Anailis air sgilean sgrìobhaidh - co-theacs agus suidheachadh

Part ofGàidhligLeughadh

Earrann leughaidh - an sgeulachd aig Murchadh

Ann an 1923 dh'fhàg an SS Marloch agus an SS Metagama na h-Eileanan an Iar airson a dhol a Chanada le faisg air 600 eilthireach air bòrd.

Tha am monolog, ann an riochd dràma, air a bheil earrann leughaidhan stòiridh aig Murchadh stèidhichte, air aon de shreath a chaidh a bhrosnachadh leis na stòiridhean aig cuid dhe na daoine seo.

Dreach luath

Co-theacs agus suidheachadh

Anns an earrainn seo tha cothrom:

  • eòlas a chur air sgilean sgrìobhaidh agus
  • sgrùdadh a dhèanamh air mar a chleachd an sgrìobhadair na sgilean seo gu soirbheachail
  • bhidio fhaicinn de sgeulachd Mhurchaidh agus tar-sgrìobhadh a leughadh

Leugh agus coimhead air an sgeulachd aig Murchadh.

Leasaich do sgilean sgrùdaidh le bhith a' beachdachadh air mar a chleachd an sgrìobhadair co-theacs agus suidheachadh san teacsa seo.

Uaireadair-stad le loidhnichean astair
Back to top

Ionnsaich barrachd

'S e monolog a chaidh a sgrìobhadh airson prògram dràma a th' anns an earrann leughaidh seo.

Tha bhidio agus tar-sgrìobhadh den mhonolog air an duilleig mar thaic ann a bhith ga thuigsinn agus ga sgrùdadh. Cuimhnich ge-tà nach bi bhidio ann an earrainn leughaidh na deuchainn.

Faodar an dà chuid a' bhidio agus an tar-sgrìobhadh a chleachdadh airson na ceistean sgrùdaidh a fhreagairt, 's dòcha le bhith a' coimhead air a' bhidio an toiseach is an uair sin a' dèanamh dlùth-leughadh air an tar-sgrìobhadh.

Tha na ceistean a' cur fòcas air mar a chleachd an sgrìobhadair co-theacs agus suidheachadh airson buaidh a thoirt air an neach-coimhid/an leughadair.

Back to top

An sgeulachd aig Murchadh

Anns an earrainn seo, tha Murchadh ag innse mu a bheatha ann an Leòdhas agus na tha fa-near dha nuair a ruigeas e Canada.

Leugh an teacs le bhith a' bruthadh Tar-sgrìobhadh a' bhidio.

Back to top

Ceistean air an earrainn

Leugh paragrafan 1 agus 2

Seall mar a tha an sgrìobhadair soirbheachail ann a bhith a' cur an cèill an t- aig toiseach na h-earrainn.

Leugh paragrafan 3 agus 4

Mìnich an co-theacs pearsanta a th' aig Murchadh.

Leugh paragrafan 6 agus 7

Mìnich na tha sinn ag ionnsachadh mun cho-theacs eachdraidheil anns a bheil Murchadh.

Leugh paragraf 8

Tha air a chleachdadh eadar an suidheachadh san robh Murchadh agus an suidheachadh sam bi Murchadh. Seall mar a tha seo air a dhèanamh.

Leugh paragraf 9

Tha an leughadair ag ionnsachadh barrachd mu cho-theacs pearsanta Mhurchaidh sa pharagraf seo. Seall mar a tha seo air a chur an cèill.

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Anns an earrainn seo, rinneadh sgrùdadh air mar a chaidh co-theacs agus suidheachadh a chleachdadh le sgrìobhadair is a' bhuaidh a thug sin air sgriobt 'Murchadh'.

MìneachadhEisimpleir
co-theacsNa factaran a' cuairteachadh teacsa a bhios gar cuideachadh ga thuigsinn; tachartasan air cùl ghnothaichean a chuidicheas gus rudeigin a mhìneachadh."'S e a tha a' cur iongnadh orm, nach robh fichead soitheach a' fàgail cidhe Steòrnabhaigh"
suidheachadhAn t-àite agus an t-àm sa bheil an sgeulachd a' tachairt."a' faighinn sgillinn gu leth airson a bhith a' cladhach rathad tro pholl-mhònach a' feuchainn ri Tolastadh a ruighinn."
Peann-sònrachaidh agus duilleag pàipeir le pìosan air an sònrachadh
Back to top

More on Leughadh

Find out more by working through a topic