Dè th' ann an eucoir?
'S e rudeigin a tha an aghaidh lagh na dùthcha a th' ann an eucoir. Thar ùine, bidh an lagh ag atharrachadh nuair a bhios pàrlamaidean na h-Alba is na RA a' cur reachdas, no laghannan, ùr an gnìomh.
Mar eisimpleir, cha b' e eucoir a bh' ann a bhith a' smocadh ann an càr còmhla ri cuideigin fo 18 ro 2016, ach rinn Achd Bacadh Smocaidh (Clann ann an Carbadan) (Alba) (Smoking Prohibition (Children in Motor Vehicles) (Scotland) Act) seo mì-laghail bho 2016.
Ann an Alba agus anns an RA, tha laghannan air an dèanamh le luchd-poilitigs a tha air an taghadh gu deamocrataigeach. Mar dhaoine fa leth, 's dòcha nach bi sinn ag aontachadh ris an lagh, ach tha taghaidhean cunbhalach a' leigeil le saoranaich na daoine a tha gan riochdachadh atharrachadh agus, mar sin, a' dèanamh atharraichean anns an lagh.
Ma tha duine fo chasaid eucoir ann an Alba, tha a' chòir aca iad fhèin a dhìon ann an cùirt-lagha. Agus rud a tha cudromach, tha duine sam bith fo chasaid eucoir neoichiontach gus an tèid a dhearbhadh ciontach ann an cùirt eucorach.
Dhan fheadhainn a gheibhear ciontach às dèidh cùirt-lagha, 's àbhaist dhan pheanas a bhith a rèir 's dè cho dona 's a bha an eucoir. 'S e na h-eucoirean as miosa an fheadhainn ainneartach agus/no far an do chaill daoine am beatha.