Earrann leughaidh - sgeulachd Iain Eòsa
Ann an 1923 dh'fhàg an SS Marloch agus an SS Metagama na h-Eileanan an Iar airson a dhol a Chanada le faisg air 600 eilthireach air bòrd.
Tha am monolog, ann an riochd dràma, air a bheil earrann leughaidhstòiridh Iain Eòsa stèidhichte, air aon de shreath a chaidh a bhrosnachadh leis na stòiridhean aig cuid dhe na daoine seo.
Dreach luath
Plot agus structar
Anns an earrainn seo tha cothrom:
- eòlas a chur air sgilean sgrìobhaidh plotAn sreath de thachartasan ann an sgeulachd. agus StructarAn cruth a tha air teacsa, no mar a tha diofar phàirtean air an sgaradh.
- sgrùdadh a dhèanamh air mar a chleachd an sgrìobhadair na sgilean seo gu soirbheachail
- bhidio fhaicinn de sgeulachd Iain Eòsa agus tar-sgrìobhadh a leughadh
- bhidio fhaicinn anns a bheil an sgrìobhadair a' bruidhinn mu a h-amasan ann a bhith a' sgrìobhadh an teacs
Leugh agus coimhead air an sgeulachd aig Iain Eòsa.
Leasaich do sgilean sgrùdaidh le bhith a' beachdachadh air mar a chleachd an sgrìobhadair plot agus structar san teacsa seo.
Ionnsaich barrachd
'S e monolog a chaidh a sgrìobhadh airson prògram dràma a th' anns an earrann leughaidh seo.
Tha bhidio agus tar-sgrìobhadh den mhonolog air an duilleig mar thaic ann a bhith ga thuigsinn agus ga sgrùdadh. Cuimhnich ge-tà nach bi bhidio ann an earrainn leughaidh na deuchainn.
Faodar an dà chuid a' bhidio agus an tar-sgrìobhadh a chleachdadh airson na ceistean sgrùdaidh a fhreagairt, 's dòcha le bhith a' coimhead air a' bhidio an toiseach is an uair sin a' dèanamh dlùth-leughadh air an tar-sgrìobhadh.
Tha na ceistean a' cur fòcas air mar a chleachd an sgrìobhadair plot agus structar airson buaidh a thoirt air an neach-coimhid/an leughadair.
An sgeulachd aig Iain Eòsa
Anns an earrainn seo, tha Iain Eòsa a' bruidhinn air na h-adhbharan a th' aige airson falbh a Chanada is mar a tha daoine eile timcheall air a' faireachdainn mu dheidhinn.
Leugh an teacs le bhith a' bruthadh Tar-sgrìobhadh a' bhidio.
Iain Eòsa
Barraigh, 1923
1 Seachdain an-diugh tha sinn a' falbh.
2 Chan eil i fhèin airson a màthair fhàgail. Fuirichidh mise ars' ise. Faodaidh tusa falbh an toiseach. Ò tha deagh fhios agamsa nach fhaiceadh mi gu bràth tuilleadh i nan leigeadh mi leatha. Ach tha sinn a' falbh. Bidh a màthair ceart gu leòr a seo, sin a thuirt mi. Chan eil àite aig seann daoine far a bheil sinne a' dol.
3 Chan eil i a' tuigsinn nach bi daoine eile a' fuireach mar a bhios sinne seo. Tha mise air fada bharrachd fhaicinn den t-saoghal na tha ise. Nan robh air a bhith aicese ri falbh mar a bh' againne. Nan robh air a bhith aice ri dhol a-null a siud… a' sabaid. Thuigeadh i an uair sin. Bha gu leòr ann nach do thill. Fada cus. Gu leòr nach biodh air cothrom mar seo a sheachnadh.
4 Bràthair mo mhàthar a chaidh ann an toiseach. Còrr is deich ar fhichead bliadhna on uair sin. Tha cuimhn' a'm gun tàinig litir goirid às dèidh dha falbh - obair gu leòr do dh'fhir a tha deònach. Cothrom faighinn air n-aghaidh, sin a thuirt e. Aidh, tha cuimhn' a'm air a sin.
5 Tha sinn air a' mhòr-chuid a reic a-niste. Fàgaidh sinn an còrr. Cha bhi feum air cus thall, sin na thathas ag ràdh. 'S ann bho ar nàbaidhean a chuala mise mu dheidhinn. Chan eil iadsan a' dol ann idir. Ach fhad 's a bha iad a' bruidhinn bha fios agamsa sa bhad gum falbhadh sinne air an aiseig 's nach biodh sinn fada air an eilean seo. Bhruidhinn mi ris an t-sagart is bha esan ga mholadh cuideachd. Tha i fhèin air a bhith muladach brònach on uair sin. Ach 's e thuirt mi rithe - a Mhòrag, cha bhi do chridhe goirt nuair a ruigeas sinn Canada. Gu dearbha fhèin cha bhi. Nì sinn dachaigh ann an tìr Chanada.
