Adhbharan airson eucoir: nàdar agus àrach
'S e eucoir-eòlaichean na daoine a bhios a' sgrùdadh eucoir. Bidh eucoir-eòlaichean a' feuchainn ri mìneachadh carson a bhios daoine a tha ri eucoir (eucoraich) gan giùlan fhèin anns an dòigh a tha iad.
Faodaidh factaran mar nàdar, bochdainn, na thachair riutha nan òige, cuideam bho cho-aoisean, deoch-làidir agus mì-chleachdadh dhrugaichean mìneachadh a thoirt air carson a bhios daoine a' briseadh an lagh.
Argamaid nàdair airson giùlan eucorach
Bidh cuid de dh'eucoir-eòlaichean a' cumail a-mach gun gabh cuid de dh'eucoirean a mhìneachadh, gu ìre, a rèir 's mar a tha an eanchainn ag obrachadh. Seo an argamaid airson 'nàdar'.
Mar eisimpleir, tha reatan nas motha de dh'eucoir nas buailtiche am measg dhaoine òga. Tha fianais ann a tha ag innse nach bi an eanchainn a' tighinn gu làn inbhe gu bheil daoine 25. 'S e an cortex ro-aghaidheil a' chuid mu dheireadh dhen eanchainn a bhios a' tighinn gu inbhe. Seo a' phàirt dhen eanchainn a bhios a' dèanamh cho-dhùnaidhean. Mar sin, chan eil comas dèanamh cho-dhùnaidhean dhaoine òga a' tighinn gu làn ìre gu bheil iad nas sine. Tha sin a' ciallachadh nach bi daoine òga an-còmhnaidh a' dèanamh nan co-dhùnaidhean as fheàrr tràth nam beatha.
Tha fianais ann cuideachd gu bheil cuid de dhaoine nas dualtaiche a bhith ri eucoir. Tha rannsachadh a-rithist a' sealltainn gu bheil feadhainn a bhios ri eucoir nas buailtiche fàs feargach no nach eil uiread de thuigse aca air faireachdainnean dhaoine eile (co-fhaireachdainn). Thathar ag ràdh gum bi daoine leis na feartan sin glè thric nas buailtiche eucoir a dhèanamh.
Argamaid àraich airson giùlan eucorach
Tha an argamaid àraich ag ràdh gu bheil daoine nas buailtiche eucoir a dhèanamh air sgàth an t-saoghail mun cuairt orra. Le sin tha iad a' ciallachadh a bheil duine beò ann am bochdainn, na dàimhean teaghlaich aca, am buidheann charaidean aca (co-aoisean) agus cleachdadh no mì-chleachdadh deoch-làidir no drugaichean.
A rèir na 17mh Suirbhidh Phrìosanaich (a chaidh a dhèanamh ann an 2019) le Seirbheis Prìosain na h-Alba, chomharraich prìosain na h-adhbharan a leanas mar adhbharan a chuir ri iad a bhith ri eucoir:
| Adhbhar | Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir |
| Slàinte inntinn | 27% |
| Mì-chleachdadh deoch-làidir | 24% |
| Mì-chleachdadh dhrogaichean | 24% |
| Cion-obrach | 16% |
| Dàimhean teaghlaich | 16% |
| Duilgheadasan airgid | 15% |
| Cion taic sa choimhearsnachd | 14% |
| Seòrsa àite-fuirich | 10% |
| Nàbachd | 9% |
| Buaidh chomhaoisean | 7% |
| Adhbhar | Slàinte inntinn |
|---|---|
| Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir | 27% |
| Adhbhar | Mì-chleachdadh deoch-làidir |
|---|---|
| Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir | 24% |
| Adhbhar | Mì-chleachdadh dhrogaichean |
|---|---|
| Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir | 24% |
| Adhbhar | Cion-obrach |
|---|---|
| Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir | 16% |
| Adhbhar | Dàimhean teaghlaich |
|---|---|
| Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir | 16% |
| Adhbhar | Duilgheadasan airgid |
|---|---|
| Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir | 15% |
| Adhbhar | Cion taic sa choimhearsnachd |
|---|---|
| Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir | 14% |
| Adhbhar | Seòrsa àite-fuirich |
|---|---|
| Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir | 10% |
| Adhbhar | Nàbachd |
|---|---|
| Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir | 9% |
| Adhbhar | Buaidh chomhaoisean |
|---|---|
| Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir | 7% |
Bochdainn agus eucoir
Tha e buailteach gum bi reataichean eucoir nas motha ann an sgìrean sa bheil easbhaidhTha dìth ghoireasan bunaiteach air am faicinn riatanach airson beatha àbhaisteach: teachd-a-steach, obair, foghlam, slàinte, cothrom air seirbheisean, taigheadas, saorsa bho eucoir.. Saoilear bhon seo gu bheil ceangal làidir eadar bochdainn agus eucoir. Mar eisimpleir, tha reataichean eucoir nas motha ann an Dùn Dè, Glaschu agus Obar Dheathain na th' ann an Siorrachd Dhùn Breatann an Ear, Siorrachd Rinn Friù an Ear no ann an Eileanan Arcaibh.
'S e aon mhìneachadh air a' cheangal eadar bochdainn agus ìrean eucoir nas motha gu bheil cuid le tuarastal ìosal a' roghnachadh eucoir a dhèanamh airson gum faigh iad na rudan a tha iad ag iarraidh, mar eisimpleir le goid às na bùithtean. Ach chan eil a' mhòr-chuid air tuarastal ìosal a' dèanamh eucoir agus tha eisimpleirean ann gach bliadhna de dhaoine beairteach a tha ri eucoir.
