A' sgrùdadh teacsa neo-fhicsean
Dreach luath
Anns an earrainn seo mu chaistealan, tha cothrom ann sgilean leughaidh a leasachadh le bhith a' sgrùdadh teacsa neo-fhicsean agus ceistean air a fhreagairt.
Togaidh na ceistean air leithid:
pearsanachadh - an sgrìobhadair a' ceangal bhuadhan no ghnìomhan dhaoine ri rudeigin eile, me beathach, sìde, beachd
uaim - feart fuaim; ath-aithris air na h-aon fhuaimean (consain mar as trice) agus mar as trice aig toiseach fhaclan
structar seantans - an dòigh anns a bheil seantans air a thogail no air a chur ri chèile. Mar eisimpleir ath-aithris, faid seantans, seòrsa seantans, liostaichean agus òrdugh fhaclan
Ionnsaich barrachd
Leugh an earrann.
Caistealan
1 Is iomadh caisteal a chì sinn air ar slighe eadar siud is seo. Agus nuair a smaoinicheas sinn air caisteal, is dòcha gum bi sinn a' beachdachadh air togalach làn de ridirean treuna 's de bhana-phrionnsan bòidheach.
2 Is e togalaichean làidir, misneachail a bha ann an caistealan. Togalaichean anns am biodh daoine air an cumail sàbhailte bhon nàimhdean. Thòisich linn mhòr togail nan caisteal anns na Meadhan Aoisean. San Roinn Eòrpa, b' e àm cunnartach a bha seo, nuair bha rìghrean agus tighearnan a' sabaid an aghaidh a chèile, airson cumhachd. Seach gun robh beatha mheadhan-aoiseil cho cunnartach, dh'fheumadh daoine neach-gleidhidh cumhachdail a bhiodh ann airson an dìon, a latha 's a dh'oidhche, air nach tigeadh cadal no laigse: fhreagair an caisteal an iarrtas seo.
3 Ach cha b' e daingnichean a-mhàin a bha anns na caistealan. Sin far an robh na tighearnan a' riaghladh nam fearainn aca, agus far an robh dachaighean an teaghlaichean, agus nuair nach robh na fir air falbh sa chogadh, chuireadh iad ùine mhòr seachad am broinn a' chaisteil chofhurtail còmhla rim mnathan agus còmhla rin cloinn. Bhiodh fuaim, fealla-dhà is fèill annta. Bhiodh mòran shearbhantan a' còmhnaidh sa chaisteal airson a bhith gam frithealadh. B' iad sin còcairean agus gillean-eich, a bha a' coimhead às dèidh eich nan saighdearan, agus mnathan-nighe a bhiodh a' nighe an aodaich.
4 Bha na ciad chaistealan meadhan-aoiseil glè thric air an dèanamh de dh'ùir ann an cumadh cearcaill, le dìg agus le bruach timcheall na h-oire. Air mullach na bruaiche, bhiodh feansa làidir de fhiodh. Bha sin airson nàimhdean a chumail air falbh bhon mheadhan. Bhon 11mh linn, thòisich daoine a' togail chaistealan cloiche, oir bha a' chlach na bu làidire na am fiodh, agus cha robh i cho buailteach a dhol na teine. Dh'atharraich cruth a' chaisteil cuideachd. B' e tùr ceàrnach no tùr cruinn de chlachan a bha sa phrìomh phàirt, air a chuairteachadh le ballachan. Nochd tùir mhòra an toiseach san Fhraing, agus chaidh a' chiad fhear ann an Sasainn a thogail aig Essex mu 1075. Is dòcha gur e an Tùr Geal an tùr Sasannach as ainmeile, pàirt de Thùr Lunnainn air an deach tòiseachadh sa bhliadhna 1078.
5 Bha e daor caisteal cloiche a thogail agus glè thric mhaireadh an obair iomadh bliadhna. Mus tòisicheadh an obair, dh'fheumadh an tighearna no an t-uachdaran làrach a thaghadh. Uaireannan, thaghadh e fhèin agus am prìomh chlachair làrach air talamh àrd, gus am biodh e doirbh ionnsaigh a thoirt air agus gus am biodh deagh shealladh aig a shaighdearan air nàimhdean a dh'fhaodadh a bhith a' dlùthachadh. Ach uaireannan thaghadh iad làrach air talamh ìosal, faisg air abhainn anns am faigheadh iad uisge airson nighe agus còcaireachd. Dh'fheumadh cuaraidh a bhith faisg air làimh, far am b' urrainnear clachan a shnaidheadh airson bhallachan agus airson thùir, agus dh'fheumadh iad a bhith faisg air coille far an leagadh iad craobhan airson a' mhullaich.
