Cumhachd agus co-dhùnaidhean san RADè a tha an lùib dreuchd a' Phrìomhaire?

Sgrùd feartan comann-sòisealta poilitigeach, deamocrataigeach na RA, poileasaidhean tiomnaichte agus glèidhte, agus dreuchd a' Phrìomhaire.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh san Rìoghachd Aonaichte

Dè a tha an lùib dreuchd a' Phrìomhaire?

'S e am Prìomhaire (PM) ceannard riaghaltas na RA. Mar as trice 's e ceannard a' phartaidh as motha ann an riaghaltas a bhios ann no ceannard a' phartaidh a bhuannaicheas taghadh. Tha am Prìomhaire air a chur ann an dreuchd gu h-oifigeil leis a' mhonarc.

Tha iomadh dreuchd aig a' Phrìomhaire leithid:

  • a' co-dhùnadh air slighe agus prìomhachasan Riaghaltas na RA
  • a' cumail sùil air obair buidhnean riaghaltais agus an t-seirbheis chatharra
  • a' taghadh ministearan a' chaibineit agus buill eile dhen riaghaltas
  • a' dol dhan chathair aig coinneamhan dhen chaibineit
  • a' riochdachadh na RA aig an taigh agus thall thairis

Riaghaltas na RA

'S e BP eòlach a th' ann am ministearan a' chaibineit, agus tha uallach orra airson roinn dhen riaghaltas a ruith mar dìon no leasachadh eadar-nàiseanta. Tha ministear ann airson Alba leis an tiotal Rùnaire na h-Alba.

Tha am Prìomhaire agus an caibineit gu lèir cunntachail dha na pàrlamaidean aca airson nam poileasaidhean aca agus na nì iad. Thathar a' sùileachadh gun nochd iad air beulaibh na pàrlamaid gach seachdain agus gum freagair iad ceistean bho BP.

Tha am Prìomhaire air a chumail cunntachail aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir. Bidh sin a' tachairt aig meadhan-latha a h-uile Diciadain.

Cò am Prìomh Mhinistear a th' ann an-dràsta?

Keir Starmer, Prìomh Mhinistear na RA an-dràsta
Figure caption,
Keir Starmer, Prìomh Mhinistear na RA an-dràsta (Allstar Picture Library Ltd / Alamy Stock Photo)

San Iuchar 2024, fhuair am Partaidh Làbarach mòr-chuid shoilleir ann an Taghadh Coitcheann na RA.

Mar cheannard a' Phartaidh Làbaraich, chuir an Rìgh Keir Starmer ann an dreuchd mar Phrìomh Mhinistear.

'S e Keir Starmer a' chiad Phrìomh Mhinistear Làbarach o chionn 14 bliadhna agus e a' gabhail thairis bhon Chonsearbhatach Rishi Sunak.

Chaidh Rishi Sunak na Phrìomh Mhinistear nuair a leig Liz Truss dhith a dreuchd anns an Dàmhair 2022.

Ged nach deach Rishi Sunak a chur ann an dreuchd mar Phrìomh Mhinistear às dèidh dhan phoball bhòtadh ann an taghadh coitcheann, fhuair e dreuchd a' Phrìomh Mhinisteir bhon a bha e na cheannard air a' Phartaidh Chonsearbhatach aig an robh mòr-chuid dhe na suidheachain ann an Taigh nan Cumantan.