh i a' falach a bheòil. Bha Eilidh a' feuchainn ri eachdraidh mu sheann chogaidhean a thogail às na bha air a beulaibh. Ach cha robh sin furasta. Bha cus a' dol air adhart mun cuairt oirre, ged nach robh càil a' tachairt.
8 Bha iad uile nan cadal, eadhon ged nach robh an sùilean dùinte. Agus aig amannan bha Eilidh a' smaoineachadh gun robh i fhèin na cadal cuideachd. 'S cha robh am bodach 's am boireannach agus càch beò ach ann an aislingean. Ach cha b' urrainn dhi a sùilean a thogail bhon bhodach, agus seann chogaidhean a' falbh na b' fhaide bhuaipe. An fheusag agus an seann chòta salach.
9 Smaoinich Eilidh gun èigheadh i aig àirde a cinn gun robh an leabharlann na theine. Bheireadh sin orra dùsgadh. Ach bha feadhainn dhiubh cho aost 's gur dòcha gun tigeadh grèim-cridhe orra. 'S cha robh i ag iarraidh sin air a cogais. 'S bha an eachdraidh a bha Eilidh a' sireadh a' dol air ais na b' fhaide ann an eachdraidh.
10 Rinn am bodach srann eile. Bha an srann na b' àirde an turas seo. Carson nach do dh'iarr am boireannach airsan a bhith sàmhach, mar a dh'iarr i air Eilidh? Carson a dh'iarradh? Bha i fhèin na cadal ged bha i na dùisg. 'S rinn am bodach srann eile.
11 Cha b' urrainn do Eilidh cumail oirre na b' fhaide. Dh'amas i le a bròig air cas a' bhodaich, agus leig i breab thuige. Thàinig èigh an iongnaidh tro na bilean aige, 's bha esan agus càch a-nise nan làn dùisg. Bha am boireannach a' crathadh a cinn.
"Tiugainn a dhanns," ars Eilidh ris a' bhodach.
"Bi sàmhach," ars am boireannach.
"Thèid sinn a dhanns," ars am bodach.
12 Dh'èirich iad le chèile, Eilidh agus am bodach leis an t-seann chòta, agus thòisich iad a' danns timcheall air na sgeilpean san leabharlann. Chaidh iad seachad air iomadh ùghdar air na sgeilpean. Agus chaidh am bodach seachad air fhèin. Cha do mhothaich càch gun robh Eilidh agus am bodach a' danns.
"Innisibh dhomh mu na seann chogaidhean," ars Eilidh ris a' bhodach.
13 Dh'innis am bodach eachdraidh nan cogaidhean agus eachdraidh fhèin do Eilidh. Bha iad cho ceangailte ri chèile, smaoinich i.
14 Agus chùm iad orra a' danns, a' gàireachdainn ri mìle ùghdar, ri mìle carragh-cuimhne air mìle sgeilp, agus am bodach a' gàireachdainn ris fhèin.
"Cha do thog mi an t-ainm agaibh," ars Eilidh.
Cha do thog, oir cha robh e air innse dhi.
"Cha do dh'aithnich thu idir mi," ars am bodach. "'S e Julius Caesar an t-ainm a tha ormsa."
15 Agus chùm iad orra a' danns am measg nan leabhraichean . . . gus na sgrìobh Eilidh am facal mu dheireadh mar fhreagairt air a' cheist mu dheireadh ann am pàipear deuchainn na h-eachdraidh ann an Àrd-sgoil Chamas na Sròine.
An teacsa bho
Caogad san Fhàsach
Sgeulachdan Goirid le
Dòmhnall Iain MacÌomhair
(Acair, 2014)
Ionnsaich barrachd
Ceistean air An Leabharlann
An dèidh an earrann a leughadh, feuch air na ceistean seo.
Leugh paragrafan 1-2
Mìnich, nad fhaclan fhèin, an suidheachadh aig toiseach na sgeulachd.