6 Cha robh innealan togail ann mar as aithne dhuinne iad an-diugh, ach bha iomadh ball-acainn feumail aca. Bha sàibh agus tuaghan aca airson fiodh a ghearradh, agus bha sgeilbean aca airson cumadh a thoirt air clachan. Bhiodh iad a' cleachdadh ròpan airson clachan a thogail suas gu ballachan a' chaisteil. Agus bhiodh iad a' cur suas fhàraidhean fiodha airson an cuideachadh gu bhith a' sreap mun cuairt nan togalaichean.
7 Cha robh na ciad chaistealan idir cofhurtail. Cha robh anns na h-uinneagan ach sgoltadh anns na ballachan, agus bhiodh a' ghaoth a' feadalaich tro na seòmraichean. Gheibhte teas bho theintean ann am meadhan nan seòmraichean, ach bha ceò mhì-thlachdmhor ag èirigh bhuapa cuideachd. Bha na h-ùrlair chloiche fuar agus lom, agus cha robh leapannan no seòmraichean-cadail idir anns na caistealan sin. Bha daoine a' cur seachad a' chuid bu mhotha den ùine san talla mhòir, am prìomh sheòmar, agus nuair a bhiodh iad deiseil gu dhol a laighe, chuireadh iad bobhstairean air an lìonadh le connlaich sìos air an ùrlar.
8 Thòisich piseach a' tighinn air caistealan san dàrna linn deug. Bhathar a' cur glainne anns na h-uinneagan airson am fuachd a chumail a-muigh. Bhiodh iad a' cur àitean-teine mòra ann am ballachan nam prìomh sheòmraichean, agus bhiodh iad a' ceangal phìoban riutha gus am faigheadh a' cheò a-mach. Agus bhiodh searbhantan a' crochadh dhealbhan air na ballachan, 's bhiodh iad a' sgaoileadh connlach air na h-ùrlair. Rè na sìthe, bha beatha sa chaisteal gu math tlachdmhor.
9 Tràth sa mhadainn, dheigheadh na h-uaislean gu seirbheis chràbhach sa chaibeal. Bhiodh bracaist shìmplidh aca san talla mhòir. An uair sin, dh'èisteadh iad ri iarrtasan nan daoine a bha a' còmhnaidh air fearann a' chaisteil, agus thogadh iad cìsean bhuapa. Mu aon uair deug, thigeadh gach neach gu chèile a-rithist airson prìomh bhiadh an latha. Dh'òladh iad leann no fìon, oir cha robh an t-uisge ro shàbhailte. Uaireannan, bhiodh luchd-ciùil a' cluich, agus bhiodh càch ag ithe 's ag òl aig na bùird. Nuair a bhiodh am biadh seachad, uaireannan dheigheadh na fir a shealg bheathaichean, mar na fèidh anns na coilltean a bha faisg. Thilleadh iad feasgar airson suipear ithe, airson tuilleadh fìon no leann òl, agus mu dheireadh bheireadh iad an leabaidh orra.
10 Bhiodh mnathan cudromach ag ithe còmhla ri na fir, ach bhiodh iad a' cur seachad a' chòrr den ùine air leth. Bha iomadh dleastanas aig bean an tighearna. Dh'fheumadh i bruidhinn ri na còcairean mun bhiadh, agus dh'fheumadh i a bhith cinnteach gum faigheadh iad biadh gu leòr bho na tuathanaich. Nan ùine fhèin, bhiodh mòran de mhnathan beairteach a' fuaigheal, no a' cluiche air tàileasg. Chitheadh iad an cuid chloinne, ach bha iad an urra ri na searbhantan airson an nighe agus airson biadh a thoirt dhaibh.
11 Ach mun t-siathamh linn deug, thàinig crìoch air togail chaistealan den t-seòrsa sin. Bha beatha dhaoine na bu tèarainte, oir bha rìghrean cumhachdach air smachd a ghabhail air mòran de dhùthchannan na Roinn Eòrpa. Ach mairidh beachdan mu chaistealan romansach meadhan-aoiseil ann an inntinnean dhaoine.
