Smuaintean mu chogadh

Part ofGàidhligLeughadh

A' sgrùdadh teacsa neo-fhicsean

Dreach luath

Anns an earrainn seo, tha cothrom ann sgilean leughaidh a leasachadh le bhith a' sgrùdadh teacsa neo-fhicsean agus ceistean air a fhreagairt.

Togaidh na ceistean air leithid:

  • structar seantans – an dòigh anns a bheil seantans air a thogail no air a chur ri chèile. Mar eisimpleir ath-aithris, faid seantans, seòrsa seantans, liostaichean agus òrdugh fhaclan

  • taghadh-facail - faclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair

Back to top

Ionnsaich barrachd

Leugh an earrann.

Smuaintean mu chogadh

1 Tha eachdraidh chogaidhean a' dol air ais thar mhìltean de bhliadhnaichean. Anns an linn mu dheireadh, tha teicneòlas cogaidh air leudachadh gu mòr agus a chomas air sgrios air sìor fhàs. Tha caochladh adhbharan ann airson cogadh. Bu chòir taic an t-sluaigh, taic nam feachdan cogail agus taic an luchd-riaghlaidh a bhith aig dùthaich mus beachdaich iad air a dhol an sàs ann an cogadh. Tha cùisean ionmhais agus cùisean cràbhachd, cuide ri cumhachd is pròis is pearsantachd glè thric an lùib cogadh cuideachd. Ach tha aon rud nach eil ag atharrachadh – is e sin sgrios air seilbh 's air beatha dhaoine.

2 Bidh feadhainn a' smaoineachadh gu bheil còraichean nàdarrach acasan a tha nas làidire na tha aig feadhainn a tha nas laige. Agus airson na nithean sin fhaighinn, bidh iad a' cleachdadh ainneart is cumhachd. Tha iad a' feuchainn ri rian a chumail sa choimhearsnachd ionadail mar leisgeul airson cogadh. Air sgàth nàdar an duine, a bheil e comasach cogadh a sheachnadh? Is dòcha gu bheil ar n-eachdraidh a' teagasg dhuinn nach eil.

3 Tha e inntinneach gur e glè bheag de chogaidhean a tha ag èirigh bho mhiann a' phobaill chumanta a dhol a shabaid. A dh'aindeoin sin, thèid daoine a shabaid gu saor-thoileach, mar is tric a chunnaic sinn – seòrsa de dhleastanas annasach, 's dòcha, gam brosnachadh gu bhith an sàs ann. Ach glè thric, san là a th' ann, 's ann an aghaidh an toile a tha an sluagh air an tarraing a-steach gu cogadh.

4 Tha smuaintean gu leòr a' tighinn am follais bhuapasan a bha agus a tha an sàs san t-sabaid. Ma bheachdaicheas sinn, mar eisimpleir, air bàrdachd cogaidh a sgrìobh na saighdearan is eile, chì sinn gu bheil iad air dìleab luachmhor de litreachais fhàgail againn. Chaidh a ràdh gur i a' bhàrdachd a chaidh a sgrìobhadh leothasan a bha an sàs sna Cogaidhean Mòra bàrdachd cho ionmholta 's a th' againn nar litreachas. Agus tha e doirbh a dhol às àicheadh sin – smuaintean, ìomhaighean, feallsanachd, faireachdainnean agus dòchas.

5 Tha diofar shuidheachaidhean ro shaighdearan is eile nuair a thèid iad an sàs ann an cogadh. Air an dàrna làimh, bidh feadhainn a' dol an sàs ann an gnìomhan a leithid mòr-mharbhadh agus murt-cinnidh. Air an làimh eile, bithear uaireannan a' sgur a shabaid airson uidheam-dìon ath-thogail agus leòintich a lorg, uaireannan le saighdearan gan cur fhèin ann an cunnart airson leòintich, eadhon nàimhdean leòinte, a lorg.

6 Is dòcha nach tuig cuid carson nach eil sìth mhaireannach eadar dhaoine is dhùthchannan. Ach tuigear gu bheil ar saorsa air leth luachmhor, agus nuair a dh'fheuchas cuideigin eile ri ar saorsa a thoirt bhuainn gur fhiach i a dìon, dhuinn fhìn agus do ghinealaichean ri teachd, a dh'aindeoin sgrios is call beatha. Agus tha eachdraidh na dìon sin gu sònraichte làn de euchdan gaisgeil dhaoine a chuir iad fhèin ann an cunnart, agus a ghèill don bhàs, air ar sgàth. Tha e inntinneach, agus na shùileachan, a bhith a' leughadh chunntasan nam fear 's nam ban a fhuair às lem beatha.