- Tha an sgeulachd suidhichte ann an leabharlann.
- 'S e àite làn leabhraichean a th' ann.
- Cha robh cead aig duine a bhith a' bruidhinn no fuaim a dhèanamh.
Leugh paragraf 3
Seall mar a tha caractar Eilidh a' tighinn am follais sa pharagraf seo.
- "còmhla ri càch." - Tha e coltach gur e tè mhisneachail a th' ann an Eilidh oir chan eil eagal oirre a bhith am measg dhaoine eile.
- "Bhuineadh iad do shaoghal eile" - dh'fhaodar a ràdh gur e tè rudeigin breithneachail a th' ann an Eilidh is i a' toirt seachad a beachd air càch gun mòran eòlais orra.
- "'S dòcha gur e daoine làn de fhoghlam a bha annta" - tha e a' tighinn am follais gur e tè mhac-meanmnail is cheasnachail a th' innte is i a' beachdachadh air an t-seòrsa dhaoine a tha timcheall oirre.
Leugh paragraf 4
Seall, le fianais, mar a tha tònaAn fhaireachdainn san fharsaingeachd a th' ann an teacsa no pàirt de theacsa; faodaidh taghadh-facail an ùghdair, luaths na sgeulachd, ruitheam no ìomhaigheachd na faireachdainn seo a chruthachadh. sònraichte air a chruthachadh sa pharagraf seo.
- "Cogaidhean duaichnidh, tioram." - Tha na faclan seo a' cur ri tòna ìoranach oir cha shaoilear gur e rudan gruamach is trom a bhiodh Eilidh a' lorg airson leughadh.
- "cho aost ris fhèin" - tha mar a tha Eilidh a' dèanamh coimeas eadar aois an leabhair is an fhir a tha mu a coinneimh a' cruthachadh tòna àbhachd is spòrsail.
- "'S dòcha gur e e fhèin a sgrìobh an leabhar." - Tha am fealla-dhà seo a' cur ris an àbhachd sa pharagraf is Eilidh a' fanaid air an duine seo gu ìre.
Leugh paragraf 5
Seall mar a tha structar agus puingeachadh air an cleachdadh airson am pàirt seo dhen sgeulachd a thoirt beò.
- "Ach … cha robh e gan leughadh idir." - Tha an trì-phuing seo a' cruthachadh teannachadhAnn an luchd-amhairc no leughadair, mothachadh gum faodadh còmhstri a bhith ann, no a' faireachdainn uallach air sgàth na dh'fhaodadh a bhith gus tachairt. san sgeulachd is an leughadair ag iarraidh faighinn a-mach dè dha-rìribh a tha a' tachairt.
- "'Pss . . . ss . . .t!'" - Tha an trì-phuing is a' chlisg-phuing a' dearbhadh dhuinn mar a bhiodh na fuaimean seo nan adhbhar iongnadh ann an àite cho sàmhach is a' cur cuideam air an an-fhois a dh'adhbhraicheadh iad.
- "Cha do dhùisg am bodach." - Tha an seantans goirid seo a tha na sheasamh leis fhèin a' cruthachadh suidheachadh èibhinn o chionn 's nach tug oidhirpean Eilidh air a' bhodach a dhùsgadh buaidh sam bith is tha an leughadair a' dèanamh fiughair ri faighinn a-mach dè thachras a-nis.
- "'Cùm do theanga." - Tha an seantans goirid làidir seo a' cruthachadh teannachadh sa phàirt seo dhen sgeulachd is an leughadair airson faighinn a-mach dè an ath rud a nì Eilidh.
Leugh paragraf 7
"Bha cus a' dol air adhart mun cuairt oirre, ged nach robh càil a' tachairt."
Dè, nad bheachd-sa, a bha an sgrìobhadair a' ciallachadh san loidhne seo?