Ceistean air an earrainn
An dèidh an earrann a leughadh, feuch air na ceistean seo.
Leugh paragrafan 1 agus 2
Seall mar a chleachd an sgrìobhadair pearsanachadhBidh an sgrìobhadair a' ceangal bhuadhan no ghnìomhan dhaoine ri rudeigin eile, me beathach, sìde, beachd. gu h-èifeachdach sa pharagraf seo.
- "togalaichean làidir, misneachail" - le bhith a' cur nam buadhan "làidir" agus "misneachail" air/mu choinneimh chaistealan, tha an sgrìobhadair a' toirt oirnn smaoineachadh orra mar rudan a bha cho buadhmhor is gun robh iad mar gum biodh beò ann an sùilean nan daoine.
- "neach-gleidhidh" - le bhith a' cantainn gun robh seòrsa de dh'obair aig caistealan - a' cumail faire agus a' cumail tèarainteachd timcheall air na daoine - tha na caistealan air an dealbhachadh mar barrachd air togalach a-mhàin, mar shaighdear sònraichte cudromach a bh' aig na daoine.
- "fhreagair an caisteal" - tha e mar gun robh an caisteal deònach an obair seo a dhèanamh agus gun deach gabhail ris gu saor-thoileach, coltach ri saighdear dàna ga chur fhèin air adhart airson sabaid.
Leugh paragraf 3
Tha an sgrìobhadair a' cruthachadh sealladh beòthail de bheatha sna caistealan. Seall mar a chaidh uaimFeart fuaim; ath-aithris air na h-aon fhuaimean (consain mar as trice) agus mar as trice aig toiseach fhaclan. agus structar seantansAn dòigh anns a bheil seantans air a thogail no air a chur ri chèile. a chleachdadh airson seo a dhèanamh.
- "Sin far an robh na tighearnan a' riaghladh… còmhla rin cloinn." - Seantans fada agus liosta - chleachd an sgrìobhadair seantans fada le liosta mòr de rudan a bha a' dol sa chaisteal gus an tuig sinn cho trang is gnìomhach 's a bha na togalaichean seo.
- "fuaim, fealla-dhà is fèill" - uaim - tha na trì ainmearan seo uile a' tòiseachadh le 'f' is tha sin a' cur ruitheam agus cuideam air a' phàirt seo dhen earrainn, is le sin a' cruthachadh dealbh de dh'àite san robh na h-uimhir de rudan spòrsail, aotrom a' dol, a bharrachd air riaghladh.
Leugh paragraf 4
Dèan geàrr-chunntas air mar a chaidh caistealan a leasachadh thar nan linntean. Na tagh ach am fiosrachadh as cudromaiche gus seo a dhèanamh.
- An toiseach, bha caistealan air an dèanamh ann an dòigh shìmplidh, le poll is fiodh air an cleachdadh.
- Anns an 11mh linn, chaidh clach a chleachdadh a chionn 's nach deidheadh i na smàl cho furasta.
- Togalach àrd air a chur ris a' chaisteal le ballachan timcheall air.
- Thòisich am fasan seo san Fhraing ach tha feadhainn ainmeil rim faicinn ann an Sasainn cuideachd.
Leugh paragraf 5
Mìnich carson nach robh e furasta do luchd-togail làrach a thaghadh airson caisteal ùr.
- Bha aca ri smaoineachadh air cho doirbh no furasta 's a bhiodh e ionnsaigh a thoirt air a' chaisteal is dèanamh cinnteach gum faiceadh iad an nàimhdean nan tigeadh iad gan ionnsaigh.
- Ach cuideachd dh'fheumadh iad smaoineachadh air nithean làitheil mar eisimpleir ciamar a gheibheadh iad uisge.
- Bha aca cuideachd ri smaoineachadh air an astar a bhiodh aca ri siubhal le stuthan togail.
Leugh paragraf 6
Carson, nad bheachd-sa, a tha an sgrìobhadair a' toirt iomradh air uidheamachd a bh' aig an luchd-togail?
Tha an sgrìobhadair an dèidh bruidhinn air cho mòr agus toinnte 's a bha na caistealan seo, is le bhith ag innse mu na h-innealan bunaiteach a bh' aca aig an àm, tha barrachd tuigse againn a thaobh uallach na h-obrach a bha romhpa.
