Earrann leughaidh - sgeulachd Ealasaid
Ann an 1923 dh'fhàg an SS Marloch agus an SS Metagama na h-Eileanan an Iar airson a dhol a Chanada le faisg air 600 eilthireach air bòrd.
Tha am monolog, ann an riochd dràma, air a bheil earrann leughaidhstòiridh Ealasaid stèidhichte, air aon de shreath a chaidh a bhrosnachadh leis na stòiridhean aig cuid dhe na daoine seo.
Dreach luath
Structar seantans, puingeachadh agus tòna
Anns an earrainn seo tha cothrom:
- eòlas a chur air sgilean sgrìobhaidh structar seantansAn dòigh anns a bheil seantans air a thogail no air a chur ri chèile., puingeachadhComharraidhean air an cleachdadh ann an teacs gus a sgaradh ann an abairtean, pàirtean, seantansan, conaltradh a shealltainn is msaa no airson ciall a shoilleireachadh. agus tònaAn fhaireachdainn san fharsaingeachd a th' ann an teacsa no pàirt de theacsa; faodaidh taghadh-facail an ùghdair, luaths na sgeulachd, ruitheam no ìomhaigheachd na faireachdainn seo a chruthachadh.
- sgrùdadh a dhèanamh air mar a chleachd an sgrìobhadair na sgilean seo gu soirbheachail
- bhidio fhaicinn de sgeulachd Ealasaid agus tar-sgrìobhadh a leughadh
- bhidio fhaicinn anns a bheil an sgrìobhadair a' bruidhinn mu a h-amasan ann a bhith a' sgrìobhadh an teacs
Leugh agus coimhead air an sgeulachd aig Ealasaid.
Leasaich do sgilean sgrùdaidh le bhith a' beachdachadh air mar a chaidh structar seantans (me, ath-aithris, faid seantans, seòrsa seantans, liostaichean, òrdugh fhaclan agus mar sin air adhart) puingeachadh agus tòna a chleachdadh ann an teacs.
Ionnsaich barrachd
'S e monolog a chaidh a sgrìobhadh airson prògram dràma a th' anns an earrann leughaidh seo.
Tha bhidio agus tar-sgrìobhadh den mhonolog air an duilleig mar thaic ann a bhith ga thuigsinn agus ga sgrùdadh. Cuimhnich ge-tà nach bi bhidio ann an earrainn leughaidh na deuchainn.
Faodar an dà chuid a' bhidio agus an tar-sgrìobhadh a chleachdadh airson na ceistean sgrùdaidh a fhreagairt, 's dòcha le bhith a' coimhead air a' bhidio an toiseach is an uair sin a' dèanamh dlùth-leughadh air an tar-sgrìobhadh.
Tha na ceistean a' cur fòcas air mar a chleachd an sgrìobhadair structar seantans, puingeachadh agus tòna airson buaidh a thoirt air an neach-coimhid/an leughadair.
An sgeulachd aig Ealasaid
Tha Ealasaid ag innse mu na dùbhlain a bha roimhpe nuair a ghluais i a Chanada an toiseach agus mar a tha i a' faireachdainn mun imrich a rinn i.
Leugh an teacs le bhith a' bruthadh Tar-sgrìobhadh a' bhidio.
Marloch is Metagama: Guthan – Ealasaid.
Ealasaid
Calgary, Alberta, 1966
1 Cha b' e rud furasta a bh' ann idir. A' falbh le triùir chloinne gun fhios dè bha romhainn. Bha sinne fortanach ge-tà - bha an duine agam còmhla rinn. Cha robh siud aig cuid. Banntraichean is seann-nigheanan a' siubhal le clann is cailleachan. An dall a' treòrachadh dall eile.