Dha neach sam bith, a' leughadh na tha air a bhith a' dol gu ruige seo, dh'fhaodar a ràdh nach eil cus air èirigh san sgeulachd seo a tha na adhbhar iongnaidh.
Ach, tha sinn air faighinn a-mach gur e tè annasach a th' ann an Eilidh is gu bheil i a' gabhail ùidh ann an rudan mì-àbhaisteach is gu bheil mòran a' tachairt timcheall oirre a tha a' glacadh a h-aire-sa.
Comhairle: Dh'fhaodadh gu bheil beachd freagarrach eile agad fhèin. Ann an ceistean mar seo, chan eil aon fhreagairt cheart ann.
Leugh paragraf 8
Seall mar a chaidh ìomhaigheachdNuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn. a chleachdadh gu soirbheachail sa pharagraf seo.
- "eadhon ged nach robh an sùilean dùinte." - Dìreach mar a bhiodh cuideigin nan cadal a' call na bha a' tachairt timcheall orra, tha agus na daoine a tha san leabharlann cuide ri Eilidh is tha seo a' nochdadh dhuinn beachdan Eilidh air a beatha fhèin is beatha dhaoine eile - nach eil daoine mothachail air na tha tachairt sa mhòmaid.
- "seann chogaidhean a' falbh na b' fhaide bhuaipe." - Dìreach mar a bhiodh rudeigin eachdraidheil a' fàs na bu dhoilleire ann an cuimhne chuideigin, tha agus an gnìomh a chuir Eilidh roimhpe aig toiseach na sgeulachd is tha seo a' dearbhadh dhuinn gu bheil Eilidh gu math geur agus mothachail air na tha a' tachairt mun cuairt oirre.
Leugh paragraf 9
Dèan geàrr-chunntas air smuaintean Eilidh sa pharagraf seo. Cleachd na faclan agad fhèin cho fad 's a ghabhas.
- Thàinig e a-steach air Eilidh ùpraid adhbharachadh le bhith a' toirt a chreids gun robh an t-àite a' dol na smàl.
- Ach, tha dragh oirre gun toireadh seo droch bhuaidh air na seann dhaoine san leabharlann.
- Nan èireadh droch rud mar sin bhiodh aithreachas oirre.
- Bha obair chudromach aice ri dhèanamh. Bha e duilich dhi a h-inntinn a chumail air a h-obair.
Leugh paragrafan 10 agus 11
Seall mar a chleachd an sgrìobhadair sgilean sgrìobhaidh gu h-èifeachdach sa phàirt seo dhen sgeulachd.
- "srann eile." - ath-aithris A' cleachdadh an aon fhacail, abairt no beachd barrachd air aon turas airson buaidh a thoirt. - tha toiseach is deireadh paragraf 10 an ìre mhath an aon rud is an sgrìobhadair a' toirt air an leughadair faireachdainn gu bheilear glacte san aon suidheachadh sa bheil Eilidh is gum faicear mar nach eil cùisean air atharrachadh idir.
- "Carson…?…Carson a dh'iarradh?" - ath-aithrischeistean - tha an sgrìobhadair a' cur dà cheist ri taobh a chèile airson innse dhuinn gu bheil Eilidh a' fàs an-fhoiseil is mì-riaraichte leis an t-suidheachadh is gu bheil i an ìmpis rudeigin a dhèanamh.
- "Carson a dh'iarradh?" - ceist reatoraigeachCeist air a faighneachd airson buaidh a thoirt a-mhàin gun dùil ri freagairt. - tha an sgrìobhadair a' toirt oirnn tuigsinn nach eil Eilidh a' smaoineachadh gu bheil an tè eile mothachail air na tha a' dol.
- "'Thèid sinn a dhanns,'" – còmhradh charactaranBidh sgrìobhadairean a' cleachdadh còmhradh is conaltradh nan caractaran airson am plot a ghluasad air adhart agus airson barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad mu charactaran na sgeulachd. - tha an sgrìobhadair a' cruthachadh conaltradh eadar na caractaran le seantansan goirid airson sealltainn gun do thachair na rudan seo gu luath.
