EucoirEucoir: Cò, càite agus cuine?

Faodaidh bochdainn, dìmeas, fèin-spèis thruagh, mì-chleachdadh air deoch-làidir agus drogaichean a bhith co-cheangailte ris an adhbhar a bhios daoine a' briseadh an lagh. Tha cuid ann an cunnart a bhith ri eucoir air sgàth an t-suidheachaidh anns a bheil iad.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Eucoir: Cò, càite agus cuine?

Tha cuid de bhuidhnean anns a' chomann-shòisealta nas buailtiche a bhith ri eucoir.

Tha eucoir cuideachd nas buailtiche tachairt aig amannan àraidh dhen latha/dhen t-seachdain agus ann am pàirtean àraidh dhen dùthaich.

Cò bhios ri eucoir?

Tha staitistigean a' sealltainn gu bheil cuid de bhuidhnean dhaoine nas buailtiche a bhith ri eucoir. Tha daoine nas buailtiche a bhith ri eucoir ma tha iad:

  • Nas òige - 'S ann mu aois 21-25 do dh'fhir agus mu 26-30 do bhoireannaich as motha a tha daoine air an dìteadh airson eucoir. Airson eucoirean nas lugha, mar giùlan mì-shòisealta, tha an aois beagan nas ìsle do dh'fhir agus do bhoireannaich.
  • Fir – Tha a' chuid as motha de dh'eucoir, còrr is 80%, air a dhèanamh le fir. Ann an 2022, nochd staitistigs Riaghaltas na h-Alba nach robh ach aon bhoireannach anns gach sianar (17%) am measg an fheadhainn a chaidh a dhìteadh airson eucoir.
  • A' fuireach ann an sgìre easbhaidheach bhailteil – Tha a' chuid as motha de dh'eucoir a' tachairt ann am bailtean mòra. Bha an àireamh a b' àirde de dh'eucoirean clàraichte ann an Alba ann an 2022-23 ann an sgìrean ùghdarrasan ionadail Dhùn Dè, Glaschu, Obar Dheathain agus Dùn Èideann (Stòr: Riaghaltas na h-Alba). Tha reatan eucoir eadar-dhealaichte anns gach baile dhiubh sin. Tha barrachd dhaoine gu cunbhalach an sàs ann an eucoir anns na sgìrean bailteil as bochda na ann an sgìrean nach eil bochd.

Cò air a tha eucoir a' toirt buaidh?

Chan eil an aon theansa ann dhan h-uile duine gun toir eucoir buaidh orra. Tha e nas dòcha gun toir eucoir buaidh air daoine bho chuid de bhuidhnean na feadhainn eile.

Staitistigs Sgrùdadh Eucoir is Ceartas Alba 2019/2020 airson eucoir ainneartach:

  • dh'fhuiling 3.1% de dh'fhir eucoir ainneartach an taca ri 2% de bhoireannaich
  • dh'fhuiling 5.4% dhen fheadhainn a tha 16-24 eucoir an taca ri 0.6% dhen fheadhainn a bha 60+ bliadhna
  • dh'fhuiling 5.3% de dhaoine anns a' 15% de sgìrean as bochda eucoir an taca ri 2.1% anns a' chòrr de dh'Alba
  • dh'fhuiling 2.8% de dhaoine ann an sgìrean bailteil eucoir an taca ri 1.4% ann an sgìrean dùthchail

Tha am pàtran gu math coltach ris a sin airson eucoir cuid-seilbh, mar eisimpleir, dh'fhuiling 14% de dhaoine aig aois 16-24 eucoir cuid-seilbh an taca ri 6.4% de dhaoine a bha 60+.

Cuin agus càit am bi eucoir a' tachairt?

Tha eucoir ainneartach nas dòcha tachairt far a bheil neach ag obair, no faisg air (32%), agus an uair sin ann an dachaigh neach (20%) agus dìreach taobh a-muigh an taighe (13%). Tha beagan is dara leth nan eucoirean ainneartach (53%) a' tachairt tron t-seachdain, an taca ri 47% aig an deireadh-sheachdain.

A thaobh eucoir cuid-seilbh, thachair dà thrian dheth (66%) ann an dachaigh an fhulangaiche, no mun cuairt, le 67% a' tachairt tron t-seachdain agus 33% aig an deireadh-sheachdain.

Thàinig am fiosrachadh gu h-àrd bho Staitistigs Sgrùdadh Eucoir is Ceartas Alba 2019/20.

More guides on this topic