EucoirDè na seòrsaichean eucoir a th' ann?

Faodaidh bochdainn, dìmeas, fèin-spèis thruagh, mì-chleachdadh air deoch-làidir agus drogaichean a bhith co-cheangailte ris an adhbhar a bhios daoine a' briseadh an lagh. Tha cuid ann an cunnart a bhith ri eucoir air sgàth an t-suidheachaidh anns a bheil iad.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Dè na seòrsaichean eucoir a th' ann?

Tha dà phrìomh sheòrsa eucoir ann – eucoir an aghaidh cuid-seilbh agus eucoirean an aghaidh dhaoine (eucoirean pearsanta).

Bhandalachd, Goid chàraichean, Goid bhaidhsagalan, Ainneart

Tha eucoir cuid-seilbh a' gabhail a-steach:

  • bhandalachd, a' gabhail a-steach milleadh air carbadan agus togalaichean
  • gach eucoir co-cheangailte ri bhith a' goid charbadan
  • briseadh a-steach a thaighean
  • a' goid à taighean, a' gabhail a-steach a bhith a' goid bhaidhsagalan
  • a' goid rud sam bith bho chuideigin (chan eil seo a' gabhail a-steach mèirle)

Tha eucoir phearsanta a' gabhail a-steach:

  • ionnsaigh
  • mèirle
  • murt

Tha eucoirean an aghaidh dhaoine air am faicinn nan eucoirean nas miosa oir, mar as trice, tha ainneart, no maoidheadh air ainneart, nan cois.

More guides on this topic