Leugh paragrafan 12 gu 14
Dè, nad bheachd-sa, na h-amasan a bh' aig an sgrìobhadair sa phàirt seo dhen sgeulachd? Cleachd fianais nad fhreagairtean.
- "timcheall air na sgeilpean" - tha an sgrìobhadair a' sealltainn dhuinn gur ann air turas mac-meanmnail a tha Eilidh is am bodach.
- "Agus chaidh am bodach seachad air fhèin." - Ged nach robh Eilidh a' saoilsinn cus mun bhodach, tha a mac-meanmna a' leigeil leatha sgeul inntinneach a chruthachadh mu dheidhinn is i a' beachdachadh air eachdraidh mhòr an t-saoghail.
- "'S e Julius Caesar an t-ainm a tha ormsa. - 'S dòcha gu bheil an sgrìobhadair ag iarraidh gum faic sinn nach bu chòir dhuinn co-dhùnaidhean a dhèanamh mu dhaoine is cho, mar eisimpleir 'inntinneach' no 'cudromach' 's a tha iad gun eòlas ceart a chur orra.
Leugh paragraf 15
A' smaoineachadh air na thachair san sgeulachd, dè cho soirbheachail 's a tha am paragraf seo mar chrìoch air an sgeulachd? Cleachd fianais nad fhreagairt.
Tha e èifeachdach:
"gus na sgrìobh Eilidh am facal mu dheireadh mar fhreagairt" - tha seo a' toirt na sgeulachd gu crìoch èifeachdach a chionn 's gun deach an obair-sgoile ainmeachadh faisg air toiseach na sgeulachd is tha sinn a-nis a' tuigsinn gu bheil Eilidh air a bhith ann an nàdar de bhruadar fhad 's a rinn i an obair-sgoile aice.
"air a' cheist mu dheireadh" - tha an ceangal a tha am paragraf seo a' dèanamh ri Eilidh agus a cuid foghlaim a' toirt am follais na buaidh mhòir a thug an tachartas seo oirre, (gu bheil tuigse aice a-nis gur e rud beò is cudromach a th' ann an eachdraidh). Tha an cuspair beò na h-inntinn - tha an ùidh a th' aice a' leantainn. Tha i air a bhith a' beachdachadh air eachdraidh na mac-meanmna bhon a bha i san leabharlann.
Comhairle: le ceistean den t-seòrsa seo, chan eil 'ceart' no 'ceàrr' ann - feumaidh tu breithneachadh a dhèanamh agus fianais a thoirt seachad airson a' bhreithneachaidh sin. Gheibh thu comharraidhean cho fad 's a tha thu a' freagairt na ceist ann an dòigh chiallach, iomchaidh.
Feuch dè na dh'ionnsaich thu
Quiz
Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu
Seo cuid de na puingean a nochd san earrainn.
| Mìneachadh | Eisimpleir | |
|---|---|---|
| ath-aithris | A' cleachdadh an aon fhacail, abairt no beachd barrachd air aon turas airson buaidh a thoirt. | "Rinn am bodach srann eile. […] 'S rinn am bodach srann eile." |
| ceist reatoraigeach | Ceist air a faighneachd airson buaidh a thoirt a-mhàin gun dùil ri freagairt. | "Carson a dh'iarradh?" |
| còmhradh charactaran | Bidh sgrìobhadairean a' cleachdadh còmhradh is conaltradh nan caractaran airson am plot a ghluasad air adhart agus airson barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad mu charactaran na sgeulachd. | "'Tiugainn a dhanns," ars Eilidh ris a' bhodach. […] "Thèid sinn a dhanns," ars am bodach." |
More on Leughadh
Find out more by working through a topic
- count1 of 4

- count2 of 4

- count3 of 4
