Earrann leughaidh - an sgeulachd aig Murchadh
Ann an 1923 dh'fhàg an SS Marloch agus an SS Metagama na h-Eileanan an Iar airson a dhol a Chanada le faisg air 600 eilthireach air bòrd.
Tha am monolog, ann an riochd dràma, air a bheil earrann leughaidhan stòiridh aig Murchadh stèidhichte, air aon de shreath a chaidh a bhrosnachadh leis na stòiridhean aig cuid dhe na daoine seo.
Dreach luath
Co-theacs agus suidheachadh
Anns an earrainn seo tha cothrom:
- eòlas a chur air sgilean sgrìobhaidh co-theacsNa factaran a' cuairteachadh teacsa a bhios gar cuideachadh ga thuigsinn; tachartasan air cùl ghnothaichean a chuidicheas gus rudeigin a mhìneachadh. agus suidheachadhAn t-àite agus an t-àm sa bheil an sgeulachd a' tachairt.
- sgrùdadh a dhèanamh air mar a chleachd an sgrìobhadair na sgilean seo gu soirbheachail
- bhidio fhaicinn de sgeulachd Mhurchaidh agus tar-sgrìobhadh a leughadh
Leugh agus coimhead air an sgeulachd aig Murchadh.
Leasaich do sgilean sgrùdaidh le bhith a' beachdachadh air mar a chleachd an sgrìobhadair co-theacs agus suidheachadh san teacsa seo.
Ionnsaich barrachd
'S e monolog a chaidh a sgrìobhadh airson prògram dràma a th' anns an earrann leughaidh seo.
Tha bhidio agus tar-sgrìobhadh den mhonolog air an duilleig mar thaic ann a bhith ga thuigsinn agus ga sgrùdadh. Cuimhnich ge-tà nach bi bhidio ann an earrainn leughaidh na deuchainn.
Faodar an dà chuid a' bhidio agus an tar-sgrìobhadh a chleachdadh airson na ceistean sgrùdaidh a fhreagairt, 's dòcha le bhith a' coimhead air a' bhidio an toiseach is an uair sin a' dèanamh dlùth-leughadh air an tar-sgrìobhadh.
Tha na ceistean a' cur fòcas air mar a chleachd an sgrìobhadair co-theacs agus suidheachadh airson buaidh a thoirt air an neach-coimhid/an leughadair.
An sgeulachd aig Murchadh
Anns an earrainn seo, tha Murchadh ag innse mu a bheatha ann an Leòdhas agus na tha fa-near dha nuair a ruigeas e Canada.
Leugh an teacs le bhith a' bruthadh Tar-sgrìobhadh a' bhidio.
Murchadh
SS Metagama, 1923
1 Shìorraidh, bha siud math. Bha Steòrnabhagh fèar a-mach air amhaich, a h-uile duine ann. Fiù 's daoine aig nach robh gnothach a bhith ann.
2 Bha sinn dìreach mar sgadain ann am baraille. Cha mhòr gun robh rùm gu leòr air a' chidhe airson eightsome reel a dhèanamh. Ach tha cuid a dhaoine nach dèanadh gàire air am beatha. Cò a tha ag iarraidh duine fhaicinn a' rànail nuair a tha 'd a' gabhail pinnt? Cùm agad fhèin e, sin a tha mise a' smaoineachadh. 'S an saoghal ùr romhad, far am faod daoine cuir na tàlantan aca gu feum. Fuirich thusa gus am faic thu na nì mise dheth!
3 Thàinig mise a' bhòn-raoir, dìreach a bhith cinnteach, fhios agad, leis nach robh mi buileach ag innse na fìrinn mu cho aost' 's a tha mi. Tha an-còmhnaidh bleigeard air choireigin le peann ro dhèonach do bheatha a dhèanamh duilich. Ach cha bhi càil dhen sin ann an Ameireagaidh! Beagan rùm airson anail a ghabhail. 'S e bhios math.
4 Dè an diofar ma tha mi sia-deug co-dhiù. Shaoileadh tu gur ann gu taobh thall na gealaich a tha sinn a' dol, ach chan eil a' bhòids' ach naoi latha. Agus faodaidh duine an-còmhnaidh tilleadh mura nach eil an gnothach a' còrdadh riutha.