6 Aidh, seachdain an-diugh a tha sinn a' falbh.
Ceistean air an earrainn
Leugh paragraf 1
Beachdaich air mar a tha an teacsa seo a' fosgladh. Le bhith a' cleachdadh fianais às an teacsa, thoir iomradh air plotAn sreath de thachartasan ann an sgeulachd. agus StructarAn cruth a tha air teacsa, no mar a tha diofar phàirtean air an sgaradh..
- "Seachdain an-diugh tha sinn a' falbh." - Tha plot inntinneach aig an teacsa seo oir, ann an dòigh, tha deireadh na sgeulachd air innse aig an toiseach, is fios aig an leughadair gu bheil Iain Eòsa agus a chompanach a' dol a dh'fhàgail.
- Tha am paragraf seo gu math goirid (loidhne a-mhàin) agus a thaobh structair, tha seo sònraichte oir tha an loidhne na seasamh leatha fhèin is a' tarraing aire an leughadair gu cridhe na sgeulachd sa bhad.
Leugh paragraf 3
Seall mar a tha structar an teacsa seo soirbheachail ann a bhith ag innse sgeulachd Iain Eòsa ann an dòigh inntinneach.
- "Nan robh air a bhith aice ri dhol a-null a siud… a' sabaid. Thuigeadh i an uair sin." - Tha sgeulachd phearsanta Iain Eòsa agus na h-adhbharan a th' aige airson falbh air an innse dhuinn beag air bheag. Tha an structar seo a' ciallachadh gu bheil sinn gu mòr airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun charactar a chionn 's nach eil ach pìosan beaga fiosrachaidh againn mu dheidhinn aig toiseach na sgeulachd.
- "Fada cus." - Tha seantansan goirid air an cleachdadh airson sealltainn mar a tha na cuimhneachain a tha Iain Eòsa a' toirt seachad a' tighinn thuige ann an criomagan, is gur dòcha gu bheil e doirbh dha a bhith a' bruidhinn orra.
Leugh paragraf 5
Carson, nad bheachd-sa, nach eil an sgrìobhadair a' toirt iomradh air Canada gus an dàrna paragraf mu dheireadh?
- Tha aon dhe na pìosan fiosrachaidh as cudromaiche san sgeulachd seo - an ceann-uidhe - air a chumail air ais agus 's e cleas èifeachdach a tha seo airson aire an leughadair a chumail.
- Ged a tha amharas aig an leughadair bho cho-theacs eachdraidheil a' phìos gur ann a Chanada a tha Iain Eòsa agus Mòrag an dùil falbh, tha sinn airson cumail oirnn a' leughadh ach am faigh sinn a-mach a bheil sinn ceart.
Comhairle: ann an ceistean a tha a' tòiseachadh le 'Carson, nad bheachd-sa…' feumaidh tu breithneachadh no beachd pearsanta a thoirt seachad air an teacsa a rèir na tha a' cheist a' faighneachd.
Leugh paragraf 6
A' smaoineachadh air an earrainn gu lèir, seall mar a tha an loidhne seo na crìoch èifeachdach. Thoir iomradh air structar agus plot nad fhreagairt.
- "seachdain an-diugh" - thòisich an earrann seo le structar inntinneach (loidhne fa leth) agus tha i a' crìochnachadh san aon dòigh. 'S e dòigh sgileil a tha seo air sgeulachd a thoirt gu ceann oir tha sinn air na h-adhbharan aig Iain Eòsa airson falbh a chluinntinn is tha e soilleir bhon loidhne seo nach eil teagamh sam bith aige mun cho-dhùnadh aige, a dh'aindeoin teagamhan Mòraig is a bhith a' fàgail a màthar.
- "Bràthair mo mhàthar a chaidh ann an toiseach." - Tha am plot san earrainn seo èifeachdach, oir tha sinn a' coinneachadh ri caractar is ag ionnsachadh rudan mu dheidhinn ann an dòigh nach eil a' leantainn loidhne-tìm.
Tha mar a tha an sgrìobhadair air criomagan fiosrachaidh a sgapadh tron earrainn, mar eisimpleir gu bheil e coltach gun robh Iain Eòsa thall thairis ann an cogadh, soirbheachail ann a bhith a' cumail aire an leughadair oir tha sinn airson an dealbh slàn fhaighinn dhen t-suidheachaidh.
