An Leabharlann

Part ofGàidhligLeughadh

A' sgrùdadh teacsa ficsean

Dreach luath

Leasaich do sgilean leughaidh le bhith a' sgrùdadh na sgeulachd An Leabharlann.

Anns an artaigil seo gheibh thu cothrom eòlas a chur air sgilean sgrìobhaidh agus beachdachadh air amasan an sgrìobhadair.

Bidh sùil ga thoirt air sgilean sgrìobhaidh leithid:

  • ath-aithris - a' cleachdadh an aon fhacail, abairt no beachd barrachd air aon turas airson buaidh a thoirt
  • ceist reatoraigeach - ceist air a faighneachd airson buaidh a thoirt a-mhàin gun dùil ri freagairt
  • còmhradh charactaran - bidh sgrìobhadairean a' cleachdadh còmhradh is conaltradh nan caractaran airson am a ghluasad air adhart agus airson barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad mu charactaran na sgeulachd
  • ìomhaigheachd - nuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn
  • puingeachadh - comharraidhean air an cleachdadh ann an teacs gus a sgaradh ann an abairtean, pàirtean, seantansan, conaltradh a shealltainn is msaa no airson ciall a shoilleireachadh
  • tòna - an fhaireachdainn san fharsaingeachd a th' ann an teacsa no pàirt de theacsa; faodaidh taghadh-facail an ùghdair, luaths na sgeulachd, ruitheam no ìomhaigheachd na faireachdainn seo a chruthachadh

Sna ceistean a leanas, gheibh thu cothrom eòlas a chur air an t-seòrsa cheistean a bhios anns an deuchainn leughaidh: ceistean tuigse, anailis agus luachaidh.

Tha faidhle fuaim air an duilleig mar thaic ann a bhith a' tuigsinn agus a' sgrùdadh na sgeulachd. Cuimhnich ge-tà nach bi seo ann an earrainn leughaidh na deuchainn.

Uaireadair-stad le loidhnichean astair
Back to top

Leugh agus èist ris An Leabharlann

Leugh An Leabharlann le Dòmhnall Iain MacÌomhair le bhith a' bruthadh Tar-sgrìobhadh fuaim/Audio Transcript.

An Leabharlann le Dòmhnall Iain MacÌomhair. Èist ris an sgeulachd ghoirid. (Tomasz Wyszolmirski / ALAMY)

Back to top

Ionnsaich barrachd

Ceistean air An Leabharlann

An dèidh an earrann a leughadh, feuch air na ceistean seo.

Leugh paragrafan 1-2

Mìnich, nad fhaclan fhèin, an suidheachadh aig toiseach na sgeulachd.

Leugh paragraf 3

Seall mar a tha caractar Eilidh a' tighinn am follais sa pharagraf seo.

Leugh paragraf 4

Seall, le fianais, mar a tha sònraichte air a chruthachadh sa pharagraf seo.

Leugh paragraf 5

Seall mar a tha structar agus puingeachadh air an cleachdadh airson am pàirt seo dhen sgeulachd a thoirt beò.

Leugh paragraf 7

"Bha cus a' dol air adhart mun cuairt oirre, ged nach robh càil a' tachairt."

Dè, nad bheachd-sa, a bha an sgrìobhadair a' ciallachadh san loidhne seo?

Leugh paragraf 8

Seall mar a chaidh a chleachdadh gu soirbheachail sa pharagraf seo.

Leugh paragraf 9

Dèan geàrr-chunntas air smuaintean Eilidh sa pharagraf seo. Cleachd na faclan agad fhèin cho fad 's a ghabhas.

Leugh paragrafan 10 agus 11

Seall mar a chleachd an sgrìobhadair sgilean sgrìobhaidh gu h-èifeachdach sa phàirt seo dhen sgeulachd.

Leugh paragrafan 12 gu 14

Dè, nad bheachd-sa, na h-amasan a bh' aig an sgrìobhadair sa phàirt seo dhen sgeulachd? Cleachd fianais nad fhreagairtean.

Leugh paragraf 15

A' smaoineachadh air na thachair san sgeulachd, dè cho soirbheachail 's a tha am paragraf seo mar chrìoch air an sgeulachd? Cleachd fianais nad fhreagairt.

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Seo cuid de na puingean a nochd san earrainn.

MìneachadhEisimpleir
ath-aithrisA' cleachdadh an aon fhacail, abairt no beachd barrachd air aon turas airson buaidh a thoirt."Rinn am bodach srann eile. […] 'S rinn am bodach srann eile."
ceist reatoraigeachCeist air a faighneachd airson buaidh a thoirt a-mhàin gun dùil ri freagairt."Carson a dh'iarradh?"
còmhradh charactaranBidh sgrìobhadairean a' cleachdadh còmhradh is conaltradh nan caractaran airson am plot a ghluasad air adhart agus airson barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad mu charactaran na sgeulachd."'Tiugainn a dhanns," ars Eilidh ris a' bhodach. […] "Thèid sinn a dhanns," ars am bodach."
Peann-sònrachaidh agus duilleag pàipeir le pìosan air an sònrachadh
Back to top

More on Leughadh

Find out more by working through a topic