Dè a' bhuaidh a tha aig eucoir?
Nuair a thèid eucoir a dhèanamh, tha droch bhuaidhean no droch bhuilean ann. A rèir 's dè an seòrsa eucoir a chaidh a dhèanamh, faodaidh e buaidh a thoirt air bodhaig, faireachdainn no airgead.
Bhidio - Dè a' bhuaidh a tha aig eucoir air a' chomann-shòisealta?
Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach mun bhuaidh a tha aig eucoir air a' chomann-shòisealta.
Learn about the impact of crime on victims, perpetrators and wider society
Buaidh eucoir air daoine fa leth
Faodaidh iomadh droch bhuaidh a bhith aig eucoir leithid mèirle air daoine fa leth agus air an teaghlaichean:
- Buaidh air bodhaig – leòn gu dìreach bho ionnsaigh. Faodaidh seo a bhith anns a' gheàrr-ùine no anns an ùine-fhada.
- Buaidh air faireachdainnean – dragh, uallach no streas inntinn air sgàth eucoir air choreigin fhulang. Uaireannan, bidh daoine ag atharrachadh gu tur agus dìreach a' fuireach a-staigh nan dachaigh, no bidh e doirbh dhaibh deagh dhàimhean a chumail suas ris an teaghlach aca.
- Buaidh air airgead – a' call airgead, cairt creideis no a' feumachdainn pàigheadh airson fòn-làimhe ùr, msaa. Dh'fhaodadh nach tèid aig a' phrìomh neach-cosnaidh ann an teaghlach obrachadh tuilleadh agus tha seo a' dèanamh an teaghlaich nas bochda.
Buaidh eucoir air an neach a rinn e
Tha droch bhuaidhean aig eucoir cuideachd air an neach a nì e:
- A' faireachdainn nàire no ciont
- A' call obair no doirbh obair fhaighinn anns an àm ri teachd
- Duilgheadasan ann an dàimhean còmhla ri teaghlach agus caraidean
Buaidh eucoir air coimhearsnachdan
Faodaidh droch bhuaidh a bhith air coimhearsnachdan a tha a' fulang ìre mhòr de dh'eucoir:
- bidh an t-eagal air daoine nan dachaigh no taobh a-muigh na dachaigh
- tha e a' toirt buaidh air prìs thaighean
- faodaidh gum bi e nas dorra do dhaoine dachaigh a reic
- bidh àrachas dhachaighean a' dol suas bhon a tha e nas buailtiche gum bi tagraidhean gan dèanamh
- 's dòcha gum bi gnothachasan ùra a’ seachnadh na sgìre
- 's dòcha gun dùin gnothachasan a tha ann mar-thà air sgàth eucoir leithid mèirle a' tachairt tric, bhandaileachd no ro bheag de luchd-ceannach
Buaidh eucoir air gnothachasan
Tha eucoirean leithid goid à bùithtean agus foill a' cosg nam billeanan notaichean do ghnothachasan san RA gach bliadhna. Tha na cosgaisean sin a' dol air an luchd-ceannach agus luchd-cleachdaidh sheirbheisean ann am prìsean nas motha.
Rinn aon aithisg bhon Scottish Retail Consortium agus bhon Scottish Grocers Federation a-mach ann an 2021-22 gun do chosg goid à bùithtean £90m ann an Alba a-mhàin.
Thuirt na buidhnean ghnothachasan sin cuideachd gun robh eucoir eagraichte air cùl cuid dhe na 28,619 eucoir goid à bùithtean a' bhliadhna sin, le gràisgean ag amas air bailtean air fad agus an uair sin a' gluasad air adhart.
Eucoir-saidhbear
Tha barrachd is barrachd mhèirlich a' gluasad air falbh bho eucoirean traidiseanta leithid goid, agus an àite sin, tha iad a' cleachdadh an eadar-lìn airson eucoir a dhèanamh.
Tha eucoir-saidhbear gu mòr co-cheangailte ri bhith a' goid fiosrachadh dìomhair. Ma gheibh mèirlich cothrom air fiosrachadh mar seo, faodaidh gun tèid aig na mèirlich air sùimean mòra, mòra de dh'airgead a ghoid. Ann an 2022-23, a rèir tuairmse, chaidh 14,890 eucoir-saidhbear a chlàradh leis na poilis ann an Alba. (Stòr: Riaghaltas na h-Alba)
Dh'fhuiling cuid de chompanaidhean san RA mar na bancaichean, companaidhean àrachais agus solaraichean lùth eucoir tron eadar-lìon o chionn ghoirid. Uile-gu-lèir, tha co-dhiù an treas cuid de dh'eucoir co-cheangailte ri gnothachas co-cheangailte ris an eadar-lìon.
Gus stad a chur air eucoir-saidhbear, stèidhich riaghaltasan na h-Alba is na RA ionadan sònraichte airson eucoir eadar-lìn. Le bhith ag obair còmhla ri gnothachasan, tha Ionad Eucoir Gnothachas na h-Alba ag amas air an teicneòlas as ùire a chleachdadh airson mèirlich an eadar-lìn a ghlacadh.
Buaidh eucoir air a' chomann-shòisealta san fharsaingeachd
A thaobh a' chomainn-shòisealta san fharsaingeachd, tha cosgais an cois a h-uile eucoir oir feumaidh luchd-pàighidh nan cìsean na poilis a phàigheadh airson eucoir a rannsachadh, na cùirtean airson eucoraich a thoirt gu cùirt, agus ma thèid am faighinn ciontach, feumaidh an t-eucorach seirbheis coimhearsnachd a dhèanamh no a dhol dhan phrìosan. Tha eucoir cuideachd a' cosg do sheirbheisean smàlaidh agus slàinte, mar eisimpleir, nuair a bhios iad a' dèiligeadh ri lasadh theineachan a dh'aon ghnothaich no cùram meadaigeach an dèidh ionnsaigh.
A' pàigheadh airson eucoir
Ann an 2022-23, thug Riaghaltas na h-Alba beagan nas lugha na £4 billean airson òrdugh agus sàbhailteachd phoblach, agus b' e sin 3.6% de na chosg Riaghaltas na h-Alba.