Bhidio - a' sgrìobhadh sgeulachd Iain Eòsa
Hannah McKirdy a' bruidhinn mu bhith a' sgrìobhadh sgeulachdan Iain Eòsa agus Ealasaid airson sreath Marloch is Metagama: Guthan.
A' sgrìobhadh sgeulachdan Ealasaid agus Iain Eòsa.
Gu dè an ìre a tha na caractaran agaibh mac-meanmnach no stèidhichte air eachdraidh?
Bha na caractaran a tha seo stèidhichte air eachdraidh gu ìre mhòr. Bha e cudromach gun creideadh daoine annta agus leis a sin mus do thòisich mi leugh mi tòrr de na cunntasan a bh' againn bhon a' Mharloch.
Ach tha e cuideachd tha mi a' smaointinn cudromach cuimhne a bhith againn gum bi cunntasan eachdraidheil a' tighinn mar as trice bho dhaoine uasal, bho dhaoine aig an robh sgilean sgrìobhaidh aig an àm, no cumhachd air choreigin – sagartan, tidsearan 's dòcha agus mar as trice, fireannaich.
An robh e cudromach dhuibh gum biodh guth nam ban air a riochdachadh?
Bha e cudromach dhomh gun robh guth nam ban air a riochdachadh a chionn 's gun robh e inntinneach dhomh gun robh boireannaich air bòrd. Agus tha mi a' smaointinn mar as trice nuair a bhios sinne a' smaoineachadh air eilthireachd, gur ann air fireannaich a bhios sinn a' smaoineachadh - fireannaich shingilte. Ach an rud a bha inntinneach mun a' Mharloch, 's e is gun robh teaghlaichean air bòrd, gun robh boireannaich air bòrd, gun robh clann air bòrd agus, mar as trice, cha bhi sinn a' cluinntinn bho bhoireannaich ann an eachdraidh.
Chan eil agus cha robh guth aca aig an àm. Agus bha e cudromach dhomh guth a thoirt dhaibh a-niste agus a bhith a' bruidhinn mu na bha a' tachairt dhaibh, oir mar a tha mise ga fhaicinn agus tha mi a' smaointinn gu bheil sin follaiseach, gu h-àraid bho Ealasaid, cha robh roghainn aice – bha aice ri falbh a chionn 's gun robh an duine aice airson an t-eilean fhàgail agus bha sin fìor aig an àm. Leis a sin bha e cudromach dhòmhsa gun robh guth aig na boireannaich sin a-niste, oir cha robh guth aca an uair sin. Agus bha e inntinneach a bhith a' beachdachadh air na thachair dhaibh, agus cuideachd air ciamar a bhithinn-sa a' faireachdainn nan robh sin air tachairt dhòmhsa.
Carson a tha sgeulachd Iain Eòsa a' mìneachadh nan adhbharan eilthireachd aigesan beag air bheag?
Le Iain Eòsa, bha mi den a' bheachd nach biodh fireannach aig an àm sin uabhasach fhèin fosgailte le na faireachdainnean aca. Agus leis a sin, bha mi airson 's gun innseadh e dhan an luchd-amhairc, carson a bha e airson na h-eileanan fhàgail. 'S e is gun robh na caraidean aige, na co-oghaichean aige, 's docha na bràithrean aige air bàsachadh thall-thairis sa chogadh agus cha robh esan a' faicinn gun robh dad ann dha agus dha theaghlach tuilleadh.
Ach tha sinn ag ionnsachadh sin ach ann an dòigh a tha a' fàgail cheistean cuideachd agus tha mi a' smaointinn gu bheil sin uabhasach fhèin cudromach ma tha thu a' sgrìobhadh rudeigin-each: gu bheil thu, gu h-àraid rud a tha goirid, gu bheil thu a' fàgail an luchd-amhairc neo an leughadair ag iarraidh barrachd – gu bheil ceistean aca agus gu bheil iad airson tuilleadh ionnsachadh mun a' charactar agad, agus gu bheil sin ann.
Feuch dè na dh'ionnsaich thu
Quiz
Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu
Tha sgilean sgrìobhaidh structar agus plot air an cur gu feum leis an sgrìobhadair ann an sgeulachd Iain Eòsa.
| Mìneachadh | Eisimpleir | |
|---|---|---|
| plot | An sreath de thachartasan ann an sgeulachd. | "Seachdain an-diugh tha sinn a' falbh." |
| structar | An cruth a tha air teacsa, no mar a tha diofar phàirtean air an sgaradh. | "Bràthair mo mhàthar a chaidh ann an toiseach." |
More on Leughadh
Find out more by working through a topic
- count3 of 7

- count4 of 7

- count5 of 7

- count6 of 7