5 Gheibh mise air adhart glè mhath ann. Nì mise rud sam bith a nì duine eile, ged a bhiodh iadsan 100 bliadhna a dh'aois. Chanainn-s' gu bheil mi a cheart cho comasach le spaid 's a bha Methuselah fhèin. Nì each rud sam bith dhomh. Agus tha mi math air eathar. Dh'fhaodadh tu mo chur thairis air Niagara ann am baraille agus cha chuireadh e sìos no suas mi.
6 'S e a tha a' cur iongnadh orm, nach robh fichead soitheach a' fàgail cidhe Steòrnabhaigh, coltach ri na Greugaich a' dol gu Troy.
7 Innsidh mi dhuibh aon rud, chan eil mise a' dol a chur seachad mo bheatha air tac ann an Canada a' bleoghann nam bà agus ge bith dè eile a bhios iad ris. Seall dìreach cho bòidheach 's a tha na làmhan seo. Agus cha bhiodh deireadh air an obair agad le speal air na prairies. No no. Cò mhothaicheas, ma bheir mi mo chasan leam? Bidh Ameireagaidh ro dheònach mo ghabhail.
8 Tha mi math air obair agus tha mi airidh air pàigheadh air a shon, agus chan eil mi a' ciallachadh a bhith a' faighinn sgillinn gu leth airson a bhith a' cladhach rathad tro pholl-mhònach a' feuchainn ri Tolastadh a ruighinn. Tolastadh! Nuair a dh'fhaodainn leum air trèana agus a dhol gu New York.
9 Bhiodh mo mhàthair an-còmhnaidh ag ràdh, "A Mhurchaidh, tha thu fèar mar ugh air truinnsear". Mura feuch mi m' fhortan a dhèanamh an-dràsta, mi òg agus cho fallain ri fiadh, cuin eile a nì mi e? Chì sinn na tha an dàn dhomh.
Ceistean air an earrainn
Leugh paragrafan 1 agus 2
Seall mar a tha an sgrìobhadair soirbheachail ann a bhith a' cur an cèill an t-suidheachadhAn t-àite agus an t-àm sa bheil an sgeulachd a' tachairt. aig toiseach na h-earrainn.
- "Bha Steòrnabhagh fèar a-mach air amhaich" - àibheiseachadhA' cur ris an fhìrinn airson buaidh a thoirt. - chleachd an sgrìobhadair àibheiseachadh a thaobh mar a bha Steòrnabhagh a' cur thairis le daoine airson 's gun tuigeadh an leughadair mar a bha an t-àite loma-làn agus air bhoil aig an àm a bha am bàta a' fàgail.
- "Bha sinn dìreach mar sgadain ann am baraille." - samhlaA' dèanamh coimeas a' cleachdadh nam faclan 'mar' no 'cho … ri' airson ìomhaigh shoilleir a chruthachadh, me cho fallain ri fiadh. - dìreach mar a bhiodh sgadain air am pacadh teann ri chèile ann am baraille, tha agus na daoine a bha air a' chidhe. Tha seo a' cruthachadh dealbh làidir ann an inntinn an leughadair de dh'àite anns nach robh cothrom gluasad is e cho trang le daoine.
Leugh paragrafan 3 agus 4
Mìnich an co-theacs pearsanta a th' aig Murchadh.
- "leis nach robh mi buileach ag innse na fìrinn mu cho aost' 's a tha mi." - Tha e coltach gur e fear òg glòir-mhiannach a th' ann am Murchadh a tha mionnaichte gum faigh e an cothrom seo eilean àrach fhàgail. No, gur e fear a ghabhadh dragh uaireannan a th' ann. An seo, a' gabhail dragh gun cuireadh cuideigin stad air fàgail nan innseadh e an fhìrinn mu aois.
- "Beagan rùm airson anail a ghabhail." - Tha e coltach gu bheil Murchadh a' faireachdainn nach robh mòran saorsa aige aig an taigh is gur e sin aon dhe na rudan a tha ga thoirt air falbh.
- "chan eil a' bhòids' ach naoi latha."- Tha e coltach gur e fear misneachail a th' ann a tha deònach rudeigin dùbhlanach a dhèanamh airson an suidheachadh aige atharrachadh.