2 Ràinig sinn Saint John ceart gu leòr. Chaidh ar cur air trèanaichean gu Red Deer, is dh'fhuirich sinn san t-seann sgoil Innseanach. Àite làn de bhòcain, thuirt iad. B' ann an uair sin a mhothaich sinn nach robh na chaidh a ghealltainn dhuinn fìor. Cha robh sgeul air taighean no cosnadh no fearann. Bha agam fhìn cadal air an ùrlar. Cha robh sin ceart idir. Dh'fhàs cùisean na bu mhiosa nuair a thàinig an reothadh. Ach tha mi cleachdte ris a-nist, nam thaigh fhìn. 'S e cion eòlais, a' bhliadhna a ràinig sinn, a dh'fhàg cùisean cho doirbh. Geamhradh gu math fada a bh' ann cuideachd. Cha robh e furasta dhomh fhìn 's na màthraichean eile. Bha a' chlann bochd leis an fhuachd. Ò bha gu leòr ann ag ràdh gum bu mhath leotha tilleadh.
3 Ach cha robh dòigh ann tilleadh. Cò bha a' dol a phàigheadh airson sin? Bha sinn air gach nì a bh' againn a reic 's cò bha a' dol a phàigheadh airson turas dhachaigh dhuinn? Bha siud aig cuid, cha robh againne.
4 Co-dhiù fhuair sin troimhe. Dh'fhàs cùisean na b' fheàrr: fhuair an duine agam cosnadh aig CPR*, agus bha airgead againn. Airgead! Rud nach robh againn riamh! Tha mi air a bhith beò nis còrr is 40 bliadhna, nas fhaide na bha mi beò thall.
5 Tha barrachd agamsa seo ann an aon seòmar na bh' agam riamh an Uibhist. Chan eil cuimhn' aig a' chloinn, 's tha mi toilichte nach eil. Chan eil fhios aca dè th' ann a bhith acrach tuilleadh. Bha iad ro òg airson cuimhn' cheart a bhith aca air a' bheatha a bh' againn an siud. Chan aithreach leam e. Tha beatha nas fheàrr air a bhith againn an seo.
*Canadian Pacific Railway
Ceistean air an earrainn
Leugh paragraf 1
Seall mar a tha an sgrìobhadair a' cruthachadh tònaAn fhaireachdainn san fharsaingeachd a th' ann an teacsa no pàirt de theacsa; faodaidh taghadh-facail an ùghdair, luaths na sgeulachd, ruitheam no ìomhaigheachd na faireachdainn seo a chruthachadh. sònraichte sa pharagraf seo.
- "Cha b' e rud furasta a bh' ann idir." - Tha am paragraf a' tòiseachadh le seantans eu-dòchasach mun t-strì a bh' aig Ealasaid is càch nuair a ghluais iad, is tha seo a' toirt seachad a' bheachd gur e sgeulachd dhoirbh, dhuilich a bhios aice.
- "Banntraichean is seann-nigheanan a' siubhal le clann is cailleachan." - Tha liosta de dhaoine sean agus òg ann airson beachd a thoirt dhan leughadair gur e turas dùbhlanach a bhiodh ann air a dhèanamh le daoine nach biodh cleachdte ri rud den t-seòrsa is tha seo a' cur ris an tòna eu-dòchasach.
- "An dall a' treòrachadh dall eile." - Tha ath-aithris A' cleachdadh an aon fhacail, abairt no beachd barrachd air aon turas airson buaidh a thoirt. an fhacail "dall" a' sealltainn nach robh duine aca idir cinnteach dè bha romhpa is gun robh iad uile a' dol a-steach dhan t-suidheachadh às ùr.
Leugh paragraf 2
Seall mar a tha structar seantansAn dòigh anns a bheil seantans air a thogail no air a chur ri chèile. agus taghadh-facailFaclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair. air an cleachdadh gus buaidh a thoirt air an leughadair.
- "Cha robh sgeul air taighean no cosnadh no fearann." - Liosta agus taghadh-facail - tha an sgrìobhadair a' cleachdadh trì faclan a tha a' riochdachadh rudan gu math riatanach agus bunaiteach do mhac-an-duine ("taighean", "cosnadh", "fearann") an dèidh a chèile airson 's gun tuig an leughadair cho gann de ghoireasan agus, leis a sin, cho doirbh 's a bha an suidheachadh a lorg an luchd-imrich ann an Canada.
