Rèiteachadh bun-reachdail na RA
Dè na diofar sheanaidhean is phàrlamaidean tiomnaichte a tha anns an RA?
A bharrachd air a' Phàrlamaid ann a' Westminster, tha grunn sheanaidhean is phàrlamaidean tiomnaichte cuideachd san RA leis an uabhas chumhachdan air tighinn bho phàrlamaid na RA.
Pàrlamaid na h-Alba

Ann an Referendum Tiomnadh Chumhachdan na h-Alba ann an 1997, thuirt a' mhòr-chuid gun robh iad airson gun deigheadh Pàrlamaid ath-stèidheachadh ann an Alba.
Nuair a choinnich a' phàrlamaid ùr ann an 1999, b' i a' chiad tè ann an Alba bho chaidh Achd an Aonaidh a shoidhneadh ann an 1707.

Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Mar a thachair ann an Alba, bha a' bhòt airson Referendum Tiomnadh Chumhachdan anns a' Chuimrigh ann an 1997 ag iarraidh seanadh anns a' Chuimrigh.
Ann an referendum eile ann an 2011 chaidh bhòtadh airson barrachd chumhachdan airson laghan a dhèanamh a ghluasad bho Phàrlamaid na RA.

Seanadh Èirinn a Tuath

Tha eachdraidh thoinnte aig Èirinn a Tuath co-cheangailte ri bhith a' ruith chùisean dhaibh fhèin. Thàinig Fèin-riaghladh ann an 1921 mus do chrìochnaich a' phàrlamaid ann an 1972 nuair a bha Na TrioblaideanÀm nuair a bha an-fhois agus ainneart ann an Èirinn a Tuath eadar 1969 agus 1998. ann.
Thar nam bliadhnaichean chaidh feuchainn iomadh uair ri pàrlamaid thiomnaichte a stèidheachadh ach dh'fhàillig iad mus deach Seanadh ùr Èirinn a Tuath a chruthachadh fo aonta Dihaoine Cheusta ann an 1998.

Seanadh Lunnainn

'S e buidheann de 25 buill a th' ann an Seanadh Lunnainn. Tha iad air an taghadh a rèir riochdachadh co-chuideil airson gum bi Mèar Lunnainn cunntachail dhaibh, agus gus poileasaidhean poblach agus buidseatan maoineachaidh anns a' phrìomh-bhaile a sgrùdadh.
Faodaidh an Seanadh rannsachadh a dhèanamh air cùisean a tha a' toirt buaidh air daoine ann an Lunnainn mar còmhdhail, obair nam poilis, taigheadas, slàinte agus an àrainneachd.

An t-Aonadh Eòrpach
Gu h-eachdraidheil bha aig an RA ri riaghailtean a chaidh a dhèanamh sa Bhruiseil leis an Aonadh Eòrpach (AE) a leantainn.
Anns an Ògmhios 2016 chaidh referendum a chumail agus bhòt a' mhòr-chuid san Rìoghachd Aonaichte airson an Aonadh Eòrpach fhàgail. Fhuair an referendum an t-ainm BrexitAn teirm airson Breatainn bhòtadh airson an t-AE fhàgail. (BRitish EXIT).
Dh'fhàg an RA an AE air 31mh Faoilleach 2020. Mar thoradh air Brexit, cha leig an RA a leas a bhith umhail do riaghailtean an Aonaidh Eòrpaich tuilleadh.