Leugh paragrafan 6 agus 7
Mìnich na tha sinn ag ionnsachadh mun cho-theacs eachdraidheil anns a bheil Murchadh.
- "'S e a tha a' cur iongnadh orm, nach robh fichead soitheach a' fàgail cidhe Steòrnabhaigh" - tha e a' tighinn am follais gu bheil a bhith a' siubhal thar a' Chuain Atlantaig a' dol a dh'fhosgladh mòran dhorsan do Mhurchadh agus a leithid, na bheachd fhèin co-dhiù, is gu bheil iongnadh air nach eil tuilleadh a' fàgail.
- "a' bleoghann nam bà… cha bhiodh deireadh air an obair agad le speal air na prairies." - Tha e coltach gur e obair chruaidh a bha a' feitheamh air na daoine a bha a' gluasad a Chanada (ged nach eil Murchadh an dùil a dhol an sàs sna rudan sin idir).
- "Bidh Ameireagaidh ro dheònach mo ghabhail." - Tha e soilleir gum biodh daoine mar Murchadh a' meas Ameireagaidh mar àite a bha làn chothroman, co-dhiù feadhainn nach robh ceangailte ri àiteachas.
Leugh paragraf 8
Tha iomsgaradhCeart-aghaidhean air an cleachdadh ann an teacsa litreachais. air a chleachdadh eadar an suidheachadh san robh Murchadh agus an suidheachadh sam bi Murchadh. Seall mar a tha seo air a dhèanamh.
- "airson a bhith a' cladhach rathad tro pholl-mhònach a' feuchainn ri Tolastadh a ruighinn." - Tha iomradh air obair chruaidh, gun mòran duais, air a chleachdadh gus an tuig an leughadair mun t-suidheachadh san robh Murchadh.
- "Nuair a dh'fhaodainn leum air trèana agus a dhol gu New York." - An coimeas ri bhith ag obair air an dùthaich ann an àite beag, tha an suidheachadh sa bheil Murchadh ga fhaicinn fhèin san àm ri teachd làn mhìorbhailean agus chothroman, leithid a bhith a' falbh dhan bhaile mhòr gu h-obann.
Leugh paragraf 9
Tha an leughadair ag ionnsachadh barrachd mu cho-theacs pearsanta Mhurchaidh sa pharagraf seo. Seall mar a tha seo air a chur an cèill.
- "tha thu fèar mar ugh air truinnsear." - Tha an samhla a chleachd màthair Mhurchaidh a' toirt barrachd tuigse dhuinn mu nàdar an fhir seo: fear a tha an-fhoiseil agus ag iarraidh gluasad gun bhacadh. Tha seo a' cur ris an tuigse a th' aig an leughadair a thaobh nan adhbharan a th' aige an dachaigh fhàgail.
- "Mura feuch mi m' fhortan a dhèanamh an-dràsta… cho fallain ri fiadh" - dìreach mar a tha fiadh luath, làidir agus fallain, tha an samhla de dh'fhear a tha ga fhaicinn fhèin aig àirde a chomais fhiosaigeach gu math làidir: cha chuir rud sam bith stad air ann a bhith a' feuchainn air na tha roimhe.
Feuch dè na dh'ionnsaich thu
Quiz
Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu
Anns an earrainn seo, rinneadh sgrùdadh air mar a chaidh co-theacs agus suidheachadh a chleachdadh le sgrìobhadair is a' bhuaidh a thug sin air sgriobt 'Murchadh'.
| Mìneachadh | Eisimpleir | |
|---|---|---|
| co-theacs | Na factaran a' cuairteachadh teacsa a bhios gar cuideachadh ga thuigsinn; tachartasan air cùl ghnothaichean a chuidicheas gus rudeigin a mhìneachadh. | "'S e a tha a' cur iongnadh orm, nach robh fichead soitheach a' fàgail cidhe Steòrnabhaigh" |
| suidheachadh | An t-àite agus an t-àm sa bheil an sgeulachd a' tachairt. | "a' faighinn sgillinn gu leth airson a bhith a' cladhach rathad tro pholl-mhònach a' feuchainn ri Tolastadh a ruighinn." |
More on Leughadh
Find out more by working through a topic
- count4 of 7

- count5 of 7

- count6 of 7

- count7 of 7
