An Uamh

Part ofGàidhligLeughadh

A' sgrùdadh teacsa ficsean

Dreach luath

Leasaich do sgilean leughaidh le bhith a' sgrùdadh na sgeulachd An Uamh.

Anns an artaigil seo gheibh thu cothrom eòlas a chur air sgilean sgrìobhaidh agus beachdachadh air amasan an sgrìobhadair.

Bidh sùil ga thoirt air sgilean sgrìobhaidh leithid:

  • àibheiseachadh - a' cur ris an fhìrinn airson buaidh a thoirt

  • ìomhaigheachd - nuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn

  • structar - an cruth a tha air teacsa, no mar a tha diofar phàirtean air an sgaradh

  • teannachadh - ann an luchd-amhairc no leughadair, mothachadh gum faodadh còmhstri a bhith ann, no a' faireachdainn uallach air sgàth na dh'fhaodadh a bhith gus tachairt

  • taghadh-facail - faclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair

  • plot - an sreath de thachartasan ann an sgeulachd

Anns na ceistean a leanas, gheibh thu cothrom eòlas a chur air an t-seòrsa cheistean a bhios anns an deuchainn leughaidh: ceistean tuigse, anailis agus luachaidh.

Tha faidhle fuaim air an duilleig mar thaic ann a bhith a' tuigsinn agus a' sgrùdadh na sgeulachd. Cuimhnich ge-tà nach bi seo ann an earrainn leughaidh na deuchainn.

Uaireadair-stad le loidhnichean astair
Back to top

Leugh agus èist ris An Uamh

Leugh An Uamh le Dòmhnall Iain MacÌomhair le bhith a' bruthadh Tar-sgrìobhadh fuaim/Audio Transcript.

An Uamh le Dòmhnall Iain MacÌomhair. Èist ris an sgeulachd ghoirid. (Robert Kerr / ALAMY)

Back to top

Ionnsaich barrachd

Ceistean air An Uamh

An dèidh an earrann a leughadh, feuch air na ceistean seo.

Leugh paragraf 1

Mìnich, nad fhaclan fhèin, an dealbh a tha sinn a' faighinn den uaimh.

Leugh paragraf 2

Seall na tha sinn ag ionnsachadh mun phrìomh charactar sa pharagraf seo. Cleachd fianais nad fhreagairt.

Leugh paragrafan 3 agus 4

Seall mar a chleachd an sgrìobhadair diofar sgilean sgrìobhaidh airson a chruthachadh sa phàirt seo dhen sgeulachd.

Leugh paragrafan 5 gu 7

Seall mar a chleachd an sgrìobhadair agus gu h-èifeachdach.

Leugh paragraf 8

Carson, nad bheachd-sa, a tha a' cheist aig deireadh a' pharagraf ga faighneachd?

Leugh paragrafan 9 gu 17

Dèan geàrr-chunntas air na tha a' tachairt sna paragrafan seo. Na tagh ach am fiosrachadh as cudromaiche. Cleachd na facail agad fhèin cho fad 's a ghabhas.

Smaoinich air an sgeulachd gu lèir.

A' smaoineachadh air toiseach agus deireadh na sgeulachd, seall mar a chruthaich an sgrìobhadair èifeachdach.

Smaoinich air an sgeulachd gu lèir.

Nad bheachd-sa, dè na teachdaireachdan as cudromaiche a tha ag èirigh às an sgeulachd? Seall, le eisimpleirean, carson a tha thu den bheachd seo.

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Seo cuid de na puingean a nochd san earrainn.

MìneachadhEisimpleir
àibheiseachadhA' cur ris an fhìrinn airson buaidh a thoirt."na bu shoilleire na grian a chunnaic duine riamh."
ìomhaigheachdNuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn."solais de chriostail a' dòrtadh bho mhullach an t-seòmair"
taghadh-facailFaclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair."Le measgachadh eagail is iongnaidh"
Peann-sònrachaidh agus duilleag pàipeir le pìosan air an sònrachadh
Back to top

More on Leughadh

Find out more by working through a topic