- "Cha robh sin ceart idir." - Tha seantans goirid air a chleachdadh gus an tuig an leughadair cho mì-chàilear 's a bha an suidheachadh san robh Ealasaid, an taca ris na geallaidhean a bh' aca. Tha sin a' dùsgadh co-fhaireachdainn dhi a thaobh na dh'fhuiling i.
Leugh paragrafan 3 agus 4
Tha structar seantans agus puingeachadhComharraidhean air an cleachdadh ann an teacs gus a sgaradh ann an abairtean, pàirtean, seantansan, conaltradh a shealltainn is msaa no airson ciall a shoilleireachadh. air an cleachdadh gu soirbheachail sna paragrafan seo. Seall mar a chuir sin ri atharrachadh ann an tòna na h-earrainn.
- "Cò bha a' dol a phàigheadh airson sin?" - Tha ceist reatoraigeachCeist air a faighneachd airson buaidh a thoirt a-mhàin gun dùil ri freagairt. air a cleachdadh airson cuideam a chur air cho gann de roghainn 's a bha Ealasaid is an teaghlach aice. Bha làn fhios aca nach robh dòigh aca tilleadh is tha tòna èiginneach ag èirigh sa pharagraf seo.
- "Airgead! Rud nach robh againn riamh!" - Tha clisg-phuingean air an cleachdadh gus cuideam a chur air an iongnadh agus an toileachas a dhùisg atharrachadh suidheachadh ann an Ealasaid. Tha seo a' gluasad an tòna bho eu-dòchas gu aoibhneas agus faochadh.
Leugh paragraf 5
A' smaoineachadh air an earrainn gu lèir, seall mar a tha am paragraf seo na cho-dhùnadh èifeachdach air sgeulachd Ealasaid. Thoir iomradh air taghadh-facail agus tòna nad fhreagairt.
- "Chan eil… Chan eil" - taghadh-facail - tha tòrr eisimpleirean de sheantansan a' tòiseachadh le 'Cha' a' nochdadh nas tràithe san earrainn airson innse mu cho dona 's a bha an suidheachadh. Ach an seo, tha iad a' tionndadh na sgeulachd airson sealltainn mar a tha clann Ealasaid nas fheàrr dheth mar thoradh air an turas a ghabh iad.
- "Tha beatha nas fheàrr air a bhith againn an seo." - Tha an seantans seo a' cur cuideam air an tionndadh ann an tòna aig deireadh na h-earrainn. Dh'inns Ealasaid mun chruadal a dh'fhuiling i fhèin 's an teaghlach aice, ach tha an seantans seo a' comharrachadh mar a bha co-dhùnadh math air a' ghnothach.
Bhidio - a' sgrìobhadh sgeulachd Ealasaid
Hannah McKirdy a' bruidhinn mu bhith a' sgrìobhadh sgeulachdan Ealasaid agus Iain Eòsa airson sreath Marloch is Metagama: Guthan.
A' sgrìobhadh sgeulachdan Ealasaid agus Iain Eòsa.
Gu dè an ìre a tha na caractaran agaibh mac-meanmnach no stèidhichte air eachdraidh?
Bha na caractaran a tha seo stèidhichte air eachdraidh gu ìre mhòr. Bha e cudromach gun creideadh daoine annta agus leis a sin mus do thòisich mi leugh mi tòrr de na cunntasan a bh' againn bhon a' Mharloch.
Ach tha e cuideachd tha mi a' smaointinn cudromach cuimhne a bhith againn gum bi cunntasan eachdraidheil a' tighinn mar as trice bho dhaoine uasal, bho dhaoine aig an robh sgilean sgrìobhaidh aig an àm, no cumhachd air choreigin – sagartan, tidsearan 's dòcha agus mar as trice, fireannaich.
An robh e cudromach dhuibh gum biodh guth nam ban air a riochdachadh?
