EucoirDè na tha de dh'eucoir ann an Alba?

Faodaidh bochdainn, dìmeas, fèin-spèis thruagh, mì-chleachdadh air deoch-làidir agus drogaichean a bhith co-cheangailte ris an adhbhar a bhios daoine a' briseadh an lagh. Tha cuid ann an cunnart a bhith ri eucoir air sgàth an t-suidheachaidh anns a bheil iad.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Dè na tha de dh'eucoir ann an Alba?

Tha ìre nan eucoirean clàraichte aig an ìre as ìsle bho 1974, le Poileas Alba a' clàradh 289,362 eucoir ann an 2022/23. Chan eil an àireamh seo a' gabhail a-steach mòran eucoirean nas lugha mar dràibheadh ro luath agus dol a-mach mì-shòisealta.

Ann an 2022-23, chaidh 172,207 eucoir a chlàradh leis a' phoileas ann an Alba. Bha lùghdachadh 5% an sin bho 2021-22.

Ach bu chòir a bhith mothachail gu bheil na poilis ann an Alba a' dèiligeadh ri eucoirean mòr is beag anns an aon dòigh.

O chionn ghoirid, chaidh fiosrachadh mu eucoir a leudachadh gu bhith a' nochdadh mar a tha an comann-sòisealta air atharrachadh, agus a' gabhail a-steach gu bheil am poball a-nis a' dèanamh barrachd feum de mheadhanan sòisealta agus ceannach air-loidhne. Tha na staitistigean oifigeil air an clàradh leis na poilis a-nis a' gabhail a-steach reatan eucoir-saidhbear (eucoir co-cheangailte ris an eadar-lìon) ann an Alba.

Bha eucoir-saidhbear a' gabhail a-steach 26% de dh'eucoirean gnèitheasach, 8% de dh'eucoirean eas-onair agus 3% de dh'eucoirean ainneartach, neo-ghnèitheasach. San fharsaingeachd, b' e eucoir-saidhbear a bh' ann an 5% den eucoir chlàraichte.

Dealbh a' sealltainn an àireamh iomlan de dh'eucoirean clàraichte ann an Alba 2022-23

Àireamh sa cheud de dhiofar sheòrsaichean eucoir:

Ann an 2022/23, chlàr Poileas Alba eucoir mar:

Àireamh sa cheud de dh'eucoirean clàraichteAn seòrsa eucoir
36%eas-onair, me, goid. 'S e eucoirean eas-onair an seòrsa eucoir as motha a th' ann
24%eucoirean ainneartach, neo-ghnèitheasach, me, ionnsaigh
21%eucoirean an aghaidh a' chomainn-shòisealta, me, drugaichean a bhith agad no gan toirt seachad
15%milleadh agus giùlan mì-chùramach, me, bhandaileachd
5%eucoirean gnèitheasach
Àireamh sa cheud de dh'eucoirean clàraichte36%
An seòrsa eucoireas-onair, me, goid. 'S e eucoirean eas-onair an seòrsa eucoir as motha a th' ann
Àireamh sa cheud de dh'eucoirean clàraichte24%
An seòrsa eucoireucoirean ainneartach, neo-ghnèitheasach, me, ionnsaigh
Àireamh sa cheud de dh'eucoirean clàraichte21%
An seòrsa eucoireucoirean an aghaidh a' chomainn-shòisealta, me, drugaichean a bhith agad no gan toirt seachad
Àireamh sa cheud de dh'eucoirean clàraichte15%
An seòrsa eucoirmilleadh agus giùlan mì-chùramach, me, bhandaileachd
Àireamh sa cheud de dh'eucoirean clàraichte5%
An seòrsa eucoireucoirean gnèitheasach

'S e na staitistigean gu h-àrd na figearan oifigeil a chaidh a chlàradh le Poileas Alba.

'S e dìreach eucoirean a thèid innse dha na poilis a tha air an clàradh ann an àireamhan oifigeil, agus chan e a h-uile eucoir a chaidh a dhèanamh. Cha bhi daoine an-còmhnaidh a' cur fios air na poilis nuair a dh'fhuilingeas iad eucoir. Dh'fhaodadh seo a bhith air sgàth 's nach e droch eucoir a th' ann, no air sgàth 's gu bheil iad dhen bheachd nach glac na poilis an t-eucorach.

Ann an 2022-23, rinn Poileas Alba tuairmse nach deach fios a chur gu na poilis ach airson mu 40% de dh'eucoir.

Tha sgrùdaidhean eile mu eucoir cuideachd a' nochdadh gu bheil barrachd eucoir ann an comann-shòisealta Alba na tha air a chlàradh gu h-oifigeil aig na poilis – mar eisimpleir, Sgrùdadh Eucoir is Ceartas Alba (Scottish Crime and Justice Survey no SCJS), a bhios a' dèanamh sgrùdadh air daoine agus na thachair dhaibh a thaobh eucoir.

Ann an 2022-23, bha an reat airson fuasgladh eucoir oifigeil chlàraichte aig 53.3%, beagan nas ìsle na an turas roimhe sin (54%).

Ged a tha cuid de chùisean eadar-dhealaichte, tha eucoir no briseadh sam bith dhen lagh air fhuasgladh agus air a chlàradh ma fhuair Neach-casaid a' Chrùin fianais gu leòr airson beachdachadh air cùis eucoir a thogail anns a' chùirt.

Tha na staitistigean gu lèir san earrainn seo bho Riaghaltas na h-Alba mura bheil a' chaochladh ga ràdh.

More guides on this topic