7 Is dòcha gur ann air cuairt sa chladh a bhuaileas meud mhòr na h-ìobairt oirnn. Sin far a bheil leacan a' comharrachadh mòran ghaisgeach, uile aithnichte do Dhia ged tha feadhainn nach eil aithnichte do dhaoine. Nach lìonmhor na ceistean a tha cogadh a' togail, ceistean mu bheatha 's mu bhàs, ceistean mu shaorsa 's mu aintighearnas, ceistean mu nàdar agus amasan an duine.

8 Tha cuid againn fortanach nach buin sinn do ghinealach a dh'fhiosraich cogadh gu pearsanta. Ge air bith dè na beachdan a bh' aig na daoine a bha a' sabaid, uaireannan a' call 's uaireannan a' buannachadh, bha an smuaintean fhèin aca uile. Seo mar a chuir am bàrd Èireannach e: Chan eil fuath agam dhaibh-san ris a bheil mi a' sabaid, chan eil gràdh agam orrasan a tha mi a' dìon. Is iongantach mura robh iomadh fear is tè a' faireachdainn mar sin.

9 Rè nan linntean, agus gu dearbha fhathast, chaidh mòran cheistean cudromach moralta a thogail mu chogadh. Ged a bha cuid de dhùthchannan a' meas cogadh mar nì uasal, tha na ceistean moralta a' leudachadh. An-diugh tha feadhainn a' meas cogadh mar nì nach eil soirbheachail agus a tha ceàrr gu moralta. Ach tha gu leòr a' smaoineachadh gu bheil ullachadh airson, agus deòin a dhol an sàs ann an cogadh riatanach airson dùthchannan a dhìon, agus mar sin gum faod cogadh a bhith cothromach.

10 Tha ceist mhòr an lùib cogadh: A bheil buil a' chogaidh daonnan a' ciallachadh gum faigh ceartas buaidh air an olc? Is math dhuinne gu bheil sinn saor. Gu bràth cha phàigh sinn iadsan a bhuilich ar saorsa oirnn – chan urrainn dhuinn ach a bhith a' cuimhneachadh a-mhàin.

Back to top

Ceistean air an earrainn

An dèidh an earrann a leughadh, feuch air na ceistean seo.

Leugh paragraf 1

Seall mar a tha an sgrìobhadair a' dèanamh follaiseach gur e cuspair iomadh-fhillte a th' ann an cogadh. Cleachd fianais nad fhreagairt.

Leugh paragraf 2

Carson, a rèir an sgrìobhadair, a bhios feadhainn air am brosnachadh gus cogadh a thòiseachadh? Cleachd na faclan agad fhèin nad fhreagairt.

Leugh paragraf 3

Mìnich carson a tha an sgrìobhadair ga fhaighinn neònach gu bheil daoine deònach a dhol an sàs ann an cogadh. Cleachd fianais nad fhreagairt.

Leugh paragraf 4

Seall mar a chleachd an sgrìobhadair agus airson beachd a thoirt seachad air an litreachas a chruthaich saighdearan is eile.

Leugh paragraf 7

Seall mar a chleachd an sgrìobhadair diofar sgilean sgrìobhaidh airson cuideam a chur air an ìobairt a rinn saighdearan is eile ann an cogaidhean.

Leugh paragraf 8

Carson, nad bheachd-sa, a tha an sgrìobhadair a' toirt iomradh air na thuirt "am bàrd Èireannach"?

Thoir sùil air an teacsa gu lèir.

Nad bheachd-sa, dè na prìomh amasan a bh' aig an sgrìobhadair san earrainn seo? Cleachd fianais nad fhreagairt.

Thoir sùil air an teacsa gu lèir.

Nad bheachd-sa, dè cho soirbheachail 's a tha an sgrìobhadair ann a bhith a' coileanadh nan amasan seo? Cleachd eisimpleirean nad fhreagairt.

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Seo cuid de na puingean air an deach togail san earrainn.

Structar seantans – an dòigh anns a bheil seantans air a thogail no air a chur ri chèile. Mar eisimpleir ath-aithris, faid seantans, seòrsa seantans, liostaichean agus òrdugh fhaclan.

Taghadh-facail - faclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair.

Peann-sònrachaidh agus duilleag pàipeir le pìosan air an sònrachadh
Back to top

More on Leughadh

Find out more by working through a topic