Bha e cudromach dhomh gun robh guth nam ban air a riochdachadh a chionn 's gun robh e inntinneach dhomh gun robh boireannaich air bòrd. Agus tha mi a' smaointinn mar as trice nuair a bhios sinne a' smaoineachadh air eilthireachd, gur ann air fireannaich a bhios sinn a' smaoineachadh - fireannaich shingilte. Ach an rud a bha inntinneach mun a' Mharloch, 's e is gun robh teaghlaichean air bòrd, gun robh boireannaich air bòrd, gun robh clann air bòrd agus, mar as trice, cha bhi sinn a' cluinntinn bho bhoireannaich ann an eachdraidh.
Chan eil agus cha robh guth aca aig an àm. Agus bha e cudromach dhomh guth a thoirt dhaibh a-niste agus a bhith a' bruidhinn mu na bha a' tachairt dhaibh, oir mar a tha mise ga fhaicinn agus tha mi a' smaointinn gu bheil sin follaiseach, gu h-àraid bho Ealasaid, cha robh roghainn aice – bha aice ri falbh a chionn 's gun robh an duine aice airson an t-eilean fhàgail agus bha sin fìor aig an àm. Leis a sin bha e cudromach dhòmhsa gun robh guth aig na boireannaich sin a-niste, oir cha robh guth aca an uair sin. Agus bha e inntinneach a bhith a' beachdachadh air na thachair dhaibh, agus cuideachd air ciamar a bhithinn-sa a' faireachdainn nan robh sin air tachairt dhòmhsa.
Carson a tha sgeulachd Iain Eòsa a' mìneachadh nan adhbharan eilthireachd aigesan beag air bheag?
Le Iain Eòsa, bha mi den a' bheachd nach biodh fireannach aig an àm sin uabhasach fhèin fosgailte le na faireachdainnean aca. Agus leis a sin, bha mi airson 's gun innseadh e dhan an luchd-amhairc, carson a bha e airson na h-eileanan fhàgail. 'S e is gun robh na caraidean aige, na co-oghaichean aige, 's docha na bràithrean aige air bàsachadh thall-thairis sa chogadh agus cha robh esan a' faicinn gun robh dad ann dha agus dha theaghlach tuilleadh.
Ach tha sinn ag ionnsachadh sin ach ann an dòigh a tha a' fàgail cheistean cuideachd agus tha mi a' smaointinn gu bheil sin uabhasach fhèin cudromach ma tha thu a' sgrìobhadh rudeigin-each: gu bheil thu, gu h-àraid rud a tha goirid, gu bheil thu a' fàgail an luchd-amhairc neo an leughadair ag iarraidh barrachd – gu bheil ceistean aca agus gu bheil iad airson tuilleadh ionnsachadh mun a' charactar agad, agus gu bheil sin ann.
Feuch dè na dh'ionnsaich thu
Quiz
Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu
Anns an earrainn seo, rinneadh sgrùdadh air mar a chaidh structar seantans, puingeachadh agus tòna a chleachdadh le sgrìobhadair agus a' bhuaidh a thug sin air sgeulachd Ealasaid.
| Mìneachadh | Eisimpleir | |
|---|---|---|
| structar seantans | An dòigh anns a bheil seantans air a thogail no air a chur ri chèile. Mar eisimpleir, a' cleachdadh seantans goirid. | "Cha robh sin ceart idir." |
| tòna | An fhaireachdainn san fharsaingeachd a th' ann an teacsa no pàirt de theacsa; faodaidh taghadh-facail an ùghdair, luaths na sgeulachd, ruitheam no ìomhaigheachd na faireachdainn seo a chruthachadh. | "Co-dhiù fhuair sin troimhe." |
| puingeachadh | Comharraidhean air an cleachdadh ann an teacs gus a sgaradh ann an abairtean, pàirtean, seantansan, conaltradh a shealltainn is msaa no airson ciall a shoilleireachadh. | "Airgead! Rud nach robh againn riamh!" |
More on Leughadh
Find out more by working through a topic
- count2 of 7

- count3 of 7

- count4 of 7

- count5 of 7
