Cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid na RA
Tha cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba tiomnaichA' gluasad cumhachd gu ionad eile. bho Phàrlamaid na RA. Bha liosta dhiubh sin ann an Achd na h-Alba (1998)An Achd Pàrlamaid a thug cunntas air stèidheachadh Pàrlamaid agus Riaghaltas na h-Alba agus atharraichean eile a thaobh mar a tha Alba air a riaghladh.. Ach bidh Pàrlamaid na RA fhathast a' dèanamh cho-dhùnaidhean do dh'Alba ann an cuid de raointean. Tha Riaghaltas na h-Alba a' faighinn buidseat bliadhnail agus tha cumhachd aca laghannan a dhèanamh air raon de chùisean 'tiomnaichte'. Chaidh am buidseat airson 2022 gu 2023 a sheatadh aig £56.5 billean.
Dè na cumhachdan a tha tiomnaichte gu Pàrlamaid na h-Alba?
Seo eisimpleirean dhe na cumhachdan aig Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid na RA:
- Slàinte - NHS'S e siostam cùram slàinte an-asgaidh anns an RA a th' ann an Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (National Health Service no NHS). ann an Alba (ospadalan, seirbheisean dotair agus msaa)
- Foghlam - sgoiltean-àraich, sgoiltean, colaistean agus oilthighean
- Riaghaltas ionadail – dleastanas airson 32 de chomhairlean ionadail seirbheisean a lìbhrigeadh leithid glanadh, rathaidean agus cùram sòisealta
- Lagh agus Cùisean na Dùthcha - lagh eucorach, lagh catharra, am poileas, seirbheisean cùirte is prìosain, an t-seirbheis smàlaidh
- An Àrainneachd – dìon na h-àrainneachd, bacadh thuiltean agus msaa
- Spòrs agus na h-Ealain – a' brosnachadh spòrs, taighean-tasgaidh, togalaichean eachdraidheil agus msaa
- Tèarainteachd Shòisealta – cuid de chumhachdan air sochairean a bharrachadh
- Cìsean – smachd air pàirt de Cìs cosnaidhCìs a bhios daoine a' pàigheadh air teachd-a-steach pearsanta (an t-airgead a tha iad a' cosnadh). agus VATCìs Luach Leasaichte. Cìs riaghaltais a tha ga cur ri cosgais na cuid as motha de bhathar is de sheirbheisean. Bho 2015 's e 20% an reat àbhaisteach, ach tha reat nas ìsle de 5% ga chur air cuid de bhathar is de sheirbheisean, me lùth san dachaigh. na h-Alba
Dè na cumhachdan a tha glèidhte le Pàrlamaid na RA?
- Cùisean Bun-reachdail – co-dhùnaidhean air fèin-riaghladh do dh'Alba, dhan Chuimrigh is do Èirinn a Tuath
- Dìon – An t-Arm, An Cabhlach Rìoghail agus Feachd Rìoghail an Adhair
- Poileasaidh Cèin – dàimh ri dùthchannan eile, me An t-Aonadh Eòrpach no Na Stàitean Aonaichte
- Prìomh Phoileasaidh Eaconamach – cuid de chìsean, leithid cìsean gnìomhachais
- Tèarainteachd Shòisealta – smachd air sochairean glèidhte: creideas coitcheann, creideas cìse agus sochair-chloinne
- Eile – in-imrich agus smachd air drogaichean
Dè th' ann an Achd na h-Alba 2012?
Mar thoradh air Achd na h-Alba 2012, faodaidh Pàrlamaid na h-Alba reat chìsean na h-Alba atharrachadh suas gu 10% agus tha cumhachdan iasaid aca suas gu £5 billean.
Dè th' ann am Bile na h-Alba 2015?
An dèidh referendum na neo-eisimeileachd ann an 2014, dh'aontaich partaidhean Westminster barrachd chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba a thuilleadh air an fheadhainn a bha tiomnaichte mar-thà fo Achd na h-Alba 2012. Tha na cumhachdan ùra a' gabhail a-steach smachd air gach reat agus bann de Chìs Cosnaidh na h-Alba, na thig a-steach bho VAT, math dhaoine agus sochairean.