Adhbharan airson eucoir: beachdan 'fa letheachas' agus 'co-shealbhach'
Tha dà phrìomh bheachd gan cur air adhart airson eucoir a mhìneachadh – beachdan fa letheachas agus beachdan co-shealbhach.
Dòigh-obrach fa letheach thaobh adhbharan eucoir
'S e daoine a th' ann an daoine fa letheach a tha buailteach fòcasadh air roghainnean fa leth mar an t-adhbhar airson an deach eucoir a dhèanamh: ma roghnaicheas cuideigin eucoir a dhèanamh, 's ann orra fhèin a tha an t-uallach air a shon.
Tha na daoine sin dhen bheachd ma thèid cuideigin a ghlacadh a' dèanamh eucoir gum bu chòir dhaibh a' bhuil fhulang tro pheanas.
Dòigh-obrach cho-shealbhach a thaobh adhbharan eucoir
Tha co-shealbhaichean dhen bheachd gur e neo-ionannachd (rud nach eil co-ionann) am prìomh adhbhar airson eucoir.
Tha iad dhen bheachd gu bheil neo-ionannachd a' fàgail cuid de dhaoine ann an suidheachadh lag agus gu bheil barrachd cunnairt ann gun tèid buaidh a thoirt orra gu dhol an sàs ann an giùlan eucorach.
Tha co-shealbhaichean dhen bheachd gum bu chòir cothroman a thoirt do dhaoine airson 's nach dèan iad eucoir.
Tha riaghaltas na h-Alba agus na RA a' gabhail ris gu bheil iomadh adhbhar ann airson eucoir far nach e coire an neach fa leth a th' ann.
Ach feumaidh daoine fa leth cuideachd uallach a ghabhail airson na nì iad. 'S e obair an riaghaltais a th' ann dèiligeadh ri eucoir, an dà chuid na h-adhbharan air a shon agus a' bhuil aige.