Leugh paragraf 7
Seall mar a tha an sgrìobhadair a' dearbhadh nach robh na caistealan seo "idir cofhurtail". Cleachd fianais nad fhreagairt.
- "a' ghaoth a' feadalaich" - tha an dealbh seo a' toirt oirnn tuigsinn cho fuar 's a dh'fhaodadh na rumannan seo a bhith, leis gum biodh iad, gu ìre, fosgailte ris an aimsir.
- "ceò mhì-thlachdmhor" - ged a gheibheadh an luchd-còmhnaidh teas bho na teintean cha robh iad buileach foirfe oir bhiodh iad cuideachd a' truailleadh na h-èadhair le ceò.
- "na h-ùrlair chloiche fuar agus lom" - ged a bha na h-àiteachan seo tèarainte, tha e a' tighinn am follais gun robh iad a cheart cho cruaidh is daingeann air an taobh a-staigh is a bha iad air an taobh a-muigh.
Leugh paragraf 9
Dèan geàrr-chunntas air latha àbhaisteach sa chaisteal. Na tagh ach am fiosrachadh as cudromaiche gus seo a dhèanamh.
- Bhiodh na daoine leis an robh an caisteal a' dol gu seirbheis eaglais ann an caibeal a' chaisteil.
- Dh'itheadh iad grèim bìdh an uair sin mus tòisicheadh an obair riaghlaidh.
- Bhiodh biadh mòr an latha aca, is dh'fheumadh iad deoch-làidir òl seach nach robh an t-uisge glan.
- Bhiodh cur-seachadan romhpa feasgar agus tuilleadh biadh is deoch.
Leugh paragraf 10
Carson, nad bheachd-sa, a tha an sgrìobhadair a' bruidhinn air na dleastanasan a bh' aig bean an tighearna ann am paragraf fa leth?
- Tha mòran dhen earrainn a' bruidhinn air obair nam fear, ach tha an sgrìobhadair airson sealltainn nach robh na boireannaich idir dìomhain is gun robh gu leòr acasan ri dhèanamh.
- San latha an-diugh, bidh mòran de bhoireannaich is fireannaich a' dèanamh nan aon seòrsa obraichean, ach sna linntean a dh'fhalbh, bhiodh sgaradh gu math soilleir ann eadar na dhèanadh iad le, mar eisimpleir, fir a' dol a shealg is boireannaich a' dèanamh obair stèidhichte san dachaigh.
Smaoinich air an earrainn gu lèir
Dè a' phrìomh theachdaireachd a th' aig an sgrìobhadair san earrainn seo? Cleachd fianais nad fhreagairt.
"mairidh beachdan mu chaistealan romansach" - bha an sgrìobhadair airson sealltainn dhuinn cho domhainn 's a tha eachdraidh chaistealan, oir 's dòcha gum bi sinn a' coimhead orra san latha an-diugh gun tuigse air cho cudromach 's a bha iad a thaobh dìon agus riaghladh ar dùthchannan.
Comhairle: ann an ceistean den t-seòrsa seo, chan eil freagairt 'cheart' no 'cheàrr' ann - feumaidh tu beachd a thoirt seachad le mìneachadh agus fianais.
Feuch dè na dh'ionnsaich thu
Quiz
Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu
Seo cuid de na puingean air an deach togail san earrainn.
| Mìneachadh | Eisimpleir | |
|---|---|---|
| pearsanachadh | Bidh an sgrìobhadair a' ceangal bhuadhan no ghnìomhan dhaoine ri rudeigin eile, me beathach, sìde, beachd. | "togalaichean làidir, misneachail" |
| uaim | Feart fuaim; ath-aithris air na h-aon fhuaimean (consain mar as trice) agus mar as trice aig toiseach fhaclan. | "fuaim, fealla-dhà is fèill" |
| structar seantans | An dòigh anns a bheil seantans air a thogail no air a chur ri chèile. Mar eisimpleir ath-aithris, faid seantans, seòrsa seantans, liostaichean agus òrdugh fhaclan. | "Sin far an robh na tighearnan a' riaghladh nam fearainn aca, agus far an robh dachaighean an teaghlaichean, agus nuair nach robh na fir air falbh sa chogadh, chuireadh iad ùine mhòr seachad am broinn a' chaisteil chofhurtail còmhla rim mnathan agus còmhla rin cloinn." |
More on Leughadh
Find out more by working through a topic
- count2 of 4

- count3 of 4

- count4 of 4