An àireamh iomlan de dh'eucoirean clàraichte gach 10,000 dhen t-sluagh 2022-23. (Stòr: Staitistigs Nàiseanta, Riaghaltas na h-Alba)
| Ùghdarras ionadail | Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh |
| Dùn Dè | 849 |
| Glaschu | 789 |
| Siorrachd Dhùn Breatann an Iar | 651 |
| Siorrachd Dhùn Breatann an Ear | 254 |
| Siorrachd Rinn Friù an Ear | 238 |
| Eileanan Arcaibh | 228 |
| Ùghdarras ionadail | Dùn Dè |
|---|---|
| Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh | 849 |
| Ùghdarras ionadail | Glaschu |
|---|---|
| Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh | 789 |
| Ùghdarras ionadail | Siorrachd Dhùn Breatann an Iar |
|---|---|
| Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh | 651 |
| Ùghdarras ionadail | Siorrachd Dhùn Breatann an Ear |
|---|---|
| Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh | 254 |
| Ùghdarras ionadail | Siorrachd Rinn Friù an Ear |
|---|---|
| Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh | 238 |
| Ùghdarras ionadail | Eileanan Arcaibh |
|---|---|
| Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh | 228 |
Togail thruagh nan òige agus eucoir
Tha rannsachadh o chionn ghoirid air adhbharan eucoir air fòcasadh air an ìre chun am faod togail thruagh nan òige leantainn gu bhith an sàs ann an eucoir.
Tha seo a' ciallachadh gu bheil pàiste no neach òg a dh'fhuilingeas uallach tric tràth nam beatha, leithid dearmad, droch-dhìol fhaireachail agus chorporra no dealachadh phàrantan, nas buailtiche a bhith an sàs ann an eucoir iad fhèin nuair a tha iad nas sine.
Tha rannsachadh le Riaghaltas na h-Alba a' sealltainn gu bheil uallach nuair a tha iad nam pàistean a' dèanamh cron air leasachadh eanchainn fhallain.
Buaidh chomhaoisean agus eucoir
Faodaidh buaidh chomhaoiseanAn cuideam dèanamh a rèir 's mar a nì daoine dhen aon aois 's dhen aon chùl-eòlas. a bhith na adhbhar air eucoir am measg cuid de dhaoin' òga. A rèir Indeacs Chiontaich na h-Alba, airson eucoirean beaga, 's ann fo aois 20 a tha a' chuid motha de dh'eucoir air a dèanamh. Tha fianais nas ùire a' sealltainn gur ann aig aois 23 do dh'fhir agus 30 do bhoireannaich a tha a' chuid as motha de dh'eucoir air a dèanamh.
Ann an 2020-21, b' e an àireamh a bu mhotha de dhìtidhean gach 1,000 dhan fheadhainn aig aois 31 gu 40 (18 per 1,000). Bha an àireamh aig aois 21 gu 30 gu math coltach ris aig 17 dìtidhean gach 1,000 dhen t-sluagh. (Stòr: Cùisean eucoir ann an Alba, Riaghaltas na h-Alba)
Ann an agallamhan a chaidh a dhèanamh còmhla ri òigridh ann an Ionad nan Eucorach Òg ann am Polmont ann an 2016, bhruidhinn cuid de dh'eucoraich òga air buaidh chumhachdach an comhaoisean – gu h-àraidh buaidh òigridh nas sine – fhad 's a bha iad air am bacadh às an sgoil. Thug iad iomradh air mar a dheigheadh mì-chleachdadh stuthan, ainneart agus eucoir am meud aig an àm sin. Bhruidhinn iad air buaidh cheanglaichean briste ris an sgoil, agus cuideachd ri cur-seachadan a-mach às an sgoil agus feadhainn ris am biodh iad a' coimhead suas agus cur-seachadan sòisealta leithid ball-coise, a dh'fhaodadh a' choimhearsnachd a thoirt dhaibh. (Stòr: Children and Young People in Custody in Scotland).
Mì-chleachdadh deoch-làidir agus eucoir
Tha dlùth-cheangal eadar mì-chleachdadh deoch-làidir agus eucoir. Nuair a bhios an deoch air daoine, 's dòcha nach bi iad a' smaoineachadh mun bhuaidh a bhios aig na tha iad a' dèanamh. Cha mhotha a tha uiread de smachd aca air na faireachdainnean aca.
Ann an sgrùdadh a chaidh fhoillseachadh le Alcohol Focus Scotland ann an 2021, thuirt 41% de phrìosanaich gun robh an deoch orra nuair a rinn iad an eucoir. Dh'èirich an àireamh seo gu 60% airson eucoraich òga.
Mì-chleachdadh dhrugaichean agus eucoir
Faodaidh gu bheil mì-chleachdadh dhrugaichean a' toirt buaidh air mòran chloinne. Faodaidh clann a bhith fo chunnart dearmad faireachail agus corporra air sgàth seo. Tha cunnart ann cuideachd anns a' cheann fhada gum bi an slàinte bodhaig is inntinn truagh.
Ma tha pàiste a' fàs suas ann an dachaigh anns a bheil drugaichean is deoch-làidir air am mì-chleachdadh, faodaidh sin fìor dhroch bhuaidh a thoirt air cothroman a' phàiste nam beatha.
Bidh mòran dhaoin' òga bho gach buidheann sòisealta agus bho gach pàirt dhen dùthaich a' feuchainn agus a' gabhail dhrugaichean mar tombaca, deoch-làidir agus cannabis. Bidh iad a' dèanamh seo airson iomadh adhbhar.
Tha coltas gur e na prìomh fhactaran a thaobh daoine drugaichean fheuchainn:
- na thachras anns na tràth bhliadhnaichean aca
- dàimhean teaghlaich
- suidheachadh an teaghlaich
- beachdan agus giùlan phàrantan